(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Gr am pailteas do cheann-feadhna nam peacach"

LIST OF GAELIC BOOKS 

A nd Works on the Highlands 

PUBLISHED AND SOLD BY 

MACLACHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSITY, 

64 SOUTEI BRIDGE, EDINBURGH. 



A liberal discount allowed on orders for exportation 
or for private circulation, 

s. d. 
M'Alpine'a Gaelic and English Pronouncing Dìc- 
tionaiy, vvith Gi-ammar, 12mo, cloth^ 
... Ditto ditto half hound calfj 

Gaelic and English, separately, clolh^ 
Englisli and Gaehc, separalely, cloth^ 
M'Leod and Devvar's GaeHc Dictionary, 8vo, cloth^ 

AUeine's Alarm to tlie Unconverted, 

Saint's l\)cket-Book, cloth^ Is. sewed, 

Almanac for 1878, in Gaelic, 

Assiu'ance of SalvHtion, 18ino, sewed^ 

Baxier's Call to the Unconverted, l8)no, cloth^ 

tSaint's Uest, translaied by Uev. J. Forbes, 
Beith's Catechism on Baptism, l8mo, sewed 
Bible in Gaclic, bvo, stroìHjlij boand in ca/f 

Do. Quarto edition of 18:^0, morocco, 

Boston's Fourfold ;State, 12mo, clolhj 

Bonar's (Uev. Dr 11.) Christ is All, l8mo, sewed, 
Buchannan (Dugald) of Rannoch's Life and Con- 
version, with his ilymns, 18mo, cloth, ... 
... The ilymns, separately, 18mo, sewedj 
Bunyan's Come and Welcome, 18mo, cloth, 

World to Come, or Visions from llell, cloth, 

... Grace Abounding, 18mo. c/o^/i, 

. . , Pilgrim's Progress, {three parts) cloth, 

Do. do. {two parts) 12mò, 18i0. 



9 





10 


G 


5 





5 





10 


6 


1 


6 





6 





3 





G 


1 


G 


2 


G 





1 


7 


G 


25 





4 








3 


2 








3 


2 





1 


G 


2 





2 


G 


2 






04 South Bridge, EdinburgTi, 



Gaelic Boolcs Sokl by Madachlan and Stewarty 



{jiinyan's Water of Life, 18mo, cloth, 

... Sighs from Hell, 18mo, cloih, 

Ileavenly Footman, l8mo, clothj 

IJoly War, ISmo, (^in the Press), 

Burder's Village Sermons, 18mo, clolhj 

Campbell (Donald) on the Language, Poetry, and 

Music of the llighland Clans, with MiisiCy 
Gatèchism, Shorter, Id. Gaeiic and EngHsl), 

IMotlier's, Id. Gaclic and English, 

Shorter, wìth Proofs, 

... Brown's Shorter, for Yonng Children, 

Confession of Faith, fcap. 8vo, cloth, 

Dàu an Deìrg agusTiomnaGhuill, (Dargo and Gaul) 
wiih a ncw TranshUion, Notes, and Introduc- 

tion, by C. S. Jerram, 

Devvar's (Rev. Div) The (ìaehc Pieacher, 8vo, ... 
Doctrine and Maiber of tlie Church of Rome, .. 
Doddridge's Rise aiid Propress, 12mo, cloth^ 
Dyer's Christ's Famous Titles, 18nio, clothj 
Earle's Sacramental Exercises, 18mo, cloih, 
Edwards' (Rev. Jonatlian) Sermon, sewed, 
Eh'gy on Dr Macdonald of Ferrintosli, 12mo, ... 
EiigHsh Poems, wìih Gaelic Transhuions, arrangcd 

on opposite pages, 12mo, cloth, 

Fìulayson (Rev. Iv.) Brief Sketch of the Life of, 

by Rev. J. Macpherson, 18mo, cloih, 
Fhn'crs Token for iMourners, 18mo, cloth^ 
Forbes' (Rev. J.) Baptism and tiie Lord's Supper, 
... An Lochran : Dialogucs regardingtiie Church, 
... LongGheal ; The WhiteShip; aSpiritualPoem,0 
Gael (The), a Monthly Gaelic Magazine, Gs. a-year, 

or each No. 
Gaelic First Book, 18mo, 2d. ; Second do. 

Gaelic Spelhng-Book, 18mo, cZo^/i 

Gaelic Tracts, 50 diiTerent kiuds, sorted, for 

Graut's (Rev. PeterJ liymns, 18mo, clothj 

Guilirie's Christian's Great Interest, 18mo, cloth^ 
Ilall's (Xewman) Come to Jesus, 



s. 


d. 


1 





2 





1 





2 


6 


1 


6 


7 


6 





2 





2 





li 





1 


2 


6 


2 


6 





4 





3 


3 





2 


6 


1 


6 


u 


2 





6 


3 


6 


1 





1 








4 





6 


,0 


4 





6 





4 





6 


2 


6 


1 


6 


2 








G 



G4 South Bridge^ Edinhurgh, 



National Library of Scotland 

■iiiiiiir 

*B000501430* 



Digitized by the Internet Archive 
in2013 



I 



http://archive.org/details/grampailteasdoch1873buny 



GIiACE ABOUNDING 



CHIEF OF SINNERS. 



JOHN BUNYAN. 



• This is a faithful saying, and worthy of all acceptation, thal Jesus 
Christ came intothe world to save s.nuers, of whom 1 am the 
chiof."— 1 TiM. i. 15. 



EDINBURGH : 

MACLACHLAN AND STEWART. 



MDCCCLXXIII. 



GRÀS AM PAILTEAS 



CHEANN-FEADHNA NAM PEACACH. 



lAIN BUINIAN. 



Ssfioran ràdh so, ajj^.w is airidh e air gach aon chor air gabh- 
ail ris, gu'n tàinig losa Criosd do'n t-saoghal a thearnadli 
oheacarh ; d'am mise an ceud-f hear" — 1 Tim. i. 15. 

DUNÈTdEANN : 

MAC-LACHUINN AGUS STIUBHAED. 



MDCCCLXXIII. 



N. B — This Volume has been translated from " Bunyan « 
Unabridged Works," being the most correct edition that could 
be obtained ; all the late publications of thìs littie book abound 
so much in omissions, misprints, and wrong marked scripture 
references, that the Author's meaning. in many instances, is often 
done away with. The continuation of the Author's life, beginning 
at page 209, is taken from a modern revised copy. 

J. M K. 

Edinbnrgk, Wh June 1817. 



ROIMH-RADH. 



A CHLANN, Gràs gu'n robh maille ribh. Amen. 
Air dhomsa bhi air mo thoirt air falbh uaibh, 
agus air mo cheangal suas ionnas nach urrainn 
mi 'n dleasanas sin a choilionadh, a tha dh'f hiach- 
an orm o Dhia d'ur taobh, a chum 'ur teagasg, 
'ur togail suas, agus 'ur toirt air 'ur 'n-aghaidh 
ann an creideamh agus an naomhachd, &c., 
gidheadh achum'sgu'm faicsibh gu'm beilcùram 
agus iarrtas athaireil aig m' anam an deìgh 'ur 
leas spioradail agus sìorruidh, tha mi aon uair 
eile, mar a rinn mi roimhe, o mhullach Sheimir 
agus Hermoin, agus a nis' o gharaidh nan 
Leòghan, agus o bheanntaibh nan Leopard, 
(Dàn. iv. 8), ag amharc fathast as 'ur deigh 
gu lèir, le mòr dhèidh air 'ur faicinn tearruint' 
aig a chala mhiannaichte 

B 



VI ROIMH-RADH. 

Tha mi toirt buidheachais do Dhia gach uair 
a chuimhnicheas mi oirbh ; agus tha mi dean- 
amh gàirdeachais, eadhon am feadh a tha mi 
air mo theannachadh eadar fhiaclan nan leòghan 
anns an fhàsach, gu'mbeil gràs agus tròcair, agus 
eòlas Chriosd ar Slànaighear, a bhuilich Dia 
oirbh le lànachd creideimh agus gaoil ; bhur 
cìorcas agus bhur tart an deigh tuilleadheòlaisair 
an Athair, anns a' Mhac; bhurgràdh cridhe,bhur 
criothnachadh roi' pheacadh, mar an ceudna 
bhur giùlan ndeasarra agus naomha fa chomhair 
araon Dhè agus dhaoìne, tha iad sin 'nam mòr 
ath-bheothachadh dhomsa ; oir is sibh&e mo 
ghlòir agus m'aoibhneas. 1 Tes. ii. 20. 

Chuìr mi d'ur 'n-ionnsaidh anns an leabhar 
so, boinne do'n mhil sin a thug mi à closach an 
leòghain, (Breith. xiv. 5 — 8), dh'ith mi fèin d'i, 
agus tha mi gu mòr air mo neartachadh leatha. 
(Tha buaraidhean, 'nuair a thachras sinn riù air 
tus, coltach ris an lebghan a bha beuchdaich ri 
Sarasou ; ach ma bheir sinn buaidh orra, gheibh 
sin ann ath uair a chì sinn iad^ cuachan meala an 



KOIMH-RADH. Vll 

taobh steach dhiù). Cha tuig na Phillistich mi. 
Tha e cuir an cèill ni-eigin mu thimchioU obair 
Dhè'nam anam,eadhon o'ndearbh thoiseachadh 
gus a nis',annsamfaod sibh mo leagadh sios, agus 
mo thogail suas fhaicinn ; oir lotaidh e, agusleigh- 
isidh a làmhan. Tha e sgrìobht' anns na Sgriob- 
turaibh,"Foillsìchibhnah-aithricheando'ncIoinn 
fìrinn De." (Isa. xxxviii. 19.) Seadh, 's ann 
air son so a dh'fhuirich mi cho fad' aig Sinai, 
(Lev. iv. ]0, IJ,) a dh'fhaicinn an teine, agus 
an neul, agus an dorchadais, a chum gu'm biodh 
eagal Dè orm uile laithean mo bheatha aìr 
thalamh, agus gu'n innsinn mu 'oibribh cumh- 
achdachdo m' chloinn. (Sàlm. Ixxviii. 3 — 5.) 

Sgrìobh Maois mu thurasan chloinn Israeil, 
o'n Eiphit gu tìr Chanaain ; (Air. xxxiii. 3 
— 5), agus dh'àithn e mar an ceudna gu'n 
cùimhnicheadh iad an turas rè dha fhichead 
bhliadhna anns an fhàsach. " Agus cuimh- 
nichidh tu 'n t-slighe sin uile air an do threòr- 
aich an Tighearna do Dhia thu rè an dà fhich- 
ead bhliadhna so anns an fhàsach, gu t'irios- 
lachadh, gu d' dhearbhadh, a chum gu'm biodh 



Tlll ROIMH-RADU. 

fios ciod a bh' ann ad chridhe, an gleidheadh tu 
àintean no nach gleidheadh." (Deut. viii. 
2, 3.) Uime sin, thug mi ionnsaidh air so a 
dheanamh ; agus cha n-e sin a mhain, ach air 
a chuir an cèill mar an ceudna : a chum mas 
6 sin toil Dè, gu'm bi muinntir eil' air an toiit 
gu cuimhneachadh air na nithibh sin a rinn e air 
son an anamannan le bhi leughadh obair-sau 
orm-sa. 

Tha e na ni tarbhach do Chriosdaidhean a 
bhi gairm gu'n cuimhne ceud tòiseachadh gràis 
'nan anmannan. *« Is oidhche so gubhi air a 
coimhid gu sònraichte do n Tighearna, air son an 
toirt a mach a tìr na h-Eiphit. So an oidhche 
sin gu bhi air a coimhid do'n Tighearna Je 
cloinn Israeil uile, 'nan ginealachaibh." (Escod. 
xii. 42.) " mo Dhia," arsa Daibhidh, " leag- 
adh m' anam sìos an taobh a stigh dhiòm ; 
ach cuimhnichidh mi ortsa o thìr lordain, agus 
o Hermon, o shliabh Mhitsair." (Sàlm. xliii. 
6.) Chuimhnich e mar an ceudna an leòghan 
agus am math-ghamhainn, 'nuair a chaidh e 
chogadh ri famhar Ghait. 1 Sam. xvii. 36. 37. 



KOIMH-RADH. IX 

B'e gnàthachadh rhòil, eadhon, 'nuair ahha 
e air f heuchainn air son a bheatha, (Gnomh. xxii. 
xxiv.) a bhi curan cèill fa chomhair a bhreith- 
oamhnan cionnas a dh'iompaicheadh e: Smaoin- 
ticheadh eairanlathasin,agusairanuairsin,anns 
an d'fhuair e gràs air tùs ; oir mhothaich se e 
deanamh còmhnadhleis. 'Nuair a thug Dia clann 
Israeil tro 'n Mhuir Ruaidh, astar mhòr do'n 
fhàsach^ gidheadh b 'èlgin daibh pilltinn aìr an 
ais an sin a rithist, chum gu'n cuimhnicheadh 
iad mar chaidh an nàimhdean a bhàthadh san 
àite sin, (Air. xlv. 25) oir ged shèinn iad 
a chliù roimhe, gidheadh dhi-chuimhnich iad air 
ball a ghniomharran. Sàlm. cxvi. ]1, 12. 

Faodaidh sibh mòran fhaicinn anns an 
leabhar so j mòran tha mi 'g ràdh, do ghràs Dè 
d'am thaobh-sa : tha mi toirt buidheachais do 
Dhia, 's urrainn mi mheas gu mòr^ or bha e os 
ceann mo pheacannan agus buairidhean Shà- 
tain. 'S urrainn mi m' eagalan agus mo theag- 
amhan, agus mo mhìosan dubhach, a chuimh- 
neachadh le aoibhneas : tha iad mar cheann 



X ROIMH-RADH. 

Gholiath 'nam làimh ; cha robh ni sam bith 
do Dhaibhidh coltach ri claidheamh GhoHatb, 
eadhon an claidheamh sin a theab a bhi air a 
shàthadh tro innidh mar ann an truaiU ; oir 
chuir eadhon cuimhneachadh air agus sealladh 
dhe an cèill teasraiginn Dè da thaobh-saii. 
! tha bhi cuimhneachadh air mo phea- 
cannan mòra, air mo bhuairidhean mòra, agus air 
m' eagal mòr gu'm bithinn air mo sgrios gu 
sìorruidh 1 Tha iad sin a' toirt gu'm chuimhne 
as ìir, an cuideacheachadh mòr o nèamh, agus an 
gràs mòr a bhuilich Dia air creutair truagh mar 
mise. 

A chlann mo ghràidh, cuimhnaichibh air 
na Uiithibh o shean, airus air bliadhnaibh na 
haimsir' cèine : cuimhnichibh mar an ceudna 
bhur ceòl san oidhche, agus deanaibh cainnt ri 
bhur cridhe fèin ; (Sàlm Ixxiii. 5 — 12.) Seadh, 
amhaircibh gu dìchiollach, agus na fàgaibh c^il 
dheth gun rannsachadh air son an ionmhais 
fhalaichte sin, eadhon ionmhas bhur ceud agus 
bhur dara fèin fhiosrachaidh air gràs Dè d'ur 



ROIMH-RADH. XI 

taobh. Cuimhnichiblvdeiream, am facal a rinn 
air tùs orrèim oirbh : cuimhnichibh 'ur 'n uabh- 

o 

asan coguis, agus bhur 'n-eagalan roi' an bhàs 
agus roi' ifrinn : mar an ceudna cuimhnich- 
ibh bhur deòir agus bhur 'n-ùrnaighean ri Dia ; 
seadh, mar bha sibh ag osnaich air son trccair. 
Am beil sliabh Mhitsair idir agaibh ri chuimh- 
neachadh ? An dodhì-chuìmhnich sibhnah-ion- 
adan uaighneach anns an d' fhiosraich Dia 
bhur 'n anmannan ? Cuimhnichibh mar an 
ceudna am facal^ am facal^ deiream, anns an tug 
an Tighearn oirbh air dòchus a chur ; ma 
pheacaich sibh an aghaibh soluis, ma tha sibh 
air bhur buaireadh gu toibheum, ma tha sibh 
air bhur bàthadh ann an an-earbsa, ma tha sibh 
a' saoilsinn gu'm beil Dia a' cogadh 'n 'ur 
'n-aghaidh,no ma thana flaitheas air am falach o 
bhur sùilibh ; cuimhnichibh gu'n robh a' chiìis 
mar sin maille ri bhur n-athair ; ach asda so gu 
leir shaor an Tighearna mise. 

B'urrainn mi meudachadh gu mòr aiins an 
leabhair so, air mo bhuairidhean agus air m' 



Xll ROlMH-llADH. 

àmhgharaibh air son peacaidh ; *s mar an 
ceudna air caoimhneas tròcaireach iìgus oibreach- 
adh Dhè air m' anam. B' urrainn mi mar an 
ceudna a sgrìobhadh ann an cainnt ni bu deas- 
bhriathraiche na rinn mi, ach cha bu dàna leam. 
Cha b'ann gu faoin a bhuìn Dia riumsa 'nuair a 
dhearbhadh leis mi ; ni mo mheas mise 'na ni 
faoin, *nuair a chaidh mi fodha mar do'n t sloc 
gun iochdar, 'nuair a rinn pianntan ifrinn grèim 
orm ; uime sin cha-n fhaod mi aithris gu 
faoin, ach gu so-thuigseach, aon-fhìllte, agusan 
ni a chuir sìos mar a bha e ; an neach ris an 
taitinn e gabhadh e ris, agus an neach ris nach 
taitinn, deanadh e fein ni's fearr. Soraidh 
leibh mo chlann ghràdhach, tha'm bainne 
agus a' mhil an taobh thall do'n fhàsach so. 
Gu'n robh Dia tròcaireach dhìiibh, agus gu'n 
deònaich e nach bi sibh leisg gu dol a steach a 
shealbhachadh na tìre. 

lAIN BUINIAN. 



GRAS AM PAILTEAS 

DO 

CHEANN-FEADHNA NAM PEACACH. 



Ann a bhi 'g aithris an so oibreachadh trò- 
caireach Dhè air m' anam^ cha bhi e mi-iom- 
chuidh anns a' cheud àite, ge d' bheir nii 
dhuibh fios air mo shinnsireachd, agus am 
modh air an deach mo thogail suas, chum le 
sin a' dheanamh gu'm bi mathas agus toir- 
bheartas Dè do 'm thaobh air a mheudachadh 
an làthair chlann nan daoine. 

2. Air son mo shinnsir ma ta, bha iad, mar 
is fiosrach iomadh neach, do ghinealach bochd 
agus suarach ; bha taigh m' athar de'n inbhe sin 
bu dìbhdh, agus bu tàireile do theaghlaichean 
na tìre. Uime sin, cha-n urrainn mi 'san 
t-saoghal so mar mhuinntir eile, uaill a dhean - 
amh à fuil uasal, no àrd-ghinmhuinn a rèir na 
feòla, ged tha mi, le toirt gach ni fainear, a' 
cliùthachadh Rìgh nèamh air son gun tug e mi 
dh'ionnsaidh an t-saoghail trìd an dorais so. 



14 GUAS AM PAILTEAS, &C. 

chura compàlrteachadh do 'n ghràs agus do'n 
bheatha ta ann an Criosd tre'n t soisgeil. 

3. Ach a dh'aindeoin dìbleachd agus suar- 
aichead mo phàrantan, thoilich an Tighearn a 
chur 'nan cridhe, mise chur do '*n sgoil, chum 
leughadh agus sgrìobhadh ionnsachadh dhomh, 
mar chlann dhaoine bochd eile, ged is nàr leam 
aideachadh, nach b' f hada bhami a' dì-chuimh 
neachadh a bheagain a dh'ionnsaidh mi, eadhon 
ach beag an t-iomlan, agus sin ùine f hada mu'n 
d'oibrich an Tighearna obair ghràsmhor an 
iompachaidh air m' anara. 

4. Air son mo bheatha nàdurrach fèin rè 
na h-ùine bha mi gun Dia anns an t-saoghal, 
bha i gu dearbha, *' a rèir gnàtha 'n t saoghail so 
agus an spioraid a tha nis' ag oibreachadh ann an 
cloinn na h-easumhlachd. ' (Eph. ii, 2.) Bu 
mhiann leam a bhi air mo thabhairt an 
ciomachas leis an diabhol ^* chura a thoile," 
(2 Tira. ii. 26.) air dhomh a bhi làn de na 
h-uile neo f hìreantachd, ni a dh'oibrich mar 
an ceudna cho làidir, agus achuir e fèin a mach 
araon ann ara chridhe 's 'nam ghiiilan agas 
sin o mo leanabachd air she 1 's nach robh 
samhail domh ach aineamh r a f haotainn, araon 
le mallachadh agus mionnan, breugan, agus 'd' 
tolrt toibheum do dh' ainra naomha Dhè. 

5. Seadh, bha na nithe ud air socrachadh 
agus air freumhachadh annam air dòigh is gu'n 
d' fhàs iad annam gu nàdurrach ni a thug mi 
fainear o'n uair sin, a chuir a leithid de 



GRAS AM PAILTEAS, &C. J5 

mhiòthlachd air an Tighearna, is eadhon aig 
àm mo leanabachd gun chuir e eagal orm le 
hruadaran eagalach, agus uabhas le seallaidhean 
oillteil. Oir 's minig, an dèigh dhomh an latha 
so is an latha ud eile a chaitheadh ann am 
peacadh, a bhithinn fo mhòr thrioblaid 'nam 
leabaidh an uair a chaidlinn, le smaointean 
air deamhnaibh agus droch spioraid, a bha 'n 
geall air mo tharruinn air falbh maille riù, agus 
nach b'urrainn mi gu bràth faighinn saor uapa. 

6. Bha mi mar an ceudna anns na bhadh- 
naibh so, fo mhòr thrioblaid le smuaintean air 
mòr phiantan tein' ifrinn, le eagal gu'm b'e nio 
chrannchur deireannach fèin a bhi maille ris 
na diabhoil agus ris na h-aibhistearan ifrinneach 
so, a ta anns an àite sin air an ceangal sios 
ann an slàbhraidhean 's am banntaibh dorch- 
adais^ a chum breitheanais an latha mhòir. 

7. Bha na nithe so tha mi 'g ràdh, 'nuair a 
bha mi am leanabh, eadar naoi a's deich 
bliadhna, a' cur a leithid de thrioblaid air 
m'anam, a rinn gu tric mo thilgeadh sios le 
mor throm-inntinnn an uair a b'àirde agus bu 
shòlasaiche mo bhaoth-shìjgradh agus m' 
amaideachd leanabaidh, ann am meadhon mo 
chòmpanach mi-naomha. Gidheadh cha b*urr- 
ciinn mi mo pheacannan a chuir air chìil. 
Seadh, bu cho mòr a thug an-dòchas gu'n 
caillinn beath' agus nèamh buaidh orm, 's gu'm 
b* f hearr leam nach robh ifrinn idir ann ; air 
uaiiean eile bha mi guidhe gu'm bu diabhol nii . 



16 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

fpin, a' smaointeachadh nach robhannta sin ach 
luchd-pianaìdh chum claoidh na h-aiteam a 
rachadh a dhìth ; agus a thuiteadh sios do'n 
t-sloc; agus b* fhearr learasa bhi am f hear- 
pianaidh chàich, na mi-fèin a bhi air mo 
phianadh. 

8. Tacan an deighe so dh' fhàg na h-ais- 
lingean so mi gu tùr, agus cha b' fhnda 
bha cuimhne agam orra; oir rinn mo bhaoth 
shòlasan ìnntinn an grad ghearradh air falbh 
o m' chuimhne mar nach biodh iad riamh ann : 
uime sin leig mi srian fhuasgailt le m' ana- 
miannaibh do rèir neart nàduir, ao^us ghabh mi 
tlachd ann an lagh Dhè a bhristeadh gu 
h-iomlan : agus gus an robh mi ann an inbhe 
pòsaidh, bha mi am fhear-treòrachaidh luchd- 
dò-bheirt eile chum gach seòrsa dubhailc a's 
ain-diadhachd. 

9. Seadh, bu cho mòr a bhuadhaich ana- 
miannan a* pheacaidh air m* anam bochd, is 
mar be gu'n chuir miorbhuil gràs luachmhoir 
stad air, cha b' ann le buile ceartais sìorruidh a 
rachainn a dhìth^ ach le mi fèin fhàgail rùiste 
fo bhuile an lagha, a tha toirt cuid a chum 
ma&ìadh agus nàire 'm fianais an t-saoghail. 

10. Anns na lathaibh ud bha smaointean air 
diadhachd glè shearbh leam, cha Vurrainn mi- 
fèin da' m fulang, 's ni mò bu mhath leam gu'm 
fuiligeadh muinntir eil iad, air dòigh is 'nuair a 
chithinn cuid de mhuinntir a' leughadh leabh- 
raicean diadhaidh, mhothaichnn mar gu'm 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 17 

bithinn ann am prìosan. An sin tliuirt mi ri 
Dia — '* Imich uam oir cha-n àiU leam eòlas do 
shlighean/' (lob xxi. 14, 15.) Bha mi falamli 
do gach uile dheagh smuain, chaidh nèamh 
agus ifrinn araon às mo shealladh, agus be 
sàbhaladh agus damnadh, an dà ni bu lugha 
bh' air m* airre. '' O ! Tighearn' is aithne dhvit 
rao bheatha agus cha n eil mo shlighean air am 
falach uat." 

11. Ach tha cuimhne mhath agam air an so, 
ged do pheacaichinn fèin leis an toil-inntinn 
bu mhò, aig a' cheart àm na'm faicinn muinn- 
tir eile bha 'g aidmheil diadhachd a' cur 
droch-bheairt an gniomh, bheireadh e crith air 
mo spiorad ; air dhomh a bhi ann an teas mo 
bhaoth-shiigraidh, chuaìa mi duine bha air a 
mheas diadhaidh a' mionnachadh, ràinig a' 
chùis sin m' inntinn le buile cho mòr is gu'n 
ghon e mo chridhe. 

12. Ach cha dh' fhàg Dia mi gu buileach, 
ach lean e mi do ghnà, cha-n ann ie dearbh- 
aidhean, ach le breitheanasan, air a measgeadh 
le tròcair, oir thuit mi aon uair ann an geobha 
creige sa' mhuir, agus theabadh mo bhàthadh. 
Air àm eile thuit mi mach à eithir ann an 
abhuinn Bhedford, ach, rinn tròcair fathast mo 
chaomhnadh : osbarr bha mi air àm eile rauigh 
sa' mhachair, maille ri mo chòmpanaich, agus 
thàinig nathair-nimhe seachad air an rathad 
mhòr^ thàrladh gu'n robh bat agam am làimh 
agus bhuail mi tarsuinn 'san druim i ; agus 
c 



18 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

chaidh taimhneul oìrre, an sin dh' fhosgaìl mi 
beul le mo bhata, agus spion mi an gath às le 
mo mheòirean, ni mar be tròcair Dhè do'ra 
thaobh, a dh' f haodadh crìoch a chuir air mo 
bheatha. 

13. Thug mi so mar an ceudna fainear le 
taingealachd ; 'nuair a bha mi ara shaighdear, 
bha mi maille ri buidhean eile air ra' òrduchadh 
a mach chum dol gu àit àraidh air son sèisd a 
chuir ris, agus an uair a bha mi ullàmh gu triall, 
dh'iarr a h aon de mo chòmpanaich falbh 'nani 
àite, ni a cheadaich mi dha a' dheanamh, agus 
'nuaìr a ràinig e 'n t-àite, air dha bhi 'na sheas- 
amh air freiceadan^ chaidh a' thilgeadh tro'n 
chlaigeann le peileir mosgaid, agus dh'eug e. 

14. So, mar a thubhairt mi, far an robh 
breitheanasan agus tròcair, ach cha tug a h-aon 
diù m' anam gu fìreantachd, uirae sin bhuanaich 
mi ann am pheacadh, agus dh' f hàs mi ni ha 
mhò 's ni bu mhò ann an ceannairc an aghaidh 
Dhè, agus caoin-shuarach mu dhèibhinn mo 
shlàinte fèin. 

15. Gu h-aithghearr an deigh so, phòs mi, 
agus bha mi cho sealbhach is gu'n d'amais mi 
air mnaoi a bha h-athair agus am màthair air 
am meas diadhaidh. Chaidh ara boireannach 
so agus mise cuideachd cho bochd sa b'urrainn 
bochd a bhi, (gun urrad againn do dh'earnais 
taighe ri spàin no mias 'n-ar dithis,) gidheadh 
bha àice-san da leabhar a dh'fhàg a h-athair aic' 
an deigh a bhàis, da'm b'ainra " Cas-cheum a 



GRAS AM PAlLTEAS, &C. 19 

duine threidhiricli gu nèanih," agus ''Cleaehd- 
adh na Diadhachd." Leugh mi na leabhraich- 
ean so air uairean, agus f huair mi cuid do nithe 
annta bha rud-eigin taitneach leara (ach rè na 
h-ùine so cha do thachair mi ri aon dearbhadh) 
Mar an ceudna dh' innis i dhomh gu trice cia 
cho diadhaidh sa' bha h-athair agus mar 
chronaicheadh e an t-olc le achmhasanan, araon 
'na theaghlach agus a measg a choimheirsnich- 
ean, agus cia cho ceart agus cho naomha sa' bha 
e 'na bheatha araon ann am facal agus an 
gniomharran. 

16. Uime sin, ged nach do ràinig na leabh- 
raichean so mo chridhe, chum a dhùsgadh à 
mo staid thruaigh agus pheacach, dhiìisg iadan 
taobh a staigh dhomh iarratas air mo dhroch 
chaithe-beatha ath-Ieasachadh, agus thòisich 
mi a cheart rìreadh air diadhachd an àma 
sin, 's e sin ri ràdh dol do'n eaglais dà uair san 
latha, agus gu glè chràbhach theirinn as 
sheinninn mar dheanadh muinntir eile, gidh- 
eadh, bhamibuanachadh ann am dhroch chaithe- 
beatha. Ach leis an so uile bha mi cho lom- 
lan de dh'inntinn an f huar-chràbhaidh air 
dòigh is gun tug mi mòr urram do gach ni, (an 
t àrd-ionad, an sagart, an clèireach, an deis- 
aoraidh, am frithealadh agus gach ni eile) 
bhuineadh do'n eaglais; a' meas gach ni an taobh 
a staigh dh'i naomha, gu h-àraid mheas mi aii 
sagard agusanclèireach gu ro shona; agus gu mì r 
air am beannachadh gu'n teagamh sam bith, a 



20 GIiAS AM PAJLTliAS, ^C, 

thaobh gu'm biad sèirbheisìch Dhè, mar bha mis 
aig an àm sin a' saoilsinn, le iad a bhi do ghnà 'na 
theampull naomha^ gu obair a dheanamh ann» 

17. Dh'fhàs am beachd so cho laidir n'am 
inntinn air chòr is nam faicinn sagart, (ge be 
sam bith cho mi-gheamnaidh sa bha chaithe- 
beatha) gu'm mothaichinn mo spiorad a' 
tuiteam fodha, a* toirt urram a's ùmhlachd dha, 
seadhj air leam a thaobh a ghaoil a bh' agam 
do na sagartaibh, a' saoilsinn gu'm b'iad teachd- 
airean Dhè, gu'm b urrainn mi laidhe sios aig 
an casan a chum agus gu'n saltraicheadh iad 
orm ; chuir an ainm, an trùsgan, agus an gniomh, 
a leithid de bhoiUe agus de sgleò meallaidh 
orm. 

18. Air dhomh a bhi 'san aigneadh so rè seal, 
thàinig smaoin eile ann am inntinn, agus be sin, 
cò dhiii a bha no nach robh sinn de thrèibh 
Israeil ? oir air dhom fhaotainn anns an sgriob- 
tur gu' m b'iad aon uair pobull sònraichte Dhè^ 
air leam n'an robh mi de'n trèibh so, gu'm b'eadar 
gu' m biodh m'anam sona, nise bha m'inntinn fad' 
air son freagairt na ceiste so fhaotainn, ach cha 
robh fios agam cia mar rachadh agam air 
sin fhaighinn : fadheòigh, dh'fheòraich mi dhe 
m athair. agus thuirt e rium nach b'ann de 
thrèibh Israeil sinn : thug so air mo spiorad 
tuiteam, agus dh' fhuirich mi mar bha mi. 

19. Rè fad na h-uine so cha robh mi moth- 
achail air cunnard agus olc a' pheacaidh ; bha 
mi air mo chumail o smaointeachadh gun 



GRAS AM PAIKTEAS, &C. 21 

deanadh am peacadh mo dhamnadh, cia be air 
bith creideamh a leanainn, mar bithinn air m' 
fhaotainn ann an losa Criosd ; seadh, cha do 
smaointich mi riamh air-san, no cò dhiù bha no 
nach robh a leithid do neach ann. Tha'n duine, 
feadh sa tha dall a' dol air seacharan,oir chan-ebl 
daan t-slighe gu cathair Dhè. Ecles. x. 15. 

20. Ach air aon latha rinn am pears-eaglais 
againn searmoin mu*n t-sàbaid, agus chuir e'n 
cèill cho olc sa bha'n nì an t-sàbaid a bhriseadh ; 
araon le gnìomh ; spòrs no ni eile, air an aobhar 
sin thuit mi annam chogais fo'n t-searmoinso, a 
smaointinn agus a' creidsinn gu'n d' rinn e an 
t-searmoin chum mo dhroch ghnàs a nochdadli 
dhomhsa. Aig an àm sin mhothaich mi ciod 
e an ni ciont^ ged nach do mhothaich^ mi sin 
riamh romhe cho fad sas cùimhne leam. Ach 
bha mi aig an àm ud gu mòr air mo luchdach- 
adhd leis, agus chaidh, mi dhachaigh 'nuair a 
chaidh crìoch air an t-searmoin le uallach mòr 
air mo spiorad. 

21. Dh' fhàg so na sòlasan a bh'agam roimhe 
searbh dhomh ach cha do mhair mo bhròn 
fada, oir mu'n gann a ghabh mi mo dhinneir, 
thoisich an trioblaid air togail de m' inntinn 
agus thiunndaidh mo chridhe gu sheann dòigh- 
ean : ach o ! cia cho èibhneach sa' bha mise 
chionn gu'n d' fhalbh an trioblaid so bhuam, 
agus gu'n deach an teine mhùchadh, chum is 
gu'm faodainn peacachadh gun bhacadh ! Uime 
sin 'nuair a chaisg mi m' acras le mo bhiadh, 
chrath mi air falbh an t-searmoin dhe m' inntinn, 
agus phill mi air m* ais a chum nio sheanna 



22 GRAS AM PAILTEAS, SiC, 

chleachaìdhean^ agus bhaoth-shùgradh le èibh- 
neas mòr. 

22. Ach air a* cheart latha sin fèin, air dhomh 
a bhi cluich air a' bhali-àirc agus aon bhuille 
'bhualadh air às an toll, agus dìreach an àm 
dhomh a bhi dol d'a bhualadh an dara h-uair, 
thainig guth obainn o nèamh a dh' ionnsaidh 
ìn anma, agus thubhairt e ; — ^ An trèig thu do 
pheacannan agus an tèid thu do nèamh, no'n 
lean thu riiì chum dol do dh' ifrinn." Chuir so 
mi fo mhòr amhluadh, air an aobhar sin dh' 
fhàg mi mo bhall air an raon agus sheall mi 
suas ri nèamh, agus chunnaic mi mar gu'm b'ann 
le sùilean mo thuigse, an Tighearn losa 'g amh- 
arc a nuas orm mar gu'm biodh dian chorraich 
air rium agus mar gu'm bagradh e gu cruaidh 
orm le dioghaltas trom a leagadh orm air son so 
agus mo chleachdaidhean ain diadhaidh eile. 

23. Cha bu luaithe tbarmaich na smaointean 
so ann am inntinn, 'na rinn an co dhùnadh so 
grèim air m' aigneadh, (oir chuir an sanus roi' 
sin mo pheacannan a rithist ro làthair mo 
ghnìiise), gu'n robh mi ann am pheacach mlr 
agus fuathasach, agus gu'n robh e nise ro anmoch 
dhomh shealltainn an deigh nèamh, oir nach 
deanadh Dia tròcair orm, ni mo mhathadh e 
m'euceartan. An sin am feadh a bha mi 
smaointeach' air a so, agus eagal orm gun tach- 
radh e, mhothaich mi mo chridhe a' sìothladh 
sios le an dòchas a' codhùnadh gun robh e ro- 
ammoch, agus uime sin, chuir mi romham 'nam 
inntinn dol air m' aghaidh ann am pheacannan ; 



GRAS AM PAILTKAS, &C. 2'^ 

oir smaointich mi, matha 'cliìùs mar so, tlia mo 
staid gu cinnteacli triiagh, truagh ged to thrèig 
mi mo pheacannan, agus gun a bhi ach truagh 
ged do lean mi iad, cha bhi mi ach air mo 
dhamnadh, agus mathàrlas sin is cò math dhomh 
a bhi air mo dhamnadh air son iomadh peacadh, 
sa bhi air mo dhamnadh air son beagain. 

24. Mar so sheas mi ann am meadhon mo 
chlniche ann am fianais nan uile bha làthair ; 
a^h fòs cha d'innis mi ni sam bith dhaibh ; ach 
tha mi 'g ràdh air dhomh an co-dhiìnadh ud a 
dheanamh, phiU mi gu h-anabarrach a chum 
mo chluich a rithist, agus tha deagh chiumhne 
agam gu'n do ghabh an-dnchas mar sud a leithid 
do shèilbh air m' anam air chòr 's gu'n robh mi 
a' làn-chreidsinn nach ruiginn gu bràth air sblas 
sam bith eile ach na gheibhinn ann am peacadh: 
oir bha nèamh cheana air a chall, air chÒr is 
nachfaodainn smaointeachadh air a sin ; uime sin 
mhothaich mi mòr dhèidh an taobh a steach 
dhiom air mo shàth a ghabhail do'n pheacadh, 
chum is gu'm faodainn blasad de rahìllseachd ; 
agus rinn mi urrad deifir sa dh' f haod mi chum 
ino bhrìi a Honadh deth a shòghalachd, le eagal 
gu'm bàsaichinnmu'm taighinn mo mhianndheth. 
A thaobh 'nan nithe so tha mi cur fianais an 
làthair Dhè nach eil mi ri breugan, ni mò tha 
mi dealbh nacainnte so; bha sud da rìreadh gu 
laidir, agus le'm uile chridhe agus mhiann ; Gu m 
a h-ann a mhathas an deagh Thighearna aig am 
beil a thròcair do-rannsaichte m' eu-ceartan. 



24 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

25. Agns tha mi làn-chinnteach gu*m beil 
buaireadh so an diabhoil nis tric a measgchreut- 
airean bochda, na tha iomadh a* saoilsinn, fòs 
tha co-dhimadh diomhair aca an taobh a steach 
dhaibh fèin nach eil dòchas air an son ; oir 
ghràdhaich iad peacannan, uime sin 'nan dèighe 
thèid iad, ler. ii. 25, xviii. 12. 

26. A nise uime sin chaidh mi air m' aghaidh 
ann am peacadh, do ghnà a' tàlach nach robh 
mi faighinn mo shàth dheth, bhuanaich mi 
mar so mu thuaram mìos, no barrachd ; ach 
aon latha, air dhomh a bhi am sheasamh aig 
uinneag bùth coimhearsnaich, a' mionnachadh 
agus a' griosad mar bu ghnà leam, agus chuala 
bean an taighe mi, agus ged a bha i-fèin 'na 
truaghan amsgaidh ain-diadhaidh, gidheadh 
thuirt i gu'n do mhionnaich agus gu'n do 
mhallaich mi gu h-uabhasach, agus gu'n robh a 
bhi g' am èisdeachd a' toirt crith oirre ; thuirt i 
rium osbarr, gu'm bu mhi duine b'ain-diadhaidh 
le mionnan a chual' i riamh 'na beatha, agus 
gu'n robh mise le mo dhol a mach air an t-sheòl 
ud, comasach air òigridh a' bhaile gu lèir a 
thruailleadh, na'n tigeadh ìad ann am chuid- 
eachd. 

27. Chuir an t achmhasan so ann am thost 
mi, agus bha mi fo nàire dhiomhair, agus sin 
cuideachd, air leam ro làthair Dhè nèinihe ; 
uime sin am feadh a sheas mi san ionad ud a' 
cromadh mo chinn rììinich migumbithinn ann 
am leanabh beag a rithist, chum is gu'n ionn- 
saicheadh m' athair dhomh labhairt aseugmhais 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 25 

a blii TTìionnachadh air an dnigh aindiadhaidh 
ud, oir smuaintich nii, gu'n robh mi cho cleachte 
ris an dòigh labhairt sin, is gu'm bu ni diamhainn 
feuchainn ri ath-leasachadh, nach Vurrainn sin 
tachairt gu bràth. 

28. Ach cia mar a thachair e cha-n aithne 
dhomh, chuir mì o'n uair sin suas^ cùl rì mo 
mhionnan, air chòr is gu'n robh e 'na iongantas 
mòr leam-fèin a thoirt fainear, 'nuair nach robh 
fìos agam roimhe sin cia mar a labhrainn, mar a 
cuirinn bòid air thoiseach agus bòid air deireadh 
gach facail, chum mo bhriathran a dhaingneach- 
adh, a nise b'urrainn mi labhairt as aneughmais 
ni b'fhearr, agus ni bu taitniche na b'urrainn 
nii dheanamh riamh roimhe. Agus am feadh 
so fathast cha robh aithne agam air losa Criosd, 
ni mò threig mi m' àbhach no mo chìiuthean. 

29. Ach goirid an deigh so thuit rpi ann an 
cuideachd aon duine bochd, a bha 'g aidmheil 
na diadhachd : a bha, mar a shaoil mis* aig an 
àm sin, a' labhairt gu taitneach mu thimchioll 
nan sgriobturan, agus mu chreideamh, uimesin 
le speis do na hibhair e thug mi mi-fèin a 
dh'ionnsaidh mo Bhìobaill, agus th( isich mi air 
gabhail mòr thoil-inntinn ann a bhi leughadh 
nan earrannaneachdraidheachdheth^oirathaobh 
litrichean Phòil agus Sgriobturan eile mar 
sin, cha deannainn a bheag dhiìi, air bhi dhomh 
fathast a dh'aon chuid aineolach, air mo nàdur 
fein, no air feum agus luach losa Criosd a chum 
ar tearnaidh. 



26 GRAS AM PAILTEAS., &C, 

30. Uime sin thòisich mi air cuid do dh'ath- 
leasachadh a dheanamh o'n leth a muigh^ araon 
ann an cainnt 'san giùlan, agus chuir mi na 
h-àintean romham mar an t-siighe gu nèamh ; 
agus thug mi ionnsaidh air an cumail, agus mar 
a shaoil mise, chùm mi gu raath iad air cuid do 
dh'uairean, agus hha sin a' toirt sòlais domh, ach 
bhristinn a h-aon diù an dràst agus a rithist, 
agus chuireadh sin mo chogais fo dhoilghios, ach 
a sin dheanain aithreachas, agus theirinn, gu'n 
robh mi ro dhoillich da chionn, agusgheallaìnn 
do Dhia gu'n deanainn n'a b'fhearr an ath uair, 
agus gheibhinn cobhair a rithist, agus an sin 
bha mi saoilsinn gun robh mi a' toileachadh 
Dhè cho math ri aon duine ann an Sasuinn. 

3J. Bhuanaich mi mar so mu thuaram 
bliadhna; agus rè 'na h-ùine sin ghabh na 
coimhearsnaichean mise mar dhuine ro-dhiadh- 
aidh agus cràbhach, agus ghabhiadiongantas mòr 
ri leithid do dh'atharrachadh a thighmn air mo 
chaithe-beatha agus air mo ghiùlan, agus gu 
dearbha, b'iongantas e, ged an uair sin nach 
robh eòlas agam air Chriosd, air gràs, air creid- 
eamh, no air dòchas ; oir mar a chunnaic mi o'n 
uair sin, n'am bàsaichean aig an àm ud gu'm 
biodh mo staid anabarrach eagalach I 

32. Ach tha mi 'g ràdh, bha mo choimhears- 
naichean fo ioghnadh a thaobh mo mh r 
iompachadh, o mhi-naomhachd uabhasach chum 
ni-eigin coltach ri caithe-beatha beusach agus 
duine stuaim, agus gu dearbha cha b' iongantach 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 27 

ged a bhlodh iongantas orra, oir bha m' athRrrach- 

adhcho mòr, isgeda dh'fhàsadh Tòmas Cuthaich 

'na dhuine ciallach, cùin. A nis' uime sin thòisich 

iad air mo chliùdhachadh, agusair momholadh, 

a^usair labhairt gumath mu mo dhèibhinn, araon 

ann am làthair agus air mo chùl. A nise bha mi, 

ars iadsan, air f às diadhaidh, a nise bha mi air 

fàs ann am dhuine ionnraic ceart. Ach o 

'nuair a thuig mi gu'm be so am briathran agus 

am barail mu'm thimchioU, thaitinn e rium gu 

h-anabharrach math ; ged nach robh annam an 

trà sin ach cealgaire truagh còmhdaichte ; gidh- 

eadh bu mhath leam a bhi labhairt mu mo 

dhèibhinn mar neach a bha do rìreamh diadh- 

aidh. Rinn mi uaiU à mo dhiadhachd, agus 

gu f ìrinneach, rinn mi gach ni a rinn mi, araon 

a chum a bhi air m' f haicinn, no gu'n labhradh 

daoine gu math mu'm thimchioll agus bhuan- 

aich mi mar so m'a thuaram bliadhna, no còrr. 

33. Feumaidh fios a bhi agaibh, roi'n àm so 

gu'n do ghabh mi mòr thoil-inntinn ann a bhi 

beumadh chlag^ ach a nise thòisich mo chogais 

air f às maoth, agus smaointich mi nach robh a 

leithid do ghnothach ach 'na ni diamhainn, agus 

uime sin cho-èignich mi mi-fèin gu thrèig- 

sinn, gidheadh, bha m'inntinn an geall air, uime 

sin rachainn do thaigh-an-stiobaill a dh' amharc, 

ged nach bu dàna leam-fèin an clag a bheum- 

adh : ach smaointich mi nach buineadh so do 

chreideamh ni's mo : gidheadh cho-èignichinn 

rai-fèin agus dh'fhanainn ag amharc. Ach 



28 GUAS AM PAILTEAS, &C. 

tacan andèigh sìnthòisichmi air smaointeachadh 
niar so : — '^ Ciod dè ma thuiteas a h-aon de na 
cluig ?'* An sin ròghnaich mi seasamh fo shail 
mhbir a bha 'na laidhe tarsuinn o thaobh gu 
taobh do'n stioball, ach an sin smaointich mi 
rithist nan tuiteadh an clag le fiaradh tulgaidh, 
gu m faodadh e air tùs bualadh air a' bhalla, 
agus an sin tuiteam ormsa, a dh'aindeoin dion na 
saile ; Thug so orm seasamh ann an dorus an 
stiobaill ; a nise, smuaintich mi gu'n robh mi 
tearainnte gu leòir, oir na'n tuiteadh clag an 
uair sin, gu'm faodainn leum a mach air cùl nam 
ballachan tuigha laidir ud, agus a bhi tearainnte 
a dh'aindeoin gajch cliis. 

34. An deigh so fathast rachainn d'an amh- 
arc san a bhiodh a' beumadh nan clag, ach 
cha rachainn n'a b'fhaide na dorus an stiobaill, 
ach an sin thàinig so ann am cheann : — '' Ciod 
dè ma thuiteas an stioball fèin ?" Agus chuir an 
smuain so, (faodaidh e sin air son na tha dh'f hios 
agamsa, am feadh a ta mi am sheasamh ag 
amharc), a leithid do cluith air m' inntinn do 
ghnà, air chor is nach bu dàna leam seasamh, 
aig dorus an stiobaiU 'na b'fhaide, agus b'èigin 
domh teicheadh le eagal gu n tuiteadh an stio- 
ball air mo cheann. 

35. Be ni eile, mo dhàmhs ; bha mi làn 
bhliadhna mu'm b'urrainn mi mo dhàmhs a 
thrèigsinn gu tur. Ach rè na h-ùine sin 'nuair 
a smaointich ni gu'n do chùm mi an àint' ud 
agus an àinte so, no gu'n d'rinn mi le facal no 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 29 

gniomh an ni a shaoil mi a bha math, bha mòr 
shìth agam ann am chogais ; agus smaointichinn 
annara fèin, cha-n urrainn Dia gu'n a bhi nise 
buidheach orm : fòs, le innseadh dhuibh air mo 
sheòl fèin, shaoil leam nach robh aon duine eile 
ann an Sasuinn a b'fhearr a b'urrainn Dia a 
thoileachadh na mise. 

36. Ach, creutair truagh mar a bha mi, bha 
mi fad' na h-ùine sin guneòlas air Josa Criosd, 
agus a' dol mu'n cuairt a chum m' fhìreantachd 
fèin a chuir air chois, agus rachainn a dhìth 
innte, mar be gu'n do nochd Dia 'na thròcair 
dhomh tuilleadh do' mo staid a thaobh nàduir. 

37. Ach air latha àraidh ghairm deagh 
fhreasdal Dè mi do Bhedford a dh' obair air 
mo cheaird-chosnaidh, agus air aon do shràidean 
a' bhaile sin thàinig mi far an robh triiìir no 
cheathrar do mhnathan bochda 'nan suidhe aig 
dorus anns a' ghrèin a' labhairt mu thimchioli 
nithibh Dhè ; agus air dhomh a bhi nise 
dèidheil air am briathran èisdeachd, dhhkhaich 
mi riù a chluinntinn ciod a bha iad ag ràdh ; oir 
bha mi nise 'nam fhear-labhairt clis mi-fèin 
mu nithibh diadhaidh; ach bha iadsan cian 
os-ceann mo thuigse. Labhair iad mu thim- 
chioll ùr-bhreith, obair Dhè 'nan cridheachan, 
agus mar an ceudna mu thimchioll mar f huair 
iad dearbhadh air an staid thruagh a thaobh 
nàduir — labhairiad muthimchioll mardh fhios- 
raich Dìa an anmannan le ghràdh tre'n Tighearn 
losa Criosd, agus mu thimchioll nam briathran 

D 



30 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

agus nan geallaidhean leis an robh iad air an 
neartachadh, air an comfhurtachadhadh, agus 
air an cumail suas an aghaidh buairidhean an 
diabhoil : osbarr, cho-reusonaich iad mu chagar- 
aioh, agus mu bhuairidhean Shàtain, gu sònraichte, 
'agus dh'innis iad do chàch a chèile mu thim- 
chioU nam meadhonnan leis an robh iad air an 
sàrachadh, agus mar a chùm siad iad-fèin suas 
'nan aghaidh. Labhair iad mar an ceudna mu 
dhèibhinn an truaighe cridhe fèin, agus mu 
thimchioll am mi-chreideamh, agus mar a rinn 
iad dimeas agus tarcuisair am fèin-fhìreantachd 
mar ni truaillidh, agus neo-fhoghainteach a 
chum math sam bith a dheanamh dhaibh. 

38. Agus airleam gu'n do labhair iad le leithid 
do thaitneachd bhriathran Sgriobtuir, agus le 
leithid docholtas gràisanns gach ni a' labhair iad, 
ionnas gu'n robh iad dhomhsa mar gu'm biodh, 
iad an deig^h saoghal ùr f haotainn a mach ; mar 
gu'm biodh iad — 'nam muinntir a bha gabhail 
còmhnaidh air leth gun a bhi air a' meas am 
measg an coimhearsnaichean. Air. xxiii. 9. 

39. Uaithe so mhothaich mise mo chridhe 
fèin a' tòiseachadh air crith ; oir chunnaic mi ann 
am uile sraaointeann mu thimchioll diadhachd 
agus slàinte,nach tàinig an nuadh bhreith riamh 
a dh'ionnsaidh m'inntinn ; ni mò bha eòlas agam 
air comfhurt an fhacail agus sJ gheallaidh. no 
air cealgaireachd agusfoillmo dhroch cridhefèin. 
Air son smaointean diamhair, cha tug mi riamh 
fainear iad, ni mò thuig mi ciod bu chiall do 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 31 

bhuairidhean Shàtain, no cia mar bu chòir an 
àicheadh, agus cur 'nan aghaidh. 

40. An so, uime sin, nuair a chuala agus a 
thug mi fainear 'na labhair iad, dh' fhàg mi iad 
agus chaidh mi air cheann mo ghnothaich a 
rithist, ach b' àill le mo chridhe fantainn maill^ 
riusan oir dhrùidh am briathran orm gu mòr, a 
chionn gu'nd' f huair midearbhachdo na labhair 
iad gu'n robh comharradh fior an f hìr-dhuine 
dhiadhaidh gu tur d'am dhìth, agus mar an 
ceudna, thaobh gun robh dearbh chinnt agam 
air cor sona agus beannaicht' an duine a bha 
da-rireadh mar sin. 

41. Uime sin, bu ghnà leam dol a rithist 'sa 
rithist do chuideachd a' phobuiU bhochd so, oir 
cha b'urrainn mi fuireach air falbh, agus mar 
is tric' a chaidh mi 'nam measg is ann is tric a 
rannsaich mi mo staid ; agus mar is math a ta 
cuimhne agam, air ball fhuair mi da mi an 
taobh a steach dhiom a bha air uairibh a* cur 
iongantais orm ; gu sònraichte, nuair a bheir mi 
fainear ciod an truaghan, dall, aineolach truaill- 
idh a bha mi roimhe sin ; b'e aon ni dhiiì so 
mòr thaisealachd, agus anmhuinneachd cridhe, 
ni a thug orm tuiteara fo dhearbhadh 'na chuir 
iadsan an cèiil leis na Sgriobturan ; agus b'e 'n 
ni eile aomadh ann am inntinn gu bhi smaoin- 
teachadh air, agus air gach ni math eile a' chuala 
no leugh mi aig an àm sin. 

42. Leis na nithibh so bha m'inntinn ar a 
h-iompachadh ionnas gun do laidh i coitach ri an 



32 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

deal-tliulll air sJ chuisle '* ag èigheach, Tabhair, 
tabhair," (Gnà. xxx. 15,) cho teanm snàsaichte 
air sìorruidheachd agus air na nithibh a bhuin- 
endh do rìoghachd Dhè, (se sin do rèir is mar 
b'aithne dhomh ged nach Veòl do fathast mar is 
fiosrach Dia ach beagan), ionnas nach tugadh 
toiHnntinn, buannachd, dion- chomhairle, no 
maoidheadh oirre a' grèim a leigeadh às ; agus 
ged do tha mi ga aithris le nàire, gidheadh is 
fìrinn chinnteach e, bhiodh e mu'n àm ud a 
cheart cho deacair dhomhsa m' inntinn a thoirt 
o nèamh gu talamh, 'sa mhothaich mi iomadh 
uair o'n uair sin a bhiodh e cho deacair domh 
a' toirt a rithist o'n talamh gu nèamh. 

43. Aon rud nach faod mi dhearmad ; bha 
òganach anns a' bhail' againn ris an robh mo 
chridhe air fhuaigheal ni bu dlìiithe na ri neach 
sam bith eile, ach air dha bhi 'na f hìr dhroch 
dhuine le mallachadh, mionnan a's neo-ghlaine ; 
chrath mi nis' air falbh e, agus thrèig mi' 
chomunn. Ach m'a thuaram ràithe an deigh 
dhomh fhàgail thachair mi ris ann an caol-shràid 
àraid agus dh'fheòraich mi dheth, cia mar a 
bha e. Labhair esan do rèir a sheanna mhionn- 
an agus a ghnàs cuthaich fèin gu'n robh e gu 
math. " Ach Eanraig," arsa mise, *' C'arson a 
tha thu mionnachadh 'sa mallachadh mar sin ? 
Ciod a dh'èireas dut ma bhàsaicheas tu anns a' 
chor sin V' Dh'f hreagair e mi le corraich mhòir 
ag ràdh : — " Ciod a ni 'n diabhol as eugrahais 
cuideachd, marbe mo leithid-sa." 



GRAS AM PAILTEAS^ &C. 33 

44. Mu'ra àm sìu thachair mi air cuid do 
leabhraichean a sgrìobh ministear-bòilich a bha 
air am meas glè Luachmhor le cuid do luchd- 
aidmheil : leugh mi cuid dhiù so^ ach cha robh 
mi comasach air a bheag a bhreithineachadli 
mu n timchioll ; uime sin mar a leugh mi annta 
agus a smuaintichinn orra, thòisichinn air 
ùrnaigh gu dìirachdach air a mhodh so : — " O 
Thighearna ! tha mis ann am amadan, agus neo- 
chomasach air eadar-dhealachadh a chuir eadar 
an fhìrinn agus a* bhreug sheacharanach : a 
Tighearna na fàg mi ann am dhoiUe inntinn fèin, 
a dh'aon chuid a chum gabhail ris an teagasg so 
no dhiùltadh ; mas ann o -Dhia a tha e, na leig 
leam a chuir suarach, agus mas a h- ann o'n diabhol 
a tha e,na ceadaichdhomh a ghabhail do'm ionn- 
saidh. O Thighearna, tha mi leagadh m'anam 
sios aig do chasan athaobh na cùiseso ; guidheam 
ortgu dìblidh, na leigdhomh a bhi air momheall- 
adh." Bha aon chòmpanach cràbhach agam fad 
na h-uine so, agus be sin an duine bochd mu'n do 
labhair mi roimhe, achmu'n àm sinbha esan mur 
anceudna air fàs 'na bhòiliche deamhnaidh, agus 
thug se e-fèin suas do gach gnè thruailleachd^ gu 
h-àraidh do neo-ghlaine; dh'àicheadh e mar 
an ceudna gu'n robh Dia, aingeal, no spiorad 
idir ann, agus ghàireadh e le magadh air gach 
achmhasan stuamachd. 'Nuair a shaoithrich 
mise chum a chuid aingeachd a* chronachadh, 
ghaireadh e ni bu ro mhò, agus chumadh e 
mach gu 'n deach e tro gach uiie sheòrsa creid- 



34 GRAS AM PAILTEAS, òiC. 

eimh agus nach b'urrainn e riamh amais air an 
chreideamh cheart gus an nise. Uime sin a 
thaobh gu'n dh'fhuathaich mi na gnàthannan 
mallaichte so, thrèig mi chuideachd a mach 
uaithe sin, agus dh'f hàs mi ann am choigreach 
cho mòr dha, 'sa bha mi roimhe sin ann am 
fhear-eòlais da 

45. Cha robh an duine so a mhàin 'na 
bhuaireadh dhomh, ach mo cheaird-chosnaidh 
a bhi anns an diìthaich sin, thàrladh dhomh 
tighinn an ceann iomadh cuideachd a bha glè 
dhaingeann ann an creideamh roimhe sin, 
gidheadh a bha air an tarruinn air falbh leis an 
luchd-bòilich so. Labhradh iad so riumsa mar 
an ceudna, mu thimchioll an dòighean fèin, 
agus dhìteadh iad mise mar neach mi-laghail 
agus dorcha, a' cumail a mach gur iad-fèin a 
mhain a thàinig suas ri foirfeachd ; gu' n dean- 
adh iad gach ni thogradh iad gu n pheacachadh. 
O ! bha na buairidhean so ro thaitneach do'm 
fheòil, bha mis ann am dhuine òg, agus mo 
nàdur ann an treun a neart ; ach chùm Dia, 
(a shònraich mi, tha dòchas agam air son nith- 
ibh is fearr) mise na eagal fèin, agus cha 
dh'fhuilig a dhomh a leithid sud do stèidh 
chreideimh mhallaite ghabhail do'm ionnsaidh, 
agus gu'm a beannaichte gu'n robh Dia, a chuir 
ann am chridhe gairm air-san a chum mo 
choimhid, agus mo stiìiradh a* cur an-earbsa do 
ghnà ann am ghhocas fèin ; oir chunnaic mi 
o'n uair sin eadhon, èifeachd na h'ùrnaigh sin. 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 35 

cba-n ann a mhain ann am thearnadh o mhear- 
achdan luchd-bòilich, ach mar an ceudna 
uapasan a dh'èirich sua§ o'n uair sin. Bha 'm 
Bìoball luachmhor dhomhsa anns na lath- 
aidh ud. 

46, A nise thòisich mi air amharc anns a' 
Bhìoball le nuadh-fhradharc, agus bha litrich- 
ean an abstail Phòil gu sònraite millis agus 
taitneach leam ; agus an sin cha robh mi idir a 
raach às a' Bhìoball, gu'n a bhi dh'aon chuid a' 
ìeughadh no smaointeachadh ; do ghnà a* 
guidhe air Dia gu'n b'àithne dhomh an fhìrinn, 
agus an t-slighe gu nèarah agus gu glòir. 

47. Agus mar chaidh mi air m' aghaidh agus 
a leugh mi, thàinig mi chum na h-earrainn so : 
— '^ Do dh'aon duine tha facal a' ghliocais air 
a thoirt leis an spiorad, agus do dhuine eile 
facal an eòlais leis an spiorad cheudna ; do 
neach eile creideamh," &c. (1 Cor. xii.) Agus 
ged a chunnaic mi o'n uair sin gu'm beil an 
JSpiorad Naomh' a' ciallachadhleis an Sgriobtur 
so nithe veo-ghnàthaichte ^' a roinn ris gach 
aon fa-leth,'' gidheadh thuigmise le dearbhachd 
gu'n robh mi fèin as eumhais nithe gnàth- 
aichfe^ eadhoin an tuigse agus an gliocas a bha 
aig Criosdaidhean eile. Bha mi smaointeachadh 
air an f hacal so, agus cha robh fios agam ciod a 
dheanainn, Chuir am facal so creideamh mi gu 
h-àraid ga ionnsaidh, oir cha b' urrainn mi 
leasachadh, ach air uairibh b'eigin domh cur an 



36 GRAS AM rAILTEAS, SzC, 

teagamh, cò dhiù a bha creideamh agam no 
nach robh, ach bu leisg leam a cho-dhùnadh 
gu'n robh ni as eughmhais creideamh, oir ma ni 
mi sin, arsa mise, faodaidh mi mi-fèÌQ a mheas 
ann dhìobarach gu dearbh, 

48. A nis', arsa mise ruim-fèin, ged a tha mi 
ann am àmhlar aineolach agus tiodhlaicean 
beannaichte so an eòlais agus na tuigse ga'm 
dhìth, a ta aig muinntir eile, gidheadh air 
thuairean, cò-dhunaidh mi nach eil mi gu buil- 
each as eugmhais creideimh ; oir chaidh a 
shealhainn dhomh, agus sin fòs (mar a chunnaic 
mi o'n uair sin,) le Sàtan, nach eil aig an aiteam 
sin a ta ga'n co-dhìinadh fèin a bhi ann au 
staid gun chreideamh araon sìth no suaimhneas 
'nan anmaibh ; agus bha mi ain-deonach air 
tuiteam gu tur an an-dòchas. 

49. Uime sin, thug na smuaintean so ; orni 
a bhi fo eagal gu'm faicinn mo chion-creideimh 
fein. Ach cha-n fhuiligeadh Dhia dhomh 
m'anam a sgrios air an dòigh so, ach thàrmaìch 
e 'n taobh a steach dhiom an aghaidh mo cho- 
dhùnaidhean, truagha, dalla a leithid do theag- 
amhan air chÒr is nach b*urrainn mi a bhi 
toilichte, gus an tiginn a chum ni-èigin do 
dh' fhiosrachadh cò-dhiù abha creideamh agam 
no nach robh, oir bha so do ghnà a' ruith air 
m'inntinn. " Ach ciod ma tha thu às eug- 
mhais creideimh da rìreadh ? Ach cia mar is 
urrainn thu innseadh gu'm beii creideamh 



GRAS AM PAILTEAS, &C, 37 

agad ?'' Agus osbarr, chunnaic mi gu fìrinn- 
each ma bha mi as eugmhais creideimh gu'n 
robh mi cinnteach a dol a dhìth gu siorruidh. 

50. Mar so ged a thug mi'n tùs ionnsaidh 
air sealltainn thairis air gnothaichean a' chre?d- 
eimh gidheadh ann an iìine ghearr, air dhomh 
a' chùis a thuigsinn n'a b'fhearr, bha mi toil- 
each mi-fèin a chur gudeuchainn, cò-dhiù a bha 
creideamh agam no nach robh. Ach nio 
thruaighe, ann am thruaghan bochd, bu cho 
aineolach a bha mi is nach bu mhò bha 
dh'fhios agam cia mar a dheannainn sin, na's 
mò na bha dh* f hios agam cia mar a dheanainn 
am mìr ceairde sin bu teirc agus a b'iongant- 
aiche, agus air nach do smaointich mi riamh. 

51. IJime sin am feadh a bha mi mar so a' 
smaointeachadh, (oir feumaidh tu f ìos a bhi agad, 
nach do leig mi mo rùnachd ri neach sam 
bith fathast mu thimchioU na ciiise so,) thàining 
am buaireadair d' am ionnsaidh leis a' mheali 
adh so ; — *' Nach robh seòl sam bith air am 
b'urrainn mi fios fhaotainn an robh creideamh 
agam, ach le mi dh' fheuchainn am b'urrainn 
domh miorbhuill sam bith a dheanamh," a' 
nochdadh nan Sgriobturan sin, a bha coltach ri 
bhuaireadh a neartachadh. Fòs, air latha àraid 
air dhomh a bhi eadar Elestoiv agus Bedford 
thàinig am buaireadh so gu teth orm, fheuchainn 
an robh creideamh agam le cuid do mhiorbhuiil- 
ean a dheanamh ; b eigin domh a ràdh ris na 
lÒdannan uisg' a bh'ann an lòrgan chasan nan each, 



38 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

'• bithibh tiorara/' agus ris na h-ionadan tiorma, 
" bithibhsa air bhur tionndadh gu lòdannan ;'' 
agus gu fìrinneach bha mi dol a ràdh mar sud ; 
ach air ball, am feadh a bha mi dol a labhairt, 
thàinig an smaoin so a dh'ionnsaidh m' inntinn ; 
" ach rach fo sgàii' an sgithich ud thall agus 
guidh air tìis gun deanadh Dia thu comasach.'^ 
Ach an uair a bha mi dol a thòiseachadh air i^ir- 
naigh thàinig so gu teth orm ; 'nan deannainn ùr 
naigh, agus tighinn a sin a dh'f heuchainn ris na 
miorbhuillean, agus fos nach deannainn dad 
air son sin ; an sin gu cinnteach bha mi as eug- 
mhais creideiinh agus bha mi ann am aon air a 
thilgeadh air falbh agus caillte. Ni h-eadh, 
arsa mise, ma bhios a' chùis mar sin cha-n 
fheuch mi ris fathast, ach fanaidh mi beagan ni's 
faide. 

52. Mar sin bhuanaich mi mar bha mi, gun 
fhios agam cia mar a rachadh dhomh, oir 
smuaintich mi mur an robh creideamh ach aca- 
san a mhàin a b'urrainn nithe iongantach 
mar sud a dheanamh, nach robh e agamsa, 
agus nach mò bha choltas air gu'm bitheadh e 
agam gu bràth. Bha mi air mo mhòr luasg- 
adh mar so eadar an diabhol agus main- 
eolas fèin, agus 'na leithid do dh-iomachomh- 
airle innas nach robh fhios agam ciod a dhean- 
ainn. 

53. Mu'n àm so, bha staid shona a' phobuìl 
bhochd ud ann an Bedford air a nochdadh 
dhomh ann an gnè do thaisbeannadh mar so ; 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 39 

channaic ral mar gu'm blodh iad air slios grianach 
beinne roàrd g'an ùrachadh agusgu'n neartach- 
adh fèin fo ghathan taitneach na grèine ; feadh 
a bha mi-fèin air chrith, agus a' crùbadh anns 
an fhuachd, air mo leireadh le sneachda, reodh- 
adh. agus neòil dhorcha; air leam mar an 
ceudna gu'm faca mi balla eadar mi-fèin agus 
iadsan, ag iathadh mu thimchioll na beinne : a 
nise bha mòr dhèidh aig m'anam air faotainn 
air taobh a steach a' bhalla so, a' co-dhimadh 
na'm faighinn thairis gu'n tugainn mar an 
ceudna sòlas dorah fèin la blàthas an grèine- 
san. 

54. Air leam gu'n deach mi timchioll a' 
bhalla so a rithist, agus a rithist, s! bith-ùrnaigh 
raar bha mi g imeachd a dh'fheuchainn a* 
faighinn slighe no dorus air am faodainn dol a 
steach. Ach dorus no fosgladh cha d'fhuair 
rai rè ùine ; fadheòigh chunna' mi mar gu'm 
b'eadh, bearn chumhainn mar gu'm biodh dorus 
beag air a' bhalla, agus thug mi ionnsaidh air 
dol a steach air ; a nise bha'n dorus cumhann 
agus thug rai iomadh ionnsaidh air dol a steach 
ach b*ann gu diarahainn : fa dheireadh le mòr 
spàirn^ air leam gu'n d'f huair mi air tùs a steach 
rao cheann, agus an deighe sin le strìth air mo 
leath-taobh gu'n dh' fhuair mi steach mo 
ghuaillean agus mo chollainn gu h-iomlan, an sin 
bha mi anabharrach aoibhneach ; agus chaidh 
mi agus shuidh mi sios 'nam meadhon, agus raar 



40 GRAS AM PAILTEaS, &c. 

sin f huair mi solus agus sòlas o theas an grèine- 
san. 

55, A nise bha bheinn so agus am balla air 
an nochdadh a mach dhomh mar so ; bha 
'bheinn a' samhlachadh eaglais an Dè bheò, 
agus a' ghrian a dheah'aich oirre, dealradh 
a ghnùise gràsmhoir orra-san a bha chòmh- 
naidh an sin ; b'e 'm balla air leam an saoghal, 
a* cur dealachadh eadar Criosdaidhean agus 
sluagh an t-saoghail so ; agus a' bhearn a 
bh' anns a* bhalla, shaoil mi gu'm b'e sin losa 
Criosd, a ta 'na shlighe a chum Dhè an t- Athair, 
(Eoin. xvi. 6. Mat. vii. 14.) Ach o'na bha'n 
dorus iongantach chumhann, air chòr is nach 
b'urrainn mi dol a steach air ach le cruaidh 
spàirn, nochd e dhomh, nach b' urrainn aon dol 
a chum beatha, ach iadsan a bha cheart rìreadh, 
agus a dh' f hàg an saoghal aingidh air an cùl ; 
oir an so cha robh ach rùm do chorp agus do 
dh' anam a mhain, gun rùm idir ann do chorp, 
do dh' anam, agus do pheacadh. 

56, Ghabh an samhla so còmhnaidh air 
m' inntinn fad iomadh latha, agus rè na h-ùine 
sin bha mi g'am f haicinn fèin ann an còr truagh, 
caillte, ach fòs bha mi air mo bhrosnachadh gu 
mòr mhiann agus dhèidh air a bhi 'nam aon 
do'n àireamh a bha *nan suidhe anns na grian- 
ghathaibh ; A nise dheanainn ùrnaigh ge b'e 
àite anns an bithinn, cò dhiù a b' ann 'sa 'n 
taigh no sa' mhachair, agus bu ghnà leam mar 



GRaS AM PAILTEAS, &C. 



41 



an ceudna le èiridh suas cridhe a' chuid so do'n 
aon sàlm deug thar an da-f hichead a sheinn ; 
— ^' Deann tròcair orm a Dhè nan gràs," oir 
fathast cha rohh fhios agam c'àit' an robh mi. 

57. Ni mò a b'urrainn mi fathast tighinn a 
chum dearbhaidh f hurtachail gu'n robh agam 
creideamh ann an Criosd ; ach an àite sin 
fhuair mi m' anam air a bhualadh le teag- 
amhan ùra mu thimchioll mo shonais sìorruidh, 
gu sònraichte le smuaintean mar so — " Cò 
dhiù bha no nach robh mi air mo thaghadh ; 
Ach ciod ma tha latha nan gràs a nis' air dol 
seachad ?*' 

58. Leis an da bhuaireadh so bha mi fo mhòr 
àmhghar agus neo-shuaimhneach, air uairibh le 
aon diù, agus air uair leis an aon eile. Agus 
air tùs, le labhairt mu thimchioU a bhi cur mo 
thaghaidh an theagamh^ thuig mi ged a bha mi 
ann am lasair a chum na slighe a dh'ioimsaidh 
Dhè agus glòire f haotainn a mach, agus cha 
bhuaileadh ni sam bith air falbh mi uaithe so, 
gidheadh thug a' cheist so urrad do lag-mhis- 
neach dhomh, air chòr is gu'n robh mi, gu 
sònraichte aig cuid do dh'àmaibh mar gu'm 
biodh dearbh spionnadh mo chuirp air a bhun- 
tain air falbh le neart agus le cumhachd-san. 
Bha'n Sgriobtur so ann am bheachd mar an 
ceudna a' saltairt sios air m'uile mhiann ; 

'' Cha-n ann o'n tì leis an àill, no o*n tì a 
ruitheas ach o Dhia a ni tròcair," Rom. ix. 16. 

59. Leis an Sgriobtur so cha b'urrainn mi 

E 



42 GRAS AM PAILTKAS, &C. 

innseadh ciod a dheanainn : oir chunnaic mi 
gu soilleir, mar a d' rinn Dia o shaor-thoil 
fèin mo thaghadh gu bhi ann am shoitheach 
tròcair, ged do dh'iarrainn agus a mhiannaich- 
inn, agus a dh'obraichinn gus am briseadh mo 
chridhe, nach tigeadh math sam bith dhomh. 
Uime sin leanadh so rium. ''^Cia mar is 
urrainn thu innseadh gu'm beil thu air do 
thaghadh ? agus ciod nar a h-eil ? Cia mar an 
sin a ni thu ?" 

60. O Thighearn', arsa mise, ciod dè mar a 
h eil da-rìreadh ! Theagamh nach eil thu ars 
am buaireadair ; faodaidh a' chùis a bhi mar 
sin gu deimhinn, arsa mi-fèin. Ma ta, arsa 
Sàtan, is co math dhut leigeadh dhiot, gun a 
bhi strith ni's faide ; oir mar a h-eil thu da- 
rìreadh air do thaghadh agus air do roghnachadh 
leDia,chan-eil dòchas gu m bi thuair do thearn- 
adh, " oir, cha n ann o'n tì leis an àill, no o'n 
tì a ruitheas, ach o Dhia a ni tròcair.'' 

61. Chuir na nithe so m' uile chiall gu dhùbh ^ 
lan, gun f hios agam ciod a theirinn^ no cia mar a 
dh'fhreagrainn na buairidhean so, Gu dearbha 
bu bheag a shaoil mi gu'm b'e Sàtan a rinn mo 
bhualadh mar so, ach a mhain gu'm b e mo 
ghliocas fèin a' cheist so a chur ; oir gu'm b'e 
an sluagh taghte mhain a fhuair beatha 
shìorruidh, chreid mi so gu'n teagamh, ach 
gu'm bu mhi-fèin a h-aon diù, b'e sin a' cheist. 

62. Mar so, uime sin, rè iomadh latha, bha 
rai fo mhòr chàmpar, agus bha mi cho liugha 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 43 

uair ullamli gu sìothladh sìos le laigse 'na 
m' inntinn ; ach aon latha, an deigh dhomh a bhi 
iomadh seachduin air m èigneachadh agus fo 
lag-mhisnich leo sin, mar a bha mi toirt suas 
deò dheireannach m'uile dhòchais gu'n riuginn 
gu bràth beatha, thuit an smaoin so le cud- 
throm air m' inntinn, " Sheall ris na linntean o 
shean, agus faic, an robh aon neach riamh a 
chuir a dhòchas ann an Dia fo amhluadh." 

63. Thug so mòran misnich do'm'anam, oir 
bha e aìg an dearbh àm air eadar-mhìneachadh 
dhorah : ^' Tòisich aig tiìs Leabhar na Gineal- 
achd, agus leugh gu deireadh Leabhar an Tais- 
beanaidh a dh'fheuch am faigh thu gu'n robh 
aon duine riamh ann a dh'earb às an Tighearn* 
agus a chuireadh gu amhluadh." Mar so, air 
dhomh dol dachaigh chaidh mi air ball a 
dh'ionnsaidh a' Bhìobaill a dh'fheuchainn am 
faighinn na briathran sin, gu'n teagamh sara 
bith agara à faotainn^ oir bha e le leithid do 
neart agus do chomhfhurtachd air m' inntinn, 
air chor is gu'n robh mi mar gu'ra biodh e 'labh- 
airt riura. 

64. Seadh mata, dh'fheuch mi air a shon ach 
cha d'f huair mi e ; ach a mhain leaìi rium, 
gu'm feùraichinn don cheud duine math a 
thachradh rium, agus a rithist ris an ath fhear, 
an robh f hios aca c'àit' an robh e, ach cha robh 
fhios ac' air a leithid do dh'àite, Agus so 
b ìoghnadh leam, gu'n tigeadh an leithid do 
bhriiithran cho aithghenrr, agus le leithid do 



44 GRAS AM PAILTEAS, &C 

chomhfhurtaclid agus do neart a ghlacadhmo 
chridhe, agus a' ghabhail còmhnaidh air ; agus 
fathast nach b'urrainn duine fhaotainn, (oir 
cha robh teagamh agam nach robh e anns an 
Sgriobtur Naomha.) 

65. Bhuanaich mi air m'aghaidh mar so 
barrachd a's bliadhna, agus cha b'urrainn dhomh 
an t-àit' f haotainn ; ach fa dheòigh air dhomh 
sùil a thoirt air Leabhraichean an Apocrapha, 
fhuair mi e ann an Leabhar Ecclesiasticuis, 
anns an dara caibidil, 'san t-seachdamh rann 
deug. Thug so air tùs beagan do lag-mhisnich 
dhomh ; a chionn nach robh e anns na sgrìobh- 
aidhean sin a bh' air a meas naomh' agus sois- 
geulach ; fòs a thaobh gu'm be na briathran so 
sùim agus brìgh iomadh do na geallaidhean, be 
mo dhleasanas comhfhurtachd a ghabhail uapa, 
agus tha mi a' beannachadh Dhè air son an 
fhacail ud, oir b' fhacal math e, Tha'm 
facal ud fathast gu tric a' dealradh roi' 
m' aghaidh. 

66. An deigh so thàinig an teagamh eile le 
neart orm, *' Ach ciod ma tha latha nan gràs air 
dol seachad. Ciod ma leig thu àm na tròcair 
seachad V A nis' is cuimhne leam^ aon latha, 
air dhomh a bhi falbh air feadh na dìàthcha, 
gu'n robh mi fo mhòr smuaintean mu'n ni so, 
'' Ach ciod ma tha latha nan gràs air dol seach- 
ad ?" Agus a chum mo thrioblaid an-tromach- 
adh, thug am buaireadair a' chuideachd mhath 
so ann an Bedford gu mo chuimhne, agus thug 



GKAS AM PAILTEAS, &0 45 

e chagair so dò'm ionnsaìdh, A thaobh gu n 
robh iad sin air an iompachadh cheana, gu m 
b'iad na h-uile a thearnadh Dia anns an 
àite so ; agus gu'n tàinig mi ro anmoch, 
agus gu'n d' f huair iadsan am beannachadh 
Hiu'n tàinìg mise. 

67 A nise bha mi ann an àmhghar mòr, a' 
smaointeach gu'm faodadh a' chùis a bhi mar 
sin gu dearbha, uime sin, shiubhail mi sios a' s 
suas 'd! caoidh mo staid thruagh, air son seasamh 
air falbh cho fad' so, agus air son cho hugha 
bliadhna a' chaitheamh ann am peacadh sa 
chaith mi, òo ghnà a' glaodhaich a mach ! O 
nach ann a bha mi air tionndadh ni bu luaithe ! 
nach ann a bha mi air tionndadh seachd 
bhadhna roimhe so ! Thug e orm mar an ceudna 
a bhi fo fhèirg rium fèin, smaointeachadh mi 
bhi cho gòrach, le m'aimsir a' chaitheadh air 
falbh an diamhanas^ gus an do chaill mi fa 
dheireadh m' anam agus mo nèamh. 

68. Ach an uair a bha mi air mo shàrachadh 
leis an eagal so, agus gu'm bu ghann ab'urrainn 
mi ceum tuiUeadh a dbeanamh, dìreach anns a' 
cheart àit anns an d'fhuair mi a' mhisneach 
roimhe, thàinig na facail so a' steach gu m'inn- 
tinn ; '' A Thighearna rinneadh mar a dh'òrd* 
uich thu, gidheadh, tha àitefalamh ann fathast, 
— co èignich iad gu teachd a steach, chum gu'ra 
bi mo thigh air a lionadh." (Luc. xiv. 22, 23.) 
Bha na briathran so, *' tha àile falamk sliìu 
iathast/' nam briathran ro mhilis leamsa, oir gu 
f rinneach, shaoil mi 'nuair a labhair an Tigli- 



43 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

earn' losa na briathran so, gu n do chuimhnich e 
ormsa ; agus gu'n robh f hios aige gu 'n robh an 
t-dm a' tighinn, anns am bithinn air mo chràdh 
le eagal, nach robh àit' air fhàgail dhomh 'na 
uchd, agus gu'n do labhair e na briathran so 
roi' làimh, agus gu' n d' fhàg e sgrìobht' iad a 
chiìm agus gu'm faighinn sa còmhnadh uapa, an 
aghaidh a bhuairidh thruaillidh so. Chreid mi 
so gu deimhin aig an àm ud. 

69. Ann an solus, agus ann am misneach 
nam briathran ud, chaidh mi greis mhath air 
m' aghaidh, agus bha mo chomhfhurtachd 
ni bu mò, 'nuair a smaointich mi gu'n do 
labhair an Tighearn losa iad a dh'aon 
ghnothach air mo sgàth-sa, oir shaoil mi da- 
rìreadh gu'n do labhair e iad a chum misneach 
a thoirt dhomh leo. 

70. Ach cha robh mi a dhVasbhuidh mo 
bhuaidhridhean a chum dol air m'ais ; buaidh- 
ridhean, tha mi 'g ràdh, araon o Shàtan, o mo 
chridh fèin, agus o luchd-eòlais feòlmhor ; ach 
buidheachas do Dhia, thugadh buaidh orra sin 
leis a bheò-mhothachadh sin a bh' agam mu 
thimchioll bàis, agus latha 'bhreitheanais, a 
dh' f han, mar gu'm b'eadh do ghnà ann am 
shealladh, smaointìchinn gu tric mu thimchioll 
Nebuchadnesair, mu'n diàbhradh ; " Thug an 
Dia is àirde dha rìoghachd, mòrachd, glòir, 
a^^^us onair, agus air son na mòrachd a thugadh 
dha bha crith air na h-uile shluagh," &;c. (Dan. 
V. 18, 19.) Gidheadh, arsa mise, mafhuair an 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 47 

duine mòr ud uile chuibhrionn anns an 
t saoghal so, chuireadh aon uair ann an tein- 
ifrinn gach ni dhiù sud às a chuimhne. Bha 
na smaointean so nam mòr hhuannachd 
dhomh-sa. 

71. Theab mi bhi air mo thoirt mu'n àm so 
gu rud èigin fhaicinn mu thimchioll nan 
ainmhidhean a mheas Maois glan agus neo- 
ghlan ; shaoil mi gu'm bu shamhlachan air 
daoine na h-ainmhidhean so, gu'n robh na 
h-ainmhidhean glana 'nan samhlachan air 
pobull Dè ; agus na h-ainmhidhean neo ghlan 
nan samhlachan air clann an aon-eucoraich. 
A nise leugh mi, " gu n cnàmhadh na h-ainmh- 
idhean glana an cìr," se sin arsa mise, tha so a* 
nochdadh dhuinn, gu'm feum sinn, beathachadh 
air facal Dè ; '' roinn iad an iongha" mar an 
ceudna, shaoil leara gu'n robh sin a' ciallachadh 
gu'm feum sinn dealachadh mas a h-àill leinn a 
bhi air ar tearnadh ri sligheachan dhaoin' ain« 
diadhaidh. Agus raar an ceudna, air dhorah 
leughadh ni b' fhaid' air ra' aghaidh mu'n 
timchioU, chunnaic mi, ged a chnàraharaaid 
a' chìr mar a ni rahaigheach, na'n siùbhlaraaid 
le spàig raar a ni'n cù, oir ged do roinneadh- 
maid an ionga raar a ni rahuc ; gidheadh raar 
a cnàmharaaid a' chìr raar a ni 'n chaora, gu'n 
robh sinn fathast a dh'aindeoin gach ni neo- 
ghlan : oir shaoil rai gu'n robh a' rahaigheach 
'na sàrahla orrasan a labhair rau thirachioU an 
fhacail, gidheadh, a bha falbh ann an slighe a' 



48 GRAS AM PAILTEAS &C. 

pheacaidh ; agus gu'n robh a' mhuc coltach 
ris an tì a bha dealachadh ri tru illeachd o'n leth 
arauigh,ach a bhafòs aseugmhais facal a'chreid- 
eimh, niàs eugmhais nach b' urrainn seòl abhiair 
slàint fhaotainn, a dh' aindeoin cho chràbhach 
's d'am bi duine. (Deut. xiv.) An deigh so 
fhuair mi mach le leughadh an fhacail gu m feuni 
iadsan a bhios air an glòrachadh maille ri 
Crìosd ann an saoghal eile '' a bhi air an gairra 
leis anns an t-saoghal so/' air an gairm, a chum 
a bhi nan luchd-compairt do roinn de fhacal 
agus de fhìreantachd, agus a chura corafhurt- 
achd àgus ceud thoradh an spioraid, ni a ta da 
rìreadh ag ullachadh an anma, fa chomhair aii 
t-suaimhneis sin, agus dachaigh na glòire, a ts. 
anns na nèamhaibh shuas, 

72. An so a rithist bha mi ann an ioma- 
cheist mhòir, gu'n fhios agam ciod a dheanainn 
le eagal nach robh mi air mo ghairra ; oir arsa 
raise riura-fèin, mar a h-eil mi air rao ghairm 
ciod a ni raath dhomh a nis' ? Ach 01 cia 
mar a ghràdhaich mi nise na briathran sin a ta 
labhairt mu ghairm a' Chriosdaidh ! mar 'nuair 
a thuirt an Tighearna ri aon roimhe " Leau 
raise, agus ri aon eile." '' Thig am dheigh." 
Agus O ! arsa mise, nach ann a theireadh e 
mar sin rium-sa mar an ceudna^ agus bu deònach 
a ruithinn às a dheigh. 

73. Cha-n urrainn mi aig an àm so, an fhad- 
achd agus a' phlosgartaich anma leis an d'iarr, 
nii air Criosd mo ghairm, a chuir an cèiU le 



GRAS AM PAILTRAS, &C. 49 

cainnt. Bhuanaich mi mar so re ìiine le 
m'inntinn air lasadh gu hhi air m' iompachadh 
chum losa Criosda ; agus chunnaic mi air an 
latha sin a leithid do ghlòir ann an staid iom- 
paichte, is nach b' urrainn mi bhi toilichte gu'n 
mo chuibhrionn fèin d'i, — O ! na'm b'urrainn 
i bhi air a faotainn air son òìr, ciod a bheirinns' 
air a son. Ged a bhiodh agams' an saoghal gu 
lèir, rachadh e uile deic mìl' uair seachad air son 
so, gu'm biodh m'anam am an staid iompaichte. 

74. Cia ionmhuinn a nis' a bha gach aon 
'nam shealladh, a shaoil mi bhi 'nan daoine agus 
'nam mnathan iompaichte I Bha iad ag amharc 
agus a' gluasad mar mhuinntir a bha giiìlan 
seula leathan nèamh mu 'n timchioll, O ! chun- 
aic mi gu'n do ^' thuit an roinn daibh ann an 
ionadaibhaoibhneach,agus gu'n robh oighreachd 
thaitneach acaj* (Sàlm xvi.) Ach b'e 'n ni a 
dh' fhàg gu tinn mi, mar a rinn Criosd ann 
an Soisgeul Mharcuis, " Agus chaidh e suas 
gu beinn, agus ghairm e iadsan a b'àiU leis ; 
agus thàinig iad d'a ionnsaidh." Marc. iii. 
13. 

75. Dh' fhàg an Sgriobturso mi fann fo eagal, 
gidheadh bheothaich e teine 'nam anam. Be'n 
ni a chuir fo eagal mi so, eagal nach biodh gaol 
aig Criosd dhomh, oir ^' ghairm e iadsan a 
b' àill leis." Ach ! rinn a' ghlòir a chunnaic 
mi anns an staid sin, a leithid do ghreim air mo 
chridhe do ghnà, ionnus gur gann a leugh mi mu 
thimchioll aon sam bith a ghairm Criosd gun 
mhiannachadh air ball mar so ; " 'S truagh nach 



50 GHAS AM PAlLTliAS, &C. 

robh mise 'nan tmsgan, 's trua^h nach robh 
mis' air mo bhreith ann am Pheadar ; 's truagh 
nach robh mi air mo bhreith ann am Eoin ; oir, 
s truagh nach robh mi ann am sheasamh dlù 
dha chum a chluinntinn, 'nunir a ghairm e iad, 
Cia mar a dh' èighinn, O Thighearna gairiii 
mise mar an ceudna ! Ach O ! bha eagal orni 
nach gairmeadh e mi/' 

76. Agus gu fìrinneach leig an Tighearna 
leam dol air m' aghaidh an urrad so do mhìosan, 
agus cha do nochd e aon ni dhomh ; a dh' aon 
chuid gu'n robh mi chean' air mo ghairm, no 
gu'm bithinn air mo ghairm an deighe so ; ach 
fa-dheòigh, an deigh dhomh moran ùine chaithe 
agus iomadh gearan a dheanamh ri Dia gu'm 
biodh compairt agam do'n ghairm naomh' agus 
nèamhaidh ; thàinig am facal so do'm ionnsaidh: 
*' Agus glanaidh mise am fuil san nach do ghlan 
mi ; agus gabhaidh an Tighearna còmhnaidh 
ann an Sion/' Air leam gu n ròbh na briathran 
so air an cur a chum misneach a thoirt dhomh 
gu feitheamh do ghnà air Dia ; agus a' cur an 
cèill dhomh, mar an robh mi chean' air mo 
ghairm, gidheadh. gu'm faodadh, an ìiin tighinn, 
agus gu'm faodainn a bhi da-rìreadh air mo 
thionndadh gu Criosd. 

77- Mu*n àm so thòisich mi air leigeadh 
TTi inntinn ris do'n mhuinntir bhochd ud ann 
am Bedford^ agus air mo chòr innseadh dhaibh ; 
agus 'nuair a chual iad ma a bha, dh' innis iad 
do Mr. Gifìord mu mo dhèibhinn, agus thc-ìinÌT; 
e labhairt nir>^, a^us shaoil e gu math mu'm 



GRAS AM TAILTEAS, &C. 51 

thimcbioll. ged air leam gu'm b'ann o fliirbheng 
aobbair, agus thug e cuireadh dhomh a chum a 
tbaighe, far an cluinninn e còmhradh ri muinn- 
tir eile mu thimcbioU dèiligeadh Dhè r'a n-anm- 
annan, ni o'n dh' fhuair mi tuilleadh dearbh- 
aidh, agus o'n uair sin thòisicli mi air faicinn 
ni-eigin do dhiamhanas agus do thruaighe mo 
dhroch cridhe fèin o'n leth a* steach. A nise 
fbuair mi gu soilleir, gu'n robh ana-miannan 
agus truailleacbd ga'n cur fèin a mach an leth 
an steach dhomh^ le droch smuaintean agus 
miann, do nach tug mi roimhe sin an aire. 
Thòisich mo dhèidh air nèamh agus air beatha 
air fàilinn ; fhuair mi mar an ceudna far an 
robh m' anam roimhe sin a' gabhail fadachd an 
deigh Dhè, thòisich e nise air iarraidh an deigh 
gach diamhanais gòrach ; seadh, cha bu chom- 
àsach mo chridhe air ghluasad a chum cuimh- 
neachadh air an ni sin a bha math ; thòisich 
e air a bhi neo-chììramach agus coma mu 
tbimchioU m' anma agus nèamh ; bbiodh e nise 
do gbnà a' fuireach air ais, araon a chum gach 
dleasanJ^is, agus anns gacb dleasanas, agus bha e 
mar spearrach air casan eòin a chum a chumail 
o itealaich. 

78. Ni h eadh, shaoil mi nise gu'n d' fhàs 
mi ni's mios' agus ni's miosa, a nise bha mini's 
faide bho iompachadh na bha mi riamh roimhe, 
uime sin thòisich mi air siothladh sios gu mòr 
*nam anam, agus ag altrum Idg-mbisneach ann 
an^ chridhe, ni a rinn mo leagadh sios cho iosal 



52 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

ri ifrinii, cha b* urraìnn mi chreidsinn gu'n robh 
^aol aig Criosda dhomh ; mo thruaighe ! cha 
b* urrainn mi dh' aon chuid a chluinniinn no 
fhaicinn, no mhothachadh, no taobh a chumail 
ri aon ni a bhuineadh dha ; bha mi air m' iom- 
ain marle doinionn; bhitheadh mo chridheneo- 
ghlan, agus ghabhadh na Canaaneiich còmh- 
naidh san tìr. 

79. Air uairean dh'innsinn mo chor do 
phobull Dè ; agus 'nuair a chluinneadh iad mar 
bha, ghabhadh iad truas rium, agus dh'innseadh 
iad dhomh mu thimchioll nan geallaidhean ; 
ach bu cho math dhaibh innseadh dhomh gu'n 
ruiginn air mo mheòirean a chuir air a ghrèin, 
ri iarradh orm gabhail ris na geallaidhean, no 
earbsa chuir annta ; bha m' uile cheud fath 
agus mhothachadh 'nan aghaidh, agus chunnaic 
mi gu'n robh agam cridhe gu peacachadh, agus 
a laidh fo lagh a dheanadh a dhìteadh. 

80. Thug na nithe so orm smaointeachadh 
gu tric' air an leanabh, a thugathair a dh'ionns- 
aidh Chriosd ; " Agus am feadh a bha e fathast 
a' teachd, thilg an deamhain sìos e, agus reub se 
e^ agus thuit e air an talamh, agus hha e 'ga 
aoirneagan fèin agus a' cur cobhar às a bheul." 
Luc. ix. 42. Marc. ix. 20. 

81. Osbarr, anns na lathaibh so, gheibhinn 
mo chridhe ga dhùnadh fèin suas an aghaidh 
an Tighearn', agus an aghaidh f hacail naomha ; 
f huair mi m' as-creideamh mar gu'm b'eadh a 
cur a ghuaillean ris an dorus a chum a chumaii 



GRAS AM PaILTEAS, &C. 53 

a mach. agus sin, eadhon an uair a dh'èigh mi 
le iomadh osna ghoirt : — " A dheagh Tbigh- 
earna bris fosgailt e, a Tbighearna bris na geat- 
achan umha^ agus gearr sios na croinn iaruinn !" 
(Sàlm cviii. 16.) Fòs bheireadh am facal so 
lasadh sìthe do'm chridhe ; — '' Crioslaichidh mi 
thu agus tha thu aineolach orm !'' Isa. xlv. 5 

82 Ach rè na h-ùine so^ cha robh mi riamh 
na b'anmhainne ann an cuir peacaidh an gniomh 
na bha nii 'nuair sin ; bha mo chogais a nise 
goirt, agus bhiodh i air a ciiirradh leis gach ni 
bhuineadh dh'i. Charobh fhios agam cia mar a 
labhrainn le eagal gu'n cuirinn mo bhriathran 
às an àite fèin, O cia cho cùramach sa ghluais 
nii ^nuair sin, anns gach ni a rinn no thubhairt 
nii ! fhuair mi mi-fèin mar ann an sùil-chrith- 
ich, a' chrith n'am be 's gu'n gluaisinn, agus 
niar gu'n bithinn air m' fhàgail ann an sin le 
J)ia, le Criosd, leis an Spiorad^ agus leis gach 
uile ni math. 

83. Ach thug mi fainear, ged a bha mi ann 
am pheacach cho fuathasach roi' àm m' iompach- 
aidh, gidheadh, nach do chuir Dia cionta peac- 
annan m' aineolais gu mòr as mo leth, a 
mhain nochd e dhomh gu'n robh mi caiUte, mar 
an robh Criosd agam, a thaobh gu'n robh mi 
ann am pheacach, chunnaic mi gu'n robh mi 
as eugmhais ionracas foirfidh chum mo thais- 
beanadh gun lochd an làthair Dhè, agus nadi 
robh an t-ionracas so r'a f haotainn an àite sam 
bith eile, ach ann aai pearsa losa Criosd a mhain, 
F 



54 GHAS AM PAILTEAS, &C. 

84. Ach Tno thruailleachd gine o'n leith a 
steach, be sin m' àmhghar agus mo dhuilichinn, 
gu'n do laidh a' chiont orm gu h-iongantach, 
uime sin, bha mi ni bu ghràineile ann am làth- 
air fèin na mhial-mhàgach, agus shaoil leam 
gu'n robh mi mar sin an làthair Dhè mar an 
ceudna ; ghaoileadh peacadh agus truailleachd 
às mo chridhe (deir mise) cho nàdurrach sa 
ghoileadh uisg' à fuaran. Shaoil mi nise gu'n 
robh cridhe aig gach duine n'a b'fhearr na 
bh'agamsa, shaoil mi nach b'urrainn do neach 
sam bith ach do'n diabhol fèin a bhi suas rium 
ann an aingeachd 'san leith a steach, agus ann 
an truailleachd inntinn ; Thuit mi uime sin, air 
dhomh sealladh f haotainn air mo thruailleachd 
fèin, gu trom an an-dòchas, oir cho-dhùin mi, 
nach seasadh an cor so anns an robh mi ri 
staid gràis. Gu cinnteach, arsa mise, tha mi air 
mo thrèigsinn le Dia, gu cinnteach tha mi air 
mo thoirt thairis do'n diabhol, agus do dh'inn- 
tinn mhi-chèillidh ; agus bhuanaich mi mar so 
ùin mhòr, eadhon fad' bUadhnachan. 

95. Am feadh a bha mi mar so, fo àmhghar 
le eagal mo dhamnaidh fèin, bha dà ni a bha 
cuir mòr iongantais orm, b'e aon ni dhiù sin, 
'nuair a chithinn seanna mhuinntir a' ruith gu 
dian an toir air nithibh na beatha so, mar gu'm 
faodadh iad a bhi beò an so do ghnà ; be'n ni 
eile 'nuair a chithinn luchd-aidmheil diadhachd 
fo mhòr chàmpar agus air an leagadh sìos, 
'nuair a thàinig calldachd o'n taobh a mach 'nan 



GRAS AM PAILTEAS^ &C. 55 

caramh, mar tha call cbmpanaich mna-pòsta, 
no leinibh, agus mar sin sìos. A Thighearn 
(arsa mise) nach be 'n othail e air son nithibh 
feòlmhor, le cuid, agus nach ann air cuid eile 
tha'm bròn air son iad sin a chall 1 ma tha iad- 
san a' deanamh uibhir do shaothair an deigh 
nithibh na beatha so a ta làthair, agus a* sileadh 
na h-urraid do dheòir air an son, ciod an truas 
is ion a ghabhail riumsa le guidhe às mo leth 1 
Tha m'anan a' bàsachadh, tha m'anam ga dhìt- 
eadh. Nan biodh m'anam, ann an deagh chor, 
agus n'an bithinn-sa cinnteach às. cia cho 
saibhir sa mheasainn mi-fèin, ged nach biodh 
agam le beannachadh Dhè, ach aran a's uisge, 
cha mheasainn iad sud ach ^nan àmhgharan 
beaga, agus ghiùlaininn iad mar uallaichean 
beaga ; " Ach cò is urrainn spiorad briste a 
ghiùlain!" 

86. Agus ged a bha mi fo mhòr thrioblaid agus 
àmhghar, le sealladh agus mothachadh air 
m'aingeachd fèin, gidheadh^ bha eagal orm an 
sealladh agus am mothachadh sin a chur gu 
buileach o'm inntinn, oir thuig mi mar an robh 
cionta cogais air a thoirt air falbh air an dòigh 
cheart, le fuil Chriosd, gu'n robh an duine air 
f às ni's miosa le thrioblaid inntinn a chall, agus 
ma dh'f halbh i air dòigh eile, (oir tha mothach- 
adh peacaidh air uairibh mar gu'm bàsaicheadh 
e agus gu'n tur thrialladh e air fàlbh), an sin 
dheanainn strìth mar an ceudna gu f haotainn air 
mo chridhe a rithist, le peanas a' pheacaidh ann 
an tein-ifrinn a thoirt a dh'ionnsaidh ra' inntinn. 



ì)Ìy GRAS AM PAILTEAS, &C. 

Bgus dh'èighinn ; — O Tbighearna ! na leig leis 
falbh dheth mo chridhe ach airan dòighcheart, 
le fuil Chriosd, agus co-chuir do thr cair trid-san 
TÌ m'anan, oir dhrùigh an Sgriobtur so gu mòr 
orm, *' oir as eugmhais dòrtadh f<ila cha n eil 
rrsathanas r a fhaotainn/' (Eabh. ix. 22.) Agus 
b'e 'n ni a's mò chuir do dh'eagal orm a thaobh 
so gu'm faca mi cuid, ara feadh a bha iad fo 
agartas cogais, a' dheanadh gul agus iìrnaigh, 
gidheadh le fuasgladh o mhothachadh o 'n 
trioblaid aig an àm, an àite mathanais air son 
am peacannan, bha iad coraa cia mar a chaill 
iad an cionta ma f huair iad e air a chuir às an 
cuimhne. A nis' air dhaibh f haotainn air falbh 
air an dòigh dhochair, cha robh e air a naomh- 
achadh dhaibh ; ach dh' f hàs iad ni bu chruaidhe 
agus ni bu doille, agus ni's ro mhiosa an deigh 
an trioblaid. Chuir so mi fo eagal, agus thug e 
r»rm èigheach ri Dia ni bu mhò, nach biodh a* 
chùis mar sin maille riumsa 

87- Agus a nise bha doilgheas orm a chionn 
Gfu'n d'rinn Dia mi ara dhuine, oir bha eagal 
orm gu'm bu chreutair mi a chuireadh air chùl; 
mheas mi an duine neo-iompaichte a bhi na 
aon hu truaighe dhe na h-uile chreutairean. 
Le bi fo àmhghar mar so mu thiorachioU a' 
chor rahuladaich anns an robh mi, mheas mi 
mi-fèin ann ara dhìobarach, agus neo-shona 
thar a chuid mhòr do dhaoine. 

88. 'Seadh, shaoil mi gu'n robh a do-dheanto 
gu'm faighinn gu bràth uibhir do dhiadhachd 
cridhe, ri buidheachas a thoirt do Dhia, a 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 57 

cliionn gu'n d'rinn e mi am dhuine. 'S e'n 
duine gu dearbh a thaobh cruthachaidh, is ro 
oirdheircdo gach uilechreutair anns an t-saoghal 
f haicsinneach ; ach le peacadh rinn se e-fèin 
ni's isle na na h-uile. Bheannaich mi cor nan 
ainmhidhean, nan eun, agus nan iasg, &c. oir 
bha iad as eugmhais nàdur peacach ; agus cha 
robh iad buailteach do chorraich Dhè ; cha 
robh iad gu dol do thein'-ifrinn an deigh am 
bàis ; b'urrainn mi uime sin gàirdeachas a 
dheanamh 'nam biodh mo chor mar aon sam 
bith dhiù-san. 

89. Anns an staid so chaidh mi greis mhath 
air m' aghaidh ; ach an uair a bha àm a' 
chomhf hurtachaidh air tighinn, chuala mi aon 
a searmonachadh air na briathran so an Dàn 
Sholaimh, '" Feuch is àillidh thu a' bhean mo 
ghaoil ; feuch is àillidh thu !" (Dàn iv. 1,) Ach 
aig an àm ud rinn e a cheann-teagaisg sòn- 
raichte dhe na facail so a bhean mo ghaoil^ agus 
'nuair a mhìnich e na b'fhaid air aghaidh, 
thàinig e chum nan co-dhùnaidhean so fa-leith ; 
— (1.) Gu'm be'n eaglais agus na h-uile 
anam sàbhailte, hean ghaoil Chriosd, 'nuair 
nach robh iad àillidh, — (2.) Gaol Chriosd gu'n 
aobhar, — (3.) Gaol Chriosd a bha air fhuath- 
achadh leis an t-saoghal, — (4.) Gaol Chriosd, 
am feadh a bha e fo bhuaireadh agus fo lèir- 
sgrios, — (5.) Gaol Chriosd o thùs gu crìoch. 

90. Ach cha d' fhuair mi ni sam bith o na 
labhair e aig an àm ; a mhain 'nuair a thàinig e 



58 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

chum cochur a' clieathraimh ni sònraichte, 
b'iad so a bhriathran ; ''' Ma tha chùis raar sin, 
gur e 'n t-anam sàbhailte bean ghaoil Chriosd, 
am feadh a tha e fo bhuaireadh agus fo lèir- 
sgrios, an sin anaim bhochd, bhuairte, 'nuair a 
ta thu air do bhualadh le buairidhean, àmhghar, 
agus falach gnùise, fòs cùimhnich do ghnà air na 
briathran so, a hhean mo ghaoil." 

91. 'Nuair a bha mi dol dachaigh, thàinig 
na briathran so a rithist a dh'ionnsaidh m'inn- 
tinn, agus is math is cuimhne leam, mar a 
thàinig iad a steach gu'n tuirt mi mar so ann 
am chridhe, '' Ciod a gheibh mis air son a bhi 
smaointeachadh air an dà f hacal so ?" Cha bu 
Juaithe chaidh na smaointean so seachad tro mo 
chridhe na thòisich na briathran so air lasadli 
suas ann am inntinn. " Is tu bean ìno ghaoil^ 
is tu bean mo ghaoil,^ fichead uair thairis, 
agus f òs mar a ruith iad tro m' inntinn, dh'f hàs 
iad ni bu treis' agus ni bu teotha, agus thug iad 
orm tùiseachadh air sealltainn suas ; agus thuirt 
mi do ghnà ann am chridhe, *' Ach am beiì sin 
fior ? am beìl sin fìor V' agus an sin thàinig an 
Sgriobtur so gu mo chùimhne, " agus cha robh 
f hios aige gu'n robh e fìor a ni a rinneadh leis 
an aingeal.'* Gniomh. xii. 9. 

92. An sin thòisich mi air toirt àite do'n 
fhàcal a rinn le cumhachd, thairis, agus thairis, 
a leithid do dh' fiiuaim an taobh a steach do 
m' anam, " Is tu bean mo ghaoiL agus cha chuir 
ni sam bith dealachadh eadar thus agus mo 



GKAS AM PAILTEAS, &C. 59 

^liaol." Agus leis a sin bha mo chridhe air a 
lionadh làn do chomhfhurtachd agus do 
dh' earbsa, agus a nise chreid mi gu 'm biodh 
mo pheacannan air a mathadh dhomh, seadh, 
bha mi nis' air mo lionadh le gràdh agus tròcair 
Dhè, ionnas (gu'm beil cùimhn' agam) nach 
robh fhios agam cia mar a chumainn orm fèin 
gus am faighinn dhachaigh ; shaoil leam gu'u 
innsinn muthimchioll aghràidh agus a thròcair 
do'mthaobh, eadhon do na feanagan a bha na'u 
laidheair antalamh-dhearg romham^ na'mbiodh 
iad comasach air mo thuigsinn ; uime sin thuirt 
mi ann am anam le mòr aoibhneas, ro mhath ma 
ta, nam biodh peann agus i?ic agam an dràsta 
sgrìobhainn an ni so sìos mu'n rachainn, na 
b fhaid' air m' aghaidh ; oir is cinnteach nach 
diochuimhnaich mi e fad an fhicheadh bliadhna 
so ri teachd ; ach mo thruaighe ! ann an ùine bu 
ghiorra na ceitheir latha deug th^isich mi air 
cur gach ni an teagamh a rithist, ni a thug orui 
tòiseachadh air rannsachadh gach cùis fathast 

93. Ach bha mi fathast air mo chuideachadh 
gu creidsinn^ g^'^ ^' fhiòr fhoillseachadh gràis 
e do 'm 'anam ged do chaiU mi mòran dhe a 
bheò agus de 'bhlas. A nise mu thuarani 
seachduin no ceithear là-deug an dèigh so, bha 
ni gu mòr air mo leantainn leis an Sgriobtur so, 
^' A Shimoin, a Shimoin, feuch, dh' iarr Sàtau 
sibhse !" (Luc. xxii. 31.) Agus dheanadh e 
leithid do dh' fhuaim air cuid do dh' uairibh au 
taobh a steach dhiom, seadh, mar gu 'm biodh 
^- 'e: èigheach cho là;dir às mo dhèiirh ioniìa*^ 



60 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

air aon ualr thar chàch uile, gu'n thionndadh 
mi mo cheann thar mo ghuaiUe a' smaointeach 
da rìreadh gu'n do ghairm neach-eigin mi, o 
thaobh mo chùil, air dha bhi fad 'air falbh, air 
leam gu'n do ghairm e cho labhar ; thàinig e, 
mar smaointich mi o'n uair sin, chum mo 
mhosgladh gu fair' agus ùrnaigh ; thàinig e 
chum a leigeadh ris domh gu'n robh neòil 
ghruamach a's doireann gu tighinn a nuas orm; 
ach cha do thuig mise sin. 

94. Fòs, mar is cuimhne leam, b'e 'n t-àm 
a dh'èigh e ruim le gairm cho labhar, an uair 
mu dhèireadh, a shèirm e ann ara chluasan, ach 
air leam gu'm beil rai a' cluinntinn fathast cho 
ro labhar sa bha 'n guth a shèirra na briathran 
so ; — " A Shìraoin, a Shìraoin,'' 'nam chluas- 
an, shaoil leara gu deirahin raar a dh' innis rai 
dhuibh roirahe gu'n do dh' èigh neach-eigin air 
mo chùlthaobh, a bha mu leth-mhir as mo 
dheigh ; agus ged nach be Siraon a b' ainm 
dhorah, gidheadh thug e ovra sealltainn gu grad 
air mo chùlthaobh, a' creidsinn gu'n robh an 
tì a dh' èigh cho labhar ga mo chiallachadh-sa. 

95. Ach bu cho gòrach agus aineolach mise, 
is nach b' aithne, dhomh aobhar an f huaime so ; 
(ni araon a chunnaic agus a mhothaich mi goirrid 
an deigh sin, gu'n robh e air a chuir o nèamh 
mar rabhadh, chum mo mhosgladh fa chomhair 
na bha gu tighinn,) ach a mhain bhithinn a 
smaointeach, le iongantas 'nam inntinn, ciod bu 
cheann-fath do'n Sgriobtur so, agus air an dòigh 
sogu'm bhiodh e cho tric agus cho labhar a' sèinn 



GRAS AM PAILTEAS, &C. (i 1 

aorus ri fuaim ann am chluasan ; ach mar a 
thubbairt mi roimhe, chunnaic mi an ùine 
ghearr an deigh sin a' chrìoch a bh' aig Dia 
air a shon. 

9(1 JMu thuaram mìos an deigh sin, thàinig 
stoirm ro mh^ r a nuas orm. ni a làimhsich mi 
fichead uair ni bu mhiosa na gach ni a thachair 
rium roimhe ; thàinig e orm gu'n fhios, an 
drà^ta le aon chuid, agus a rithist le cuid 
eile. Air tiìs, bha m uile chomhfhurtachd 
air a bhuntain air falbh i^am, an sin ghlac 
dorchadas mi, an deigh sin, chaidh dìle iomlan 
do thoibheuman, araon an aghaidhDhè, Chriosd, 
agus nan Sgriobturan, a dhortadh air m'inntinn, 
a chum mo mòr thrioblaid agus amhluaidh. 
Be toradh nan smaointean toibheumach so, 
teagamhan a dhiisgadh suas ann am inntinn, 
an aghaidh dearbh bhith Dhè, agus an aghaidh 
aon Mhic a ghràidh ; ma, cò-dhiù a bha na 
nach robh da rìreadh Dia no Criosd ann ? agus 
cò-dhiii a bha'n Sgriobtur 'na sgeula meallta 
no 'na fhacal naomha, fiorghlan Dhè ? 

97. Bhuair am buaireadair mi mar an 
ceudna gu mòr leis a so, — '^ Cia mar as urrainu 
thu innseadh, nach robh Sgriobtur cho math aig 
na Tùrcaich gu dhearbhadh gu'm be Mahomet 
an Slànaighear, 'sa th' againne gu dhearbhadh 
gur e losa e? Agus am burrainn mise 
smaointeachadh gu'm biodh cho Hugha deich 
niìle anns gachiomadh d^;thaich agus rìoghachd 
as eugmhais eòlais na slighe cheart gu nèanih 



62 GRAS AM PAILTEAS, (i'C. 

(ma bha nèamh da rìreadh ann :) agus gu'm be 
sirme mhain a bha chòmhnaidh ann an cearn 
do'n t-saoghal a bha air ar beannachadh leis ? 
Tha gach neach a' smaointeachadh a chreideamh 
fèin a bhi ni's fearr, araon Iudhaich> Innsean- 
aich, Daoine-dhubha, agus Pàganaich, agus ciod 
mar ah-eil ar n uilechreideamh-ne, agus Criosd, 
agus na Sgriobturan ; ach nan ni smaointichte 
mar an ceudna." 

98. Air uairean bheirinn ionnsaidh air reu- 
sonachadh an aghaidh nan smaointean so, agus 
cuid do bhriathran Phòil bheannaichte chuir 
'nan agaidh, ach mo thruaighe ! mhothaich mi 
gu grad, gu'm pilleadh argamaidhean mar so a 
rithist do m ionnsaidh, air an dòigh so. — '* Ged 
do chuir sinn uibhir earbs' à Pòl agus à 
bhriathran, fcs cia mar a b'urrainn mis' innseadh 
ged a bha e 'na dhuine geur-chùiseach agus 
glic anns gach gniomh nach faodadh e bhi air 
a thoirt suas do mealladh, le doiU-inntinn threin, 
agus mar sin e shaoithreachadh a chum a cho- 
chreutairean a mhilleadh agus a sgrios." 

99. Rinn na smuaintean so maiUe ri iomadh 
eile, (nach abair mi aig an àm so, agus nach 
faod mi rùdh araon le briathran no peann), a 
leithid do ghreim air m' inntinn, agus dhrùigh 
iad cho trom air mo chridh araon le lionmhor- 
achd, le sìor bhuantas, agus an le'n neart, is 
gu'n mhothaich mi mar nach biodh ni sam bith 
eile an taobh a steach dhiom ach so bho mhad- 
ainn gu oidhche, agus gu dearbha mar nach 



GRAS AM PAILTEAS^ &C. 63 

biodh rùm aTin do ni sam bith eile, agus eho- 
dhuin mi mar an ceudna, gun tug Dia le fior 
chorraich ri m' anam, mise thairis dhaibh, gu 
bhi air m* iomchair ar falbh leis mar le ioma- 
ghaoith threin. 

100. A mhain leis an droch bhlas a thug iad a 
dh'ionnsaidh m'inntinn, mhothaich mi gu'n robh 
ni-eigin a leìth a staigh dhiom a bha diùltadh 
gabhail riù, Ach cha robh na smaointean so 
agam ni b' f haide na 'n tràth a cheadaicheadh 
Dia dhom mo shile shlugadh^ oir dheanadh 
fuaim agus neart nam buairidhean so, mar 
gu*m b'eadh, gach uile smaoin agus chuimh- 
neachadh dhù sin a bhàthadh agus a chomh- 
dach thairis. Am feadh a bha mi anns a bhuair- 
eadh so bu tric a f huair mi m'inntinn leis air 
a bhrosnachadhgu mionachadh agusmallachadh, 
no gu nithe fuathasach aingeadh a labhairt an 
aghaidh Dhè^ no Chriosd a Mhac, agus an agh- 
aidh nan Sgriobturan. 

101. A nise shaoil mi, gu cinnteach gu'n robh 
deamhan annam, air àmannan shaoilinn gu'n 
rachainn às mo chèill, oir an àit' an Tighearna 
Dia a mholadh agus a ghlòrachadh maille ri 
muinntir eile ; 'nan cluinninn a bhi labhairt mu 
thimchioll, ghrad bhruchdadh toibheum uabh- 
asach a mach à mo chridhe 'naaghaidh ; ionnas 
cò dhiù a smuaintichinn gu'n robh Dia ann, no 
rithist nach robh a leithid ann idir, cha 
b'urrainn mi gràdh no sìth noaigneadh gràsmhor 



64 Gi^AS AM PAILTEAS, &C. 

sam bith a mhothachadh an taobh a steach 
dhiom. 

102. Chuir nan nithe so sios mi ann an ea- 
dòchas domhainn ; oir cho-dhùin mi nach bu 
chomasach a leithid so a bhi r a fhaotainn nam 
measg-san a thug gràdh do Dhia, Bu tric a 
shamhlaich mi mi-fèin nuair a thigeadh am 
buaireadh so le neart orm ri leanabh a thog 
bana-cheard shiubhail suas 'na glacaibh, agus a 
^hoide i air f àlbh le ainneart o chàirdean 
agus o dhùthaich, air uairibh bhreabainn mo 
chasan ris an làr, agus mar an ceudna sgread- 
ainn a's ghlaodhainn, ach fhathast bha mi air 
mo cheangal ri sgiathaibh a' bhuairidh, agus 
ghiùlanadh a' ghaoth air falbh mi. Chuimhnich 
mi mar an ceudna air Saul agus air an droch 
spiorad a chuir buaireas air, agus bha eagal 
mòr orm gu'n robh mo chor co-ionnan ri 
chòr-san. 1 Sam. xvi. 14. 

103. Anns na lathaibh ud 'nuair a chuala mi 
muinntir eiF ag innseadh niu thimchioll a' 
pheacaidh an aghaidh an Spioraid Naoimhe, 
bhrosnaicheadh am buaireadair mi chum am 
peacadh sin a chuir an gniomh, ionnas gu'm 
b'èigin domh sin a dheanamh, agus nach faod- 
ainn fois a ghabhail gus an cuirinn an gniomh 
^3 ; a nise cha-n fhòghnadh peacadh sam bith 
eil' ach am peacadh ud. Nam biodh e air a 
chur an gniomh le leithid so do' dh'fhacal a 
hìbhairt, an sin bha mi mar gu'm biodh mc 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 65 

bheul a' dol a labhairt an f hacail sin, co-dhiù a 
b 'àill no nach b'àiU leam sin a dheanamh ; agus 
bu cho làidir a thàinig am buaireadh sin orm is 
gur tric a chuir ni mo làmh fo mo smeig chum 
i: o bheul a chumail o fhosgladh, agus a chum na 
crìche sin, mar an ceudna, smuaintich mi uairean 
eileleumfa chomhairmochinn ann antoll òtraich 
eigin a chum mo bheul a chumail o labhairt ! 

J04. A nise rithist mheas mi staìd gach 
creutair a chruthaich Dia a bhi mòran ni 
b'f hearr na n staid uabhasach anns an robh mise, 
seadh bu toileach a bhithinn mar chù na mar 
each ; oir bha f hios agam gu'n robh iad sin as 
eugmhais peacaidh, agus nach robh anmannan 
aca gu bhi air an lèireadh fo chudthrom 
sìorruidh na h-ifrinn, mar a bha choltas air 
m'anamsa bhith. Ni h eadh, ge do chunnaic, 
agus ge do mhuthaich mi so, agus ge do, bha mi 
air mo bhriseadh am bhloidibh ; fòs 's e ni a 
mheudaich mo bhròn nach b'urrainn mi fhaot- 
ainn gu'n d' iarr mi làn-shaorta bhon truaighe 
sìn le m'uil' anam. Einn an Sgriobtur so 
m 'anam a reubadh ann an dearbh mheadhon 
nam buairidhean ud, — ^' Tha na h-aingidh 
coltach ris a' mhuir bhuairte, oir cha-n urrainn 
i bhi aig fois ; ach tha a h-uisgeachan a' 
dùsgadh a nìos slalchair agus làthaich. Cha ri'eil 
sith, deir mo Dhia, do na h-àingidh." Isa. Ivii. 
20, 21. 

105. Agus a nise bha mo chridhe air uairibh 
anabarrach cruaidh ; ge do bheirinn mìle pùnd- 
^asunnach air son deur cha b'urrainn mi h-aon 



66 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

a sbileadh ; cha b'urrainn mì, agus air uairibh 
cha robh iarrtas sara bith agam air sin a 
dheanamh. Bha mi gu mòr air mo thilgeadh 
sìos ann am inntinn 'nuair a sraaointichinn 
gu'ra be so mo chuibhrionn. Chunnaic mi 
gu'm b'urrainn cuid bròn agus caoidh a dhean- 
amh air son am peacaidh, agus b'urrainn 
muinntir eile rithist gàirdeachas a dheanamh 
agus Dia a bheannachadh air son Chriosd, agus 
b'urrainn cuid eile rithist labhairt ann an sìth 
mu facal Dè, agus cuimhneachadh air le 
gàirdeachachas ; am feadh a bhamise mhain ann 
an stòirm no'n doinionn. Chuir so sios mi gu 
mòr, shaoil mi gu'n robh mo chòr air leth^ 
dheanainn an sin mòr chaoidh air son mo 
thruaighe, ach faighinn aiste, no cuibhte 's nan 
nithe so, cha b'urrainn dorah. 

106. Feadh a mhair am buaireadh so a 
lean ruim mu thuaram bhadhna, cha b'urr- 
ainn mi featharah air aon do dh'òrduighean De, 
ach le àrahghar mòr agus goirt ; fòs bha mi 'n 
sin ni's ro mhò air rn' èigneachadh le toi- 
bheumaibh; na'm bithinn ag èisdeachd anfhacail 
ghabhadh neo-ghlaine, toibheum agus an- 
dòchas grèim orm mar chiomach ann an sin ; 
ma bha mi ri leughadh, an sin thigeadh grad- 
smaointean da'mionnsaidh chum gach ni a leugh 
mi chuir an teagamh ; air uairibh eile bhiodh 
m* aigneadh air a bhuntainn air falbh cho iong- 
antach agus a smaointeachadh air nithibh eile ; 
ionras nach robh fios, no spèis, no cuirahne 
agara air uibhir nam briathran a bha mi leugh- 
adh. 



GIIAS AM PAILTEAS, &C. 67 

107. An àm dhomh a bhi 'g ùrnaigh mar an 
ceudna, bha mi gu mòr air mo thrioblaideachadh, 
aig anàra so^ air uairibh shaoilinn gu'n robh mi 
mothachadh an nàmhaid air mo chuUhaobh a' 
tarruinn m' aodaich ; bhiodh e mar an ceudna, do 
ghnà agam aig am ùrnaigh 'g iarraidh orm crìoch 
a chuir oirre, — agus sgur^ — ag radh^ — " Greas 
ort thuirt thu gu leòir, agus na fuirich ni's faide;" 
do ghnà a' tarruinn m' inntinn air falbh. Air 
uairibh eile thilgeadh e mar an ceudna a' steach 
do 'm ionnsaidh le droch smuaintean mar iad so 
gur èigin domh ùrnaigh dheanamh ris-an, no air 
a shon ; smuaintich mi cuid a dh'uanibh air 
a so, " tuit sios,'^ no^ ^' ma thuiteas tu sios agus 
ma ni thu aoradh dhomhsa." Mat. iv. 9. 

108. Mar an ceudna, a thaobh gu'n robh 
smaointean seacharanach agam anns an dleasan- 
as so, shaoithrich mi chum m' inntinn a shoc- 
rachadh gu fois agus a suidheachadh air Dia, 
an sin shaoithrich am buaireadair le mòr spairn 
chum mo chuir air aimhreith, agus fo amhluadh 
le coltas pris, no tàirbh, no sguabaich no leithid 
sin a chuir fa chomair mo chridhe 's mo mhac- 
nieanmhuinn ; mar gu'm bu chòir dhomh ùrnaigh 
a dheanamh riìi so : riù so mar an ceudna, 
chumadh e m'inntinn air chòr is gu'n robh nii 
ionas nach b'urrainn mi smaointeachadh . air ni 
sam bith eile, no ìirnaigh chuir suas ri ni sain 
bith eile, ach riù so no ri"n leithidibh. 

109 Gidheadh air uairibh bhiodh smuain- 
tean iaidir crìdh-dhrLiteach agam mu thimchioll 



68 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

Dhè agus mu chinntichead fìrinn a Shoìsgeil ; 
Ach ! mar a cliuireadh mo chridhe e-fèin a 
raach aig na h-àraaibh sin. le cruaidh osnaich 
do-labhnirt. Bha m' anam gu h-iomlan an 
aair sin anns gach facal ; dh'èighinn le pian- 
taibh an dèigh Dhè gu'm biodh e tròcaireach 
dhorah ; ach an sin bfiithinn fo eagal a rithist, 
le faoin-srauaintean mar iad so ; bha mi'n dùil 
gu'n robh Dia a fanaid air m' ìirnaighean, ag 
ràdh, agus sin ann an lcithair nan ainglean 
naomha ; — " Tha'n t-araadan bochd, gòrach, 
truagh so, do ghnà ann ara dhèigh-sa, raar nach 
biodh ni sara bith agara r'a dheanarah ri rao 
thròcair ach a buileachadh air a leithid-sa. 
Mo thruaighe, anaira bochd ! raar a tha thu air do 
rahealladh ! cha bhuin e do neach mar thusa^ 
deagh-ghean f haotainn on Tì is àirde." 

110. An sin thàinig ara buaireadair orm mar 
an ceudna le mi-mhisneach mar so, '' Tha thu 
gu ro dhian ag iarraidh tròcair ach fuaraichidh 
mis' thu ; cha mhair am fonn inntinn so do 
ghnà, bha iomadh cho teth riutsa ann an 
spiorad ach bhàth mis an eud, (agus leis a so 
bhiodh an neach ud, 's an neach ud eile a thuit 
air falbh air an cur an làthair mo shùl.) An 
sin bhithinn fo eagal gu*n claonainn-s' air falbh 
mar an ceudna ; agus thuirt mi is math leam 
gu'n tàinig so gu ra' inntinn ; ma ta, ni rai faire, 
agus bithidh rai cho faichiUeach 'sas urrainn rai, 
" Ge do bhios tu raar sin," (arsa Sàtan,) bithidh 
mise tuilleadh is cruaidh aìr doshon,fuaraichidh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 69 

nii thu gu'n fhios dut, air mo shochair fèin, alion 
beag a's beag, ciod is mò ormsa, (ars' esan,) ge do 
bhi mi seach bliadhn' a' fuarachadh do chridhe, 
ma thèid agam air sin a dheanamh fa dheireadh ? 
Cuiridh gnàfhulasgadh leanabh càranach gu 
suain, cumaidh mi ris gu dlù, agus bheir mi 
'chùis sin is miann leam gu crìch. Ged a tha 
thu a' dian-losgadh aig an àm so, spionaidh mis 
as an teine so thu, agus fàgaidh mi fuar thu 
ann an ìiine ghearr." 

111. Rinn na nithe so mo thoirt a chum 
teanntachd mhòr, oir a thaobh is nach b'urrainn 
dhomh mi-fèin fhaotainn uidheamaichte air son 
bàsachadh aig a' cheart àm sin, shaoil mi, nam 
be is gu'm bithinn beò n'a b'fhaide gur ann a 
dh'fhàgadh sin mi n"a bu ro neo-iomcliuidh air 
son bàis, oir bheireadh ìiin' orm gach ni a 
dhì-chuimhneachadh, agus chaitheadh i air 
làlbh, eadhon gu tur o'm inntinn dearbh 
chìiimhneachadh air olc a' pheacaidh, luach- 
mhòrachd nèimh, agus am feum a bh' agam air 
fuil Chriosd a chum mo ghlanadh. Ach tha 
mi 'toirt buidheachais do dh'Iosa Criosd, nach 
tug na nithe sin orm aig an àm mo ghlaodhaich 
a lasachadh, ach 's ann a chuir e mi gu glaodh- 
aich ni bu mhò^ coltach ris an tè a thachair air 
an adhaltraiche sa mhachair ; (Deut. xxii. 27« ) 
bha iad sud na'm brjathran matha dhomhsa 
anns na lathaibh ud, an dèigh dhomh, na nithe 
ud fhulang rè tacain, " oir a ta dearbh bheaclid 
agam, nach bi bàs no beatha, no uachdaranachd, 



70 GRAS AM PAILTEAS, èCZ 

no cumhachd, no nithe a ta làthair no ta ri 
teachd, no àirde no daoimhne, no creutair sam 
bith, comasach air sinne 'sgaradh o ghràdh Dhè 
a ta ann an losa Criosd/' (Rom. viii. 38, 39), 
an sin bha dòchas agara nach deanadh saoghal 
fada mo mhilleadh, no mo chuir iomrall air 
nèamh. 

112. Bha cuiddochùl-taic agam fathast fo na 
buairidhean so, ged a bha iad gu h-iomlan aìr 
an cuir an teagamh leam ; bha so anns an treas 
caibidil do dh' leremiah air tìis 'na ni-eigin 
domh;agus is amhail a bha beachd-smaointeach- 
adh air a' chòigeamh rann do'n chaibidil sin, 
oir ge do labhair, agus ge do rinn sinn nithe cho 
olc sa b'urrainn sinn, gidheadh glaodhaidh sinn 
ri Dia, — " M' Athair is tu treòir m' òige ;" agus 
piUidh mi g'a ionnsaidh. 

113. Fhuair mi mar an ceudna air aon àm 
sealladh taitneach uaidhe so ann an 2 Cor. v. 2] , 
" oir rinn e esan do nach b'aithne peacadh 'na 
ìobairt-pheacaidh air ar son-ne chum gu'm 
bitheamaid air ar deanamh n-ar fireantachd 
Dhè ann-san." Is cuimhne leam aon latha 
air dhomh a bhi 'n-am shuidhe ann an taigh 
coimhearsnaich agus mi aig an àm gu dubhach le 
smaointeachadh air iomadaidh toibheum, agus 
air dhomh a bhi 'g ràdh ann am inntinn. — 
" Cios an stèidh a th'agamsa, a ta ann am chreu- 
tair cho truailHdh agus cho gràineil gu ràdh, 
gu'n sealbhaich mi gu bràth beatha shìorruidh ?'' 
An sin thàinig na briathran so air ball gu 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 7^ 

m' inntinn, '' Ciod uime sin a their sinn ris na 
nithibh sin ? Ma tha Dia leinn cò dh' fhaodas 
a bhi n-ar n-aghaidh ^'' (Rom. viii. 31.) Bha 
so mar an ceudna 'na chòmhnadh dhomh, " do 
bhrìgh gu'm b'eil mise beò, bithidh sibhse beò 
mar an ceudua." (Eoin. xiv. 19.) Ach cha 
robh na briathran so ach 'nan cagairibh, agus 
'nan sanasaibh, agus iad sin air an cèilidh diom- 
buan ; oir £:ed bu mhillis leams' iad f had sa mhair 
iad, cha roba orra mhain ach blas mar bh'air 
braithlìn Pheadair, bha iad air an togail suas uam 
arithist le gradaig gu nèamh, (Gniomh x. 16.) 

114. Ach an deigh sin dh' fhoillsich an Tigh- 
earna e-fèin ni bu làine agus ni bu ghràsmhoire 
dhomh, aofus gu dearbha shaor e mi, cha n-ann 
a mhain, o'n chiont a laidh air mo chogais a 
thaobh nan nithe ud, ach mar an ceudna bho'n 
dearbh thruailleachd aca, oir bha 'm buaireadh 
air a thoirt airfalbh, agus bha misair mo thoirt 
a dh'ionns ùdh mo chiall suidhicht' a rithist mar 
bha criosdaidhean eiie. 

115. Is cuimhne leam, aon latha air dhomh 
a bhi siubhal a chum na dùthcha, gu'n robh 
mi a' smaointeachadh air aingeachd v.giis 
toibheum mo chridhe, agus a' beachdachadh air 
an nàimhdeas a bha annam do Dhia ; gu'n tàinig 
an Sgriobtur so gu m' inntinn ; — " Gu'm biodh 
na h-uile air an deanamh rèidh ris-fèin trid-san 
air dha sìth a dheanamh tre fhuil a' chroinn- 
cheusaidh-san."' (Col. i. 20.) Nileisan robhmi 
air mo thabhairt gu fhaicinn a rithist sa rithisf 



72 GRAS AM FAILTEAS, &C. 

gu'n robh Dia agus m' anam mar chkirdean 
tre fhuil-san, seadh chunnaic mi gu'm b'urrainn 
ceartas Dè agus m' anam peacach a chèile 
a phògadh tre fhuil-san. Bha e so *na dheagh 
latha dhomhsa, tha dòchas agam nach, di- 
chumhnaich mi e gu bràth. 

116. Air àm eile, air dhomh a bhi 'nam 
shuidhe aig an teine anns an taighagam fèin, 
agus mi a' smaointeachadh air mo thruaighe, 
rinn an Tighearn iad so 'nam briathran prìseil 
dhomh ; — " Uime sin, a mheud 's gu'm beil aig 
a chloinn comhroinn do dh' fheòil agus do 
dh' f huil, ghabh esan mar an ceudna roinn diii 
sin ; chum tre'n bhàs gu'n claoidheadh e esan, 
aig am beil cumhachd a' bhàis, se sin an dia- 
bhol ; agus gu'n saoradh e iadsan a bha tie 
eagal a' bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa.' 
(Eabh. ii. 14, 15.) Shaoil leam gu'n robh 
glòir nam briathran so 'san àm ud 'nan laidhe 
cho tromorm, ionnasgun robh mi uair no dà uair 
ullamh gu tuitean seachad an neul am feadh 
a bha mi am shuidhe ; gidheadh, cha b'ann le 
bròn no càmpar, ach le èibhneas buan, agus 
le sìth. 

117. Mu'n àm so mar an ceudna, bha mi a' 
suidhe fo èisdeachd Mhaighstir Ghifford chòir, 
agus bha theagasg tre ghras Dè gu mhòr chum 
mo shocrachadh. Bha'n duine so ri mòr- 
shaothair chuni pobull Dè a shaoradh o na 
h-uile dheuchainnean cruaidhe agus neo fhalain 
so do'm beii sinn buailteach a thaobh nàHuir. 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 73 

Ph'iarr e oirnn aire sliònraichte *thabhairt, 
nach gahhamaid fìrinn sam hith da'r n-ionn- 
saidh air thuarara, mar uaithe sud, no uaithe so, 
no bho dhuine, no bho dhaoine sam bith ; ach 
sinn a ghlaodhaich gu treun ri Dia, gu'n dearbh- 
adh e oirnn an f hìrinn a chuireadh sios duinn 
le spiorad fèin 'na f hacal naomha, oir, ars esan, 
" Ma ni sibh air chaochla dòigh, 'nuair a thig 
buairidhean làidir oirbh, agus gun iad sud 
agaibhle fianais o nèamh, tuigibh sibh, gu'm beil 
sibh adh'easbhuidh a' chòmhnaidh agus an neart 
sin a bhios feumail chum cuir 'nan aghaidh, a 
shaoil sibh uaireigin a bhi agaibh." 

118. Bha so cho ro mhithich do m'anam, ris 
na ceud f hrasan agus ris na frasan deireannach 
'nan deagh àm fèin ; oir thuig mi, agus sin le 
fèin-f hiosrachadh dubhach, fìrinn nam briath- 
ran ud aige-san, (oir mhothaich mise, nach 
urrainn aon duine ràdh, gu sònraichte 'nuair a 
tha e air a bhuaireadh leis an diabhol, gu'm beil 
losa Criosd 'na Thighearn ach trìd an Spioraid 
Naomha). Uime sin fhuair mi m'anam tre 
ghràs gle ullamh chum an teagasg so òl a steach, 
agus aomte gu guidhe air Dia, nach ceadaich- 
eadh e dhomh a bhi dh'easbhuidh dearbhadh o 
nèamh, a thaobh aon ni a bhuineadh da ghlòir- 
san, agus do mo shonas sìorruidh fèin, oir a nise 
chunnaic mi gu soilleir, gu'n robh mòr eadar- 
dhealachadh eadar smaointeann fal' a's feòla 
agus taisbeanaidhean Dhè an nèamh, agus 
mar an ceudna, gu'n robh mor eadar-dheal- 



74 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

achaclh eadar an creideamh a ta muinntir a* 
gabhail orra-fèin do rèir gliocas dhaoine, agus 
an creideamh sin a thig le duine bhi air a 
ghiùlan d'a ionnsaidh le Dhia. Matt. xvi. 15. 
1 Eoin V. l. 

119. Ach, O ! a nise mar bha m'anam air a 
threòrachadh le Dia bho fhìrinn gu fìrinn 1 
Eadhon o bhreith agus creathall Mhic Dhe, gu 
dhol suas, agus ath-theachd o nèamh a thoirt 
breith air an t-saoghal. 

120. Gu fìrinneach, fhuair mi an Dia mòr 
ro chaoimhneil rium a thaobh nan nithe so; 
oir do rèir mar is cuimhne leam, cha robh aoii 
ni a ghuidh mi air an uair sin, a dheanamh 
aithnichte agus fhoillseachadh dhomh nach 
d' rinn e air mo shon, tha mi ciallachadh nach 
robh aon earrann do Shoisgeul an Tighearii' 
lo^a, nach do nochd e mach dhomh gu h-eagarra, 
air leam gun faca mi le làn dearbhachd o na 
ceithir Soisgeulaichean^ gniomharran iongantach 
Dhè annan losaCriosd athabhairta chumartear- 
naidh, o ghineamhuinn agus a bhreith eadhon 
gu ath-theachd gu breitheanas ; air leam gu'n 
robh mi mar gu'm bithinn d'a fhaicinn air a 
bhreith, d'a f haicinn a' fàs suas, agus a' siubhal 
tre'n t-saoghal so, o 'n chreathaill gu crann na 
ceusda, agus mar an ceundaj 'nuair a ràinig ^e 
e, chunnaic mi cho iorasal soirbh sa thug se 
e-fèin gu bhiaira cheusadh, agus air a thàirneadh 
air, air son mo pheacannan agus mo dhroch- 
ghnìomharran sa. Mar an ceundna, airdhomha 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 7^ 

blii beaclidachaclh air a thuras air thalanih, 
thaingso gu m'inntinn, — "■' Thugadh e mar uan 
a chum a chasgraidh." Isa. hii. 7- 

121. 'Nuair a bheachdaich mi mar an 
ceudna air cinntichead aiseirigh^ agus a chuimh- 
nich mi air na briathran so, — " Na bean rium, 
a Mìiuìre, oir cha deach mi fathast suas," &c. 
chunnaic mi mar gu'n leumadh e à beul na 
h-uaighe le èibhneas air son gu*n robh e air 
èiridh a rithist agus gu'n tug e buaidh thar ar 
nàimhdean uabhasach, chunnaic mi mar an 
ceudna e anns an spiorad 'na shuidhe air deas 
làmh Dhè an Athar air moshon-sa, agus chunn- 
aic mi am modh air an tig e nuas o nèamh a 
thoirt breith air an t-saoghal le glòir, agus bha 
mi air mo dhaigneachadh anns na nithibh sin 
leis na Sgriobturan so a leanas ; — (Gniomh. i. 
9, 10; vii. 56; x. 42; Eabh. vii. 24; viii. 
38; Tais. i. 18; 1 Tes. iv. 17, 18. 

1 22. Air aon àm bha mi air mo bhuaireadh 
gu fios a bhi agam, an robh an Tighearn losa 
'na dhulne, cho math sa bha e 'na Dhia, agus gu 
fìrinneach anns na lathaibh so, abradh daoine 
na thogras iad, mar a biodh e agam-sa le dearbh- 
adh o nèamh, bha gach ni mar neo-ni dhomh ; 
mheas mi nach robh mi-fèin air rao chuir sios 
ann an aon fhìrinn le Dia. Seadh, bha mi fo 
mhòr chàmpar mu n phììing so, gun fhios agam 
cionnas a gheibhinn fuasgladh ; fa-dheòigh thàinig 
so anns a' chòigeamh caibidil do Leabhar an 
Taisbeanaidh gu'm inntinn. " Affus dh'amhairc 



76 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

mi agus feucli, ann am raeadhon na rìgb-cbath- 
racb agus nan ceithir beatbaichean, agus ann 
am mheadbon nan seanair uan 'na sheasamh. ' 
Ann am mheadbon na rigb-chathracb, arsa mise, 
ann an sin tha'n Diadbachd, ann an sin tba'n 
Daonnacbd, acb, O ! air ieam gur e so a dbeal- 
raicb ! bu dbeagh dhearbbadb e so, agus thug e 
mòr tbaitneas dhomb. Hinn an Sgriobtur so 
mòr cbòmbnadb leam air a' pbùing sin ; — " Oir 
rugadb dhuirme duine-cloinne, tbugadb dhuinn 
mac ; agus bithidh an uachdaranacbd air a 
gbualainn ; agus goirear mar ainm dbetb, long- 
antacb^ Combairlicbe, an Dia cumbachdach, 
an t Atbair sìorruidb, Prionnsa na sìtbe," &c. 
Isa. ix. 6. 

123. Mar an ceudna, a bbarr air teagasg so 
Dbè 'na fbacal, ghnàthaicb an Tighearna dà ni 
a cbum mo dbaingneachadb anns an f bìrinn 
so ; be aon ni dbiù, mearacbdan nan critb- 
chreideacb, agus an t-aon eile ciont a'pbeacaidb; 
mar a cbuir na crith-cbreidicb an agbaidh na 
fìrinn, 's ann bu mbò a dbaingnaich Dia mis 
innte, le mo tbròracbadb a chum an Sgriobtuir 
sin a cbùm gu b-iongantacb suas i. 

124. B'iad na mearacbdan a bba'n sluagb so, 
ma ta, a* cumail a macb ; — (1.) Nacb b'iad 
na Sgriobturan Naomba facal Dè ; — (2.) Gu' n 
robb aig gacb duine air an t-saoghal spiorad 
Cbriosd, gràs, agus creideamb, &c.,— (3.) Nach 
do riaraich Criosd air a cbeusadb, agus a bbàs- 
aicb o cheann nan sè ceud deug bliadhna so 



GRAS AM PAÌLTEAS, &C. 77 

chaidhe, ceartas Diadhaìdh air son peacannan a 
shluagh ; — (4.) Gu' n robh feòil agus fuil 
Chriosd an leth a steach do na naoimh ; — (5.) 
Nach èireadh cuirp nan naomh agus nan ain- 
gidh a th'air an tiodhlaiceadh anns a' chladh a 
rithist ; — (6.) Gu'n deach aiseirigh nan naomh 
thairis cheana ; — (7.) Nach deach an duine sin 
losa, a bha air a cheusadh eadar an dithis 
mheirleach air Sliabh Chalbharaidh ann an tìr 
Chanaan làimh ri ludea, suas thar nèamh nan 
reull ; — (8.) Nach tigeadh, eadhon an dearbh 
losa a bhàsaich le làimh nan lìidhach, a rithist 
air an latha dheireannach, mar dhuine a thoirt 
breth air na h-uile chinneach, &c. 

125. Bha ioma ni truaillidh, agus gràineil 
airan altrum, agus air an cumail suas leo sud 
anns na lathaibh ud. ni a chuir mise chum nan 
Sgriobturan ga 'n rannsachadh ni bu mhionaid- 
ich'agus bha mitrìd an soluis agus andearbhaidh, 
cha-n ann a mhain air m' f hoillseachadh ach, 
mar an ceudna, air mo dhaingneachadh gu mcr 
le comhfhurtachd 'san fhìrinn. Agus mar a 
thubhairt mi cheana, rinn ciont a' pheacaidh 
mòran còmhnaidh leam, oir fòs mar thigeadh, 
sin orm, bheireadh fuil Chriosd dhiom e rithist, 
arithist, agus a rithist, O a chàirdean ! gairmibh 
air Dia^ Criosd fhoiUseachadh dhuibh, cha-n 
eil aon ann a theagais^eas coltach ris. 

126. Bu ro f hada dhomh fuireach an so, gu 
innseadh dhuibh gu sònraichte, mar a chuir 
Dia sios mi ann an uile nithibh Chriosd, agus 

H 



78 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

nam meadhonan a ghnàthaich e chum sin a 
dheanamh, mo threòrachadh a dh'ionnsaidh 
f hacail ; seadh, agus fòs mar a dh' fhosgail e 
dhomh iad, agus a thug e orra dealrachadh 
^ o'm aghaidh, agus còmhnaidh a ghabhail maille 
rium, labhairt rium agus sòlas a thoirt dhomh, 
a rithist, sa rithist^ araon o bhith fèin, agus 
o bith a Mhic, agus an Spioraid, an fhacail agus 
ant-Soisgeul. 

127. A mhain so, mar a dh'innis mi dhuibh 
roimh, innsidh mi dhuibh a rithist, mar bu tric 
gu'n robh e toileach buntain rium air an dòigh 
so, air tùs, ceadachadh dhomh a bhi air mo 
thrioblaideachadh le buairidhean mu'n timchioll, 
agus an sin am foillseachadh dhomh. Mar air 
uairibh gu'm feumainn laidhe fo mhòr chionta 
air son peacaidh, agus a bhi air mo bhrudhadh 
gu làr leo, agus an sin, nochdadh an Tighearna 
dhomh bàs Chriosd, seadh ag ionnlad mo 
chogais le 'fhuil, air chòr is gu m faighinn, (agus 
sin mu'n robh fhios agam,) gu'n robh anns a' 
chogais sin anns an robh an lagh an dràst 
a' riaghladh le boile, eadhon an sin, gun gabhadh 
sìth agus gràdh Dhè còmhnaidh tre Chriosd. 

128. A nise shaoil mi gu 'n d'fhuair mi 
dearbhadh air slàinte bho nèamh, air an robh 
iomadh seul òir air an cur, agus iad gu lèir an 
crochadh ann am shealladh ; an sin b'urrainn 
mi cuimhneachadh air an fhoillseachadh so, 
agus air an fhoillseachadh ud eile do ghràs le 
sòlas, agus bu tric a bha fadachd orm nach robh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 7^ 

an latha deireannach air teachd, chura is gu m 
bithinn gu sìorruidh air dian-lasadh leis an 
t-shealladh, agusleaoihneas co-chomuinn maille 
ris-an a fhuair a cheann a chrùnadh le 
sgitheach deilgneach, smugaidean air an 
tilgeadh air aodainn, a chorp air a bhriseadh, 
agus anam air a dheanamh 'na iobairt air 
son mo pheacannan : am feadh a bha mi roimhe 
sin 'nam laidhe do ghnà air balla-chrithaigbenl 
ifrinn ; a nis' air leam gun robh mi air faotainn 
cho fad air falbh uaipe, air chor is 'nuair u 
sheallainn air m' ais, gu m bu ghann a chithinn 
i ; agus, '^ !" arsa mise, ** nach ann a bha mi 
nise ceithir fichead bliadhna dh'aois chum a's 
gu'm bàsaichinn gu grad, agus gun rachadh 
manam gu sìth." 

J29 Ach mu'n d'fhuair mi an fhad' so a 
mach à mo bhuairidhean, bha mi fad' an geall 
air gu'm faicinn fèin f hiosrachadh seann duine 
diadhaidh eigin a sgrìobh ceudan do bhliadh- 
nachan mu'n d' rugadh mi ; oir iadsan a sgrìobh 
ri'm linn fèin, shaoil mi, (ach dh' iarr mi orra 
mathanas a thoirt dhomh air son so a ràdh) gur 
ann a sgrìobh iad mu thimchioU fhaireachadh, 
agus fhèin-fhiosrachadh dhaoin' eile, air neo 
gun d' rinn iad \e cumhachd am mòr-thuigse 
agus phàirtean nàdurrach, sgrìobhadh a chum 
freagairt do chunnuiHbh a thug iad fainear a bha 
cu^'rdragh air muinntireile, gun iad fèin idir dhol 
sios do'n daoimhne. Seadh ma ta, le ioraadaidh 
miann agus fadachd mar sud ann am inntinn, 



80 GKAS AM PAILTEAS, &C. 

chur Dia aig am beil ar n-uile lathaichean agus 
shligheachan 'na làmhan, 'nam charamh air 
aon latha, Leahhar le Màrtainn Luther, be sin 
a Leabhar-mìneachaidh air Litrichean Phòil a 
chum na Galatianach ; bha'n leabhar so mar 
an ceudna cho sean is gu'n robh e ullamh gu 
tuiteam a's a' chèile mìr o mhìr am feadh a bha 
mi a' tionndadh a chuid duilleag. A nise bha 
mi anabarrach toilichte gu'n do thuit a leithid 
so do leabhar 'nam charamh, agus 'nuair a 
leugh mi tacan air m' aghaidh, fhuair mi mo 
chor fèin a bhi do rèir f hèin-f hiosrachaidh-san, 
[no chor-son], agus sin cho farsuinn agus cho 
làn-f hiosrach air a làimhseachadh is ge do 
bhiodh an leabhar air a sgrìobhadh a mach à 
mo chrìdhe, chur so iongantas orm, oir shaoil 
leam nach b'urrainn an duine so a bheag do 
dh* fhios a bhi aige mu thimchioll staid 
Chriosdaidhean na linne so, ach gur am a 
sgrìobh agus a labhair e mu thimchioU fèin- 
fhiosrachadh chriosdaidhean nan linntean a 
chaidh seachad. 

130. Osbarr, chonnsaich e mar an ceudna gu 
cudthromach 'na leabhar ceud -thoiseachadh 
nam buairidhean so, se sin ri ràdh, toibheum, 
an-dòchas^ agus an leithid sin, a' nochdadh gu'n 
robh aig lagh Mhaois cho math ris an diabhol, 
ris a' bhàs agus ri ifrinn, làmh anabarrach 
anns na nithibh sin ; ni a bha air tùs glè iong 
antach leamsa ; ach air dhomh a bhi toirt 
fainear agus a' faire, f huair mi a' chùis raar sin 



GRAS AM PAILTEAS^ &C. 81 

da rìreadh. Ach an so, cha n-eil mi air son a 
bheag dheth aithris, ach air leam gu'm feum mi 
so a leigeadh ris ann an làthair gach duine, gur 
fearr leam an Leabhar so a sgrìobh Màrtainn 
Luther air Litrichean Phòil chum nan Gala- 
tianach, na leabhar sam bith eile, (ach an 
Bìoball Naomha,) dheth na chunnaic mi riabh 
do leabhraichean, mur an leabhar is iomchuidh 
air son cogais leòinte. 

131. A nise f'huair mi, mar a shaoil leam, 
gu n do ghràdhaich mi Criosd gu mòr ; O ! air 
leam, gu'n robh m* anam a' dlù-leantainn ris, 
m' uile rùn a' dlù-leantainn ris, mhothaich nii 
nio ghràdh dha cho teth ris an teine? agus a 
nise mar a thubhairt lob, sbaoil mi gu'm 
bàsaichinn ann am nid, ach bu ghrad a mhoth- 
aich mi nach robh mo mhòr ghràdh ach ro 
bheag ; agus gu'm b' urrainn mise, aig an robh 
mar a shaoil mi-fèin a leithid do theas ghràdh, 
do dh' losa Criosdj a leigeadh air falbh a 
rithist air son fìor bheagan. Is aithne do Dhia 
cia mar a bheir e nuas sinn, agus mar a dh'f hal- 
aicheas e uaill o dhuine. Goirid an deagh so 
bha mo ghràdh air a làn-dhearbhadh. 

i 32. Oir an deigh do'n Tighearna mo shaor- 
adh gu gràsmhor air an dòigh so, o'n bhuaireadh 
mhòr agus ghoirt ud agus mo chuir sios cho 
taitneach ann ancreideamha Shoisgeul Naomha, 
agus a leithid do chomhfhurtachd laidir, agus 
do dhearbhadh beannaichte a thoirt dhomh o 
nèamh, a thaobh mo chòir air a ghràdh tre 



82 GRAS AM PAILTKAS, &C. 

Cliriosd ; thàinig an buaireadair orm a rithisl, 
agus sin le buaireadh n'a b' àmhgharaiche agus 
n a b'uabhasaiche na thàinig orm roimhe. 

133. Agus be 'm buaireadh sin, — ^'An 
Criosd ro-bheannaichtc so a reic agus dealach- 
adh ris, a thoirt seachad air son nithe na beatha 
80, no air son ni sam bith." Laidh am buair- 
eadh so orm fad bliadhna, agus dhlù-lean e mi 
do ghnà, ionnas nach dh'fhuair mi cuibhte' is 
e aon latha ann am mìos, cha dh' fhuair air 
uairibh, urrad ri aon uair rè iomadh latha, ach 
'nuair a bhithinn ann am chadal a mhàin. 

134. Agus ged do bha so air a dhearbhadh 
air m inntinn, nach b'urrainn iadsan a bha aon 
uair gu h-èifeachdach ann an Criosd, (mar a 
bha dòchas agam tre ghràs a fhuair mise mi- 
fèin, a chall gu bràth air chòr sam bith ; — 
'* Cha reicear am fearann gu bràth, oir is leamsa 
am fearann ;'' deir Dia, (Leibh xx. 23) Aeh 
bha e 'na ghnà aimheal dhomh 'nuair a smaoin- 
tichinn gu'n robh urrad ri aon smuain dhiù sud 
agam an aghaidh losa Criosd, a rinn a leithid 
do ni air mo shon sa rinn esan, agus fòs aig an 
àm ud, chamhòrgu'n robh smuain sam bith eile 
annam ach smaointean toibheumach mar iad 
sud. 

135. Ach cha be aon chuid m' fhirath do'n 
smaoin so, no aon iarratas no ionnsaidh gu cuir 
'na h-aghaidh, a rinn anns a' chuid bu lagha, 
dlìi-leanmhuinn no neart na smaoine so a lùgh- 
dachadh oir, mheasgaich si i-fèin anns gach ni 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 83 

ach beag a smaointich mi, air dòigh is nach 
b'urrainn mi aon chuid mo bhiadh ithe; mi-fèin 
a chromach a thogail dealg dheth an làr, maide 
connaidh a bhristeadh, no mo shùil a thionn- 
dadh a mull na nall gu seailltainn ri sud no riso 
gu'n am buaireadh ud a bh do ghna a' tighinn, 
— " Reic Criosd air son so^ reic Criosd air son 
sud, reic e, reice e/* 

136. Air uairibh thigeadh e gu m' inntinn, 
ni's liugha na ceud uair còmhladh, — '^ Reic e, 
reic e" agus faodaidh mi ràdh, gu'n do sheas mi 
fad uairean iomlan do ghnà a' fantainn air 
m* dis, agus a' farrach m' aignidh 'na aghaidh 
m'um b'urrainn aon droch smuain èirdh nam 
chridhe a dh' fhaodadh aonta thoirt dha, agus 
air uairibh chuireadh am buaireadair mar fhiach- 
aibh orm gu'n daontaich mi gu sin a dhean- 
amh ; agus an sin bha mi mar gu'm bithinn air 
mo phianadh air cràdh-chleatha fad lathaichean 
iomlan, 

137. Chuir am buaireadh so mi fo leithid do 
chùram agus do dh' fhaicheall air eagal gu'n 
tugainn air àm sam bith, m' aonta dha 
chum buadhachadh tharam, agus a thaobh dian- 
neart m' inntinn, a' saoithreachadh le spàirn 
chum cuir an aghaidhnah-aingeachd so, bhiodh 
mo dhearbh chorp ann an iomairt no ghiasad 
le 'm làmhan 's le 'm ùillean ; do ghnà a' freag- 
airt, cho luath sa theireadh an nàmhaid mill- 
teach, reice e ; — ^^ Chareic mi, cha reic mi, cha 
reic mi, air son mìle, mìle, mìle saoghal ; a' hibh- 



84 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

airt mar so air eagal gu'n deanainn ann am 
ineadhon nam buairidhean so a mheas tuilleadh 
is iosal, eadhon gus am bu ghann a bha fios 
ceart agam c'àit' an robh mi,no cia mar a gheibh- 
inn m' inntinn a shocrachadh a rithist gu fois ! 

138. Aig na h-àmannan so cha leigeadh e 
dhomh mo bhiadh ithe le sìth, ach do rìreadh 
am feadh a bhithinn 'nam shuidhe aig a* bhòrd 
a' gabhail mo bhìdh, b'eigin domh dol uaithe 
sin a dh' ùrnaigh \feumaidh mi mo bhiodh fhàg- 
ail a nis' agus a cheart nisè ; bu cho ro 
mheallt'-naomha so, mar an ceudna a bhith- 
eadh an diabhol ud. 'Nuair a bha mi mar sud 
air mo bhuaireadh theirinn rium-fèin ; — " Tha 
mi 'n dràsta ri mo bhiadh leig dhom crìoch a 
chuir air,'* " Cha leig," ars esan, " feumaidh 
tu sud a dheanamh a nise, air neo, cuiridh tu 
niiothlachd air Dia, agusni thu tàir airCriosd." 
Uime sin, bha mi fo mhòr thrioblaid leis na 
nithibh so, agus a thaobh ro pheacaichead mo 
nàduir ; bha mi saoilsinn gu'm b'ann o Dhia a 
thàinig na faoin-smuaintean so ; agus dhiùltairi 
sud a dheanamh, mar gu'n diùltainn Dia ; agus 
a sin bhithinn cho cionntach []air leam-fèin] 
a chionn 's nach do dh' f hreagair mi buaireadh 
an diabhoil is ged do bhithinn an dèigh lagh 
Dhè a bhriseadh da rìreadh. 

139. Ach gu cuir mo sgeòil an giorrad, aon 
mhadainn air dhomh a bhi 'nam laidhe ann am 
leabaidh, bha mi mar air amannan eile ni bu ro 
uabhasaich air mo bhualadh leis a' bhuaireadh 



GRAS AM PA.TLTEAS, &C. 85 

so. Ciiosd a reic, agus dealachadh risj bha n droch 
smuainsodognàa' riuth air m'inntinn, — ''Reic, 
reic e, reic e," cho luath sa b'urrainn duine 
labhairt, agus an aghaidh so thubhairt mi 'nam 
inntinn^ mur bu ghnà leam a ràdh, — " Cha reic, 
cha reic, cha reic, air son^ mìltean, mìltean, mìl- 
tean^ thuirit rai mar so air a* chud bu lugha 
fichead uair thairis ; ach fa-dheòigh mhothaich 
mi an srauain so a* ruith tro mo chridhe ; 
*' fàlbhadh e raas e sin a thoil fèin," agus shaoil 
mi mar an ceudna, gu'n d' fhairich mi mo 
chridhe a' toirt, saor-aonta dha sin, O ! dìchioU 
Shàtain^ O ! an-dòchas cridhe an duine ! 

140. A nise chaidh an cath achosnadh, agus 
thuirt mise sios mar eun a rachadh a' thilgeadh 
bharr mullach craoibhe, chum mòr chiont, agus 
eu-dòchas eagalach. Mar so air èiridh suas 
domh o m' leabaidh chaidh mi gu dubhach tùrs- 
ach a chum an achaidh, ach tha fios ag Dia, 
gur ann le cridhe cho trom sa b'urrainn duine 
bàsmhor, air leann, a ghiiàlan, oir rè da uair do 
dh'ùin' bha mi coltach ri duine màrbh, gun 
leigheas ann domh, ach air mo thoirt thairis a 
chum peanais sìorruidh. 

141. Agus maille ris gach uile ni eile, rinn 
an sgrìobtur so grèim air m'anam ; — " No neach 
mi-naomha sam bith, mar Esau, a reic air son 
aon ghrèim bìdh còir a cheud-bhreithe ; oir a 
ta f hios agaibh 'nuair a b'àill leis an dèigh sin 
:.m beannachadh a shealbhachadh, gu'n do 
dhùiltadh e ; oir cha d' f huair e àit aithreachais, 



86 GRAS AM PAITEAS, &C. 

ged dh' iarr se e gu dùrachdach le deuraibh." 
Eabhxii, 16, ] 7- 

142. Bha mi nise mar neach air a cheangaì, 
mhothaich mi mi-fèin air mo dhìinadh suas fa 
chomhair a' breathanais ri teachd, cha ghabh- 
adh nì sam bith còmhnaidh maille rium ; rè dha 
bhliadhna iomlan ach dìteadh-sìorruidh, agus 
dùil ri dìteadh-sìorruidh a theachd orm. Tha nii 
*g radh, cha ghabhadhnisam bith eilecòmhnaidh 
maille riumachso^achtiotaidhean beaga a mhàa 
air son furtachd, mar a chì sibh an dèigh so. 

143. Bha na briathran ud do n' anam, mar 
gheimhlibh umha do'm chasan, agus fo 'm bith- 
f huaim-san shuibhail mi rè mhìosan iomlan. 
Ach mu thuaram deich no aon uair deug do'n 
latha sin fèin, air dhomh a bhi 'g imeach fo 
sgàile gàraidh-sgithich, (làn bròin agus cionta, 
mar is fiosrach Dia) agus mi caoidh air son a 
chruaidh-chàis so, gu'n èireadh a leithid sud do 
smuain 'nam inntinn, air ball thàinig na briath- 
ran so do'm ionnsaidh, — Cuiridh fuil Chriosd 
air falbh na h-uile chionta. Ris a so, stad nii 
ann am inntinn. Leis a sin ghabh na briathran 
so grèim air m' aigneadh — •' Glanaidh fuil losa 
Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh." 
1 Eoin, i. 7. 

144. A nise thòisich mi air faotainn sìthe 
'nam anam, agus air leam gum faca mi am buair- 
eadair ag amharc orm gu caog-shùileach agus e a' 
sèapadh air falbh uam, mar gu'm biodh nàir, air 
air son na rinn e. Fhuair mì aig an àm cheudna 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 87 

mo pheacannan agus fuil Chriosd air an sàmh- 
lachadh a mach dhomh mar so, — nach robh mo 
pheacannan, an uair a rachadh a sàmhlachadh 
ri fuil Chriosd dad ni bu mhò na bha ploc no 
clach bheag a bha romham an comhais ri raon 
raòr farsuinn a bha 'nara shealladh 'san àm 
sin. Thug so mòr mhisneach dhomh fad a dhà 
na thrì do dh' uairean, agus shaoil mi aig an 
àra sin gu'm faca mi tre chreideamh Mac Dhè 
mar a' fulang air son mo pheacannan ; ach a 
thaobh 'snach dobhuanaich so maiUe rium,thuit 
mi sìos 'nam inntinn, fo mhòr chiont a rithist 

145 Ach gu sònraichte air son an sgriobtuir 
roì'-ainmaichte, mu dhèibhinn Esau a chòir- 
bhreith a reic, oir laidheadh an sgrìobtur sin 
fad an latha air m' inntinn, agus chuirneadh e 
sios mi, ionnas nach b' urrainn mi air aon chor 
mi-fèin a thogail suas ; oir nuair a bheirinn 
ionnsaidh air dol chum an sgrìobtuir so no'n 
sgriobtuir ud air son furtachd, bhiodh na briath- 
ran so do ghnà a' sèirm ann am chluasan,— - 
" Oir a ta fhìos agaibh 'nuair a b'àill leis an 
dèigh sin ara beannachadh a shealbhachadh 
gu'n do dhiùltadh e : oir cha d' f huair è àite 
aitheachais, ged' dh'iarr se e gu dùrachdach le 
deuraibh." 

146. Air cuid do dh' uairibh bheanadh na 
briathran so ann an Soisgeul Lucais riura. — 
" Ach ghuidh mis air do shon, nach dìobradh 
do chreideamh thu ;" (Luc. xxii. 32. Ach 
cha-n fhanadh iad so maiUe rium : agus ni mò 



88 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

b' urrainn mì gu dearbha, 'nuair a bhèirinn 
fainear mo chor, an stèidh bu lagha fhaotainn 
gu saoilsinn gun robh freum a ghràis, no chreid- 
eimh sin annamsa, a thaobh mi a pheacachadh 
mar a rinn mi. A nise bha mi air mo shracadh, 
agus air mo reubadh, agus ann an cruaidh-chàs 
trom, fad iomadh latha gu h-iornlan. 

147« An sin thòisich mi le cridhe tròm 
agus cùramach, air beachdachadh air nàdur 
agus meud mo pheacaidh, agus air rann- 
sachadh ann am facal Dè a dh' fheuch- 
ainn am b' urrainn dhomh facal geallaidh 
no briathran misnichidh fhaicinn ann an àite 
san bìth dheth^ o'm b'urrainn mi comh-f hurt- 
achd a tharruinn. Uime sin thoisich, mi air 
beachdachadh air na briathraibh so ann Soisgeul 
Mharcuis, san treas caibidil, anns an ochdamh 
rann thar an fhichead. — ^' Gu'm maithear na 
h-uile pheacannan do chlann nan daoine, agus 
gach toibheam a labhras iad." Shaoil mi gu'n 
robhsanàite soann am shealladhathiotadh,geall- 
adh mòr agus gràsmhor air mathanas f haotainn 
air son pheacannan antromach àrda ; agus air 
dhomh beachdachadh air an àite sin ni bu 
ro làine, smaointich mi gur ann bu chòir a 
thuigsinn ann a bhi ciallachadh ni bu ro- 
shònnraichte an aiteam ud a chuir an gniomh 
peacannan mar bha sud air an ainmeachadh 
am feadh a bha iad ann an staid nàduir ; 
agus nach buineadh e dhomhsa a f huair araon 
solus agus tròcair, ach a ghiùlain mi-fèin an 



^l 



GRAS AM FAILTEAS, &C. 89 

deigh am fhaotainn càlg dhìreach 'nan aghaidh 
le cùl a chuir ri Criosd mar a rinn mi. 

148. Bha eagal orm uime sin, gu'm faodadh 
gu'm be 'm peacadh aingidh a chuir mis an 
gniomh, am '• peacadh sin nach faigh mathanas 
a chaoidh," mu 'm beil-sa labhairt an so, " Ach 
ge be labhras toibheum an 'aghaidh an Spioraid 
Naoimh' cha-n fhaigh e mathanas a chaoidh, 
ach tha e 'n cunnard peannais shìorruidh/' 
(Marc. iii. 29.) Agus bu mhòid a thug mi 
creidsinn d'a so a thaobh nam briathran sin ann 
an lìtir Phòil a chum nan Eabhruidheach, — "Oir 
a ta fhios agaibh an uair a b'àill leis an dèigh 
sin am beannachadh a shealbhachadh gu'n do 
dhiùltadh e ; oir cha d' fhuair e àite aithreach- 
ais, ged dh' iarr se e gu dàrachdach le deuraibh.'' 
Agus lean so do-ghnà rium. 

149. A nise bha mi araon 'nam eallach agus 
'nam uabhas dhom fèin, agus cha d'fhiosraich 
mi riamh gus an uair sin, ciod e an ni a blii 
sgìth do 'm bheatha, agus gidheadh, a bhi fo 
eagal bàsachadh. O ! cia toileach a nise bhithinn 
mar neach sam bith ach mi-fèin ! no ann 
am chreutair sam bith ach 'nam dhuine ; agus 
ann an staid sam bith ach ann am staid fèin ! 
oir cha tàinig ni sara bith ann am inntinn cho 
tric risa so, gu'n robh e na ni ea-comasach gu'm 
maithte dhomhsa m'eu-ceartan, no gu'mfaighinn 
tearnadh o'n fhèirg a ta ri teachd. 

150. A nise thòisich mi air ath-ghairm na 
h-airasir a dh' fhalbh air a h-ais ; a' miannach- 



90 GRAS AM PAILTEAS, SzC. 

adh mìV uair thaìris, gu n robh an latha fathast 
gu'n tighinn anns am bithinn air mo bhuaireadh 
gu peacadh mar sud, a' co-dhùnadh le mòr- 
chorraich araon ri'm chridhe agus ri uil' ionn- 
saidhean an nàmhaid, ! b'f hearr leam a 
bhi air mo reubadh ann am mhìribh na bhi air 
m' fhaotainn 'na m' fhear-aontachaidh dhaibh. 
Ach mo thruaighe, bha 'na smaointean, na 
h-iarraidhean, agus na rùintean so ro anmoch 
chum mo chòmhnadh, agus thàinig an smaoin 
so gu mo chridhe, gu 'n do leig Dia dheth mi, 
le mo chead a thoirt dhomh air falbh ; agus 
chlaon mise. " Och!' arsa mise, " nach robh 
mi mar anns na mìosan a chaidh tharum, mar 
anns na laithibh air an do choimhid Dia mi !' 
lob. xxix. 2. 

151. An sin a rithist, a thaobh nach bu 
mhath leam, dol a dhìth gu sìorruidh, thòisich 
mi air coimis mo pheacannan fèin ri peacannan 
rauinntir eile a dh' fheuchainn am faicinn an 
d'rinnaonsambith dhiù-sanachaidh a thearnadh 
mar a rinn mise. Uime sin, smaointich mi air 
adhaltranas agus air mortDhaibhidh,agus fhuair 
mi iad-sin 'nam peacannan an-tromach, agus 
iad mar an ceudna air an cuir an gniomh an 
dèigh dha solus agus gràs fhaotainn, ach fòs an 
dèigh dhomh beachdachadh gu ceart chunnaic 
mi nach robh euceartan- san, ach mar iad sin a 
mhain a bha 'n aghaidh lagh Mhaois, ni bho'm 
b'urrainn an Tighearna Criosd le aonta fhac- 
ail a shaoradh, ach bha m* euceartan-s' an 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 91 

aghaidh an t-Soisgeil, seadh, agus an aghaidh 
Eadar-mheadhonair an t-Soisgeil, agus reic mi 
mo Shlànaighear. 

152. Bha rai sin a rithist mar gu m bithinn 
air mo chràdh air cuibhe-phianaidh 'nuair a 
bheachdaich mi, a bharrachd air a' chionta sin 
a ghabh sèilbh orm cheana, gu'n robh mi cho 
falamh do ghràs, agus cho ro mhòr air mo 
mhealladh ! Ciod arsa mise, am feudar nach bi 
e 'na pheacadh sam bith eile ach am peacadh 
so ? Am feudar gur e an t-easantas mòr so a 
bhios ann ? (Sàlm. xix. 13) Am feudar gu'm 
bean an t-aon-eucorach ri m' anam ? (Eoin. v. 
18.) O ! ciod a' ghuin a fhuair mi anns na 
briathran so gu lèir ! 

153. Seadh, arsa mise, nach eil ann ach aon 
pheacadh air son nach faighear mathanas ? a ta 
ìeagadh an anma far nach ruig tròcair Dhè air ; 
agus am feudar gu'm beil mise ciontach do'n 
pheacadh sin. Am beil ach aon pheacadh a 
measg cho liugha mìle do pheacannan air son 
nach faighear mathanas, agus am b' fheudar 
gu'n, cuirinn-s' am peacadh sin an gniorah 
O ! a pheacaich neo~shona, O ! a dhuine neo- 
shona ! Bhriseadh agus bhuaireadh na nithe so 
rao spiorad, ionnas nach robh fhios agam ciod a 
dheanainn, shaoil leam air uairibh gu m buin- 
eadh iad uam mo chiall nàdurrach : agus a 
chum mo thruaighe antromachadh thigeadh so 
gu m' inntinn. '' Oir a tafhios agaibh an 'nuair 
a b' àiil leis an deigh sin am beannachadh a 



92 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

shealbbachadh gun do dhùiltadh e ge do 
dh' iarr se e gu dùrachdach le deuraibh." ! 
cha-n eil fios aig duine air uabhasaibh nan 
lathachan so ach agam fèin. 

154. An deigh so thòisich mi air smaoin- 
teachadh air na peacannan sin a chuir Peadar 
an gniomh le mhaighistear àicheadh, agus gu 
dearbha thàinig iad so ni bu dlùithe dhomhsa, 
na peacannan sam bith eile, a b' urrainn mi 
fhaotainn, oir dh' àicheadh esan a mhaighistear 
mar a rinn mise, an deigh dha solus agus trò- 
cair fhaotainn, seadh, agus sin ceudeachd, an 
deigh dha sanus f haotainn ; thug mi fainear mar 
an ceudna, gun d' rinn esan sin uair no dhà, an 
deigh dha ùine gu smaointeachadh fhaotainn 
eadarna h-uairibh sin, ach ged do chuir mi na 
ciìisean ud gu ìèìr cuideachd, nam bu chomas- 
ach e gu'mfaodainn cobhair fhaotainn, gidheadh, 
smaointich mi rithist, nach robh a pheacadh- 
san ni bu mhò na 'mhaighistear àicheadh, ach 
be mo pheacadh-sa mo Shlànaighear a reic. 
Uime sin smaointich mi annam fèin, gu'n 
tàinig mi ni bu dldithe air ludas na thàinig mi 
aiaon air Daibhaidhno Peadar. 

155 An so a rithist lasadh mophian a mach, 
agus sàraicheadh e mi, seadh, phromadh e mi, 
mar gu'm b'eadh, gu smùraich a bhi beachd- 
achadh air teasraiginn Dhè air muinutir eil, am 
feadh a thuit mi-fèin san ribhe ; oir ann ani 
beachdachadh mar so air peacannan dhaoine 
eile, agus ga 'n comais ri mo pheacannan fèin, 



GBAS AM PAILTEAS, &C. 93 

cithinn gn soilleir gu'n d' anacail Dia iad a 
dh'aindeoin an aingidheachd, agus nach do 
cheadaich e dhaihhmara cheadaich e dhomhsa 
tionndadh gu bhi ann am mhac an sgriosa ! 

156. Ach O! cia cho luachmhor sa mheas 
m' anam aig an àm so an teasraiginn a chuir 
Dia mu thimchioll a phobuill ! O ! cia cho 
tearainnte sa chunnaic mi iadsan ag imeachd a 
chuartaich Dia a steach. Bha iad fo chdr- 
am-san, fo dhion-san, agus fo choimhid 
sònraicht' a fhreasdail^ ged a bha iad a cheart 
cho olc riumsa a thaobh nàduir ; gidheadh a 
thaobh is gu'n do ghràdhaich se iad, cha chead- 
aichead e dhaibh tuiteam air taobh a mach a thròc- 
air ; ach air mo shonsa, bha mi caillte, rinn 
mi fèin sin don.h, cha teasraigeadh, agus cha 
choimhideadh e mi, ach dh' fhuilig e dhomh, 
o n bu neach a chuireadh air chial mi, tuiteam 
mar a rinn mi. A nise rinn na h earrannan 
beannaichte so do'n Sgriobtur a ta labhairt mu 
thimchioll Dia a bhi gleidheadh a phobuill fèin 
deàlradh mar a' ghrian ann am làthair, ged 
nach b'ann a thoirt furtachd dhomh, ach fòs. 
gu staid shona agus òighreachd na muinntirsin 
H bheannaich an Tighearn a nochdadh dhomh. 

157. A nise chunnaic mi, mar a bha làmh 
aig Dia anns gach freasdal agus cead peacaidh 
a bha beirsinn air a shluagh taghte ; mar sin 
bha làmh aige anns gach buaireadh a bha aca ri 
pheacachadh 'na aghaidh fèin, cha-n ann a chum 
am brosnachadh gu aingidheachd, ach a chum 



94 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

am buairidhean agus an trioblaidhean sònraite a 
roghnachadh a mach dhaibh, agus am fàgail 
raar ara ceudna rè ùine aig nithibh a mhain 
nach faodadh an sgrios, ach an irioslachadh, 
ach nach faodadh an cuir air an taobh thall d'a 
iochd, ach an saoradh ann an slighe ath-nuadh- 
achaidh a thròcair. O ! ciod an gràdh, ciod an 
cùrara ! ciod an suairceas ! agus an tròcair a 
chunnaic rai nise ga'n co-raheasgadh fèin maille 
ris gach dòigh is sàraichte agus is uabhasaiche 
do dhòighean Dhè a thaobh a phobuiU ! Leig- 
eadh e le Daibhidh, le Heseciah, le Solamh, 
le Peadar, agus le muinntir eile tuiteam, 
ach cha leigeadh e leo tuitean anns a' pheac- 
adh nach faodair a mhathadh, no tuiteam^ 
ann an ifrinn air son peacaidh. O ! arsa mise, 
be sud na daoine do'n tug Dia gràdh ; be sud na 
daoine ged' rinn Dia an smachdachadh a tha e 
gleidheadh ann an tearuinnteachd maille ris, 
agus do'n tug e còmhnaidh fo sgàil' an Uile- 
chumhachdaich. Ach mheudaich gach smaoin 
diù sud bròn, àmhghar, agus uabhas dhomhsa, 
Ge be air bith ni air an smaointichinn a nise 
bhiodh e 'na chlaoidh dhomh, na n smaoin- 
tichinn air mar bha Dia a' coimhid a mhuinntir 
fèin,bhasin'nachlaoidh dhorah; 'nasmaointich- 
inn air raar thuit rai-fèin bha sin 'na chlaoidh 
dhorah. Mar a cho-oibrich gach ni le chèile chum 
math agus feum a dheanamh dhaibh-san a bha 
air an gairm do rèir am feuma, mar sin shaoil 
mise gu'n do cho-oibrich gach ni le chèille 



GRAS AM PAILTKAS, &C, 95 

dhomhsa chum mo mhilleadh, agas e chum mo 
leir sgrios sìorruidh. 

158. An sin a rithist, thòisich mi air coimis 
mo pheacannan fèin ri peacannan ludais, a 
dh'fheuchainn am faighinn na'm bu chomasach 
e, an robh eadar-dheaiachadh eadar mo pheac- 
annan-sa agus a' chud-sa peacannan ata da rìr- 
eadh do-mhaithte ; agus — " !" arsa mise, " ma 
tha eadar-dhealachadh eatorra, ged' nach biodh 
ann ach leud ròine, ciod an còr sona anns am 
biodh m'anam !" Agus le geur-bheachdachadh 
f huair mi gu n d' rinn ludas an gniomh ud le 
ìàn-toil, ach bha'n ni sin arinn mise an aghaidh 
achanaich agus dùrachd ; osbarr chuir esan a 
pheacannan an gniomh an deigh mòran smaoin 
teachaidh, ach bha rao pheacannans'air an cur an 
gniomh le deifir eagalach ann an tiotadh ; feadh 
na h-ùine so bha mi air mo luasgadh sios a's 
suas mar locust, agus air m' iomain o thrioblaid. 
a chum bròin, do ghnà a' cluinntinn fuaini 
tuiteam Esau a' toirm ann am chluasan agus 
an ni uabhasach a thàinig air an co-iòrg an 
tuiteam sin. 

159. Bha na smaointean so mu thimchioll 
peacadh ludais rè seal na bheaganco-fhurtachd 
dhomh, oirchunnaic minachrobhmopheacadhdo 
rèir cora cho mòr ri pheacadh-san, aeh dh'f halbh 
an fhurtachd so gu h aithghearr a rithist, oir 
smaointich mi annam fèin gu'n robh ni bu Uugha 
seòl na h-aon air am faodte am peacadh so air 
son nach faighear mathanas a chuir an gnìomh. 



96 GRAS AM PAILTEAS, &C. ' 

Mar an ceudna shaoil mi gu'n robh caochla 
cheuman crduichte ann diù sin cho math sa 
bh'ann do pheacannan eile, agus air sonn'a b'urr- 
ainn mis' f haicinn, fathast gu'm faodadh gu'n 
robh am peacadh a rinn mise mar aon air nach 
faoidte chaoidh dol seachad. 

160. Bha mi nise gu tric fo nàire air son 
gu'n robh mi ann am dhuine cho gràineil ri 
ludas, smaointich mi mar an ceudna, cho fuath- 
mhor sa bhithinn ann an làthair nan uile 
naomh air latha 'bhreitheannis, ionnas nach 
b'urrainn mi aig an àm ud duine math fhaicinn 
a shaoil mi aig an robh deagh chogais gu'n mo 
chridhe a chrithneachadh roimhe am feadh a 
bha mi 'na làthair ; O ! a nise chunnaic mi 
glòir ann an imeachd maille ri Dia, agus an 
tròcair, a bh'ann do neach deagh chogais a bhi 
aige 'na làthair-san. 

161. Bha mi gu mòr air mo bhuaireadh aig 
an àm sin chum mi-fèin a thoileachadh le 
bairealan meallta ghabhail do'm ionnsaidh mar 
iad so, nach biodh leithid latha bhreitheanais idir 
ann, agus nach èireadh sinn a rithist suas o'n 
eug, agus nach robh am peacadh na ni cho 
doilghiosach sa chaidh aithris, agus dhìiisg am 
buaireadair suas na smaointean so, — '' Oir ged' 
dh'fhaodadh na nithe ud a bhi fior, ma chreid- 
eas tusa nach eil iad mar sin, ach 'nan dearbh 
bhrèig bheir sin comhf hurtachd dhut air son an 
àma ta làthair, mas a h-èigin dut dol a dhìth, 
c'arson a phianadh tu thu-fèin roi'n àm ? fuad- 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 97 

aich smuaÌTitean niu thimchioll damnadh sìorr- 
uidh o t'inntinn, le tighinn achum nan eo-dhiàn- 
aidhean leis an gnà le luchd-àicheadh Dhè agus 
le luchd-bòilich comhfhurtachd a thoirt dhaibh- 
fèin maille ris a' chuid eile." 

162. Ach O ! 'nuair a chaidh na smaointean 
ud tre mo chridhe, cia, mar gu'm b'eadh, ann 
an uidhe ceuma a bha bàs agus breitheanas 
ann am shealladh, shaoil leam gun do sheas ani 
breitheamh aig an dorus ; ionnas nach b'urrainn 
mi caidreamh a thoirt do leithid sud do smaoin- 
tean maille rium. Ach air leam, gu'm beil mi 
iaicinn leis a so ; gu'n gnàthaich Sàtan meadhon 
sam bith, a chum an anma chumail o Chriosd ; 
cha toigh leis inntinn air a dùsgadh, 'se mi- 
cbùram, doille,dorchadas agus mearachd, dearbh 
rìoghachd agus ionad-còmhnaidh an aon- 
eucoraich. 

163. Fhuair mi e 'na ni cruaidh a nise, 
ùrnaigh a dheanamh ri Dia, a thaobh gu'n robh 
an-dòchas ga mo shlugadh suas ; shaoil leani 
gu'n robh mi mar le doinionn air m'f huadachadh 
air falbh uaithe ; oir do ghnà nuair a ghlaodh - 
ainn ris air son tròcair thigeadh a steach orm ; 
— " Tha e nise ro anmoch, tha micàillte, chead- 
aich Dia dhomh tuiteam, cha-n ann a chum mo 
smachdachadh, ach a chum mo dhamnaidh ; tha 
mo pheacadh do mhaithte ; agustha fhios agam 
mu thimchioU Esau, an deigh dha a chòir 
bhreith a reic, gu'n gabhadh e am beatinachadh, 
ach dhiùlltadh dha e." Mu'n àm so thàinig 



98 GRAS AM PAILTEAS, ScC. 

leabhar anns an robh a' chunntais uabhasach 
mu thìmchioU an truaghain bhàsmhoir ud 
Frahcus Spira gu mo làimh, leabhar, a bha do 
m'anam neo shuaimhneach, mar shalan an uair 
a rachadh a shuathadh ri tir-chneidh ; bha 
gach earrann do 'n leabhar sin, gach osna 
rinn an duine sin, (maille ris a* chud eìle de a 
ghniomharran 'na thùrsa agusnachruaidh.chàs.) 
mar a dheòir a's achanaichean, a shnagadan 
f hiacal, fhàsgadh dhòrn, a shniomh air falbh^ 
f hannachadh, a sheargadh às fo làmh chumhachd- 
ach Dhè a chaidh a leagadh air, bha iad sin, mar 
sgeannan agus mar bhiodagan a dol gu m'anam ; 
ach bha'n earrann so dhe a bhriathran gu 
h-àraidh ro uabhasach leam — ^' Is eòl do dhuine 
an tobair o'm beil am peacadh ag èiridh, ach cò 
a chumas a shruthannan o ruith." An sin 
thuiteadh na ceud bhriathran mar cho-dhìmadh 
an iomlain mar bheithir theinntich air mo chogais 
a rithist : — ^' Oir a ta fhios agaibh 'nuair a b'àili 
leis an deigh sin am beannachadh a shealbhach- 
adh gu'n do dhiultadh e, oir cha d'fhuair e àit 
aithreachais ged dh'iarr se e gu dùrachdach le 
deuraibh." 

164. An sin bhithinn air mo bhualadh gu 
mòr bhalla-chrith, ionnas air uairibh gu'm 
mothaichinn fad lathaichean iomlan mo dhearbh 
chorp cho math ri m'anam a' crithneachadh le 
cràdh o mhothachadh air breitheanas uabhasach 
so Dhè a thuiteadh orrasan a chaireadh an 
gniomh am peacadh eagalach ud air son nach 



GRAS AM PALTEAS, (fec. 99 

faighear mathanas a chaoidh. Mhothaich mi 
mar an ceudna, a leithid do làn agus do theas 
ann am ghoile a thaobh an uabhais so a ghlac 
mi air chòr is gu'n robh mi gu sònraichte air 
araaibhmargun sgàineadh cnàimh mo bhroillich 
às a chèile ; an sin chuimhnich mi m'u thim- 
chioll ludais. — '' Air dha tuiteam sios air 
aghaidh, sgàin e sa mheadhon agus bhrùchd a 
mhionach uile mach." Gnìomh i. 18. 

165. Bha eagal orm mar an ceudna gu'm be 
so an comharradh a chuir Dia air Cain, eadhon 
gnàth-eagal agus balla-chrith fo'n eallach throm 
do chiont' a chuir e r'a chunntais, air son fala 
a bhràthar AbeL Mar sin thionndadh, shniomh, 
agus chrùb mise fo'n uallach thròm a bh'air mo 
mhuin fèin, uallach a shàraich mi cho mòr is 
nach b' urrainn mi araon seasamh, no falbh, no 
laidhe gu foìs no sìth ! 

166. Fòs thigeadh an ràite so air uairibh gu 
m'inntinn — " Thug thu tiodhlacan do dhaoine 
ceannairceach." (Sàlm, Ixviii. 18.) " Do 
dhaoine ceannairceach," arsa mise. Seadh gu 
cinnteach, is ionnan iad sin agus muinntir a bha 
aon uair a' toirt gèiUeadh d'an rìgh, eadhon iad 
so air dhaibh aon uair bòideachadh gu'n biodh 
iad dìleas, agus umhal d'a riaghladh, ach a thog 
an dèigh sin an àrmaibh 'na aghaidh ; agus so 
arsa mise mo chòrsa ; ghràdhaich mis' e aon 
uair agus ghluais mi 'na f hiamh agus 'na eagal, 
agus rinn mi sèirbheis da, ach a nis' is ceannairc- 
each mi, reic mi e, thuirt mi ris, '^ e dh'f hàlbh 



100 GRAS AM PATLTEAS^ &C. 

na b'e s'n a thoit fèin," ach iha tiodhlacan aige 
do dhaoine ceannairceach fhathast, agus c'arson 
nach bi e aige dhomhsa ? 

J 67. Smaointich mi air uairibh air a so, agus 
shaoithricb, mi air son grèim a dheanamh air, 
se sin, gu'm faodainn beagan comhfhurtachd 
fhaotainn, ach chaidh mi iomrall air a sin mar 
an ceudna, bha mi, le 'neart air m'fhuadachadh 
gu cian thairis air ; bha mi coltach ri duine 
bhite dol a chur gu bàs, eadhon, anns an ionad 
sin anns bu mhiann leis crùbadh sios a chum e 
fèin f halach, ach anns nach faodadh e fhalach a 
dheanamh ! 

J68. A rithist, an deigh dhomh beachdach- 
adh mar so air peacannan nan naomh gu sòn- 
raichte, agus a f huair mi mo pheacadh fèin a 
bhi mòran ni bu mhò no na peacannan acasan, 
an sin thòisich mi air smaointeachadh annara 
fèin 'nan cuirinn an cuid sa' peacannan gu lèir 
cuideachd, agus mo pheacadh fèin air leth r'an 
aghaidh ; nach faodadh an sin, gu'm faighinnmis- 
neach ? Oir mo pheacadh sa, ged' is mò e na peac- 
adh a h-aon diù san mar a h-eil e ach cho mòr 
r'am peacannan-sa uile cuideach, tha dòchasann 
do'm thaobh, oir, an fhuil sin anns an beil feartan 
fi^u leòir a chum am peacannan-sa gu lèir a 
ghlanadh air falbh tha feartan gu leòir ann a 
V hum mo pheacannan s' a 'ghlanadh air falbh 
ged a tha iad cho mòr r'an peacannan-san, mar 
a h-eil iad ni's mò n'an cuid-san gu lèir. An 
so a rithist chùimhnaich mi air peacannan 



GRAS AM PAILTEAS, &C. JOl 

Dhàibhidh, Sholaimh, Mhanaseh, Pheadair, 
agus a' chuid eile do'n mhòr luchd-easantais, 
agus shaoithrich mi mar an ceudna, mar a 
dh' fhaodainn le ceartas a dheanamh, air na 
peacannan acasan antromachadh, agus air an 
àrdachadh air iomadh cor agus dòigh. 

169. Smaointichinn maille rium fèin, gun do 
dhòirt Daibhidh fuil a chum a chuid adhaltranais 
achòmhdachadhagusfhalach, agus sincuideachd 
le claidheamh chloinn Ammoin, obair nach 
b urrainn a bhi air a deanamh ach le innleachd 
air a sònrachadh roi'-làimh, ni a bha na an- 
tromachadh air a pheacadh. Ach philleadh so 
do'm ionnsaidh ; ^' A ! cha robh iad sin ach 
'nam peacannan an aghaidh an lagha, agus bha 
losa air a chur a chum teasraiginn uapa, ach 
tha do pheacadh-sa an aghaidh an t-Slànaighear 
agus cò 'thearnas tu uaidhe sin ?" 

170. An sin smaointich mi air Solamh, agus 
air mar pheacaich e le mnathan coimheach a 
ghràdhachadh agus a chlaon e air falbh a chum 
an iodhalan le teampuill a thogail daibh agus 
gun d'rinn e so an aghaidh solais agus eòlais 'na 
sheann aois, an deigh dha mòr thròcair fhaot- 
ainn. ach rinn an dearbh cho-dhùnadh a ghearr 
air falbh mi anns na smaointeannan roimhe mo 
ghearradh air falbh uaithe so ; se sin ri ràdh^ 
nach robh annta sud uile ach peacannan an 
aghaidh an lagha, ni air son an d' ullaich Dia 
iocshlaint, ach reic mise mo shlànaighear agus 

K 



102 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

clia' robh ìobairt tuilleadh ann air son peac- 
aidh. 

171. An sin chuirinn mailleri peacannan 'nan 
daoine so peacannan Mhanaseh, mar a thog e 
altraichean do dh' iodhalaibh ann an taigh an 
Tighearna, choimhid e mar an ceudna amannan, 
agus ghnàthaich e drùidheachd, bha buntainn 
aig ri luchd-buidseachd agus bha e-fèin 'na 
bhuidsiche, agus a' chumail leannanan-sìthe ; 
agus loisg e a chlann air an teine mar ìobairt do 
dheamhnaibh, agus thug e air sràidibh Irusaleim 
sruthadh le fuil nan neo-chiontach, bha iad sud, 
arsa mise, 'nam peacannan mòra,'nam peacannan 
flann-dhearg^ ach fòs thigeadh so do'm ionns- 
aidh, — ^' Cha-n eil a h-aon do na peacannan sin 
a dh' aon nàdur ri do pheacannan-sa dhealaich 
thu ri losa, reic thu do Shlànaighear.'' 

172. Bha'n smaoin so do ghnà a claoidh mo 
chridhe, gu'n robh mo pheacadh calg-dhìreach 
an aghaidh mo Shlànaighear ; agus sin mar an 
ceudna aig an àirde sin a thubhairt mi ann am 
inntinn mu thimchioll, — *' falbhadh e ma e sin 
a thoii fèin." O ! shaoil mi gu 'm bu mhò am 
pheacadh ud na peacadh dùthcba, no rìoghachd 
no 'n t-saoghail gu leir, cha robh a h-aon de 
na peacannan sin a bha so-mhaite, no'n t-iomlan 
diìi cruinn cuideach, cho mòr ri mo pheacadh 
sa ; thug mo pheacadh-sa barr orra gu lèir. 

173. A nise mhothaich mi m' inntinn a' 
teicheadh air falbh o Dhia, mar ghnìiis breith- 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 103 

eimh uabhasaich, gidheadh be so mo chràdh, — 
'' jT^ ni eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè 
bheò/' (Eabh. xliì. 22.) Thigeadh so tha mi 
gràdh a dh' ionnsaidh m' inntinn ; Ach beann- 
aichte gu'n robh a ghràs, thigeadh an Sgriobtur 
so aig àm nan teumannan ruatharach ud, mar 
a' ruith ann am dheigh ; " Dhubh mi às mar 
neull t' euceartan, agus mar cheò do lochdan 
pill riùm, oir shaoir mis' thu. (Isa. xliv. 22.) 
Thigeadh so tha mi 'g ràdh a dh' ionnsaidh 
ra' inntinn an uair a bha mi teicheadh o ghnìiis 
Dè, oir bha mi a' teicheadh o ghnùis ; se sin ; 
bha m' inntinn agus mo spiorad a' teicheadh 
roimhe, a thaobh a ro-oirdheirceas, cha b'urrainn 
mi 'fhulang ; an sin ghlaodhadh an Sgriobtur 
so rium ; pill riumsa, ghlaodadh e gu h-àrd le 
guth ro labhar,- — ** pill rium, oir shaor mis 
thu.'' Gu dearbha bheireadh so orm stad car 
tacain, agus mar gu'm b'eadh sealtainn air 
m'ais a bharr mo ghuaile a dh' fheuchainn am 
V urrainn mi a mothachadh, an robh gràs Dè 
ga mo leantainn le mathanas 'na làimh ; ach 
cha bu luaithe a dheanainn sin, na bhiodh gach 
ni air an còmhdach thairis a rithist, le dorchadas 
o na briathran so, — " oir a ta f hios agaibh an 
uair a b* àile leis am beannachadh a shealbhach- 
adh, gun do dhiùltadh e ; oir cha dh' fhuair e 
àit' athreachais^ ged d' iarr se e gu dììrachdach 
le deuraibh." Uime sin cha b' urrainn mi 
fuireach, ach theich mi air falbh, ge do ghlaodh 
e air uairibh, — *' piU, pill," mar gu'm biodh e 



104 GRAS AM PAILTEAS^ ÒCC 

'g àrd ghlaodhaich as mo dheigh, ach bha eagal 
orm dlLÌthachadh ris, air eagal nach b'ann o 
Dhia a bha e ; oir bha 'n Sgriobtur ud eile mar 
a thubhairt mi cheana do ghnà a sèirm ann am 
chogais ; — '^ oir tha fhios agaibh an uair a b'àill 
leis am beannachadh a shealbhachadh gu'n do 
dhùiltadh e," &c. 

174. Aig aon àm air dhomh a bhi spaidsear- 
achd sios as suas ann am biìth criosdaidh àraidh 
a' caoidh air son a chòr mhuladalch thruaigh 
anns an robh mi, air mo chràdh le fèin-ghràin a 
thaobh an smaoin olc agus aingidh ud a' caoidh 
mar an ceudna air son gu 'n chuir mi peacadh 
cho mòr an gniomh agus bha mòr eagal orni 
nach faighinn mathanas air a shon ; a' guidhe 
mar an ceudna ann am chridhe ma bha eadar- 
dhealachadh eadar ara peacadh so agamsa agus 
am peacadh an aghaidh an Spioraid Naoimhe 
gu'n taisbeanadh an tighearna dhomh e. Agus 
air dhomh a bhi nise ullamh gu siothladh seach- 
ad le eagal air ball^ thàinig mar gu'm b'eadh, 
osag ghaoithe lefuaim orm^ ach gu ro thaitneach 
a steach air an uinneig, agus mar gu'n cluinninn 
guth a' gràdh 5 — " An do dhiùlt thu riamh a 
bhi air t' fhìreanachadh le fuil Chriosd ?" agus 
leis a sin bha m' uil aidmheil a chaidh seachad 
air amfosgladh suas domh a thiotadh, ni leis an 
tugadh orm fhaicinn nach do dhiùlt mi le mo 
dheòin ; uime sin fhreagair mo chridhe le 
acain — *' cha do dhiùlt mi. An sin thuit 
briathran so Dhè orm le cumhachd ; "Thugaibh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 10.5 

an n'aire nach diùlt sibh esan a ta labhairt*' 
(Eabh. xii. 25.) Rinn so grèira iongantach air 
m' inntinn, agus thug e solus do'm ionnsaidh 
maille ris, agus rinn e sìth ann am chridhe ; 
o na h'UÌle smuain bhuaireasach dhiù so, do 'm 
b'àbbaist roimhe sin abhi sgalaraich agus a bural- 
aich mar bhaide do choin na h-ifrinn, a' dean- 
amh fuaim oiUteil an taobh a staigh dhiom. 
Nochd e dhomh mar an ceudna, gu'n robh aig 
losa Criosda facal gràis agus tròcair dhomh 
fathast ; agus nach do thrèig e mi gu tur, le 
m' anam a thilgeadh air falbh, mar a bha eagal 
ormsa a rinn e. Seadh bha so 'na ghnè do 
chasg air m' an-dòchas^ agus 'na ghnè do 
rahaoidheadh orm, raar a d'rinn mi^ a dh' ain- 
deoin mo pheacannan agus an antromachd mo 
shlainte earbsa ri Mac Dhe. Ach a thaobh 
ciod bu chrìoch do 'n ni thachair an so cha 
b' aithne dhomh, no cia a's a thàinig e, ach cha 
b' urrainn mi fathast rè an fhichead bliadhna so 
chaidhe sheachad a thuigsinn ; smaointich rai an 
sin air ni as leisg leam innseadh an so. Ach da 
rìreadh bha'n osag ghaoithe sin mar gu'n tigeadh 
aingeal do'm ionnsaidh, ach sin agus an t-slàinte 
mar an ceudna fàgaidh mi iad gun bheantainn 
riù gu latha bhreitheanas ; ach so a mhain 
deiream gu' n tug e mòr shìth mu'n cuairt 'nam 
anam ; dhearbh e orm gu'n faodadh dòchas a 
bhi agam ; nochd e dhomh, mar a shaoil mi, 
fior nàdur a' pheacaidh sin air son nach faigh- 
ear raathanas a chaoidh, agus gu'n robh an 



106 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

comas beannaichte so aig m'anam fathast 
teicheadh a chum losa Criosd air son trùcair. 
Ach tha mi' gràdh a thaobh an tachartais so^ 
cha-n eil f hios agam fathast ciod a their mi mu 
thimchioll, gu f irinneach is ann mar sin a bha 
chùis, air chòr is nach do labhair mi m'a thim- 
chioll ann an toiseach an leabhair, tha mi nise 
mar an ceudna ga f hàgail acasan a ta do dh'inn- 
tinn f halain a chum smaointeachadh air. Cha-n 
eil mi leagadh neart mo shàbhalaidh 'na laidhe 
air an ni so, ach air an Tighearn losa, anns a' 
ghealladh ; a' faicinn fòs, gu'm beil mi ann a' 
so a' leigeadh ris mo dhiomhaireachd, smaointich 
mi nach biodh e 'na ni mi-iomchuidh leigeadh 
leis an ni so mar an ceudna e fèin a thaisbean- 
adh ; ged nach urrainn mi'n dràst a' chiìis 
aithris mar a dh'fhiosraich mi e aig an àm ud. 
Bhuanaich so 'nam fhàbhar mu thuaram ceithir 
na ciiig do lathaichean ; agus thòisich mi'n sin 
air a bhi an-earbsach agus air tuiteam ann an 
an-dòchas a rithist. 

175. Uime sin bha mo bheatha do ghnà an 
crochadh ann an teagamh romham ; gun fhios 
agam ciod an t-slighe air an triallaìnn, a mhain 
mhothaich mi gum be so rùn mo chridhe, 
eadhon mi-fèin a thilgeadh aig casan tròcair, le 
ùrnaigh agus achanaich. Ach O ! bu ni cruaidh 
leam aghaidh a bhi agam iàrnaigh a chuir suas 
ris a' Chriosd so a dh iarraidh tròcair, a thaobh 
gun do pheacaich mi cho salach 'na aghaidh. 
b'obair chruaidh a tha mi 'g ràdh feuchainn ri 



GKAS AM PAILTEAS, &C. 107 

amharc air anns an aodainn, a thaobh gun do 
pheacaich mi cho truaillidh 'na aghaidh ; agus 
d a rìreadh fhuair mi e na ni cho deacair ri ni 
sam bìth eile, tighinn a chum Dhè le ùrnaigh, 
an deigh dhomh cìil shleamhnachadh uaithe, 
O ! an nàire a leam riura a nise, gu sònraichte, 
'nuair a smaointich mi gu'n robh mi nise dol a 
dh'ùrnaigh ris an Tì sin air son tròcair a chuir 
mi cho ro-shuarach tacan roimhe sin ! Bha mì 
fo nàire, eadhon, fo àmhluadh, a thaobh gu'n do 
chuir mi'n gniomh an t-slaightearachd ud ; ach 
chunnaic mi nach robh ach aon slighe ann domh 
gu dol às, feumaidh mi dol da ionnsaidh-san, 
agus mi-fèin irioslachadh 'na làthair, agus 
guidhe air gu*n nochdadh esan o ghràsan iong- 
antach iochd dhomh, agus gu'n deanadh e 
tròcair air m'anam peacach truagh. 

Ì'JQ' 'Nuair a chunnaic am buaireadair so, 
dhùisg e suas na smaointean so 'nam inntinn, — 
'* Nach bu chòir dhomh ùrnaigh dheanamh ri 
Dia, a thaobh nach deanadh ùrnaigh stàth sam 
bìth do neach ann an còr mar bha mise ; agus 
nach mò dheanadh e math dhomhsa, a thaobh 
gu'n do chuir mi cùl ris an Eadar-mheadhonair 
trìd an tàinig gach uil' ùrnaigh le taitneas a 
chum Dhè an Athar; agus as eughmhais nach 
b'urrainn aon iìrnaigh tighinn 'na làthair ; uime 
sin cha bhi dhut ann an ìirnaigh a chuir suas a 
nise. ach a bhi 'cur peacadh ri peacadh ; air faic- 
inn dut gu'n do thilg Dia air falbh thu ; an ath 



108 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

rathad a clium na's mo dh'fhèirg agus a chorr- 
aich a chuir air na rinn thu riamh roimhe. 

177« '^ Oir tha Dia" arsesan, *' sgìth dhiot o 
cheann iomadh bliadhna cheana, a chionn nach 
aon thu bhuineasda ; cha robh do ghlaodhaich'na 
chluasan ro-thaitneach leis ; agus uime sin leig 
e dhut am peacaidh sin a chuir an gniomh, a 
chum is gu'm faodadh tu bhi air do ghearradh air 
falbh gu tur ; agus am bi thu fathast ag ùrnaigh ? 
mar so bha'n diabhol a' sparradh orm, agus chuir 
e mach an ni so ann an leabhar nan Aireamh far 
an tuirt Maois ri Clonn-Israel — A chionn 's 
nach rachadh iad suas a shealbhachadh an 
fhearainn an uair a ghabhadh Dia riù gu'n do 
dhùin e mach as an fhearann sin iad gu sìorr- 
uidh, ged' rinn iad ùrnaigh ris, theagamh, le 
deuraibh. Aireamh xiv. 36 — 42. 

1 78. Agus tha e air a ràdh ann an àite eile ; 
— '' Agus ma thig duine gu dàna air a choimh- 
earsnach le cèilg, o'm altair bheir thu e a chum 
gu'm bàsaich e.'* (Esc. xxi. 14,) eaclhon mar 
fhuair loab bàs an dail Rìgh sholaimh, ged do 
shaoil e gu'n faigheadh e fasgadh an sin. (l 
Rìgh 27 — 30,) Chiùrr na Sgriobturan so mi gu 
goirt, ach a thaobh gu'n robh mi ann an slaid 
chunnartach gun dòchas thuirt mi annam fèin. 
"• Cha-n urrainn mi ach bàsachadh ; agus mas 
h-èigin da sin tachairt — biodh aig muinntir ri 
aithris gun do bhàsaich a leithid so do neach 
uaireigin aig casan Chriosd ag ùrnaigh '' Mar 
so rinn mi ach b'ann le mòr èigin, mar is fios- 



GKAS A^ /jilLTEAS, &C. 10l> 

rach Dia ; agus sin araon a thaobh so agus an 
iomradh ud eile mu thimchioll Esau a bha 
tighinn a dh'ionnsaidh mo chridhe mar chlaidh- 
eamh Jasaracli a chum shghe craobh na beatha 
a choimhidh nu'n ithinn d'i agus a bhi beò. O ! 
cò aige tha fhios, cho duiHch sa fhuair mì e 
tighinn a dh'ionnsaidh Dhè le ùrnaigh. 

179. Bu mhian leam mar an ceudna gu'm 
cuireadh pobull Dè suas ùrnaighean a's mo leith, 
ach bha eagaì orm nach tugadh Dia cridhe 
dhaibh gu sin a dheanamh seadh bha mi air 
cnrith 'nani inntinn, le eagal gu'n innseadh cuid- 
eigin dhomh ann an uine ghearr gun tuirt Dia 
na briathran so riu, mar a thuirt e aon uair ris 
an fhàidh, mu dhèibhinn chlann Israeil, — '' Na 
deann thus ùrnaigh air son an t-sluaigh so, ni 
mo thogas tu suas glaodh no achanaich às an 
leth ; oir cha-n èisd mise 'san àm anns an glaodh, 
iad riura air son an airce." Mar sin, '' na dean 
ùrnaigh air a shon-san oir chuir mis' air chùl e." 
Seadh, shaoil mi gu'n do chagair e so ann an 
cluasan cuid aca, cheana, ach a mhain nach 
faodadh iad sin innseadh dhomhsa, agus ni mò 
dh'fhaodainns' fhoighneachd dhiù mu thim- 
chiollj air eagal ma bha chiìis mar sin gu n rach- 
ainn às mo chiall. — '^ Is eòl do dhuine, arsa 
J^^pira, antobair o'm beil am peacadh ag èiridh ach 
cò a chumas a shruthannan o ruith V' 

180, Mu'n àra so ghabh mi cothrom, air 
m'inntim a rìisgadh ri seana chriosdaidh, agus 
dh innis nii dha m'uile chor, dh'innis mi dha 



1 10 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

mar an ceudna gu'n robh eagal orm gu'n 
do pheacach mi 'm peacadh an aghaidh 
an Spiorad Naoimhe ; thuird e rium gun 
do smaointich e-fein sin cuideachd. An so 
uime sin, cha d'fhuair mi ach co-fhurtachd 
fhuar, ach air tuilleadh conaltraidh a bhi agam 
ris, thuig mi uaithe ge do bha e *na dhuine 
math, gu'n robh, e 'na choigreach, air moran 
comhstrìth a bhi aige ris an diabhol. Uime 
sin chaidh mi dh'ionnsaidh Dhè a rithist 
a dh'iarraidh tròcair cho math sa burrain mi 
fathast. 

181. A nise mar an ceudna thòisich am 
buaireadair air fanaid orm ann am thruaighe, ag 
ràdh ; — '^ Air faicinn dhut gun do dhealaich thu 
mar so ris an Tighearn losa, agus gu'n bhros- 
naich thu e gu diombadh cò sheasas eadar 
t'anam agus an teine dian-loisgeach ; cha n 
eil ann a nis ach aon dòigh agus se sin 
thu ùrnaigh dheanamh ri Dia an t-Athair gu'n 
seasadh e na Eadarmheadhonair eadar thu-fèin 
agus a Mhac, chum a's gu'm bi sibh air bhur 
deanamh rèith ri chèile rithist, agus gu'm faod 
thu an t-sochair bheannaichte sin a bhi agad 
annsan a ta naomh-shluagh sona fèin a sealbh- 
achadh. 

182. An sin rinn an sgriobtur so grèin air 
ra'aigneadh, — " Tha e san aon bheachd^ agus cò a 
dh*iompaicheas e." (lob. xxiii. 13.) O ! chunnaic 
mi gu'm bu cho fusa cuir mar fhiachaibh orm 
gun b'urrainn, dhomh saoghal nuadh,cumhnanta 



GRAS AM PAILTEAS, &;C. 111 

nuadh, agus Bìoball nuadh a dheanamh, a bharr 
orra sin a bha againn cheana, ri thoirt orm 
ùrnaigh a dheanamh air son a leithid do ni. 
Be so a bhi 'g ràdh ris gu*n robh na rinn e 
roimhe 'na f hìr ghòraich ; agus a bhi 'g iarraidh 
air uile shligheachan a shlàinte a mhiUeadh, agus 
a sin reubadh na briathran so m' anam às a 
chèile, '^oir cha-n eil slàinte ann an neach sam 
bìth eile fo nèamh air a thoirt a measg dhaoine 
tre am faod sinn a bhi air air tearnadh." Gniomh 
iv. 12, 

183. A nise be briathran saor, làn agus gràs- 
mhor an t-Soisgeil na nithe bu mhò bha ga'm 
phianadh, cha d' robh ni sam bith cho doii- 
giosach dhomh ri smaomtean mu Chriosd, agus 
cuimhneachadh air Slànaighear a chionn gu'n do 
thilg mi air fàlbh e ; thug sin gu'm chuimhne 
aingidheachd mo pheacaidh, agus an call a 
thàinig ann am char 'na cho-lòrg ; cha do 
chiùrr aon ni mo chogais mar a rinn so ; gach 
ni a smaointich mi mu'n Tighearn losa, (mar 
a ghràs, a ghràdh, a mhathas, a chaomhalachd ; 
a bhàs, 'fhuil, a gheallaidhean, agus earralan 
beannaichte, a shòias agus a chomfhurtachd), 
chaidh iad mar chlaidheamh a dh' ionnsaidh mo 
chridhe, oir do ghnà an àm dhomh a bhi 
smuainteachadh, mar so air an Tighearna losa 
dheanadh na smaointean so àite dhaibh fèin 
ann am chridhe. Seadh 's e so an t-Iosa, an 
Slànaighear caomhMacDhè ris an do dheallaich 
thusa a dhearmaid thu le tarcuis agus a mhi- 



112 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

ghnàthaich thu. Is e so an t-aon Slànaighear an 
t-aon Fhearsaoraidh an t-aon amhain a b'urrainn 
peacaich a ghràdhachadh ionnas gu'n nigheadh 
e iad o'm peacannan le fhuil luachmhoir fèin ; 
ach cha-n eile cuid no crannachar agad sa anns 
an losa so : thilg tha uat e, thuirt tha ann ad 
Chridhe," falbhadh e mas e sin a thoil fèin/' 
A nis uime sin tha thu air do sgaradh uaithe, 
rinn thu thu-fèin a sgaradh uaithe ; feuch a nise 
a mhathas ach cha bhi thu-fèin 'na f fhear- 
compairtichidh dheth.'^ O ! arsa mise ciod a 
chaill mi, ciod an ni ris an do chuir mi cùl, ciod 
a thug air m' anam bochd a chòir oighreachd a 
chall O ! tha e air a ràdh gur e sin a bhi sgrioste 
le gràs agus tròcair Dhè, an t-Uan agus an 
Slànaighear, tionndadh gu bhi 'na Leòghan agus 
'na Fhear-sgriosaidh. (Tais. vi.) Mar an 
ceudna chriothnaich mise, mar a thubhairt mi 
cheana, air dhomh fradharc f haotainn air naoimh 
Dhè, gu hàraid air dhomh amharc orrasan a 
thug mòr ghràdh dhasan agus a ghluais do ghnà 
maille ris anns an t-saoghal so, oir ba eagal orra 
araon 'nam briathran nan giùlan agus 'nan uile 
chainnt ghràidh agus eagail peacachadh an 
aghaidh an t Slànaighear phrìseìl ; rinn so mis a 
dhìteadh^ ciont a chuir as mo leith, agus mar an 
ceudna tuilleadh àmhghair agus maslaidh a 
chuir ri m'anam, agus bha uabhas agam rompa, 
chriothnach mì mar sheanairean a' bhaile roi' 
Shamuel Dè. 1 Sam. xvi. 4, 

184. A nise, mar an ceudna, thòisich ara 



GUAS AM PAILiEAS, &C. 113 

buaireadair air fanaid air in'anam as-iìr air d igh 
eile ; ag ràdh, " gun robh truas aig Criosd da- 
rìreadh ri'm chor agus gu'n robh e doilich air 
son mar thachair dhomh ach a thaobh gu'n 
pheacaich mi le euceart mar a rinn mi, nach 
b'urrainn e air sheòl sam bith mo thèarnadh, 
o'n ni sin roi'n robh eagal orm, oir cha b'ionnan 
nàdur do 'm pheacannansa, 's do pheacannan 
na h-aiteam sin, air son an d'rinn e fhuil a 
dhòrtadh agus bàsachadh ; mi mò bha e air 
àireamh a measg nam peacannan a bh' air an 
chur as a leth 'nuair a bba e 'n crochadh air a' 
chrann Uime sin, mar a tigeadh e rithist a nuas 
o nèamh agus bàsachadh as-iir air son a' pheac- 
aidh so, ge do bha truas aige rium da-rìreadh 
nach burrainn e math sam bith a dheanamh 
dhomh." Faodaidh na nithe so a bhi air am 
meas neònach le muinntir eile, eadhon cho 
neònach sa bha iad annta fèin, ach bha iad 
dhomhsa nan smuaintean cràiteach, gach aon 
diù ag antromachadh mo thruaighe ; le gu'm 
biodh urrad do ghràdh ann an losa Criosd, a's 
truas a ghabhail riumsa agus nach b' urrainn e 
cobhair sam bith a dheanamh rium ; ni mò 
shaoil mi gu'm be 'n t-aobhar air son nach 
deanadh e còmhnadh leam gu'n robh a' chumh- 
achd lag, no ghràs agus a shlàinte air a caith- 
eadh air m'uinntir eile cheana, ach a thaobh 
nach leigeadh dìlseachd a bhagraidhean da a 
thròcair a sgaoileadh dhomsa, a bharr air gu'n do 
shaoil mi mar a thubhairt mi cheana nach robh 



114 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

mo pheacadh air taobh a steach crìochan a 
mhathanais sin a bha air f hilleadh suas anns a' 
ghealladh, agus mar an robh, an sin, bha fios 
cinnteachagamgu'm bucho furast donèamhagus 
do'n talamh dol thairis sa bha e dhomhsa beatha 
shìorruidh fhaotainn, a thaobh gu'n d'èirich 
aobhar an egail so a bha orm o'n chreideamh 
dhaingean a bh'agam ann am bunailteachd 
facail Naomha Dhè, agus mar an ceudna, gu'n 
d' fhuair mi cunntas mhearachdach mu thim- 
chioU nàdur mo pheacaidh. 

185. Ach O ! cia mar a mheudaicheadh so 
mo bhròn ; smaointeachadh gu'm bithinn ciont- 
ach do leithid sud do pheacadh, peacadh air son 
nach d' fhuair Criosd bàs. Rinn na smaoin- 
tean so mo chuir fo amhluadh, mo chumail am 
prìosan agus mo cheangal suas o chreideamh, 
ionnas nach robh fhios agam ciod a dheanainn, 
ach O ! arsa mise, nach ann a thigeadh Criosd 
a nuas a rithist, O ! nach ann a bhiodh obair 
saorsa an duine gu bhi air a deanamh fathast le 
Criosd ! Cia mar a ghuidhinn air am peacadh 
so àireamh am measg nam peacannan eile air son 
an d' fhuaire bàs ! Ach bhuaileadh an sgriob- 
tur so sios mi mar gu'm b'ann marbh, — " Air 
dhuinn fios a bhi againn^ air do Chriosd èirigh o 
na mairbh, nach bàsaich e nis mò ; cha-n eil 
tighearnas aig a' bha's ni's mò air." Rom. vi. 9. 

186. Mar so, le droch-ionnsaidh iongantach 
agus neo-ghnàthach a' bhuaireadair, bha m'anan 
coIf:ach ri soigheach briste. air m' f huadach mar 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 115 

gu'm b'eadh leis na gaothaibh agus air mo thonn- 
luasgadh air uairibh an comhair mo chinn ann 
an cuan andòchais ; cuid do dh' uairibh air 
cùmhnanta nan gniomh ; agus air uairìbh eile 
a' guidheadh gu'm biodh an nuadh-chùmh- 
nanta agus a chumhachan reite, cho fad sa bha 
mo ghnothach-sa riu air an tionndadh rathad eile, 
agus air an atharrachadh gu tur. Ach anns 
gach cùis diù so bha mi mar iadsan a bh' air 
am bualadh ri aghaidh nan creag, ni bu mhò air 
mo bhriseadh, air sgaoileadh, agus air sgàineadh, 
! an dearmad aignidh, eagail, agus uabhais a 
th' air a thoirt mu'n cuairt le neach a bhi air 
a lùbadh fo chiont a' pheacaidh, ag aomadh a 
dh'ionnsaidh an-dòchais ! — 'S e so an duine aig 
an robh a chòmhnaidh 's na h-àitibh adhlaic, 
agus nach b'urrainn neach sam bith a cheangal^ 
a tharruinn na slàbhraidhean às a' chèile, agus 
a mhin-bhris na geamhlaichean, a bha do- 
cheannsaichte, agus a' glaodhaich a latha sa 
dh' òidhche, agus ga ghearradh fèin le clachaibh. 
(Marc. V. 1. 5.) Ach deiream, tha gach ni 
dhiù sin diamhainn. Cha toir an t-an-dòchas 
comhf hurtachd dha, cha dean an seanna chumh- 
nant' a thearnadh. Cha dean ; *' thèid nèamh 
agua talamh thairis mu'm fàilinn agus mu'n 
gluaisear air falbh aon sraid do bhriathran no 
do laghnan gràs.'' So chunnaic mi, so dh'fhair 
ich mi, agus fodha so rinn mi caoidh, ach fòs, so 
aon bhuannachd a fhuair mi uaithe, se sin, barr- 
achd dearbhaidh air cinntlchead slighe na slàinte, 



116 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

agus gu'm b'iad na Sgriobturan facal Dè. ! 
cha'n urrainn mi aithris an dràsta na chunnaic 
agus na mhothaich mi aig an àm ud do bhunailt- 
eachd losa Criosd carraig slàinte an duine. 
Na chaidh a dheanamh cha b' urrainn e bhi 
gu'n deanamh no air a chaochladh ; chunnaic 
mi gu dearbha gu'm faodadh am peacadh duin' 
iomain seachad air Criosd, seadh, am peacadh 
air son nach faighear mathanas a chaoidh ; agus 
is an-aoibhinn do'n tì a bha no bhitheas mar sin 
air iomain, oir dìiinidh am facal a mach e ! 

I87. Bha mi mar so^ do ghnà a dol fodha ge 
be ni air an sraaointichinn no dheanainn. Mar 
sin air aon latha choisich mi chum baile a bha 
dlù do'n choimhearsnachd, agus rinn mi 
suidhe air suidheachan a bh'air, an t-sraid, 
agus thuit mi ann an trom smaointean a thaobh 
na staide sin chum an d'rinn mo pheacadh mo 
tharruinn agus an deigh dhomh a bhi grèis a' 
smaointeachadh thog rai suas mo cheann agus 
shaoil leam gu'n faca mi mar gu'm biodh a' 
ghrian a bha deàlradh ann an speuraibh nèimh 
a' s ìradh solais a thoirt dhomh, agus mar gu'm 
biodh na dearbh chlachan a bh'air an t-sràid, 
agus na criadh-leacan a bh'air na taighean ga'n 
lùbadh fèin 'nam aghaidh ; air leam gu'n deach 
iad gu lèir am bainn a cheile chum m'f huadach 
às an t-saoghal, bha mi air m* fhuathachadh 
leo, agus neo-iomchuidh air còmhnaidh a 
ghabhail maiUe riù, no bhi ann am fhear-com- 
pairtichidh do na sochairean a bha acasan, a 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 117 

chionn gu'ndopheacaichmi an aghaidhant-Slàn - 
aighear ; O ! cia cho sona sa bha gach creutair a 
nise seach mar a bha mise ; oir sheas iad gu 
daigheann agus chum iad an àite ; ach bha mise 
shios dheth agus caillte. 

188. A nis' air dhomh labhairt a mach ann 
an searbhadas m'anma, thubhairt mi ri m'anam 
le osna ghoirt, — " Cionnas is urrainn Dia 
comhfhurtachd a thoirt do mo leithid-sa 
dh'eucorach truagh?" Cha bu luaithe thuirt 
nii na briathran ud na phill am freagairt so 
do'm ionnsaidh mar ath-shèirm mhic-talla do 
ghuth, " Cha n-eil am peacadh so a chum 
bàis.*' Air domh so a chluinntinn bha mi mar 
gu m bithinn air èirigh às an uaigh, agus ghlaodh 
nii mach a rithist, — " A Thighearna ! cia mar 
a b'urrainn thu facal mar sin f haotainn a mach ?^' 
Oir bha mi air mo leònadh le ioghnadh a thaobh 
iomchuidhead nam briathran ud, a thàinig an 
uair nach robh dùil sam bith agam riù ; — a 
thaobh freagarrachd nam briathran, a mhithich 
anns an tàinig iad, an cumhachd, an soluis agus 
a' ghlòir a thàinig maille riu mar an ceudna, bha 
e iongantach leamsa fhaotainn. Bha mì nise 
rè an ama sin às gach teagamh, a thaobh nan 
nithe mu'n robh mi roimhe sin ann am mòr 
theagamh. Be m'eagal roimhe sin nach robh 
mo pheacadh so mhaìthte, agus uime sin nach 
robh còir agam air ùrnaigh dheanamh no air 
aithreachas a ghabhail, &c. agus ge do dheanainn 
sin nach robh e chuui math no buannachd sam 



118 GRAS A3I PAILTEAS, &C. 

bith a dheanarnli dhomli. " Ach a nis/* arsa 
mise " mar a h-eil am peacadh so a chum bàis, 
tha e so-mhaithte, uime sin tha misneach agam 
tighinn a chum Dhè tre Chriosd, a dh'iarraidh 
tròcair, a chum gealladh a mhathanais a thoirt 
fainear ; mar an ni siri a ta 'na sheasamh le 
gàirdeanaibh sgaoilte mach a chum mise 'ghabh- 
ail a steach cho math ri muinntir eile." Bha 
so uime sin, 'na mhòr shocair do'm inntinn, se 
sin ri ràdh, gu'n robh mo pheacadh so-mhaithte, 
agus nach b"e am peacadh a ta chum bàis, (1 
Eoin. V. 16, 17.) Cha b'urrainn neach sam 
bith ach iadsan a fhuair fios air leithid mo 
thrioblaid [o'm fiosrachadh fèin,] innseadli 
ciod an comhfhurtachd, a thug na smaoin- 
tean so a dh'ionnsaidh m'anma ; bha e 'na 
f huasgladh dhomh o na cuibhrichean anns an 
robh mi roimhe sin air mo cheangal ; agus 'na 
dhion dhomh o'n doireann fo'n robh mi roimhe 
sin rùiste, bha mi nise coltach ri bhi ann am 
sheasamh air an aon stèidh ri peacaich eile, agus 
mo chòir cho math air an fhacal agus air 
ùrnaigh sa bha aig aon neach acasan. 

189. A nise, deiream, bha mi 'g earbsa nach 
robh mo pheacannan do mhàithte, ach gu'm 
faodadh dòchas a bhi agam gu'ra faighinn 
mathanas, ach o cia mar a ghnàthaich Sàtan 
e-fèin, a chum mo thoirt a nios a rithist. Ach 
cha b'urrainn e sin a dheanamh air chòr sain 
bith, araon air an latha ud no air a' chuid bu mhì) 
do'n ath latha, oir sheas au ràite so mar chlach- 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 11? 

comharraidh mìle air mo chùl-thaobh ; f ^js an 
àm tighinn an f heasgair an ath latha, mhothaich 
mi am facal so ga mo thrèigsinn agus a' tarr 
uinn a chobrach air falbh uam, uime sin phill 
mi chum mo sheann eagail a rithist ; ach 
])'ann le'm fhior an-toil agus ghearan, oir bha 
eagal orm roi' bhròn an an-d^chais ; ni mò 
chumadh mo chreideamh am facal so ni 
b'fhaide. 

190. Ach air feasgar an ath-latha, air dhomh 
a bhi fo iomadh eagal chaidh mi dh'iarraidh an 
Tighearna, agus am feadh a bha mi 'g {irnaigh 
ghlaodh mi ; agus ghlaodh m'anam ris anns na 
briathran so le glaodhaich thrèin ; — '* O 
Thighearna guidheam ort foillsich dhomhsa 
gu'n do ghràdhaich thu mi le gràdh sìorruidh.'' 
Cha bu iuaithe thuirt mi sud na thàinig na 
briathran so do'm ionnsaidh le taitneas mar 
ath-shèirm mhic-talla ; — 'Me gràdh sìorruidh 
ghràdhaich mi thu." (ler. xxxi. 3.) A nise 
chaidh mi gu'm leabaidh le sìth, agus mar au 
ceudna 'nuair a dhùisg mi air anath mhadainn, 
bha na briathran gu h-ùr air m'anam agus 
chreid mi iad. 

191. Ach chad'fhàg am buaireadair mi fath- 
ast ; oir cha bu lugha na ceud uair air au 
lathath sin a shaoithrich e chum mo shìth a 
bhriseadh ! na cathan a^us na còmhragan 
a thachair rium aig an àm ud ; air dhomh a bhi 
strìth ri grèim a chuinail air na briathran ud, 



120 GRAS AM PAILTEAS, &C, 

lasadh cor truagh Esau suas mar dhealanach 
ann am aodainn, bhithinn aircuiddodh'amaibh, 
sios agus suas fichead uair ann an aon uair do 
dh' ùin', gidheadh ghiùlain Dia mi mach agus 
chùm e mo chridhe air an fhacal so, bho'n 
d' fhuair mi mar an ceudna fad lathaichean 
iomlan, mòran taitneachd agus dòchas comh- 
fhurtachail ri mathanas fhaotainn ; oir bha 
'chùis air a deanamh mach dhomh mar so — 
'• Ghràdhaich mi thu am feadh a bha tbu a' 
cur a' pheacaidh so an gniomh, ghràdhaich mi 
thu roimhe sin, agus tha gràdh agam dhut 
fathast, agus gràdhaichidh mi thu gu sìorruidh." 
192. Fòs chunnaic mi gu'n robh mo pheac- 
ana* ro bhorb, agus 'nan ciontan salach, agus cha 
b' urrainn mi gu'n a cho-dhùnadh le mòr nàire 
agus iongantas ; gu'n d' rinn mi Mac Naomha 
I)hè a mhi-ghnàthachadh cho uabhasach ; uime 
sin mhothaich mi m' anam ga ghràdhachadh gu 
mòr a' gabhail truais ris, agus m' innidh a' 
tiomachadh da ionnsaidh, oir chunnaic mi gu'n 
robh e 'na charaid dhomh fathast, agus gun 
d' ìoc e math dhomh an èirig uilc ; seadh 
dh' oibrich an gràdh agus an tU1s a bha'n tràth sin 
a' lasadh an taobh a steach dhomh do mo Thigh- 
earna agus do mo Shlànaighear losa Criosd a 
leithid dorùn dioghaltais teth aguslaidir ormfèin 
air son a mhi-ghnàthachaidh a rinn mi air; agus 
le labhairt mar a shaoil mi 'n tràth sin, ged a 



GRAS AM PAILTEAS, &C. ]2l 

bliiodh agamsa mìle galan fala ann am chuislear 
b' urrainn mi 'san àm sin a dòrtadh gu lèn 
le'm dheòin, air àint' agus aig casan so mc 
Thighearn' agus mo Shldnaighear. 

193. Agus air dhomh a bhi mar so a' 
smaointeachadh cia mar a ghràdhaichinn an 
Tighearn, agus a leiginn ris mo ghaol da, thàinig 
na briathran so do'm ionnsaidh, — ^' Ma chomh- 
arraicheas tusa aingidheachd a Tighearna cò 
sheasas ? ach agadsa tka mathanas ; agus uime 
sin bithidh eagal air daoine romhad," (Sàlm 
cxxx. 3, 4.) Bha iad so 'nam briathran matha 
dhomhsa, a' chuid ma dheireadh dhiù gu sòn- 
raichte, se sin ri ràdh, gu'm beil mathanas aig 
an Tighearna, agus uime sin gu'm biodh eagal 
air daoine roimhe, se sin mar a thuig mis' an 
uair sin, chum is gu'm biodh e air a ghràdh- 
achadhagus gu'n robh urram aigann, oir bha e air 
a nochdadh a mach dhomh mar so. " Gu'n do 
mheas an Dia mòr cho àrd-luachmhor gaol a 
chreatairean bochda is a raoghainn air a' ghaol 
ac a chaìl gu*m mathadh e an eu-ceartan.'^ 

194. Agus a nise bha na briathran ud air an 
co-lionadh orm agus bha mi air mo neartachadh 
leo, — ^' chum gu'n cuimhnich thu agus gu'm 
bi nàir ort, agus nach fosgail thu do bheul gu 
bràth nis mò, do bhrìgh do nàire 'nuair a bhios 
mise rèidh riut air son gach ni a rium thu, deir 
an Tighearna lehobha." (Esec. xvi. 63.) Mar 
so bha m' anam aig an àm so (agus mar a shaoil 
mi 'nuair sin a bhiodh e gu bràth) air a cliur 



122 GRAS AM PAILTEAS, &C, 

saor o bhi air a tlirioblaicleachadh le *m chiont 
agus le'm' amhluadh roimhe sin. 

195. Ach mu'n deach iomadh seachduin 
thairis, thòisich mi air tuiteam sios 'nam inntinn 
a rithist, le eagal gu'm faodainn a bhi fa-dheir- 
eadh air mo mhealladh agus air mo sgrios a 
dh' aindeoin gach ni a mheal mi ; oir thàinig 
na smaointean so le neart a dh' ionnsaidh 
lu' inntinn ; — Ge be air bith comhfhurtachd 
agus sìth a shaoil mi a bhi agam o fhacal geall- 
aidh na beatha, gidheadh, mar a robh aonta 
agus co-fhreagarrachd ris an sgriobtur air fhaot- 
ainn 'nam ùr-neartachadh, ge be air bhith cho 
math sa smaointichinn mu thimchioll, agus ge 
be air bith cho teann 's d'an deanainn grèim 
air, nach biodh tairbh sam bith ann domh aig a' 
cheann ma dheireadh, a thaobh, " nach faodar 
an sgriobtur a bhriseadh." Eoin. x. 35. 

196. À nise thòisichmo chridhe air fàs goirt 
a rithist, le eagal gu 'm faighinn mi-fèin air mo 
mhealladh ann am bhaireil fa-dheireadh, Uime 
sin thòisich mi cheart rìreadh air a* chomh- 
fhurtach so a fhuair mi a cheasnachadh agus a 
rannsachadh, a' smaointeachadhafaodadhneach 
apheacaichmararinn mise alàn-easbsachuirann 
an dìlseachd Dhè, a bha air a chuir sìos anns 
nabriathran so leisan robh mi air mo cho-fhurt- 
achadh, agus air an do leag mi mo thaice, agus 
a bha nise air a thoirt a chum m' inntinn ; — 
" O is eu comasach an dream sin a chaidh aon 
uair a shoillseachadh, agus a bhlais air tiodlaic 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 123 

n'^amhaiclh, agus a rinneadh 'nan luchd-com- 
pairt do 'n Spiorad Naomh' agus a bhlais deagh 
fhacal Dè, agus cumhachd an t-saoghail ri 
teachd, agus a.thuit air falbh ath nuadhachadh." 
(Eabh. TÌ. 4 — 6.) ^' Oir ma pheacaicheas sinn 
d'ar toil fèin an deigh dhuinn eòlas na fìrinn 
fhaotainn cha-n fhagair tuilleadh dhuinn ìobairt 
air son peacaidh, ach dìiil eagalach ri breitheanas 
anrus fearg thinnteach, a sgriosas na h-eascair- 
dean," (Eabh. x. 26, 27-) Eadhon, '' mar Esau 
a reic air son aon ghrein bidh còir a' cheud- 
bhreithe. Oir a ta fhios agaibh an uair a b' àill 
leis ann beannachadh a shealbhachadh gun do 
dhiùltadh e : oir cha d' fhuair e àit' aithreach- 
ais ged' dh' iarr se e gu dùrachdach le deuraibh.'' 
Eabh.xii. 16, 17. 

197. A nise bha facal an tSoisgeil air a spion- 
adh o m' anam, air chòr is nach robh aon 
ghealladh no mhisneach r'a fhaotamn anns a 
Bhìoball air mo shon ; agus a sin dh'oibrich- 
eadh an ràitesoairm'inntinn, a chum m'àmhghair. 
"Na dean aoibhneas o Israeil mar na cinnich." 
(Hos. ix. 1.) Oir chunnaic mi gu deimhinn, 
gun robh aobhar aoibhneis acasan a lean ri 
Criosd, ach air mo shonsa ghearr mi mi-fèin 
uaithe le'm eu-ceartan, agus cha dh'fhàg mi 
dhomh fèin ionad do m' bhonn no grèim làimhe 
a measg gach dion agus cùl-taic a th' ann am 
f hacal luachmhor na beatha. 

198. Agus gu fìrinneach, mhothaich mi 
mi-fèin a nise dol sios ann an shlgan gu'n 



124 GRAS AM PAILTEAS^ &C. 

ioch(ìar, niar thaigb aig am beil a bhunairl 
air a mhilleadh, shamhlaich mi mi-fèin anns a' 
chòr so, ri leanabh a thuiteadh ann an dàm 
muilHnn, oir ged' a b'urrainn e ionnsaidh thoirt 
air smeuraich agus smògaich annsanuisge, fòs a 
thaobh nach b'urrainn e ionad buinn no grèim 
làimhe fhaotainn, b'èigin da ma dheireadh 
bàsachadh anns a' chor sin. Cho luath sa rinn 
an nuadh-ionnsaidh so grèim air m'anam, 
thàinig an Sgriobtur so gu'm chridhe. " Oir 
tha'n sealladh fathast rè mòran laithean/' (Dan. 
X. 14.) Agus ga dearbha fhuair mi gu'n robh 
e mar sin, oir cha b'urrainn mi bhi air m'aiseag 
no air mo thoirt a chum sìth' a rithist^ gus an 
deach crìoch air dà bhliadhna gu leth an deigh 
sin. Uime sin^ — na briathran so, — ge d' nach 
robh aon ni annta a chum mi-mhisneachd a 
thoirt seachad, gidheadh dhomhsa air an robh 
eagal gu*m biodh an còr so anns an robh mi 
siorruidh, bha iad air uairibh mar chòmhnadh 
agus mar ath-neartachadh dhomh. 

199. Oir arsa mise, cha n-eil *'mòran laithean" 
cho fad ri gu bràth, thèid crìoch air " mòran 
laithean/' uime sin air faicinn dhomh nach 
robh m'àmhghar, gu marsainn a mhàin rè 
beagan ach '* mòran laithean/' fòs rinn mi 
gàirdeachas a chionn nach robh e ach *'rè mòran 
laithean." Mar so deiream, dheanainn mi-fèin 
ath-ghairm air uairibh agus gheibhinn cobhair, 
oir cho luath sa thàinig am facal air tùs gu'm 
f.nntinn, thuig mi gu'm maireadh mo thrioblaid 



GBAS AM PAILTEAS, &C. 125 

rè ùine, ach cha bhiodh so ach air uairibh, oir 
cha b'urrainn dhomh a bhi do ghnàth a' 
smaointeachadh air a so, no bhi idir air mo cho- 
fhurtachadh leis ged a b' urrainn. 

200. A nise, am feadh a bha na sgriobturan so 
'nan laidhe fo'm chomhair, agus a leag iad peac- 
adh às-ùr a rithist aig mo dhorus ; thug na 
briathran so anns a' cheud rann do'n ochd- 
amh caibidil deug do Shoisgeil Lucais maille 
ri briathran sgriobtuir eile misneach dhomh, a 
chum ùrnaigh a dheanamh ; an sin dhùisg am 
buaireadair smaointean glè ghoirt suas ann am 
inntinn ; — ^' nach fòghnadh araon tK cair Dè 
no fuil Chriosd chum mo shaoradh o*m pheac- 
adh, uime sin gu 'm bu diamhainn an ni dhomh 
a bhi 'g ùrnaigh'' — "Gidheadh," arsa mise, ''^ni 
mi ùrnai^h." — " Ach," arsa am buaireadair, 
'" tha do pheacadh do-mhaithte," — ^'Gidheadh," 
arsa mise, '' ni mi ùrnaigh." — " Cha-n eil stàth 
dhut innte," ars esan. — " Gidheadh," arsa 
mise, " ni mi ùrnaigh." Mar so chaidh mi 
dh' ùrnaigh ri Dia, agus am feadh a bha mi 
'g lìrnaigh, labhair mi briathran mar iad so ; — 
" A Thighearna, tha Sàtan ag innseadh dhomh, 
nach eil araon do thròcair sa no fuil Chriosd uil- 
f hoghainteach a chum m' anam a thearnadh ; a 
Thighearna, an cuir mi ni's mò dh' onair ort le 
chreidsinn gu'm beil, agus gur comasach do 
thròcair-sa agus ful Chriosd sin a dheanamh. 
no le chreidsinnnach eil, agus nach urrainnthu. 
A Thighearna is deònach a chuireas mi onair 

M 



126 GllAS AM PAILTEAS, &C. 

ort le clireidsinii gu'n dean, agus gur urrainn 
thu dheanamh/' 

201. Agus ara feadh a hha mi mar so ann 
an làthair an Tighearna, rinn an sgriohtur so 
grèim air mo chridhe, *^ a dhuine is mòr do 
chreideamh." (Mat. xv. 28), eadhon mar gu'm 
putadh duine mi thaobh mo chùil, an àm dhomh 
a hhi air mo ghlùinean an làthair Dhè, gidheah 
cha robh mi comasach air so a chreidsinn 
gu'm b'e ùrnaigh creideimh a bha ann, gu ceann 
shè mìosan an dèigh sin^ oir cha b'urrainn 
mi smaointeachadh gun robh creideamh agam, 
no gu'm biodh facal ann domh air an oibrichinn 
creideamh, uime sin bha mi fathast an sàs ann 
an ciobhalaibh an-dòchais, agus shiubhail mi 
sios agus suas, a' caoidh ann an còr ro mhulad- 
ach, truagh ! 

202. Cha robh ni sam bith a nise bu mhiann- 
aiche leam na'n ni so a chuir às gach teagamh ; 
agus air dhomh a bhi gu ro dhùrachdach ag 
iarraidh fiosrachaidh an robh da-rìreadh dòchas 
do'm thaobh ; thàinig na briathran so a 
dh' ionnsaidh m' inntinn ; — " An tilg an Tigh- 
earna uaithe gu bràth ì agus nach nochd e a 
dheagh'ghean ni's mò ? An do sguir a chaoimh- 
neas am feast ? an d' fhàilnich f hacal o linn gu 
Mnn ? an do dhearmaid Dia a bhi gràsmhor ? 
an do dhùin e suas 'na chorraich a chaomh- 
thròcair?" (Salm Ixxvii. 7 — 9.) Agus bha 
so a' ruith air m' inntinn, fad na h-ùine sin, 
agus air leam gu'n robh na briathran so agam 



GRAS AM PAILTEAS, &a 127 

mar fhreagairt. '' 'S e cheist, cj-dhiù a dhear- 
maid no nach do dhearmaid ?" Air leam gu'n 
robh a' cheist a giùlain innte fèin, nach do 
dearmaid e da-rìreadh, agus nach tilgeadh e 
uaithe, ach gu'n nochdadh e a dheagh-ghean, 
agusnach tigeadhfàilinn gu bràth air agheailadb, 
agus nach dì-chuimhnaicheadh e a bhi gràsmhor, 
agus nach dùineadh e suas 'na chorraich a 
chaomh-thròcair ; air cuid do dh' uairibh, aig 
an àm cheudna bha ni-eigin 'na laidhe air 
m' inntinn air nach urrainn mi cuimhneachadh 
an dràsta, a rinn maille ris an sgriobtur ud mo 
chridhe fhàgail milis domh^ agus a thug orni 
co-dhùnadh, nach robh a thrccairair dol seach- 
ad, agus nach rachadh i seachad gu bràth. 

203. Is cuimhne leam air àm eile gu'n robh 
mi gu mòr fo'n cheist so, '^ Cò dhiù a bha fuil 
Chriosd làn-fhoghainteach air m' anam a thearn- 
adh," agus anns an teagamh sin bhuanaich mi 
o mhadainn gu seachd no h ochd do dh-uairean 
na h-òidhche, agus fa-dheòigh an uair a bha mi 
mar gu m b" eadh gu toirt thairis le eagal nach 
gabhadh e grèim orm, shèirm na briathran so 
air ball ann am chridhe — '' Tha e comasach." 
Ach air leam gu'n robh am facal so comasach 
air a ghairm gu labhar, bha e 'g amharc mar 
fhacal mòr, bha e mar gu m biodh e air a 
sgrìobhadh le litrichean mòra, agus thug e 
leithid do phutadh do m' eagal agus do 'm 
theagamh, (tha mi 'ciallachadh fhad sa bhuan- 
aich e maille rium, agus bha sin mu thuaiream 



128 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

latha), ni nach d' fhuair mi uaithe sin rè fad mo 
bheatha, araon roimhe no 'n dèigh an ama sin. 
Eabh. vii. 25. 

204. Ach aon mhadainn, air dhomh a bhi 
rithist ag ùrnaigh agus air balla-chrith, fo'n eagal 
so ; nach robh a h-aon do bhriathran Dè a 
dheanadh còmhnadh leam, thàinig an sgriobtur 
so do'ra ionnsaidh,— " Is ieòir mo ghràs-sa" 
(2 Còr. xii. 9.) Ris a so air leam gu'n do 
mhothaich mi cuid do stad, mar gu'm faod- 
adh dòchas a bhi do'm thaobh. Ach O ! ciod e 
cho math sa tha e bho Dhia fhacal a chuir thug- 
ainn 1 oir ma thuaiream ceithir-latha-deug 
roimhe sin, bha mi 'g amharc anns an dearbh 
àite so, ach an sin shaoii mi nach b' urrainn da 
tighinn dlìi do'm anam le comhfhurtachd, 
uime sin thilg mi sios mo leabhar le frionas ; 
oir shaoil mi nach robh e farsuinn gu leòir 
dhomhsa, ach bha e nisemar gu'm biodh gàird- 
eanan gràis aige air an sgaoileadh cho farsuinn, 
air chor is nach iathadh iad a mhàin mu'm 
thimchioll-sa, ach mu thimchioll mòran a 
bharrachd orm. 

205. Bha mi air mo chumail suas leis na 
briathran so, gidheadh, cha b'ann gu'n mhòr 
chomh-strìth rè sheachd no h-ochd do sheachd- 
uinean, oir bhiodh mo shìth ann a's às air cuid 
do dh' amaibh fichead uairan aon latha ; comh- 
fburtachd agam an dràsta, agus trioblaid a rith- 
ist, sìth an dràsta, agus mu'n rachainn ochdamh 
earrann a mhìle air m' aghaidh, bha mi cho làn 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 129 

eagail sa b'urrainn cridhe a bha rianih am feòil 
a chumail, ach cha do mhair so a mhàin a 
nise sa rithist, ach fad fèin-fhosrachaidh iomlan 
sheachd sheachduinean. Oir bha so mu thim- 
chioll làn-fhoghainteachd gràis, agus sud mu 
thimchiollEsau dealachadh ri chòir-breithe; mar 
shlighean-chothroim 'nam aigneadh, air uairibh 
aon cheann do'n mheidh an uachdar, agus air 
uairibh an ceann eile ; agus do rèir mar bhodh so 
bhiodh mo shìth agus mo thriobìaid. 

206. Uime sin bhuanaich mi ann a bhi dean- 
amh ùrnaigh ri Dia, gu n tigeadh e steach gu 
mo chridhe n'a bu làine le Sgriobtur ; se sin ri 
ràdh, gu'n cuidicheadh e leam ; 'na briathran gu 
lèir a chleachdach gu ceart, oir fathast cha 
b'urrainn mi sin a dheanamh. Thug esan agus 
thionail mise, ach dol n'a b'fhaide na sin air m' 
aghaidh cha b'urrainn mi, fathast cha d'rinn 
e dhomh, ach mo chuideachadh a chum dùchas 
gu m biodh tròcair air mo shon. " Is leùir mo 
ghràs-sa,'' ach ged' nach tàinig e ni b'fhaide thug 
e freagrairt do mo cheist roimhe sin, 's e sin ri 
ràdh; gun robh aobhar dcchais ann ; gidheadh, 
a thaobh gu'n robh am facal dhut air fhàgail 
às cha robh mi toiJichte, agus ghuidhmiair Dia 
air son an fhacail sin cuideachd. Uime sin, aon 
latha air dhomh a bhi aig coinneamh a chùni 
muinntir Dhè_, agus mi làn mulaid agus uabhais, 
oir bha m' eagal air tighinn gu treum orm a 
rithist, agus mar a bha n i nis' a' smaointeachadh 
nach robh m'anam dad n'a b'fhearr, ach gu'n 



130 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

robh mo chòr gu ro mhuladach agus uabhasach, 
air ball thaom na briathran so orm le mòr 
cnumhachd, — *' Is leòir mo ghrds-sa dhut, is 
leòir mo ghràs-sa dhut, is leòir mo ghràs-sa 
dhut !" trì uairean thairis ! Agus shaoil mi gu*n 
robh gach facal *na fhacal cumhachd dhomhsa ; 
mar mo, agus ghràs, agus leàir, agus dhut ; bha 
iad an uair sin, agus air uairibh tha iad fathast, 
mòran nis mò leamsa na tha gach facal eile. 

207- Aig an àm so bha mo thuigse cho mòr 
air a soillseachadh, air chòr is gu'n robh mi mar 
gu'm faicinn an Tighearn losa a' sealltainn a nuas 
orm o nèamh tro thughadh an taighe, agus a' 
seòladh nam briathran so thugam ; chuir so 
mi dhachaigh fo bhròn, bhris e mo chridhe, 
ngus lion e mi lan aoibhneis, agus leag e mi gu 
h-iosal anns an ùir ; ach a mhain cha d'fhuirich 
e fada maiUe rium^ tha mi ciallachadh anns a' 
ghhnr, agus anns a' chomhf hurtachd neartach- 
aidh so, gidheadh bhuannaich e maille rium fad 
ioraadh seachduin agus thug e misneach dhomh 
a chum dòchas a bhi agam. Ach cho luath sa 
bha oibreachadh cumhachdach air a thoirt o mo 
chridhe, thàinig na smaointean eile mu thira- 
chioU Esau dh'ionnsaidh m' inntinn, raar a rinn 
iad roimhe sìn, mar sin bha m'anam an crochadh 
mar ann an sligean-cothroim a rithist, air uairibh 
shuas, agus air uairibh shìos, an dràst ann an 
sìth agus a rithist fo uabhas ! 

208. Chaidh mi air m' aghaidh mar so fad 
iomadh seachduin, air uairibh a' faotainn comh- 



GRAS AM PAILTEAS, &C. J31 

fhurtachd, agus air uairlbh eileairmo phianadh, 
agus gu h-àraidh air amaibh, bhiodh mo phian- 
taibh buileach goirt, oir bhiodh na ?griobturan 
so a roi'-aimnich mi, a ta air an cuir sios ann an 
Lìtiran abstoil Ph' ila chum nan Eabhruidheach, 
air an cur 'nam làthair mar na briathran a mhain 
a chumadh a mach à nèamh mi. An sin thòis- 
ichinn air aithreachas a ghabhail a rithist air son 
gu'n tug mi riamh caidreamh do leithid sud do 
smuaintean 'nam inntinn, smaointichinn mar an 
ceudna annam f ein mar so, — " C'arson ? cia 
iomadh sgriobtur a ta sin ann am aghaidh ? 
Cha n eil ann ach trì no ceithir, agus nach faod 
Diaiad-sin a sheachnadh agus mis' a thearnadh 
a dh' aindeoin orra gu lèir." Air uairibh eile 
smaointichinn, — ''marbhiteadh natrì nocheithir 
f hacal so, cia cho sòlasach sa bhithinn !'' Agus 
cha b'urrainn mi gu n ghuidhe air uairibh gu n 
robh iad a mach às an Leabhar. 

209. An sin air leam gun faca mi mar gu'n 
amhairceadh Peadar, Pòl, agus Eòin, maiile ris 
gach uile sgrìobhaiche naomh' eile sios orm le 
tàire, a deanamh bail-magaidh dhiom, agusmar 
gun abradh iad rium. — " Tha ar n-uile briath- 
ran-ne fior, gach aon fhacal cho neartmhor ris 
an aon eile. Cha be sinne ghearr air falbh thu; 
ach rinn thus' thu-fèin a thilgeadh air falbh ; 
cha n-eil a h-aon do na briathran againne air 
am faod thu grèim a dheanamh, ach iad so, agus 
an leithidean eile ; — '* tha e ea comasach ; — cha 
n- eilìobairt tuilleadh ann air son peacaidh." (Eabh. 



132 GRAS AM PAILTKAS, &C. 

vi. X ) " Oir b' fhearr dhaibh gun eòlas a bhi 
ac' air slighe na fìreantachd, na, an deigh a 
h-eòlas fhaotainn, pilleadh o'n àinte naomh' a 
thugadh dhaibh ;" agus nach faodair anSgriob- 
tur a bhriseadh." 2 Ped. ii. 21. Eoin. x. 35. 

210. Is iad so seanairean a' bhaile-dhiona, a 
chunnaic mi a bha gu bhi 'nam breitheamhnan, 
araon ormsa agus air mo chÒr, am feadh a sheas 
mi agus " fear-dìolaidh na fal' " aig mo shàil- 
tean, agus mi air balla-chrith aig an dorus ag 
iarraidh dìdinn ; mar an ceudna le mìle eagal 
agus mi-earbsa bha mi ann an teagamh gu'n 
dùineadh e mach mi gu sìorruidh. losua xx. 
3, 4. 

211. Mar so bha mise fo amhluadh gun f hios 
agam ciod an ni a dheanainn, no cia mar a 
bhithinn air mo riarachadh a thaobh na ceiste 
so, cionnasa bha'n i^griobtur à comh-fhreagairt 
ri slàinte ra' anma ? Chrith mi roimh na 
h-abstoil; bha fhios agam gu'n robh am briath- 
rann fìrinneach agus dìleas, agus gu'n seasadh 
iad seasmhach gu bràth. 

212. Agus tha cìiimhne agam, aon latha, 
an dhomh a bhi ann an iomadaidh fonn inn- 
tinn, agus a creidsinn gun robh na smaointean 
so do rèir nàduir caochla sgriobturan a thàinig 
a chum m'inntinn. n'am b'ann mu thimchioll 
gràis, bha mi aig fois, ach n'am b'ann mu thim- 
chioll Esau, bha mi air mo phianadh. '' A Thigh- 
earn," ars a mise, ^' 'nan tàrladh do'n dà sgriob- 
tur so tachairt c()rahlath aig an aon àra ann ara 



GRAS AM PAILTEAS, &:C. 133 

chridhe^ an saoil mi cò aca 'gheibheadh buaidh 
orm ?" Mar sin, air leam gum b'fhearr leam gu'n 
tigeadh iad gu minntinn le cheile aig an aon 
àm, seadh, ghuidh mi air Dia gu'n tigeadh. 

213. Seadh ma ta, an deigh a dhà no thrì do 
laithichean dol seachad thàing iad da-rìreadh, 
thàinig iad orm a ruathar aig an aon àm, 
agus dh' oibrich agus cho-spàirnich iad gu treun 
annam rè ùine,fa-dheòighthoisich nasmaointean 
ud mu thimchioll coir-bhreithe Esau air f^is 
Ìag, air tarruinn air falbh, agus air dol gu tùr 
as an t-sealladh^ agus thòisich so mu thimchioll 
hìn-fhoghainteachd gràis air buadhachadh le 
sìth agus èibhneas. Air dhomh a bhi beachd- 
srauainteachadh mu thimchiollanniso,thàinigan 
sgriobtur so a' steach orm — '' Ni tròcair gàird- 
eachas an aghaidh breitheanais " Seum. ii. 13. 
214. Bha so 'na iongantas leara, ach gu 
fìrinneach tha mi uUamh gu sraaointeachadh gur 
ann o Dhia a thàinig e ; oir feumaidh briath- 
ran ann lagha agus na fèirge àite thoirt do 
bhriathraibh na beatha agus nan gràs, a thaobh 
ge do bha ministearlachd an dìteadh glòrmhor, 
is ro mhò na sin a bheir ministearlachd na 
beatha agus na slàinte barrachd ann an glòir, 
(2 Cor. iii. 8 — II. Marc ix. 5 — 7, Eoin vi. 37.) 
Mar an ceudna gu'm feum Maois agus Elias 
dol às an làthair araon, agus Criosd agus a 
maomh-shluadh fhàgail leo fèin. 

215. Thàinig an sgriobtur so mar an ceudna 
le mòr mhìlseachd a dh'ionnsaidh m'anma, — 



134 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

''an tì a thig am'ionnsaidh cha tilgmi airchorsam 
bith a mach e/' O ! a' chomh-fhurtachd a fhuair 
mi bhona briathran so, — air chÒr sam bilh l mar 
gun abradh e,. — '^ Air son ni sam bith, no 
dh'aindeoin aon ni d'an d'rinn e/' Ach bha 
8àtan a' deanamh mòr shaothair a chum an 
gealladh so a spionadh uam, ag innseadh dhomh, 
•^ Nach robh Criosd ga mo chiallachadh-sa no mo 
leithid leis na briathran ud, ach peacaich a b isle 
na mise." Ach f hreagrainn-s' esan a rithist agus 
theirinn ; — '' A Shàtain cha n-eil a leithid do 
theagamh idir anns na briathran, acìi an ti a thig, 
tì sam bith, an tì a thig am ionnsaidh sa cha tilg 
mi air chòr sam bith a mach e ?" agus tha 
deagh chuimhne agam air a so fathast, ged is 
iomadh shlighe a ghnàthaich Sàtan a chum an 
sgriobtur so a bhuntainn air falbh uam, gidheadh 
cha d'rinn e riamh urrad ris a' cheist so a chur 
orm ; — " Ach am beilthutighinn gu ceart?"' agus 
shaoil mi gu'm be 'n t-aobhar mu 'n nach d' rimi 
e sin, gu'n robh fios aige gun robh dearbh-fhios 
agamsa ciod an ni a b'e iighinn gu ceart, — se sin, 
tighinn mar abhami, ann am pheacachtruaillidh, 
aindiadhaidh, agus mi-fèin a* thilgeadh aig casan 
tròcair, ga mo dhìteadh fèin air son peacaidh. 
Ma rinn mis' agus Sàtan riamh ann am bheatha 
comh-strith mu thimchioll aon do bhriathraii 
Dè, b'ann mu thimchioll deagh bhriathran so 
Chriosd ; e-san aig an dara ceann, agus mis' aig 
a' cheann eile. O ! ciod an ùspairt a rinn 
sinn, agus b'ann air son nam briathran ud ann 



GRAS AM PAILTEAS, &C. ] 35 

Soisgeul Eoin, tha mi 'gradh a rinn sin a leithid 
do shlaodadh agus do chomh-strìth, tharruinn 
esan agus tharruinn mise, ach buidheachas do 
Dhia, thug mise buaidh air, agus fhuair mi 
milseachd uaithe sin. 

216. Ach a dh'aindeoin gach aobhar dhiù so. 
agusgachaobhareil' afhuair mibho bhriathraibh 
beannaichtenan gràs, bhiodh smaointeachadh mu 
thimchioll Esau a chòir-bhreith' a reic, fathast a' 
pianadh mo chogais air cuid do dh'uairibh, oir 
ge do bha mi gu ro shuaimhneach air mo cho- 
f hurtachadh, agus sin ann am fior bheagan ùine 
roimhe sin, f òs, 'nuair a thigeadh na smaointean 
ud gu'm chuimhne, chuireadh iad mi fo eagal a 
rithist ; cha b'urrainn mi faighinn cuibhte 's 
iad, bhiodh iad gachlatha maille rium. Uimesin, 
chaidh mi dh'obair air sheòl eile, eadhon a 
bheachd-smuainteachadh air nàdurtoibheumach 
nansmaointean ud, tha mi ciallachadh, na briath- 
ran so a ghabhail anns an t-seadh bu mhò, le'n 
neart nàdurrach agus am fior àite fèin a thoirt 
dhaibh, eadhon, do gach facal diiì ; agus an uair 
a bheachd-smaointich mi mar so chunnaic mi, ma 
bha iad air an tuigsinn gu ceart, gu'm b'e so an 
sùim. — '^ Gu m dh f hàg mis an Tighearn losa gu 
shaor thoil fèin, agus gu roghainn a dheanamh, cò 
diù bhiodh e 'na shlànaighear dhomh na nach 
bitheadh, oir b'iad na briathran aingidh iad so ; 
— ''Falbhadh e mas e sin a thoil fèin." An sin 
thug an sgriobtur so deagh aobhar dòchais 
dhomh, ''Cha-n fhàg agus cha trèig mi feast thu.'* 



136 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

(Eabh. •siii. 5.) " Thighearn !'' arsa mise, 
*' ach dh' fhàg mis' thusa !" Thug mi buidh- 
eas do Dhia mar an ceudna air son nam 
briathran so. 

217. Bha mi fo eagal cràiteach fathast, gu'm 
fàgadh agus gu'n trèigeadh, agus fhuair mi e 
'na ni anabarrach cruaidh earbsa chuir ann, air 
faicinn dhomh gun d'rinn mi mar sud mio- 
thlachd a chuir air. B'urrainn mi a bhi ro- 
anabarrach toilichte nam biodh so gun tachairt 
riamh, oir an sin shaoilinn gu'm b'urrainn mi mo 
chudthrom a leagadh air a ghràs le n'a bu mhò 
do shaorsa ; chunnaic mi gu'n robh a' chìiis 
maille rium mar thachair do bhràithrean loseiph, 
rinn ciont an aingidheachd fèin gu tric an lion- 
adh le eagal gun deanadh an bràthair di-meas 
orra fa-dheireadh. Gen. i. 15, 16. 

218. Ach a bharr air gach sgriobtur a thach- 
air rium fathast, b'e na briathran so anns an 
f hicheadamh caibidil do Leabhar losua as mò 
thug do chomhfhurtachd dhomh 'nuair a tha e 
labhairt mu thimchioll a mharbhaiche a bhi 
tèicheadh a chum a' bhaile-dhiona ; — *v4gus an 
uair a thèid fear-dìolaidh na fala an tòir air, 
an sin cha toir iad suas am marbhaiche d'a làimh, 
a chionn gu n do bhuail e a choimhearsnach 
gu'n fhios da, agus gun fhuath aige dha anns 
an aimsir roimhe sin." ! gu'm a beannaichte 
gu'n robh Dia air son nam briathran so, chaidh 
a dhearbhadh orm gu'm bumhis'ammarbhaiche, 
agus gu'n robh fear-dìolaidh na fala an tòir 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 137 

orm, mhothaich mì so le uahhas mòr ; ach a sin 
smaointich mi gu*n rannsaichinn an rohh còir 
agamsa dol a steach do'n hhaile-dhiona. Mar so 
fhuair mi nach faodadh " an tì a laidh am 
plaid air son fuil a dhòrtadh dol a steach ann.'^ 
Cha b'e am mortair toileach ach an tì a rinn 
mort d'a an-toil, no gun fhios da agus nach 
h'anno mhiosgainn, o fhalachd, no bho ghamh- 
las, an tì sin a dhoirteas i le ruathar braise ; 
eadhon an tì aig nach robh fuath da choimh- 
earsnach roimhe sin. XJime sin ; — 

219. Smaointich mi gu deimhin, . gu'm bu 
mhis' an duine dh'fheumadh dol a steach do n 
bhaile-dhiona, a chionn gu'n do mharbh mi mo 
choimhearsnach " gu n f hios domh^ agus nach 
robh fuath agam dha roimhe sin ;" cha robh 
fuath sam bith, rinn mi ùrnaigh ris, agus 
bu duilich leam peacachadh 'na aghaidh, seadh 
agus rinn mi strìth an aghaidh an droch 
bhuairidh so rè bliadhna roi' an àm sin, 
seadh, agus an uair a chaidh e seachad tre mo 
chridhe, b'ann ge b'oil le'm f hiaclan a rinn e 
sin. Uime sìn shaoil leam gu'n robh còir agam 
aT dol a steach do'n bhaile so, agus nach robh 
na seanairean('sesinna h-abstoil,) gu mise thoirt 
suas. Bha so uime sin 'na mhòr chomhf hurtachd 
dhomh, agus thug e deagh afobhar dòchais do'm 
ionnsaidh. 

220. Fathast, air dhomh a bhi ga'm f haicinn 
fèin ann an staid ro chunnartach, oir thug mo 
chràdh orm nach robh fios ceart agam air ciod 

N 



138 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

an talamh a bha cinnteach gu rao chumail 
suas ; bha m'inntinn fo aon cheist agus bha 
mòr dhèidh aig m'anam air gu'm faigheadh e 
freagairt dh'i, agus b'i so a' cheist sin ; — '* An 
robh e 'na ni comasach, gu'm faigheadh anam 
sam bith an comhf hurtachd bu lugha bho Dhia 
tre Chriosd an deigh dha am peacadh an aghaidh 
an Spioraid Naoimh' a chuir an gniomh ?'' An 
sin an deigh mòran smaointeachaidh fhuair 
mi so mar f hreagairt ; — '' Cha n f haigheadh, — 
Cha b'urrainn e f haotainn ;" agus sin a thaobh 
nan aobhar so : — 

221. Anns a cheud àite, Do bhrìgh, an aiteam 
a chuir am peacadh sin an gniomh tha iad air 
an cumail o chòir a bhi ac' ann am fuil Chriosd, 
agus air dhaibh a bhi air an dùnadh a mach 
uaithe sin^ feumaidh iad a bhi dh'easbhuidh an 
aobhair dhòchais is lugha ris, agus mar sin a bhi 
as eugmhais comhf hurtachd spioradail, '^ oir 
cha-n f hàgar tuilleadh dhaibh ìobairt air son 
peacaidh^ ach dùil eagalach ri breitheanas agus 
fearg thinnteach a sgriosas na h-eascairdean/' 
(Eabh. X. 26. 27) An?is an dara h-àite. 
A thaobh gu'm beil cuibhrionn a bhi ac' ann 
an gealladh na beatha air àicheadh dhaibh ; — 
'• Ge b'e neach a labhras an aghaidh an Spioraid 
Naoimhe chamliaithear dha e anns an t-saoghal 
so, no anns an t-saoghal a ta ri teachd." Anns 
an ireas àite^ Tha Mac Dhè mar an ceudna 
g'an dùnadh a mach, o chuibhrionn a bhi 
aca *na eadar-mheadhonaireachd bheannaichte, a 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 139 

thaobh gur nàr leis ainmeachadh orra gu bràth, 
no còir a ghabhail orra, araon ann an làthair 
Athar Naomh' agus nan ainglean beannaicht' 
air nèamh. Marc viii. 

222. 'Nuair a ghabh mi beachd air an ni 
so, le mòr chùram, agus nach b'urrainn mi 
gun a cho-dhìmadh gu'n tug an Tighearna 
comhf hurtachd dhomh, agus sin cuideachd an 
deigh dhomh am peacadh aingidh so a chuir 
an gniomh, an sin smaointich mi gu m faodainn 
tighinn dlù air na sgriobturan eagalach agus 
uabhasach so, a bha 'cur a leithid do dh' eagal 
orm fad na h-ìiine roimhe, agus air nach 
faodainn an uair sin amharc le'm shùilean, 
fseadh, agus dhìiiriginn ceud uair gu m biodh 
iad air an dubhadh a mach às a' Bhìoball,) oir 
shaoil mi gu'n sgriosadh iad mi, ach a nise tha 
mi 'g ràdh, thòisich mi air rud-eigin misnich a 
ghabhail chum tighinn dlìi dhaidh, an leughadh, 
an toirt fainear, agus a' bhrìgh no chrìoch mu'n 
robh iad a thuigsinn. 

223. 'Nuair a thòisich mi air so a dheanamh, 
fhuair mi m'eugais air a caochladh ; oir cha 
robh i 'g amharc cho gruamach 'sa shaoil mi bha 
i roimhe sin, Agus air tùs^ thàinig mi chum an 
t-seadhamh caibidil do Shoisgeil Phòilchum nan 
Eabhruidheach, agus mi air balla-chrith fathast le 
eagalgun buaileadh e mi, agus'nuairabheachdich 
mi air, f huair mi gu' n be 'n tuiteam air falbh a 
bha sin air a chiallachadh tuiteam gu tùr air 
falbh, se sin mar a smaointich mise, tuiteam air 



l40 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

falbh agus làn-àicheadh aìr an t-Soisgeul, agus 
air saorsainn o pheacadh tre losa Criosd ; oir 
iiapa sin thòisich an t abstol air reusonachadh 
anns a' cheud, anns an dara, agus anns an treas 
rann. Anns an dara h-àiie, fhuair mi gu'in 
b'èigin do'n tuiteam air falbh so a bhi folais- 
each, ann an sealladh an t-saoghail eadhon 
mar *' a' cur Chriosd gu nàir f holaisich." 
Anns an ireas àke, Chunna mi gu' n robh an 
aiteam a bha 'n sin air an ciallachadh air an 
dùnadh a mach gu sìorruidh o Dhia, araon ann 
an doille, an cruathas^ agus ann an neo-aith- 
reachas ; " oir is eu comasach an ath-nuadh- 
achadh a chum aithreachais." Leis gach ni 
sònraichte dhiù so, chunnaic m.i chum cli i 
shìorruidh Dhè nach be mo pheacadh-sa ani 
peacadh sin a bha air a chiallachadh, no air 
ainmeachadh ann. Air tùs, dh'aidich mi gu n 
do thuit mi, ach nach do thuit mi air falbh, tha 
so bho aidmheil creideimh ann an losa chum 
beatha shìorruidh. Anns an dara h-àite, 
Dh'aidich mi gu'n do chuir mi losa Criosd gu 
nàir le mo peacadh, ach cha b'ann gu ^' nàir 
fholaiseach," cha d'àicheadh mi e an làthair 
dhaoine ni mo dhìt mi e mar dhuineneo tharbh- 
ach ann an làthair an t saoghail. Anns an 
treas dite, Ni mò chunnaic mi gu'n do dhùin 
Dia a mach mi, no gu'n do dhiùlt e leigeadh 
leam tighinn d'a ionnsaidh (ge do f huair mi e 
'na obair chruaidh da rìreadh tighinn d'a ionn- 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 141 

saidh) le bròn agus aithreachas. Beannaichte 
gu'n robh Dia air son a ghràis do-rannsaichte. 

224. An sin thug mi fainear so anns an 
deicheamh caibidil do litir Phòil a chum nan 
Eabhruidheach, agus chunnaic mi nach b'e am 
peacadh toileach a tha sin air ainmeachadh na 
h-uiie peacadh toileach, ach am peacadh sin a 
mhain a tha tilgeadh air falbh Chriosd, agus a 
rithist àintean mar an ceudna. Anns an dani 
h'àite. Gu'm feum am peacadh sin a bhi air a 
chuir an gniomh, gu folaiseach, '' fo dhithis no 
thriùir do dh'f hianaisibh." (rann 28.) Anns 
an treas àite, Cha-n urrainn am peacadh so a 
bhi air a chuir an gniomh ach le mòr dhìmeas 
a dheanamh air Spiorad nan Gràs ; a' deanamh 
tarcuis araon air earralachadh cumail o'n 
pheacadh sin, agus air iompaidhean 'na aghaidh. 
Ach tha fhios aig an Tighearna ge do bha mo 
pheacadh-sa deamhnaidh, gidheadh nach robh e 
cho mòr riu sin. 

225. Agus mu bhuntainn ris a sin anns an 
dara caibidil deug do lìttir Phòil a chum nan 
Eabbruidheach, mu thimchioll Esau a chòir- 
bhreith' a reic ; ge b'e so an ni a chlaoidh mi, 
agus a sheas mar shleagh 'nam aghaidii, seadh 
a nise thug mi fainear ; Ai?' tùs, nach robh a 
pheacadh-san'na smaoin chabhagaich an aghaidh 
gnà-smaointean inntinn, ach 'na smaoin do'n tug 
e aonta fèin, agus a chuir e 'n gniomh mar an 
ceudna agus sin an deigh dha cuid do 
smaointeachadh a dheanauih mu thimchioll, 



142 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

(Gen. XXV.) Anns an dara k-àite, Bha e 'na 
j^niomh folaiseach agus fosgailte, eadhon an 
làthair a hhràthar, mar an robh ann an làthair 
mòran eile a bhrrachd air, rinn so a pheacadh- 
san do nàdur ni bu chudtromaiche na bhitheadh 
e n'an robh e gun a dheananh air an dòigh sin 
ach air dòigh eile. Anns an treas àite, Bhuan- 
aich e ann an deanamh dìmeas air a chòir- 
bhreithe ; bha e 'g ithe 's a 'g òl 's a siubhal 'na 
rathad fèin, mar so rinn Esau tarcuis air a' 
chòir- bhreithe, seadh, fichead bliadhna an 
deigh sin, f huaradh gun do chuir e suarach i 
fathast. " Agus thubhairt Esau. — Tha agamsa 
pailteas a bhràthair ; gleidh ihusa dhut-fèin n'a 
tha agad." Gen. xxxiii. 9. 

226. A nise ann a bhi buntainn ris a so, gu n 
d'iarr Esau àit' aithreachais, smaointich mi so. 
Air tùs, cha b'ann air son a chòir-bhreith' a bha 
so, ach air son a' bheannachaidh, tha so soilleir 
o bhriathraibh an abstoil, agus tha e air a 
chomharrachadh a mach le Esau fèln, — '' Thug e 
ieismo chòir-bhreithe [^roimhe], agus feucha nise 
thug e leis mo bheannachadh.' (Gen. xxv. 36.) 
Aìins an dara h-àite^ A nis' air an ni so a bhi 
air a thoirt fainear mar so, thàinig mi rithist 
a chum an abstoil a dh'f heuchainn ciod e inn- 
tinn Dè mu thimchioll peacadh Esau do rèir 
labhairt agus seadh an Tiomnaidh Nuaidh ; agus 
cho fad 'sa b'urrainn mi thuigsinn, b'e so inntinn 
l)è, gu'nrobh a chòir-bhreith' a' ciallachadh ath- 
ghinmhuinn, agus am beannachadh an oigh- 



GKAS AM PAILTEAS, &C J.43 

/eaclid sliìoiTuidh, oii 'sann ris a so a bha 
])riathran an abstoil coltach. — " Air eagal gu'ni 
])i neach mi-naomha sam bith ann coltach ri 
l\sau, a reic air son aon ghrèim bìdh c: ir a 
cheud-bhreithe." Mar gu'n abradh e, tha sin a 
tilgeadh air falbh ^ile cheud-thòiseachadh 
beannaichte Dhè, a ta 'san àm so airsan a chum 
nuadh-ghinmhuinn, air eagal gu'n tig iad gu bhi 
inar Esau, eadhon a bhi air an diiiltadh fa- 
dheireadh, 'nuair bu chòir dhaibh a bhi sealbh- 
achadh a' bheannachaidh mar oighreachd. 

2*27« Oir tha iad iomadh ann a tha deanamh 
dìmeas ann an latha nan gràs agus na tròcair 
air nithibh is e gu dearbha còir ceud bhreith' 
nèimh, a ni fathast 'nuair a bhios deireadh an 
lathaichean a' teannadh dlù, èiglieach cho labti- 
ar 's a rinn Esau ; " A Thighearn' a Thighearna 
fosgail duinn,'' ach a nis' a chionn nach gabhadh 
Isaac aithreachas, cha mhò ghabhas Dia an 
t Athair aithreachas, ach their e, beannaichidli 
nii iad so, agus bithidh iad beannaichte, ach air 
bhiir son-sa, " imichibh uam a luchd-deanamh 
na h-eucoracn. ' Gen.xxvii. S2, Luc. xii. 25 — 27. 

228. 'Nuair a thug mi na sgriobturan ud 
fainear air an dòigh so, agus a chunnaic mi nach 
robh an tuigsinn mar so an aghaidh sgriobturan 
eile, ach r co-f hreagairt riu anns gach cor ; 
chuir so ni bu mhò ri mo mhisneach agus ri 
mo chomhf hurtachd, agus thug e mar an ceudna 
buile ghoirt do'n teagamh ud — 's e sin. — '* nach 
b' urrainn au Sj^riobtur aontachadh ri sàbhaladL 



144 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

m'anma/' agus cha robh maireann a nis' ach 
deireadh an ànnraidh, oir bha'n tàirneanach air 
dol seachad orm, ach a mhain gu'n robh boinean 
beag' uisg' ann fathast, a bha 'n dràsta 's a 
rithist a' sileadh orm, ach a thaobh gu'n robh 
m'eagal agus m'àmhghar roimhe so gu ro ghoirfc 
agus domhainn, bha 'chùis maille rium 
fathast mar bhios i maille riù-san a thuit uair- 
eigin fo uabhas teine, shaoil leam gu n robh na 
h-uile facal a' glaodhaich 'Ueine ! teine!*' 
chiùrradh gach mion-bhuntainn mo chogais 
anmhainn. 

229. Ach aon latha, air dhomh a bhi gabhail 
seachad chum an achaidh, agus sin cuideachd 
le cuid do bhreislich air m' inntinn, le eagal 
nach robh gach cìàis ceart fathast, thuit na 
briathran so le graide air m'inntinn ; — *' tha 
t'fhìreantachd anns na nèamhaibh,'' agus air 
leam leis a sin gu'm faca mi le sìàilean m'anma 
losa Criosd aig deas làimh Dhè, " ann an sin,'' 
arsa mise, '^ tba m' f hìreantachd,'' air chor is 
cia b'e air bith àit' anns an robh mi, no cia be 
air bith ni a bha ni a' deanamh, nach abradh 
Dia riumsa '' gu'n robh e 'g iarraidh m' fhìrean- 
tachd," oir bha sin dìreach fa chomhair. 
Chunnaic mi osbarr, nach b'e mo dheagh f honn 
cridhe a bha deanamh m' fhìreantachd n'a 
b'fhearr, agus ni mò a b'e mo dhroch fhonn 
cridhe a bha deanamh m' fhìreantachd ni bu 
mhiosa, oir b'e m' fhìreantachd lo^^a Criosd 
fèin, '* an dè, an duigh, agus gu sìorruidh, 
an Tì ceudna." Eabh. xiii- 8. 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 145 

230. A nise thuit mo shlàbhraidhean dheth 
mo chasan gu dearbha ; bha mi air mo leigeil 
fa-sgaoil o'n àmhghar agus o na geimhleibh : 
agus theich mo bhuairidhean air falbh mar an 
ceudna, ionnas o 'nuair sin gu'n do sguir sgriob- 
turan uabhasach ud Dhè a bhi cur trioblaid 
orm ; a nise chaidh mi dhachaigh ri gàirdeachas, 
air son gràs agus gràdh Dhè ; mar sin 'nuair 
a ràinig mi'n taigh dh'amhairc mi dh'fheuchainn 
am faighinn na briathran so anns na sgriobturan_, 
" tha t' fhìreantachd anns na nèamhaibh," ach 
cha b' urrainn domh an leithid do bhriathran 
fhaotainn idir^ uime sin thòisich mo chridhe air 
sìothladh sios ann am chòm a rithist, ach a 
mhàin, gu'n robh so air a thoirt gu mo chuimhne ; 
— " neach a rinneadh dhuinne le Dia 'na 
ghliocas 'na fhìreantachd, 'na naomhachd agus 
'na shaorsa :" (1 Cor. i. 30), leis na briathraibh 
so chunnaic mi gu'n robh na briathran eile 
fìrinneach. 

231. Oir leis an sgrobtur so, chunnaic mi gu'ii 
robh an duine losa Criosd mar a tha e air leth 
uainne, a thaobh a làthaireachd chorporra, mav 
sin gur e ar fìreantachd agus ar naomhachd an 
làthair Dhè : Ann an so uime sin, bha mi beò 
rè ùine gu ro shuaimhneach ann an sìth ri Dia. 
tre Chriosd. O ! smaointich mi air Criosd ! 
Criosd ! cha robh ni sam bith ach Criosd roi' 
làthair mo shùl : bha mi nise (mhàin) air son 
amharc air a so agus air sochairean eile Chriosd 
fa leith, mar fhuil, adhlaiceadh, no ais-eirigh, 



146 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

ach air dhoinh beachdachadh air mar Chriosd 
iomlan; mar an Tì anns am beil gach ni dhiù 
so, agus uile bhuadhan eile, a theachdaireachd, a 
dhreuchdan, agus ghniomharran a' còmhlachadh 
a chèile, agus gu'n robh e 'na shuidhe air deas 
làimh Dhè ann an nèamh. 

232. Bha e 'na ni glòrmhor dhomhsa, Criosd 
fhaicinn air àrdachadh, maiUe ri luach agus 
èifeachd uile shochairean, agus sin a chionn 
gu*m b' urrainn mi amharc air a nis* uam fèin, 
agus mheasmi nach robh uile ghràsan Dè a bha 
nis' a briseadha mach gorm, agus fo'n ùr-bhlàth 
orm, ach mar a bha na buinn-ghròta, agus na 
buinn-cheithir-sgillinn a's bhonna-sè bhriste tha 
daoine beairteach a' ghiùlan 'nan sporanan an 
uair a tha 'n cuid òir-dearbt' an tasgaidh 'nan 
cisteachan aig an dachaigh. O ! chunnaic mi 
gu n robh m' òr-dearbhte-s' ann am chist' aig mo 
dhachaigh fèin ! ann an Criosd, mo Thighearn 
agus mo Shlànaighear. A nise b'e Criosd 
m' uile ; — m' uile fhìreantachd, m' uile naomh- 
achd, agus m' uile shaorsa ! 

233. Osbarr, threòraich an Tighearna mi mar 
an ceudna, chum diomhaireachd an aonaidh ri 
Mac Dliè ; gu'n robh mi air mo cheangal ris ; 
" Gu'm bu bhall mi d'a chorp, d'a f heòil, agus d'a 
chnàimhibh-san ;" agus a nise bha so anns an 
deicheamh rann tharan fhichead do'n chùigeamh 
caibidil do Httir an abstoil Phòil a chum nan 
Ephesianach 'nam briathran milis dhomhsa. 
Leis a so mar an ceudna bha mo chreideamh 



GRAS AM PAILTEAS^ &C. 147 

ann mar m' fhìreantaclid ni bu ro mò air a 
neartachadh annam ; oir ma bhamis' agus esan 
mar aon neach, 'an sin bu leam-sa fhìreantachd, 
bu leam-sa fhiùghalachd, bu leam-s'a bhuaidh 
mar an ceudna. A nise b' urrainn domh mi-fèin 
ihaicinn air nèamh agus air thalamh còmhladh, 
ann an nèamh tre mo Chriosd, tre mo 
cheann, tre m' fhìreantachd agus mo bheatha ; 
ge do bha mi bhos a so a' còmhnaidh air thalamh 
anns a' cholainn. 

234. A nise chunnaic mi gu'n d' amharc 
Dia air losa Criosd agus gu'm bu chòir dhuinne 
amharc air mar an ceudna, mar an t-aon phearsa 
coitcheannnofolaiseach annsambeil uile shluagh 
taghte gu lèir gu bhi air an toirt fainear agus air 
an àireamh ; a thaobh gu n do cho-lion sinne an 
lagh trìd-san, gu'n do bhàsaich sinn trìd-san, gu'n 
d' èirich sinn o na mairbh trìd-san, gu'n d' thuair 
sinn buaidh air a' pheacadh^ air a' bhàs, agus air 
an diabhol trìd-san ; agus an uair a bhàsaich 
f^san gu'n do bhàsaich sinne, agus mar sin a 
thaobh aisèirigh, " thig do mhairbh beò, maille 
ri mo chorp marbh-sa èiridh iad," ars' esan. 
(Isa. xxvi. 2.) '' Agus a rithist, an ceann dà 
ìatha ni e air n-ath-bheothachadh, agus air an 
treas latha dùisgidh e suas sinn, agus bithidh 
sinn beò'na shealladh." (Hosea. vi. 2.) Ni a ta 
nis' air a cho-lionadh le suidhe sìos Mhic an 
duine air deas làimh na mòrachd shìorruidh anns 
na nèamhaibh a rèir Htir Phòil a chum nan 
Ephesianach, — " agus chomhthog agus chomh- 



148 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

shuidhich e sinn ann an ionarlaibh nèamhaidh, 
ann an losa Criosd." Eph. ii. 6. 

235. O ! thugadh air na smaointean agus air 
na sgriobturan beannaichte so le iomadh eile 
coltach riu, dealradh anns na lathaibh so ann 
am shiàilean, ionnas gu'm beil aobhar agam a 
radh ; — " Molaibhse an Tighearna' molaibh 
Dia 'na ionad naomha, molaibh e ann an 
speuraibh a chumhachd ; molaibh e air son a 
ghniomharran treuna ; molaibh e a rèir àirde 
a mhòrachd." Salm cl. 1, 2. 

236. Air dhomh blasad a thoirt dhuibh a so, 
ann am beagan fhacal, air a' bhròn agus air an 
àmhghar fo'n deach m'anam tre chiont agus 
uabhas nan smaointean aingidh ud, agus air 
dhomh mar an ceudna, cuid do chunntas a 
thoirt dhuibh air mar fhuair mi saors' uapa, 
air a chomhfhurtachd mhilis agus bheannaichte 
a fhuair mi an deigh sin, comhfhurtachd a 
bhuanaich maille ri mo chridhe mu thuaiream 
bliadhna, chum m'iongantais agus m' èibhnis do- 
labhairt. Bheir mi nise dhuibh (mas e sin toil 
Dè) mu'n tèid mi ni's faid' air m'aghaidh, ann 
am facal no dhà, an ni a tha mi a'smaointeachadh 
bu cheann-fàth do'n bhuaireadh so, agus mar 
an ceudna a' bhuannachd chum an do thionn- 
daidh e mach fa dheireadh do'm anam. 

237» A thaobh nan ceann-fath, no nan 
aobharan so, thuig mi gu'm bu dhà iad gu 
h-àraidh, agus bha iàn-fhois agan cò b'iadan dà 



GRAS AM PAITIEAS, &(j. 149 

aobhar sin rè na h ùine a laidh an trìoblaid so 
orm. Bha cheud aobhar a chionn, an uair a 
bha mi air mo shaoradh o'n bhuaireadh a 
thàinig an toiseach, nach do bhuanaich mi ann 
an ùrnaigh ri Dia gu n cumadh e mi bho 'n 
bhuaireadh a bha gu tighinn; oir ged a dh'f haod- 
as mi ràdh ann am f ìrinn, gu'n robh m'anam 
gu mòr ann an ùrnaigh mu'n do ghlac an 
deuchainn so mi, gidheadh cha d'rinn mi 
urnaigh a mhàin, mar bu tric ach air son na 
trioblaid a bha làthair maille rium 'san àm a 
thoirt air falbh uam, agus air son ùr-fhiosrach 
aidhean de a ghràdh ann an Criosd f haotainn, ni 
achunnaic mi an deigh sin nach bu leòir dhomh 
a dheanamh, ach gu'm bu chòir dhomh guidhe 
mar an ceudna, gu'n cumadh an Dia mòr mi 
bho'n olc a bhi ri teachd. 

238. Chaidh làn-dhearbhadh a thoir dhomh 
air an nithibh so le ùrnaigh Dhaibhidh naomha ; 
air dha 'bhi sealbhachadh tròcair mailJe 
ris, gidheadh a ghuidh gu'm cumadh Dia 
e air ais o'n pheacadh agus o'n bhuaireadh a 
bha ri teachd ; " Mar an ceudna,'* ars' esan, 
" pheacaibh dànadais cùm air ais t'òglach 
nu'm bi àrd-cheannas ac' orm, an sin bithidh 
mi ionnraic agus bithidh mi neo chiontach o 
eusantas mòr." (Salm xix. 13,) leis na dearbh- 
bhriathran so bha mi air mo chràdh agus air mo 
dhìteadh tre'n bhuaireadh chian-mhaireannach, 
no bhuan, so gu lèir. 

239. Bha briathran eile mar an ceudna s 



150 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

dhìt gu mòr mi air son mo ghòraich a 
thaobh an dleasanais so a dhearmad. ''Thig 
eamaid uime sin le danachd gu rìgh-chathair 
nan gràs, chum gu m faigh sinn tròcair, agus 
gu'n amais sinn air gràs a chum cobhair an 
àm feuma." (Eabh. iv. 16.) So ni a dhearmaid 
mi a dheanamh, agus air an aobhar sin chead- 
aicheadh dhomh mar so peachachadh agus tuit- 
eam ; do rèir mar a tha e sgrìobhte, '* deanaibh 
lìrnaigh chum nach tuit sibh ann am buaireadh." 
Agus gu firinneach tha'n dearbh ni so gus an 
latha 'n diugh 'na leithid do dh'uabhas agus do 
chudthrom orm, ionnas nach dàna leam 'nuair a 
thèid 'mi 'n làthair an Tighearna dol deth mo 
ghlìiinean, gus an guidh mi air son cobhair agus 
tròcair an aghaidh nan buairidhean a ta ri 
teachd ; agus tha mi 'guidhe orts* a leughadair 
gu'm fòghlum thu leithid mo mhi-chùram-sa 
sheachnadh o 'n àmhaghar so a dh'fhuilig mise 
le bròn fad lathaichean, mhìosan. agus bhiiadh- 
nachan air son an dearmaid ud. 

240. Be'n t-aobhar eile thug air a' bhuaireadh 
so tuitean orm, gu'n do bhrosnach mi Dia, agus 
b'ann air a mhodh so a rinn mi sin ; bha mo 
bhean leth-tromach, agus mu'n tàinig làn-àm a 
h-aisead, thàinig a piantan oirre mar mhnaoi 
ri saothair gu cràiteach treun, mar gu'n tuiteadli 
i air bali ann an saothair chloinne ; agus gu'n 
rachadh a h-aiseag an tràthail ; a nis' aig a' 
cheart àm so, bha mise cho làidir air mo 
bhuaireadh, is gu n chuir mi teagamh ann aiu 



GRAS AM PAILTEAS, &€. 151 

bith Dhè, uime sin air do mo bhean a bhi 
a' caoidh ri'm thaobh tre phiantan, thubh- 
airt mi, (ach cho diamhair sa dh'fhaoite 
smaointeachadh ann am chridhe) — " A Thig- 
earna, ma bheir thu air falbh àmhgharcràiteach 
so mho mhnatha, agus ma dheònaicheas tu nach 
bi i air a bualadh leis tuille rè na h-òidhche so, 
l^agus a piantan a nis' oirre] an sin bithidh 
fhios agam gur urrainn thu rùintean is ro- 
dhiomair a' chridhe fhaicinn." 

241. Cha bu luaithe thuirt mi na briathran 
ud ann am chridhe ; na bha a piantan air an 
toirt air falbh uaipe, agus thuit i ann an cadal 
tròm, agus bhuanaich i mar sin gu madainn ; 
chuir sin mi fo mhòr-iongnadh gu'n f hios agam 
ciod a smaointichinn, agus an deigh dhomh a 
bhi grèis mhath ann am dhùisg agus nach cuala 
mi i a' gearan ni bu mò, thuit mi-fèin ann am 
chadal mar an ceudna^ mar sin 'nuair a dhùisg mi 
sa' mhadainn, thòisich ni air smaointeachadh air 
an ni a thuirt mi ann am chridhe air an oidhche 
chaidh seachad, agus air mar thaisbean an 
Tighearna dhomh gu'n robh fios aig air mo 
smuaintean diamhair, ni a bha 'na mhòr iong- 
antas leamsa fad iomadh seachduin an deigh 
sin. 

242. Seadh ma ta, mu thuaram bliadhna gu 
leth an deigh sin, chaidh an smaoin aingidh 
pheacach mu'n do labhair mi romh so troi' mo 
chridhe, eadhon an smuain so, — '* falbhadli 
Criusd mas e sin a thoil fèin." Mar sin 'nuair 



152 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

a thuìt mi fo chiont aìr son so, thigeadh mo 
smuain eile maille ris n'a thàinig 'na co-lòrg 
fos-near dhomh mar an ceudna leis an ach- 
mhasan so maille rithe ; — " A nise faodaidh tu 
f haicinn gu'm beil fios aig Dia air sraaointean 
is ro-dhiamhair a' chridhe.'^ 

243. Agus leis a so, thàinig a' cho-labhairt 
a bha eadar an Tighearna agus a shèirbheiseach 
Gideon gu'm inntinn ; a chionn gu'n do bhros- 
naich Gideon, Dia le lomradh araon fluich agus 
tioram, [an nuair bu chòir tha creidsinn agus 
earbsa chuir à fhacal] ; gun do chuir an 
Tighearn an deigh sin e gu dearbhadh le chur 
an aghaidh àireamh do-àireamh nàimhdean ; 
agus sin cuideachd a rèir coltais o'n leth a mach 
gun neart no cobhair sam bith. (Breith. vi. 37 — 
40.) Mar sin bhun e riumsa, agus sin gu ceart, 
oir bu chòir dhomh f hacal a chreidsinn, agus 
gun teagamh a chur ann an uir-fhaicsinneachd 
Dhè. 

244. Agusanise chum cuid de na bhuannachd 
a fhuair mi, mar an ceudna bho'n bhuaireadh 
so a leigeadh ris dhut, air tìis, thug e orm 
mothachadh ro iongantach a shealbhachadh do 
ghnà 'nara inntinn araon air beannachadh agus 
glòir Dhè, agus Mhic a' gràidh ; anns a' bhuair- 
eadh a thàinig ròirahe sin, bha m'anam air a 
chràdh gu goirt leisan as-creideamh, le toibheum, 
cruathas cridhe, teagamhan, mu thimchioll bith 
Dhè, Chriosd, fìrinn fhacail, agus cinntichead 
an t-saoghail ri teachd, tha mi 'g ràdh gu'n robh 



GliAS AM PAILTEAS^ &C. 153 

ini 'nuair sin, gu mòr air mo pliianadh le bhi 
-^ àicheadh Dhè, ach a nise bha 'chùis air 
nihodh eile, a nise bha Dia agus Criosd do 
ghnà roi' làthair mo ghn.iis, ged' nach b'ann 
ann an rathad comhfhurtachaidh, ach ann an 
rathad mnr eagail agus uabhais. Rinn glòir 
uaomhachd Dhè aig an àm so mo bhriseadh 
am bhloidibb, agus rinn innidh ghràidh, agus 
tuacantas comhfhulangais Chriosd mo bhrist- 
eadh mar le cliath-phianaidh ; oir cha b'urrainn 
mi smaointeachadh air, ach mar Chriosd treighte, 
agus caillte dhomhfèin, agusbhabhi cuimhneach- 
adh air an so do ghnà a bhriseadh mo chnàmhan. 
245, BhanaSgriobturan, mar an ceudna 'nan 
iiithibh iongantach dhomsa, chunnaic mi gu'm 
b'e am fìrinn, agus an cinnteachd iuchair 
lìoghachd nèimh ; an aiteam sin do'n nochd na 
bgriobturan deagh-ghean feumaidh gu'n sealbh- 
aich iad am beannachd agus an suaimhneas, 
ach an àitean sin, a bhios nan Sgriobturan 'nan 
aghaidh g an dìteadh, feumaidh iad dol a dhìth 
gu sìorruidh ; O ! na briathran so, *' oir cha-n 
fhaodar na Sgriobturan a bhriseadh,'' reubadh 
iad so cochuU mo chridhe, agus dheanadh an 
sgriobtur so eile an ni ceudna ; — '' Co air bith 
iad d'am math sibh am peacannan, tha iad 
maithte dhaibh ; agus cò air bith iad d'an cùiu 
sibh am peacannan gun am mathadh^ tha 
iad air an cumail." A nise chunnaic mi gu'n 
b*iad na h-abstoil seanairean a' bhaile dhiona 
(losua XX. 4,) agus an aiteam a ghabhadh iad 



154 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

a steach, gu'n robh iad gu bhi air an gabhail a 
steach gu beatha ; ach bha 'n aiteam a bha iad a' 
dùnadh a mach gu bhi air am marbhadh le 
fear-dìolaidh na fala. 

246. ! bu mò chuir aon earrann do'n 
Sgriobtur a dh'uabhas air m' inntinn, []tha mi a' 
ciallachadh na h-earrannan so a sheas ann am 
aghaidh, mar bha mi 'n dùil air uairibh a bha 
na h-uile earrann de a' deanamh.] bu mò 
chuir iad a dh'uabhas air m'inntinn, deiream, na 
chuireadh armailt dha fhichead mìle fear a 
dh'fhaodadh tighinn 'nam aghaidh. An-aoibh- 
inn do'n tì sin, a ni na Sgriobturan iad-fèin a 
lùbadh 'na aghaidh ! 

247. Leis a' bhuaireadh so bha mi air mo 
thoirt gu faicinn ni bfhaide steach ann an 
diamhaireachd nàduir nan geallaidhean, na bha 
mi riamh roimhe. Oir bha mi nis' ann am 
laidhe air balla-chrith fo làimh chumhachdaich 
Dhè, air mo reubadh agus air mo sgoltadh do 
ghnà le tairneanach a cheartais ; thug so orm 
araon le cridhe cùramach, agus le sùil aireach- 
ail a's mòr f hiamh^ gach duilleag a thiondadh 
thairis, agus le mòr dhìchioll air a' mheasg- 
adh le balla-chrith gach earram deth a thoirt 
fainear, maille r'an neart nàdurrach agus am 
farsuinneachd. 

248. Leis a bhuaireadh so mar an ceudiia 
bha mi gu mòr air mo chumail air falbh o 
mo ghnàthachadh amaideach roimhe so, a blii 
cuir seachad facal a' gheallaidh 'nuair a thigeadh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 155 

e gu mo làimh ; oir a nise, ged nach b'urrainn 
mi an comhfhurtachd, agus a' mhilseachd a 
dheothal mar a rinn mi ; aig amaibh eile, 
gidheadh coltach ri duine bhiodh a' dol fodha 
ann an uisge domhainn, dheanainn grèim air 
gach ni a chunnaic mi ; roimh an àm so shaoii 
mi nach robh cbir agam air beantainn ris a' 
ghealladh, mar an robh mi a' faotainncomhfhurt- 
achd uaithe, ach a nise cha robh ìiin' agam air 
fuireach ris a sin, oir bha fear dìolaidh na fala 
an tòir orm gu dian. 

249 A nis' uime sin, bha mise toiieach gr^im 
a dheanamh air an fhacal sin, ge do bha eagal 
orra fathast nach robh deagh aobhar agam air 
còir a ghabhail air ; agus eadhon leum ann an 
uchd a' gheallaidh ud, ge do bha eagal orra 
anns a' cheart àm sin gu'n do dhùin e a chridhe 
'nam aghaidh. A nise mar an ceudna, shaoith- 
richinn a chum am facal a ghabhail do'm 
ionnsaidh, mar a chuir Dia sìos e, gun neart 
nàdurrach aon lididh dheth a chumail airais. O ! 
ciod a chunnaicmi anns an t-seadhamh caibidil 
beannaichte sin do Shoisgeil Eoin, '* agus an tì 
a thig a m' ionnsaidh cha tilg mi air chor sam 
bith a mach e," (rann 37«) Thòisich mi nis' air 
smaointeachadh annam fèin, gu'n robh beul 
Dè ni bu mhò chum labhairt na bha mo chridhe 
sa chum tuigsinn; smaointich mi mar anceudna 
annam fèin nach do labhair e a bhriathran le 
cabhaig, no le braise gun smuainteachadh, ach 



156 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

le gliocas neo-chrìochnach agus le breitheanas ; 
agus leis na h-uile f hìrinn agus dhìlseachd. 

250. Anns na lathaibh so, an àm mo mhòr 
phiantan rachainn le dian-spàirn a chum nan 
geallaidhean, (amhail mar bhiodh each ann am 
feàth-chrithich a' togairt a chum a' chruathlaich^) 
a' co dhùnadh, ge do bha mi mar neach às a 
chèile le eagal, air a so gabhaidh mi fois agus 
c mhnaidh, agus fàgaidh mi a choilionadh an 
earbsa ri Dia nèimh a rinn e. O ! is iomadh 
caonnag a bh'aig mo chridhe ri Sàtan air son an 
t seadhamh caibidii beannaichte ud do Shoisgeil 
Eoin. Cha do sheall mi 'n dràsda mar bu ghnà 
leam a deanamh air uairibh eiìe, air son comh- 
f hurtachd gu sònraichte^ (0 ! ge do b'e a làn- 
bheatha tighinn do'm ionnsaidh) Ach a nise 
facal, — facal air an leagadh m'anam sgìth a 
thaice, chum 's nach rachadh e fodha gu sìorr- 
uidh ; so an ni air an robh mi'n tòir. 

251. Seadh, an uair a bhithinn a' dol a chum 
nan geallaidhean chunnaic mi gu minig, mar 
gu n diùltadh an Tighearna m'anam gu bràth, 
bha mi gu tric mar gu'n tuitinn air rinn nam 
pìcean, agus mar gu'n tilgeadh an Tighearn' 
orm a chum mo chumail uaithe, mar le claidh- 
eamh lasarach. An sin smaointichinn air 
Ester, a dh'iarr iarrtas air an rìgh nach robh 
''a rèir an lagha." (Ester vi. 16.) chuimhnich 
mi mar an ceudna air sèirbhisich Bhenadaid a 
chaidh le cìiird air an cinn a chum nan nàimh- 



GRAS AM PAILTEAS, SiC. 157 

dean a dh'iarraidh tròcair, (1 Righ. 31, &c.) 
chuimhnich mi cuideachd air a' mhnaoi do 
mhuinntir channain nach do ghabhlag-mhisneach 
ge do thuirt Criosd cù rithe, (Mat. xx. 22 — 
28,) agus air an duine chaidh a dh'iarraidh 
iasad arain rau mheadhon oidhche. (Luc i. 5 — 8.) 
Bha iad so mar an ceudna 'nam mòr mhisneach 
dhomh. 

252. Cha-n fhaca mi riamh roimhe an 
àird' agus an daoimhne so ann an gràs, ann an 
gràdh, agus ann an tròcair, 'sa chunnaic mi annta 
an deigh a bhuairidh so, peacannan mòra a' 
tarruinn a mach mòr ghràs, agus far am beil 
cionta ro uabhasach agus borb, ann an sin gu'm 
beil trrcair Dhè ann an Criosd, 'nuair a tha e 
air fhoillseachadh do'n anam ag amharc ro àrd 
agus cumhachdach. 'Nuair a thiondaidh an 
Tighearna braighdeanas lob thug e dha a dhà 
uireadh sa bha aige roimhe (lob xlii. 10.) 
Beannaichte gu'n robh Dia air son losa Criosd 
ar Tighearna. Tha iomadh ni eile a dh' fhaod- 
ainn a thoirt fainear ann an so, ach is àiU leam 
a bhi aithghearr, agus uime sin ni mi aig an 
àm so an dearmad ; agus guidhidh mi air Dia 
gu'n toir mo lochdan air muinntir eile gu'ra bi 
eagaì orr' an Tighearn a bhrosnachadh mu'n 
toirear orra gu'n iorachair iad a' chiìing iarainn 
niar a rinn raise. Bha dha no thrì do 
dh'uairean agara aig àra mo shaoraidh o'n bhuair- 
eadh so, sraaointean ro laidir mu ghràs Dè, 
ionnas gu'm bu ghann a b'urrainn mi curaail sur.s 



158 GllAS AM PAILTEAS, &C. 

fodha, bha e cho mòr thar tomhas iongantach 
'nuair a shaoil mi gu'n ruigeadh e orm, air chÒr 
is gu'm beil mi a smuainteachadh n'an robh a 
mhothachadh air gabhail còmhnaidh n'a b'faide 
orm, gu'n robh e air m'fhàgail neo-chomasach 
air mo ghnothach tìmeil a dheanamh. 

253. A nise thèid mi air m'aghaidh a thoirt 
cunntas dhut m'a thimchioll tuilleadh do 
dhèiligidhean an Tighearna rium aig iomadh 
uair eile, agus mu thimchioll nam buairidhean 
athachair orm aig gach uair dhiù sin. Tòisichidh 
mi aig an ni sin a thachair rium air tùs an uair 
a chaidh mi an co-chomunn ri pobull Dè 
ann an Bedford, An dèigh dhomh nochadli 
do'n eaglais gu'm b*e mo mhiann siubhal ann au 
duigh agus ann an òrduighean Chriosd maiJle 
riu, agus a bha mi mar an ceudna air mo ghabh- 
ail a steach leo 'nuair a smaointich mi air 
òrdugh beannaichte so Chriosd, ni a b'e a 
Shuipeir dheireannach maille r a dhisciobuil roi' 
bhàs, bha'n sgriobtur ud ; — '' Deanaibh so mar 
chuirahneachan ormsa," (Luc. xxii. 19.) air a 
dheanamh na bhriathar glè luachmhordhomhsa; 
oir b'ann leis a thàinig an Tighearna 'nuas air mo 
chogais le fradharc air a bhàs fèin air son mo 
pheacannan, agus mhothaich mi 'nuair sin mar 
gu'n tilgeadh e steach mi ann am feart no 'm 
buaidh a' bhàis sin, ach feuch cha robh mi fada 
'nam fhear-compairteachaidh aig an òrdugh 
sin, gus an d' rinn buairidhean muladach agus 
i?earbh nio choinneachadh aig gach àm an sin, 



GRAS AM PAILTEAS, &C. J59 

araon a cìmm toibheuman a ìabhairt an aghaidh 
an orduigh, agus gu ghuidhe gu'n tigeadh ni- 
eigin bàsmhor an caramh na h aiteam a blia 
compairteachadh dheth ; a chum is nach bithinn 
aig uair sambith ciontach de m'aonta thoirtdo na 
smaointean aingidh agus eagalach so, bha mi air 
mo cho-èigneachadh gu mi fèin a lùbadh fad na 
h-ùine ann an iàrnaigh ri Diachum mo chumail 
o leithidibh sud do thoibheumaibh ; agus mar 
an ceudnaag achanaich air, gu'm beannaicheadh 
e an copan agus an t-aran dhaibh, mar gu'm 
b 'eadh o bheul gu beul. Be'n t-aobhar mu'n 
tàinig am buaireadh so, mar a smaointich mi 
o*n uair sin, a thaobh nach tàinig mise leis an 
urram sin bu chuimhe dhomh 'nuair a dhlùthaich 
mi ris an òrdugh air tùs a chum comhpairteach- 
adh dheth. 

254. Bhuanaich mi mar so fad thrì ràithean 
agus cha b'urrainn mi idir fois no sòcair 
fhaotainn, ach fa-dheireadh thainig an Tigh- 
earna steach a chum m'anma leis an aon 
sgriobtur a thàinig a dh'ionnsaidh m' anma 
roimhe ; agus an deigh sin bu ghnà leam a bhi 
glè shòlasach an àm compairteachadh do'n 
òrdugh bheannaichte sin, agus tha dòchas agam 
gu'ra faca mi ann, corp an Tighearna mar air a 
bhriseadh air son mo pheacannan, agus gu'n 
robh fhuil luachmhor air a dòrtadh air son 
m* eu-ceartan. 

255. Air am àraidh bha mi 'g aomadh beagan 
a dh'ionnsaidh tinneas-caitheamh, agus leis a 



160 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

sin bha mi gu h-obann air mo ghlacadh le mòr 
ainmhuinneach ann am phearsa 'san leth a mach, 
ionnas gu'n robh eagal orm nach b'urrainn 
domh a bhi fada beò. A nise thòisich mi as- 
lìr a chum mi-fèin a thoirt suas do rannsachadh 
dùrachdach an deigh mo staid agus mo chor 
a thaobh na h-ùine bha romham, agus air mo 
dhearbhachd a thaobh an t saoghail bheannaichte 
ta ri teachd ; oir b'e so gu'm a beannaichte gu'n 
robh ainm Dhè bu ghnàs domh mar a b'àbhaist, 
ach gu h-àraidh ann an latha an àmhghair, 
feuchainn ri mo dhìchioU a dheanamh air mo 
chòir anns an t-saoghal ri teachd a chumail gu 
soilleir roimh bheachd mo shùl. 

256. Ach cha bu luaithe a thòisich mi air 
ath-ghairm gu'm chuimhne am fèin fhiosrach- 
adh a fhuair mi do mhathas Dè d'a m'anan 
roimhe sin, na bhrùchd mar sgaoth a dh' 
ionnsaidh m'inntinn cuideachd do-àireamh de 
mo pheacannan agus de m*eu- ceartan, agus be a' 
chuid so dhiù aig an àm sin bu mò a chràidh 
mi, se sin ri ràdh ; — mo mharbhanachd, mo 
mhàirnealachd, agus m'fhuaralachd a thaobh mo 
naomh*-dhleasanais, — mo sheacharan cridhe, — 
m*f hàs sgìth do dheanamh gach uile ni math, — 
mo chion gràidh do Dhia, d'a ròidean, agus d'a 
phobuU, agus leis a' so air deireadh nan uile; 
— " An e so toradh na criosdalachd ? An iad so 
comharraidhean an duine bheannaichte ?'* 

257. Thug smaointeachadh air na nithibh so 
mo thinneas dà-f hilt' orm ; oir a nise bha mi gu 



GKAS AM PAILTEAS, &C. 161 

tinn sam leth a steach, bha m'anam air a luchd- 
achadh le ciont ; bha nise mar an ceudna ni' 
fhèin-fhiosrachaidhean air mathas Dè air an 
toirt gu tùr air falbh à m'inntinn ; agus air 
am falach mar nach biodh iad riamh anu, no 
air am faicinn idir ; a nise bha m'anam gu 
mòr air a chuir thuige eadar an dà smaoin- 
teachadh so, — *' A bhi beò cha-n f haod mi, bàsach- 
adh cha dàna leam. ' A nise shìothlaidh mi 
sìos agus thut mi ann am inntinn, agus bha mi 
dol a thoirt thairis gach ni mar caillte. Ach 
air dhomh a bhi 'siubhal sìos agus suas air 
feadh an taighe mar dhuine ann an cor anabarr- 
ach truagh, rinn briathran so Dhè grèim air mo 
chridhe ; — *' Tha thu air f fhìreanachadh gu 
saor le gràs, tre an t-saorsa a ta ann an losa 
Criosd." (Rom. iii. 24.) Ach O ! ciod an 
t-atharrachadh a rinn so orm-sa. 

258. Bha mi nise mar neach a bhiodh an 
deigh dùsgadh à bruadar trioblaideach, agus ag 
eisdeachd ris na briathran nèamhaidh so, bha 
mi mar gu'n cluinninn e labhairt rium mar so ; 
— *^' A pheacaich, tha thu a* smaointeachadh a 
thaobh do pheacaidh agus t'anmhainneachd 
nach urrainn mise t'anam a thèarnadh ; ach 
feuch tha mo Mhac làimh rium, agus air-san tha 
mi 'g amharc agus cha n-ann ortsa, agus bunaidh 
mi ruit-sa do rèir a's mar a ta mi riaraichte 
leisan." Leis a so bha mi gu mòr air mo 
shoillseachadh 'nam inntinn, agus thuig mi gu'm 
b'urrainn Dia peacach fhìreanachadh aig àm 
p 



162 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

'sam bith ; b'e sin, ach e dh'amharc air Criosd 
agus a shochair-san a chur as ar leithinne, 
agus bha 'n obair deante gun dàil. 

259. Agus air dhomh a bhi smuainteachadh 
mar so, thàinig an sgriobtur so le mòr chumh- 
achd gu m' inntinn ; — " A shaor sinn agus a 
ghairm sinn le gairm naomh', cha n-ann a rèir 
ar n-oibre, ach a rèir a rùin fèin, agus a' ghràis 
a thugadh dhuinn ann an losa Criosd," &c. 
(2 Tim. i. 9. Tit. iii. 5) A nìse fhuair mi 
suas, chunnaic mi mi-fèin ann an gàirdeanaibh 
gràis, agus tròcair, agus ged bha eagal orm 
roimhe so, smuainteachadh air uair bàis, fòs a 
nise ghlaodh mi, — '' faigheam bàs," a ni^e bha'm 
bàs gaolach agus sgiamhach ann am làthair, oir 
chunnaic mi nach bi sinn gu bràth beò da rìreadli 
gus an triall sinn a chum an t-saoghail eile, 
'' O l'' arsa mise, '' cha n-eil an saoghal so ach 
mar dhiàsal cadail, an comais ris an t-saoghal a 
ta shuas.'' Aig an àm so mar an ceudna 
chunnaic mi na's mò anns na briathraibh so, 
^^ oighreachan air Dia," (Rom. viii. 17>) nas 
urrainn mi aithris f had sa bhios mi beò 'san 
t-saoghal so ; *' oighreachan air Dia !" is e Dia 
fèin cuibhrionn a naomh-shluaigh. Chunnaic mi 
so, agus b^ iongantach leam e, ach cha n-urr- 
ainn mi na chunnaic mi innseadh dhut. 

260. A rithist, air dhomh a bhi aig àm eile 
gìè thinn agus lag, fad na h-ùine sin mar an 
ceudna dh'èignich am buaireadair mi gu treun, 
oir tha mi tuigsinn, gu'm beil e fad an geall air 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 163 

ionnsaidh a thoirt air an anam 'niiair a tha e 
tòiseachadh air teannadh a chum na h-uaighe, an 
trà sin tha e a' faotainn a* chothrom, a* saoith- 
reachadh a chum nam fèin-fhiosrachaidhean a 
fhuair mi roimh air mathas Dè fhalach orm, 
a' cur ann am làthair mar an ceudna uabhasan 
a' bhàis agus breitheanas Dè, ionnas aig an àm 
so, tre m'eagal roi' bhi caillte gu brdth, (nain 
bàsaichinn a nise,) bha mi mar dhuine marbh 
mu'n tàinig am bàs a'm chòir, agus mar gu'm 
bithinn ga mo mhothachadh fèin a nise dol 
sìos do'n t-sloc ; air leam, arsa mise, nach robh 
aon slighe eile ann, ach gu ifrinn gu'm b'èigiii 
domh dol ; ach feuch, dìreach air dhomh a bhi 
ann am buillsgean an eagail so, thàinig briath- 
ran ud an aingil a ghiùlan Lasarus gu uchd 
Abrahaim a steach do"m inntinn. le sraon, mar 
gun abradh e, — '' Isamhailathàrlas dhutsa'nu^ir 
a dh'fhàgas tu 'n saoghal so." Rinn so mo 
spiorad ath-bheothachadh, gu miHs, agus chuid- 
ich e leam chum m'earbsa chuir ann an Dia ; 
'nuair a smuaintich mi air le suaimhneas rè 
tacain thuit na briathran so le mòr chumhachd 
air m' anam ; — " ! bàis c' àit' am beil do 
ghath ? O ! uaigh c' àit' am beil do bhuaidh?' 
(1 Cor. XV. òò) Leis a so dh'fhàs mi sh^n 
araon ann an corp agus an inntinn còmhladh, 
oir dh fhalbh mo thinneas air ball agus shiubhail 
mise gu suaimhneach gu seirbheis a dheanamh 
do Dhia a rithist. 

26 L Aig àm eile ged bha mi meadhonach 



164 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

math agus taltneach *nani inntinn, fòs thuìt neul 
mòr dorchadais orm gu h-obann ; a dh'fhalaich 
nithe Dhè agus Chriosd orm, ionnas gu' n robh 
mi mar nach faicinn iad, agus mar nach faighinn 
eòlas orra riamh ann am bheatha, bha mi mar 
an ceudna air mo ruith thairis, 'nam aigneadh 
le inntinn neo mhothachail, agus neodhùrachd- 
achd, ionas nach b'urraiun domh mo chridh 
f haireachadh a' gluasadh no carachadh an deigh 
gràis agus beatha tre Chriosd ; bha mi mar gu'm 
biodh mo leasraidh air am briseadh, agus mar 
gu'm biodh mo làmhan agus mo chasan air 
an ceangal le sìàbhraidhean. Aig an àm so mar 
an ceudna, mhothaich mi rud-eigin anmhainn- 
eachd ann am phearsa o'n leth a mach ni a rinn 
m'àmhgharan eile mòran ni bu truime agus ni 
bu ro an- shocraiche dhomh. 

262. An deigh dhomh a bhi anns a' chor so 
mu thuaram jtrì no ceithir do lathaichean, air 
dhomh a bhi'ann am shuidhe aig an teine, 
mhothaich mi 'nuair nach robh aon sùil agam 
ri ni sam bith, na briathran so a' sèirm ann am 
chridhe, — '' Feumaidh mi dol a dh'ionnsaidh 
losa," thug so air an dorchadas, agus air na 
smaointean mu àicheadh bith Dhè a rinn roimhe 
so grèim air m'inntinn teicheadh air falbh, agus 
chaidh nithe beannaichte nèimh a chuir annam 
làthair. 'Nuair a bha mi mar so air mo 
ghlacadh gun fhios domh; ^' A bhean/' arsa 
mise, am beil a leithid so do sgriobtur idir ann, 
— Feumaidh nii dol a dh ionnsaidh losa f' 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 165 

Thuird ise nach b'urrainn i innseadh, stad nii 
uime sin, a' smaointeachadh, a dh' f heuchainn 
am b'urrainn mi cùìmhneachadh air àite sam 
bith do'n 8griobtur anns an robh a leithid, cha 
robh mi ann am shuidhe ach mu'n thuaram a 
dhà ro thrì do mhionaidean, 'nuair a thàinig so le 
sraon a steach orm ; — " Gu cuideachd do-àir- 
eamh do dh' ainglibh," agus leis gach ni bha'n 
dara Caibidil deug do Litir an Abstoil Phòil a 
chum nan Eabhruidheach mu thimchioU sliabh 
Shioin air a chuir roi' làthair mo shùl. Rann 
23—24. 

263. An sin thuirt mi ri mo mhnaoi le èibh- 
neis ; — " Thafhios agam ! tha fhios agam !" ach 
bha'n òidhche sin 'na h-òidhche mhaith dhomhsa, 
cha do chuir mi seachadh riamh ach fior bheagan 
(ìidhcheachan a b'fhearr na i, bha mi gabhail 
fadail air son cuideachdas cuid do phobull Dè, 
(^hum agus gu'n leiginn ris daibh an ni a thaisbean 
Dia dhomh. Bha Criosd 'naChriosd luachmhor 
do'm anam air an òidhch' ud, is gann a 
b'urrainn Ini laidhe ann am leabaidh le 
aoibhneas, sìth, agus buaidh tre Chriosd. Cha 
do bhuanaich a mhòr ghloir so maille rium gu 
madainn, ach fòs bha'n dara Caibidil deug do 
litir an abstoil Phòil a chum 'nan Eabhraidh- 
each 'nan sgriobtur beannaichte dhomhsa fad 
iomadh latha cuideachd an deigh so. 

264. Is iad so na briathran ; — " Tha sibh air 
teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair, an Dè 
bheò, an Ireusalem nèamhaidh, agus cuideachd 



Ì66 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

do-àireamh do dh' ainglibh, gu làn-cho- 
thional agus eaglais nan ceud-ghin, a tha 
sgrìobhta 'sna nèarahaibh, agus gu Dia breith- 
eamh nan uile, agus gu spioradaibh nam f ìrean 
air an deanamh foirfe ; agus gu losa eadar • 
inheadhonair a cho-cheangail nuaidh agus a 
chum fala a' chrathaidh, a ta labhairt nithe a's 
fearr tìslJuU Abeil.'* Threòraich an Tighearna 
mi trìd nam briathran so, thairis is thairis ; air 
tiìs chum fhacail, agus a rithist a chum iad so, 
agus nochd e dhomh glòir-iongantach anns gach 
aon diù. Bha na briathran so mar an ceudna, 
gu minig o'n uair sin 'nam mòr ath-neartachadh 
do 'm spiorad. Gum a beannaichte gu n robh 
Dia a chionn tròcair a dheanamh ormsa. 



Cunntas gearr mu thimchioU gairm an 
Ughdair a chum ohair na Ministearachd. 

265. Agus a nise tha mi a' labhairt m'fhèin- 
fhiosrachaidh, agus ni mi ann an so facal no 
dhà a thìlgeadh a steach mu thimchioU mo 
shearmonachadh air an f hacal, agus mu dhèiHg- 
eadh Dhè rium anns an ni àraidh sin mar an 
ceudna. An deigh dhomh a bhi mu thuaram 
cùig no se do bhliadhnachan air mo dhùsgadh, 
agus a chuidich mi mi-fèinachum easbhuidh* 

• A bhi as eu";mhais Chriosd. 



GRAS AM PAII.TEAS, &C. 167 

agus luacli losa Criosd ar Tighearna fhaicinn, 
ajus a chuidicheadh leam raar an ceudna chum 
m'anam a leagadh air ; mheas cuid dhiù-san bu 
chothromaiche a measg nan naomh 'n-ar measg- 
ainne, a thaobh breathnachaidh agus naomh- 
ach beatha, do rèir mar a thuig iadsan, gu'n do 
mheas Dia mise airidh air ni-eigin de a thoil 'na 
i hacal naomh' agus beannaite fèin a thuigsinn, 
agus gu'n tug e comas labhairt dhomh, ann an 
cuid do thomhas a chum an ni a chunnaic mi 
aithris do mhuinntir eile, a chum togail suas 
agus oilean ; uime sin dh'iarr iad orra, agus sin 
le raòr dhurachd gu'ra bithinn toileach gabhail 
os làirah air uairibh facal earalachaidh a labh- 
airt riu, aig aon do na coinneamhean. 

2t)6. Ni, air tùs,a nàraich agus a dh'athaich rao 
spiorad gu raòr, ach fòs, air dhaibh-san a bhi do 
ghnà g'ara iarraidh gu dùrachdach leo, chaidh mi 
ann agus leig mi mo ghibhtean 'nam raeasg (ach 
jj'u diarahair,) aigdàchoinnearah eugsamhail, ged 
a b ann le mòr laigse agus anmhainneachd, 
agus thog iadsan fianais gu sòlaimte, mar ann 
an làthair an Dè mhòir, gu'n robh iad araon air 
an dùsgadh 'nan inntinn agus air an comhf hurt- 
achadh, agus thug iad buidheachas do dh' Athair 
nan uile thròcair air son a' ghràis a bhuilicheadh 
ormsa. 

267. An deigh so air uairibh, 'nuair a chaidh 
cuid aca do*n dìjthaich a theagasg, b aiU leo mar 
an ceudna gu n rachainnse maille riu, ged nach 



168 GRAS AM PAILTEAS, àc. 

d'rlnn mi annsnah-àitibhsin fathastmoghibhtean 
a ghnàthachadh, ni mò bu dàna leam sin a dean- 
amhann anàite follaiseach. ach n'abu ro dhiamh- 
aire, mar a thàinig mi am measg an deagh 
phobuill anns na h-ionadaibh so, labhair mi air 
uairibh facal comhairle dhaibh raar an ceudna 
ni a ghabh iad mar chàch do'n phobull le gàird- 
eachas as leth tròcair Dhè do'm thaobh-sa, a'g 
aideachadh gu'n robh an anmannan air an 
teagasg agus air an oileanachadh leis. 

268. Uime sin chum a bhi aithghearr, 
fa-dheòigh, air dhomh a bhi do ghnà air m'iarr- 
aidh leis an eaglais, an deigh dhorah ùrnaigh 
shòlaimte a chuir suas ris an Tighearna maille 
ri trasgadh, bha mi na bu ro shònraichte air mo 
ghairm a mach, agus air m'òrduchadh n'a bu 
riaghailtiche chum searmonachadhfollaiseach an 
fhacail, cha b'ann a mhain dhaibh-san achreid, 
ach mar an ceudna chum an Soisgeul a thairgse 
dhaibh-san nach do ghabh fathast creidearah an 
t-Soisgeul da'n ionnsaidh, agus fhuair mi le 
dearbh chinnt mu n àm sin brosnachadh diamh- 
air air m'aghart a chum sin a dheanamh ; ged 
a tha mi 'toirt cHù do Dhia, nach b'ann le dèidh 
air glòir dhiamhain ; oir aig an àm sin bha mi 
air mo chràdh gu goirt le gathan teintidh an 
diabhoil, mu dhèibhinn mo staide sìorruidh. 

269. Ach cha b'urrainn mi a bhi toilichte 
fathast, mar a bithinn air m'f haotainn ann a bhi 
gnàthachadh mo ghibhtean, ni anns an robh nii 
gu mòr air mo bheothachadh, cha b'ann a mhain 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 169 

le bith iarrtas nam muinntir dhiadhaidh, ach 
mar an ceudna le briathraibh so an abstoil 
Phòil ; — '^ Agus guidheam oirbh a bhràithrean, 
(o's althne dhuibh teaghlach Stephanais, gur 
iad ceud thoradh Achaia. agus gun tugsiadiad- 
ft^in a chum frithealaidh do na naomhaibh ;) gu'm 
bi sibh ìimhal d'an leithidibh sin, agus do gach 
aon a ni obair agus saothair maille ruinne." 1 Cor. 
xvi. 15, 16. 

270. Thugadh orm fhaicinn leis na briathran 
sgriobtuir ud, nach be rùn an Spioraid Naoimhe 
1 iamh gu'n deanadh daoine aig am beil gibhtean 
agus pàirtean, na buaìdhean sin a thiodhlaiceadh 
anns an talamh, ach gu'm bu ròghnaiche leis 
iad-sin iarraidh agus an dùsgadh suas a chum 
an gibhtean a chleachadh, agus gu'n dh'iarr e 
mar an ceudna orrasan a bha deas agus ullamh 
air a shon iad a dheanamh mar sin ; '' Thug siad 
iad-fèin suas a chum ministearlachd nan naomh." 
Bha'n sgriobtur so anns na lathaibh ud a' ruith 
air m' inntinn do ^hnà a chum mo mhisneach- 
adh agus mo neartachadh ann an obair do Dhia ; 
bha mi mar an ceudna, air mo bhrosnachadh o 
chaochla sgriobtur eile agus eiseamplairibh 
nan naomh a ta air an ainmeachadh ann am 
facal Dè agus ann an seann eacbdraidhean 'eile. 
Gniomh. viii. 4, agus xviii. 24, 25, 1 Ped. iv. 
10, Rom. xii. 6. &c. 

271. Uime sin, ged bu mhi-fèin bu neo- 
airidh do na naomhaibh uile, f()S rinn mi. ach 
sin le mùr eagal agus balla-chrith o shealladh 



170 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

air m' anmhainneach fèin, tòiseachadh air an 
obair, agus rinn mi do rèir mo chomais agus 
cuibhrionn mo chreideimh, an Soisgeul beann- 
aichte sin a shearmonachadh a rinn Dia a 
thaisbeanadh dhomh ann am facal naomha na 
fìrinn ; agus 'nuair a chuala muinntir na dùth- 
cha sin, thàinig iad a* chluinntinn an f hacail 
'nan ceudna ; agus sin às gach àite do'n tìr mu'n 
cuairt, ged a b'ann air son iomadh agus caochla 
aobhair. 

271?. Agus tha mi toirt buidheachais do Dhia, 
thug e dhomhsa cuid do thomhas innidh agus 
truas r'an anmannan ni a bhrosnach mi mar an 
ceudna air m'aghaidh a chum saoithreachadh le 
mòr dhìchioll agus dhùrachd a chum a leithid 
do dh'fhacal fhaotainn a mach sa dh'fhaodadh 
nam beannaicheadh Dia e, grèim a dheanamh air 
a* choguis agus a dhùsgadh, a thaobh so 
mar an ceudna bha spèis aig an Tighearna do 
dh' iarratas a sheirbheisich ; oir cha robh mi ro 
fhada ri searmonachadh gus an do thòisich e air 
drùghadh air cuid, agus a bhi air am mòr 
chràdh 'nan inntinnean air dhaibhsmaointeach- 
adh air ro mheud am peacannan, agus air an 
f heum a bha ac' air losa Criosd. 

273. Ach cha b'urrainn mi air tùs a chreid- 
sinn gu'n labhradh Dia tromhamsa ri cridhe 
duine sam bith, ga mo mheas fèin do ghnà neo- 
airidh ; gidheadh, ghràdhaicheadh an aiteam ud 
mi air an deach mar sud drùdhadh, agus bhiodh 
spèis shònraichte aca dhomh ; agus ged do 



I 



GRAS AM PAILTEAS, &C. ÌJl 

chuir mise bhuam-fèin gu'm biodh iad air an 
dùsgadh leam, gidheadh, dh'aidicheadh iad-san 
e, agus chuireadh iad an cèill e ann an làthair 
ainglean Dè ; bheannaicheadh iad mar an ceud* 
na Dia air mo shonsa, (truaghan neo-airidh 
mar tha mi !) agus mheas iad mi mar mheadhon 
Dè a sheall dhaibh-san shghe na slàinte. 

274. Uime sin air dhomh f haicinn gun robh 
iadsan cho bunailteach dìleas, araon nam briath- 
ran agus 'nan gniomharran, agus mar an ceud- 
na cho dùrachdach 'nan cridheachan gu dian an 
tòir air eòlas losa Criosd, air dhomh gàirdeachas 
a dheanamh air son gu'n chuir Dia riamh mi 
far an robh iad, an sin thòisich mi air co-dhùnadh 
gu'm faodadh a' chùis a bhi mar sin, gu'n 
d'ainmich Dia a chum a shèirbheis neach cho 
amaideach riumsa, agus an sin thàinig briathran 
so Dhè gu mo chridhe le mòr neartachadh 
taitneach ; — " Thàinig beannachadh an tì a bha 
ullamh gu bàsachadh orm ; agus thug mi air 
cridhe na banntraich sèinn le aoibhneas." lob 
xxix. 13. 

275. Rinn mi gàirdeachas ris a so mar an 
ceudna, seadh bhiodh deòir na h-aiteam sin a 
dhùisg Dia tre mo shearmonachadh araon 'na 
shòlas agus 'na mhisneach dhomh , chuimh- 
naich mi air na briathraibh so ; — " Cò' ma ta a 
ni subhach mise ach an tì air an do chuireadh 
doilgheas leam ?" (2 Cor. ii. 2.) Agus a rithist 
" Mur eii mi a'm abstol mar dhaoine eile, gidh- 
eadh gu cinnteach tha mi dhuibhse ; oir is 



172 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

siblise seula m' abstolachd anns an Tigbearna." 
(l Cor. ix. 2.) Bha na nithe so mar an ceudna 
'nan dearbhadh eile dhomh air gu'n do ghairm 
Dia rai ; agus gu'n do sheas e maiUe rium anns 
an obair so. 

276. Ann am shearmonachadh air an fhacal, 
thug mi airre shònraichte do'n aon ni so, 'se sin 
ri ràdh, gu'n do threòraich an Tighearna mi gu 
tòiseachadh far an do thòisich fhacal ri peac- 
"aich ; 'se sin, gach feòil a dhìteadh, agus f hos- 
gladh agus a chuir an cèill gu'm bun mallachd 
l)hè tre 'n lagh do na h-uile duine, agus gu'm 
beil e deanamh grèim orra, mar a thig iad a 
dh'ionnsaidh an t-saoghail a thaobh am peac- 
aidh. A nise cho Hon mi an earrann so de mo 
ghniomh le mòr mhothachadh ; oir bha uabh- 
asan an lagha agus cionta m' euceartan fèin 
'nan laidhe gu trom air mo chogais ; shearmon- 
aich mi an ni sin a dh'fhairich mi, eadhon an 
ni sin fo'n d'rinn m'anam bochd gearan agus 
balla-chrith gu h-iongantach I 

277« Cru fìrinneach, bha mi dhaibh mar 
neach aìr a chur do'n ionnsaidh o na mairbh ; 
chaidh mi-fèin ann an geimhleibh a shearmon- 
achadh dhaibh-san a bha ann an geimhlibh, agus 
ih'iomchair mi an teine sin ann am chogais 
fein a bha mi dian earalachadh orrasan iad a 
sheachnadh. Faodaidh mi ràdh gu fìrinneach, 
agus sin gu'n chleth, 'nuair a bha mi gu sear- 
monachadh, gu'n deach mi chum sin a dhean- 
amh làn ciont' agus uabhais eadhon gu dorus na 



GHAS AM PATLTEAS, &C. 173 

cùbait, agus a sin bha iad air an toirt air falbh 
agus bha mis aig saorsa, 'nam inntinn gus an 
cuirinn crìoch air m' obair ; agus a rithist gu 
h-aithghearr eadhon, mu'm b'urrainn mi dol 
sios staidhir na cùbait* bha mi cho olc sa bha 
mi roimhe, gidheadh, ghiùlain Dia mi air 
m' aghaidh, ach gu cinnteach b'ann le làimh 
thrèin, oir cha b'urrainn araon cionta no ifrinn 
rao thoirt a bharr mo ghnioraha. 

278. Chaidh mi air m' aghaidh mar so fad 
ùine dhà bhhadhna, a' glaodhaich a mach an 
aghaidh peacannan dhaoine, agus a' chÒr eagaU 
aich anns an robh iad air son nam peacannan 
sin. An deigh dhomh sin a dheanamh thàinig 
an Tighearna a steach air m' anam le cuid do 
shuaimhneas cinnteach agus le comh-fhurtachd 
tre Chriosd ; oir thug e dhomh iomadh foiU- 
seachadh taitneach air a ghràs beannaichte 
trìd-san ; ni a thug orm a nise mo shearmon- 
achadh atharrachadh gu modh eile, (oir shear- 
monaich mi do ghnà an ni sin a chunnaic agus 
a mhothaich mi,) a nis' uime sin rinn mi mòr 
shaothair a chum leantainn ri Criosd 'na uile 
dhreuchdan, a chuir an cèill, agus a shocair- 
ean do 'n t-saoghal, agus rinn mi strìth mar an 
ceudna chum an cùì-taic agus na goibhlean 
mealta sin (air an beil sluagh an t-saoghail 
a' leagadh an taic' agus leo sin a* tuiteam agus 
a' dol a dhìth) fhaotainn a mach, an dìteadh, 
agus an giùlan air falbh. Air na nithibh so 
Q 



174 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

niar an ceudna bhuanaich mi cho fad' sa bhuan- 
aich mi air na nithibh eile. 

279. An dèigh so threòraich Diamì dh'ionn- 
saidh ni-eigin do dhiomhaireachd an aonaidh ri 
Criosd ; uime sin thug mi fainear e agus nochd mi 
dhaibh-san e mar an ceudna. Agus an uair a 
shiubhail mi tre na tri phrìomh phiàincean sodo 
dh'f hacal Dè, mu thuaram ìiine chòig bliadhna 
nobharrachdandèighsin chaidh mo ghlacadh ann 
am ghniomh, agus mo thilgeadh ara prìosan, 
far an deach m'f hàgail ni b'faide rithist chum 
an f hìrinn a dhaingneachadh ann an rathad ful- 
angais, cho fad' sa bha mi roimhe sin a' toirt 
fianais oirre do rèir an Sgriobtuir ann an rathad 
searmonachaidh. 

280. An uair a bha mi ri searmonachadh tha 
mi toirt buidheachas do Dhia., rinn mo chridhe 
gu tric rè na h-ìiine sin a bha mi ris an t-saoth- 
air so, agus ri saothair eile, èigheach ri Dia le 
mòr dhùrachd, gu'n deanadh e an obair èif- 
eachdach chum sàbhaladh an anma ; do ghnà 
air mo chràdh le eagal gu'n tugadh an nàmhaid 
am facal air falbh o'n chogais, agus gu'm fàsadh 
e mar sin neo-tharbhach. Uime sin shaoithrich 
mi air son anfhacail a labhairt, chum leis, na 
bu chomasach e, gu'm biodh am peacadh agus 
am peacach a chuir an gniomh e air an sònrach- 
adh a mach leis. 

181. Mar an ceudna 'nuair a chuir mi crìoch 
air an obair, chaidh e dh'ionnsaidh mo chridhe, 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 175 

le smaointeachadh gun tuiteadh am facal a nise 
mar uisge ann an ionadaibh clachach, do ghnà 
a' miannachadh o mo chridhe ; O ! nach ann a 
chitheadh iadsan a chuala mis' a' labhairt air an 
latha 'n diugh mar a ta mi-fèin a' faicinn, ciod 
an ni is e peacadh, bàs, ifrinn, agus mallachd 
Dhè, agus mar an ceudna ciod e an ni gràs, 
gràdh, agus trrcair Dhè tre Chriosd, do dhaoine 
a ta ann an còr mar a ta iadsan a ta fathast a' 
cumail air falbh uaithe. Agus gu dearbha 
thuirt mi gu minig ann am chridhe an làthair 
an Tighearna, nam bithinn air mo chrochadh a 
thiotadh ann an làthair an sùl, gu'm biodh e 'na 
mheadhon air an dùsgadh, agus air an daing- 
neachadh anns an fhìrinn: agus bu toileach a 
bhithinnse mar sin. 

282. Oir bha mi ann am shearmonachadh, 
gu sònraichte an uair a bhithinn a searmonach- 
adh teagasg na beatha tre Chriosd, gu'nghniomh- 
arran, mar gu'm biodh aingeal le Dia 'na 
sheasamh aig mo chìàlthaobh a chum mo 
bhrosnachadh ; ! bha e le leithid do chumh- 
achd agus do dhearbhadh nèamhaidh air m'anam 
fèin, feadh a bha mi saoithreachadh a chum 
f hoillseachadh, a cho-dhearbhadh, agus a chean- 
gal ri cogaisean muinntir eile, is nach b'urrainn 
mi a bhi riaraichte le ràdh ; tha mi creidsinn, 
tha mi cinnteach ; air leam gu'n robh mi ni 
bu mhò na bhi cinnteach. (ma tha e ceadaichte 
dhomh m'inntinn aithris,) gu'n robh nan nithe 
sin a bha mi a' cuir an cèiU aig an àm sin cinn- 
teach agus fior. 



176 GHAS AM PAILTEAS, &C. 

283. 'Nuair a chaidh mì a raach air tììs a shear- 
monachadh an fhacail bha oUamhain agus 
sagairt na dùthcha a* fosgladh am beoil gu 
farsuinn'nam aghaidh; achbha miairmo chomh- 
airleachadh athobh so; — '' gun chàineadh ìocadh 
air son càinidh," ach feuchainn ri cia lion do 'n 
luchd-aidmheil f heòlmhor sin air am b'urrainn 
mi an staid thruagh trìd an lagha a dhearbhadh ; 
agus a bhi as eugmhais Chriosd, agus luacli 
Chriosd a nochdadh dhaibh ; oir smaoin- 
tich mi, — '-' Freagraidh air mo shonsa m'ionracas 
'san àm ri teachd, 'nuair a thig e mar mo thuar- 
asdal a'd' làthair-sa." Gen. xxx. 33. 

284. Cha bu toigh leam riamh beantainn ri 
nithibh connspaideach, a ta teagamhach a measg 
nan naomh, nithe gu sònraichte a ta do'n ghnè is 
ìsle, gidheadh ghabh mi niòr thlachd ann an 
cathachadh gu dùrachdach air son facal a' 
chreideimh, agus mathanas peacaidh tre bhàs 
agus fhulangas losa, ach deiream, a thaobh 
nithe eile cha bheanainn daibh, a chionn 
gu'm faca mi gu'n robh iad a' dìisgadh 
conn-strìgh ; agus a chionn nach robh an dean- 
amh no'm fàgaiì gun deanamh g'ar moladh do 
Dhia gu'm bu leisan sinn ; a bharr air gu'm faca 
mi, gun robh mobair a bha romham a' ruith 
ann an sruth-chlais eile, eadhon guth dùsgaidh 
a ghiùlan;air a sud, uime sin, rinn mi grèim 
agus leanmhainn. 

285. Cha dh'f heucb mi riamh ri feum a 
dheanamh do bhriathran duine eile, agus ni mò 



GRAS AM PAILIEAS, &C. J77 

ou dàna leam sin a dheanamh, (Rom. xv. 18,) 
ged nach eil mi a' dìteadh gach neach a ta dean- 
arah mar sin, oir shaoil mi gu deimhinn, agus 
thuig mi o fhèin-f hiosrachadh, gu'm b'e 'n ni sin 
a chaidh a theagasg dhomh le facal agus le 
spiorad Chriosd a dh'f haodt' a' labhairt, a' chumai l 
a mach, agus seasamh ris leis a* chogais sin bu ro- 
f hallain' agus a b'f hearr suidheachadh ; agus ged' 
nach innis mi'n dràst gach ni'seòldomh muthim- 
chioU na cùise so, fòs, tha ni's mò do ghnothach 
aig m'fhèin-f hiosrachadh ris an earrainn sgriob- 
tuir so (Gal. i. 11. 12,) na tha d'fhios aig 
iomadh neach a measg dhaoine. 

286. Ma chlaon aon do'n aiteam sin a chaidh 
a dhùsgadh le mo mhinistearachd fa-dheòigh air 
falbh, (mar a rinn iomadh air uairibh,) faodaidh 
mi ràdh le fìrinn, gu'n robh an call ni bu mò 
leamsa, no ged thrialladh mo chlann fein, a 
ghineadh o mo dhearbh chorp, a chum an cuid 
uaighean ; air leam gu deibhinn gu'm faod mi 
ràdh gu'n mhìothlachd sam bith a chuir air an 
Tighearna, nach deach aon ni cho dlù air mo 
^hridhe ris a sin, ach a mhàin eagal gu'n cailiinn 
slàinte m'anma fèin. Mheas mi mar gu'm 
biodh deagh aitreabh agam air a togail, agus 
tighearnas anns na h-ionadaibh so anns an 
robh mo chuid cloinne air am breith. Bha mo 
chridhe air fhilleadh suas ann an glòir na 
h-oibreach oirdheirc so, ionnas gu'n do mheas 
mi mi-fèin ni bu mhò air mo bheannachadh, 
3gus air m' unarachadh le Dia leis a so, no gt r^. 



178 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

bhiodh e air deanamh ìrapire dhiom air an 
t-saoghal chriosdail gu lèir, no tighearna air uile 
ghlòir an talmhuinn as eughmhais ! O na 
briathran so ! '' An duine a dh'iompaicheas 
peacach o sheacharan a shh'ghe, saoraidh e 
anam o bhàs, — Is craobh beatha toradh an 
fhìrein agus tha esan a choisneas anmannan 
glic, — Agus deàlraidh iadsan a ta glic mar 
shoillearachd nan speur ; agus iadsan a thionn- 
daidheas mòran gu fìreantachd mar na reulltan 
fad shaoghal nan saoghal, — Oir ciod e ar dòchas- 
ne, no ar n-aoibhneas, no ar crùn-uaiUe ? nach 
sibhse fèin e am fianais ar Tighearna losa 
Criosd aig a theachd ? Oir is sibhse ar glòir- 
ne agus ar n-aoibhneas." (Semus v. 20, Gnà. xi. 
30, Dan. xii. 3, 1 Tes. ii. J9, 20,) Bha iad so, 
deiream, le iomadh eile do nàdur coltach riu 
'nan mòr neartachadh dhomh. 

287. Thug mi fainear, far an robh obair 
agam ri dheanamh do Dhia, gun robh agam air 
tùs, mar gum b'eadh, gluasad Dhè air mo 
spiorad, le miann gu'm faodainn searmonachadh 
anns an ionad sin ; — thug rai fainear gu'n robh 
an leithid sud, agus an leithid so dodh'anraannan 
gu sònraichte air an siudheachadh gu làidir 
air mo chridhe, agus mhosgail mi suas le rùn 
air son an teàrnadh ; — thug mi fainear gu'n 
robh na dearbh anmannan ud an deigh sin air 
an tabhairt do thoradh mo shearmonachaidh ; — 
thug mi fainear gu'n d'rinn facal air a thilgeadh 
a steach an dràsta 'sa rithist 'na bu mò do 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 179 

dli'f heura ann an searmoin, na gach facal eile a 
labhradh a bharrachd orra. Air uairibh maran 
ceudna 'nuair a shaoil mi nach d'rinn mi math 
sam bith is ann is mò rinn mi do mhath, agus air 
uairibh eile *nuair a shaoil leam gu'n glacainn 
iad, shaoithrich mi gu diamhainn. 

288. Thug mi fainear mar an ceudna far an 
robh obair ri bhi air a deanamh air peacaich, 
ann an sin gu n do thòisich an diabhol air 
èibheach anns na cridheachan, agus tre bheòil a 
chuid sèirbheiseach ; seadh gu minig, an uair 
bu mhò a bha'n saoghal aingidh air boile cuth- 
aich, bha anmannan air ari diìsgadh leis an 
fhacal; b'urrainn mi iomadh ainneachadh ; ach 
ni mi ag an àm so dearmad air an aithris. 

289. Be mo mhòr mhiann ann an comh- 
lionadh mo mhinistearachd dol a chum nan 
àitean sin bu dòrcha agus a b'aineolaiche do'n 
dùthaichj eadhon am measg nam muinntir sin a 
b'f haide bho aideachadh a dheanamh ; cha 
b ann a mhain a chionn nach b'urrainn mi an 
solus fhulang, (oir cha robh eagal orm mo 
shoisgeul a leigeadh ris do neach sam bith.) ach 
a chionn gu'n d'fhuair mi m'inntinn ni bu mò 
ag aomadh a chum dùsgaidh agus obair iompach- 
aidh ; agus bha'm facal a bha mi a' ghiìilan 
e-fèin ag aomadh ni bu mhò an rathad sin mar 
an ceudna. " Seadh, mar sin bha ro-dhèigh, 
agam air an t-soisgeul a shearnionachadh, cha'n 
ann 'san ionad 'san robh Criosd air ainmeach- 



180 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

adh, chum 's nach togainn air bunait neach eile. 
llom XV. 20. 

290. Bha mi darìreadh ann am pian ri àm 
dhomh a bhi searmonachadh ; rinn mi, mar 
gu' m b'eadh saothair a chum clann a ghintinn do 
Dhia ; ni mò a b'urrainn mi bhi toiJichte, mar 
a faicinn cuid do thoradh air fhoillseachadh 
ann am ghnìomh. Ma bha mi neo-tharbhach, bu 
choma leam cò amholmi, achmabha mitarbhach 
bu choma leam cò a dhìteadh mi. Smaointich 
mi air a' so ; — ^' Feuch, is iad clann oighreachd 
an Tighearna, toradh na broinne a dhuais ; Mar 
shaighdean ann an làimh gaisgich, raar sin l/ta 
raic na h-òighe ; is sona am fear aig am beil a 
bhalg-saighead làn diù : cha bhi nàire orra, 
'nuair a labhras iad ra'n nàimhdibh anns a' 
gheatha." Salm cxxvii 3 — 5. 

291. Cha tug a bhi faicinn sluaigh fo mhisqc 
/6 bairealan a bheag do thoil-inntinn dhoD:«h, 
mu chunnaic mi iad coltach ri bhi aineolacb air 
losa Criosd, agus air luach an slàinte ^èin. 
Dearbhadh f haicinn air peacadh, ach gu sòn- 
raichte air as-creideamh, agus cridhe air dian- 
lasadh gu bhi air a shàbhaladh le Criosd, le 
treun analadh an tòir air anam naomhaichte ; 
b'iad sin a thug toil inntinn dhomhsa ; b'iad sin 
na h-anmannan a raheas mi làn-shona. 

292. Ach anns an obair so, raar anns gach 
obair eile; bha rao bhuairidhean agara g'a mo 
leanmhainn, agus iad sin do dh iomadaidh gnè : 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 181 

agus bhithinn air uairibh air mo mheatachadh 
gu mòr leo, le eagal nach bithinn coraas- 
ach air facal idir a labhairt a chum teagasg 
tarbhach ; ni h-eadh, nach bithinn comasach 
air teagasg ciallach a labhairt do'n t-sluagh, agus 
aig na h-amaibh sin, bha mi mothachadh a 
leithid do dh'anmhainneachd agus do laigse a' 
deanamh grèim air mo cholainn air chor is gu*m 
bu ghann a b'urrainn mo chasan mo ghiùlan a 
chum ionad an aoraidh. 

293. Air amaibh eile a rithist, an uair a 
bhithinn a' searmonachadh bha mi air mo 
bhualadh gu dian le smuaintean toibheumach, 
agus bha mi air mo threun bhuaireadh a chum 
nam briathran a labhairt Je mo bheul ann an 
làthair a' cho-thionaii. Bha mi maranceudna, . 
air uairibh, eadhon an uair a thòisichinn air an 

f hacal a labhairt le mòr shoilleireachd, dhearbh- 
adh, agus shaorsa cainnt, ach fos mu'n 
crìochnaichinn an cothrom sin bha mi cho mòr 
air mo dhalladh agus air m"f huadach o 'n ni a 
bha mi labhairt , agus mar an ceudna air 
m'fhàgail cho gann do chainnt a thaobh 
liubhairt ann an làthair an t-sluaigh, innas 
gu'n robh mi mar nach biodh fios no cuimhne 
agam air ciod a bha mi a' deanamh ; no mar 
gum biodh mo cheann ann am poca fad na 
h-ùine sin a bha mi ri searmonachadh. 

294. A rithist, air dhomh a bhi dol a shear- 
monachadh air earrann gheur agus rannsachaidh 
do*n fhacal, inhothaich mi am buaireadair a* 



182 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

diìsgadh suas an t-sanais so 'nam inntinn ; — 
'' Ciod ! an searmonaich thu an ni sin ! Tha 
thu ga do dhìteadh fèin ; tha t'anam fèin ciont- 
ach dhe a so ; uime sin na searmonaich mu 
thimchioll so idir; oir ma shearmonaicheas, 
min~ghearr e air sheòl is gu'm faod thu-fèin 
tàrsainn às, air eagal an àite muinntir eile dhùs- 
gadh gu'n leag thu an cionta sin air t 'anam fèin 
o nach urrainn thu chaoidh èiridh." 

295. Ach tha mi toirt buidheachais do'n 
Tigheama, bha mi air mo chumail air m'ais o 
aontachadh le sanasan cho uabhasach, agus 
ròghnaich mi mar Shamson mi-fèin a chromadh 
le'm uile neart, a chum peacadh agus seacharan 
a dhìteadh, ge be air bith àit anns an d'f huair 
mi iad, ged do thug mi^ mar an ceudna, le sin a 
dheanamh ciont air mo chogais fèin : — ^' Faìgh- 
eam bàs," arsa mise '^ maille ris na PhiHstich," 
(Breith. xvi. 29, 30,) a roghainn air buntainn gu 
truailHdh ri facal beannaichte Dhè. " Thusa 
tha teagasg neach eile, nach eil thu ga do 
theagasg fèin ?" (Rom. ii. 21.) Tha e mòran 
nis fearr na thu breith a thoirt ort fèin le 
searmonachadh gu soilleir do mhuinntireile,agus 
na thus thu-fèin a thèarnadh, '' a' bacadh na 
fìrinn ann an neo-fhìreantachd," (Rom. i. 18.) 
Gu'm a beannaichte gu n robh Dia air son a 
chòmhnaidh a thaobh so. 

296. Bha mi mar an ceudna feadh a bha mi 
ri obair bheannaichte so Chriosd, gu minig air 
mo bhuaireadh gu uabhar agus àrdachadh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 183 

ci idhe ; agus ged nach faod mi ràdh, cha 
robh mi air mo bhualadh leis a' so, ach gu 
fìrinneach, rinn an Tighearna o thròcair luach- 
mhòir a ghiùlan do'm ionnsaidh, air chòr is 
nachrobh agam achbeagan tlachd annammi-fèin 
a thoirt suas d'an leithid. Oir be mo chuibh- 
rionn gach latha fradharc fhaotainn air aing- 
idheachd mo chridhe, agus a bhi do ghnà 
a' faicinn a leithid do dhomhlachadh truailleachd 
agus anmhainneachd ann, ionnas gu n robh iad 
'nan ceann-fath air cromadh cinn a dh'aindeoin 
m'uile shochairean agus bhuadhan ; mhothaich 
mi an sgolb so anns an fheòil 'na dhearbh 
thròcair Dhè do'm thaobh, 2 Cor. xii. 8, 9. 

297. Fhuair mi mar an ceudna, maille ris a* 
so àit-ègin sònraichte do'n fhacal air a thais- 
beanadh ann am làthair, facal a bha 'gabhail a 
steach ann fèin briathran geur agus drùidhteach 
mu thimchioll an anma dhol adhìthadh'aindeoin 
gibhtean agus pàirtean. Mar dhearbhadh air a 
sin bha so gu mòr f heum dhomh ; — *^ Ged' 
labhrainn le teangaibh dhaoine, agus aingeal, 
agus gun ghràdh agam^ tha mi 'am umha a ni 
fuaim, no a'mchiombal a ni gleangarsaich ; agus 
ged' robh agam fàisneachd agus ged thuiginn na 
h-uile rùintean-diamhair, agus gach uile eòlas ; 
agus ged' a bhiodh agam gach uile ghnè chreid- 
eirah ionnas gus atharraichinn slèibhtean, agus 
mi gun ghràdh agam cha n-eil ann achneo-ni.' 
1 Cor. i. 2. 

298. Tha ciombal a ni gjleangarsnaich 'na 



184 GKAS AM PAlLTliAS, &C. 

inneal-ciùil, leis an urrainn deagh f hear-ciìiil a 
leithid do cheòl leadarra cridheil a dheanamh is 
gur gann is urrainn iadsan a tha cluinntinn abhi 
a' cluich air, iad-fèin a churaail o bhi dàmhsadh ; 
gidheadh faic, chan-eilanns a' chiombal beatha, 
ni mò a ta an ceòl a' tighinn uaithe-fèin, ach o 
ealantachd an tì a ta cluich air ; mar sin faod- 
aidh an t-inneal fa dheòigh tighinn gu neo-ni 
agus dol a dhìth ge do chaidh anns na h-àmaibh 
athrèig mòran ciùil a dheanamh air. 

299. Chunnaic mi dìreach, gur ann mar so a 
bha 'sa bhitheas iadsan aig am beil gibhtean, 
ach a ta as eugmhais gràs slàinteil ; tha iad ann 
an làmhaibh Chriosd mar an ciombal ann an 
làmhaibh Dhaibhidh ; agus mar a b'urrainn 
Daibhidh an subhachas sin a dheanamh leis a' 
chiombal ann an seirbheis Dè ionnas gu*n 
togadh e suas cridheachan a phobuill 'na 
eaglais, gidheadh 'nuair a rinn e sin gu'n do 
chroch e seachdad iad mar ni gun bheatha, ged 
bu chiombal iad a dheanadh gleangarsaich. 

300. Bha an smaointeachadh so uime sin, 
maiUe ri smaointean eile, mar bu tric mar 
sgaill air ceann uaille, agus dèidh air gU)ir- 
dhiamhainn, ciod arsa mis an deann mi uaill a 
chionn gu'm beil mi coltach ri umha ni fuainn ? 
Am feairrde mi bhi coltach ri fidhill ? nach eii 
aig a' chreutair a's lugha anns am beil beatha nis 
mò do Dhia annta na th' annta so ? osbarr bha 
fios agam gu'm b'e an gràdh nach bàsaicheadh gu 
sìorruidh; ach gu'mfeumadhiadsocrìochnachadh 



GRAS AM PAILTEAS, &C« 185 

agus caithearah às : mar sin cho-dhùin mi gu'ni 
b'fhearr beagan gràis, beagan gràidh, agus 
beagan do dh'f hìr eagal Dè, na na h-uile ghibht- 
ean, seadh, agus tha mi làn-chinnteach as 
gu'm beil e comasach do dh'anmannan nach 
urrainn freagairt a thoirt seachad mu dhiadh- 
achd ach le mòr bhreisleich, gu'm bì aca a 
mhìle urrad do ghras, agus a bhi ni's mò ann 
an gràdh agusann an deagh-ghean an Tighearna 
na tha iadsan is urrainn le gibhtean eòlais, 
labhairt mar ainglean. 

301. Mar so uime sin, thàinig mi gu thuig- 
sinn, ge do bha gibhtean math annta fèin, air 
son an ni sin mu'm beil iad air an òrduchadh, 
se sin ri ràdh^ chum muinntir eile theagasg, 
no thogal suas ann an eòlas^ gidheadh, gu'm 
beil iad neo-tharbhach, agus gun chumh- 
achd^ chum anam an tì aig am bi iad a theàr- 
nadh, ma tha iad 'n an aonar ; ni mò tha iad 
'n an aon chomharradh air staid duine bhi sona, 
air dhaibh a bhi a mhain 'nan compàirteachadh 
Dhè do chuid do dhaoine, ni air son am feum 
iad cunntas a thabhairt, 'nuair a thèid beagan 
ùine seachad, air son a' bhuileachaidh no 'mhi- 
bhuileachaidh a ni iad dhiij, dhasan a ta ullamh 
gu tighinn a thoirt breth air na beòthaibh, agus 
air na mairbh. 

302. Nochd so dhomh mar an ceudna, ma tha 
iad 'n an aonar 'nan ni cunnartach, cha n-ann 
annta fèin, ach a thaobh nan olc so a ta ga lean- 

R 



186 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

mnainn-san aig am beil iad, se sin ri ràdh^ uailì, 
ièidh air glòir-dhiambainn, fèin-spèis, agus 
mar sin sìo^, agus iad sin gu lèir ullamb gu bhi 
air an sèideadb suas le cliù agus moladb gacb 
Criosdaidh neo-gbeurcbuiseacb, ni a ta ro obunn- 
artacb air creutair bbocbd a leagadb fo dbìt- 
eadb an diabboil. 

303. Cbunnaic mi uìme sin an tì aig an robb 
gibbtean. gu'm b'f beumail da fradbarc fbaigbinn 
air an fhìrnàdur aca, se sin ri ràdh, gu'n tàinig 
iad gearr air esan a tboirt a db'ionnsaidh 
staide f ìor sbàbbailte, le eagal gu'n gabhadh e 
fois orra, agus mar sin, gu'n tuiteadb e gearr air 
gràs Dè. 

304. Tba aobbar aige uime sin air imeacbd 
gu h-ioriosal maille ri Dia, agus a bbi 'g ambarc 
beag na sbealladb fèin, agus ciàimbneachadh 
maille ris na b-uile, nach bun a gbibhtean d'a 
fèin a mbain, acb do na h-eaglaisean ; agus 
leo-san gu'm beil e air a dheanamb 'na sbeirbh- 
eiseacb do'n eaglais, agus gu'm feum e fa-dbeòigh 
cunntas a tboirt as a stiiìbbartacbd do'n Tigh- 
earn losa, agus bitbidb deagh chunntas a thoirt 
seacbad 'na ni sona. 

30Ò. Biodh meas aig na h-uile duine uime 
sin air beagan maille ri eagal an Tighearna, 
(Tha gibhtean gu dearbha ion mbiannaicbte, 
agus feumail,) acb fathast, tha mòr gbràs agus 
gibbtean beaga, ni's fearr na mòr gbibbtean gun 
gbràs idir. Cha n eil e 'g ràdb, tha'n Tigbearna' 
loirt gbibbtean agus glòire, ach, " tha'n Tighearn 



GRAS AMPAILTEAS, &C. 18^ 

a* toìrt gràis agus glòire,'* agus is beamiaichte 
bhios an tì sin do'n tabhair an Tighearna 
i>ràs, fìr ghràs^ oir is roi'-ruithear an ni sin gu 
glòir. 

306. Ach an uair a thuig Sàtan nach dean- 
adh a bhuaireadh agus ionrisaidh air an dòigh 
so mo thoirt a chum na crìche bu mhiann leis, 
se sin ri ràdh^ mi obair na mhinistearachd a 
leigeadh dhiom, agus a' deanamh neo-èifeachd- 
ach a chum a crìochan fèin. An sin dh'f heuch 
e rathad eile, agus be sin inntinnean nan 
aineolach agus nan gamhlasach a dhùsgadh 
suas a chum mo chur fo uallach tuaileis agus mi- 
chliù. A nis uime sin, faodaidh mi ràdh, gu'n 
robh gach ni a b'urrainn innleachdan an diabh- 
oil a dhealbh air an cur mu'n cuairt 'nam 
aghaidh sios agus suas air feadh na dùthcha 
a' smuainteachadh mar a thubhairt mi gu'n 
tugadh iad air mo mhinistearachd a bhi air a 
trèigsinn. 

0O7. Thòisicheadh a sin air a bhi 'g aithris 
shìos agus shuas a measg an t sluaigh, gu'n robh 
mi ann am bhuidseach 'nam f heall-chreideach, 
'nam fhear reubainn air luchd suibhail an rath- 
aid mhòir, agus a leithid sin. 

308. Ris gach ni dhiù so, their mi a mhain 
gu'm beil fhios aig Dìa gu'm beil mi neo- 
chiontach dhiù. Ach a thaobh mo luchd- 
casaid, deanadh iad iad-fèin ullachadh air son 
mo choinneachadhaig cathair breitheanais Mhic 
Dhè, a chum freagairt an sin, air son gach ni 



188 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

dhiù so,) maille ris a' chuid eile do 'n eu-ceart- 
an,) ni's lugha na bheir Dia dhaibh aithreachas 
a thaobh sin ; ni air son am beil mi 'g ùrnaigh 
le'm uile chridhe. 

309. Ach 's e 'n ni a bha air aithris leis an 
dearbhadh bu mhò gu'n robh mo chuid coimh- 
leapach agam, mo chuid strìopaichean agus mo 
chuid cloinn-dialain, seadh dithis bhan aig an 
aon àm, agus a leithid sin. A nise na sgainn- 
ealan so (maille ris a' chuid eile.) tha mi d' dean- 
amh uaill asta, a chionn nach eil annta ach 
breugan meallta agus sgainneal a th' air a thilg- 
eadh orm leis an diabhol agus le shìol ; agus 
mar a robh-sa air buntainn riumsa cho olc so ]eis 
an t-saoghal aingidh bha gach comharradh 
naoimh agus leinibh Dhè gu lèir d'am dhìth, — 
'' J^beannaichtebhitheas sibh/'ars an Tighearna, 
" an uair a bheir daoine anacainnt dhuibh, agus 
a ni iad geur-leanmhainn oìrhh^ agus a labhras 
iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air 
mo sgàtha-sa, deanaibh gàirdeachas, agus bithibh 
ro-shubhach ; oir is mòr bhur duais air nèamh : 
oir mar sin rinn iad geur leanmhainn air na 
fàidhibh a bha roimhibh." Mat. v. 11, 12. 

310- Cha do chuir na nithe ud uime sin, air 
mo shon fèin deth, duilichinn sam bith orm ; 
cha do chuir, ged do bhiodh iad fhichead uair 
ni bu mhò na bha iad, tha cogais mhath agam, 
agus o'n a labhair iad olc mu'm thimchioll mar 
fhear do bheirt, thig iad gu nàire a dhìteas 
gu breugach modheaghcholuadair ann an Criosd. 



GHAS AM TAILTEAS, &C. 189 

311. Seadh ma ta, ciod a their mi ris ixn 
aiteam a thilg an sàlachar ud onii ? Ani 
maoidh mi orra? an cronaich mi iad ? an dean liii 
sodal riu ? An guidh mi orra an teangannan a 
chumail ? Cha ghuidh, cha ghuidh mise. 
Mar b'e gu'n dean na nithe so iadsan is ùgh- 
daran dhaibh, agus a tha g'an aitkris abachadh fa 
chomhair dìtidh bith-bhuan. Theirinn riu, 
aithrisibh iad a thaobh gu'm meudaich iad mo 
shonas-sìorruidh. 

312. Uime sin tha mi ceangal nam breug 
agus nan sgainneal so rium fèin mar bhuill- 
maise ; buinidh e do m' aidmheil criosdail a bhi 
air mo chàineadh, a bhi fo thuailleas, a bhi cur 
uilc às mo leth, agus a bhi air mo mhaslach- 
adh : agus a chionn nach ni sam bith eile so, 
mar a tha mo Dhia agus mo chogais a' togail 
fianais leam ; tha mi deanamh gàirdeachais air 
son a bhi cuir uilc às mo leth air sgàth Chriosd. 

313. Tha mi gairm do'n mhuinntir so gu 
lèir amadanan agus slaoightearan, a rinn e 
'na ni sam bith do 'n gnothach, a bheag idir do na 
nithibh roi ainmichte chuir às mo leth-sa, gu'n 
robh mi ciontach a's mnathan eile no leithid. 
An uair a ghnàthaicheas iad an dìchioll as mò, 
agus a ni iad an làn rannsachadh is fearr is 
urrainn iad, a chum dearbhadh 'nam aghaidhgu 
cinnteach, gu'm beil mnathan sam bithairnèamh 
no air thalamh, no'n ifrinn, is urrainn a ràdh, 
gu'n d'rinn rai air uair sam bith, no'n àite sam bith , 
air latha no air òidhche sam bith, urrad ri ionu- 



J90 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

saidh a thoirt air a bhi ciontach a's iad : agus an 
labhair mi so a chum 's gu' n toir mo nàimhdean 
deagh mheas orm ? Cha labhair, cha labhair 
mis ; cha n-iarr mi a thaobh na cùise so air duine 
sam bith mo chreidsinn, creideadh no nach creid- 
eadh iad mi ann a so, is aon ni e dhomhsa. 

314. Mhi-dhamais mo nàimhdean an cuspair 
ann an tileadh orm air an dòigh so ; cha mhis' 
idir an duine ; b'fhearr leam gu'n robh iad- 
ièin neo-chiontach. Ge do bhiodh gach fear-neo- 
ghlaine agus adhaltranaiche ann an Sasuinn air 
an crochadh air mliuineal gus am biodh iad 
marbh, bhiodh lain Buinian cuspair an gàmhlais 
fathast beò agus fallain. Cha n aithne dhomh 
cò dhiù a tha bean a' tarruinn analach fo chup- 
an nan speur, mar a h-aithnich mi iad air an 
trusgan, air an clann agus air an iomradh coit- 
cheann, ach mo bhean fèin a mhàin. 

315. Agus an so tha mi toirt spèis do ghHocas 
Dè, air son m'fhàgail fiadhta ri mnathaibh o 
àm mo cheud iompachaidh gus a nise. Tha 
fhios acasan is ro-eòlaiche umam, agus togaidh 
iad mar an ceudna fianais leam, gu'm beil e 'na 
ni aineamh mis fhaicinn a' labhairt gu cuirt- 
eiseach ri mnaoi, is beag orra fàilte choitcheann 
nam ban, tha i fuathach leamsa, cia be air bith 
àit' am faic mi i ; cuideachd nan ban 'nan 
aonar cha n-urrainn mi fhulang, is tearc a ni mi 
urrad is beantainn ri làimh boireannaich, air 
leam nach eil na nithe sin ciatach dhomh r'a 
dheanamh. 'Nuair a chunnaic mi deagh dhaoine 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 191 

fàilteachadh nara ban so air an deach iad a 
choimhead, no thàinig a choimhead orra, rinn 
mi air uairibh m'aobhar fèin a thoirt seachad 'na 
aghaidh ; agus an uair a theireadh iad rium 
nach robh ann ach cuibhrionn do mhodhalachd ; 
thuirt mi riu nach bu chiatach an sealladh e ; 
choitich cuid dhiù gu dearbha a' phòg naomha ; 
agus a sin dh'fheòraich mi dhiù c'arson a bha 
iad dearmadach no leth-bhreitheach, a' cur f àilt' 
air na mnathaibh bu sgiamhaiche agus a' 
leigeadh leosan a bha neo-sgiamhach a bhi dol ! 
Co-dhin, ge be air bith cho ion mholta is da 'n 
robh a leithid so ann an sealladh muinntir eile, 
bha e neo-chiatach ann am bheachdsa. 

316. Agus a nise chum na cuise so a thrus- 
adh suas, tha mi gairm, cha n-e mhain daoine 
ach ainglean a chum mo dhearbhadh ciontach 
de ghnothach feòlmhor a bhi agam ri mnaoidh 
sam bith ach mo bhean fèin 'na h-aonar ; ni mò 
tha eagal orm an gairm an dara h-uair, air 
dhomh fios a bhi agam nach urrainn mi mio- 
thlachd a chuir air an Tighearna ann an cliis mar 
so, gìed ghairm mi air Dia chum a chuimhneachadh 
do'm'anam, gu'm beil mi neo-chiontach a thaobh 
nannithe so. Cha n-e gu n robh mi mar so air mo 
ghleidheadh air son aon mhathas a th annam 
fèin, a bharr air neach eile, ach bha Dia tròcair- 
each dhomh agus choimhid e mi, agus tha mi a' 
guidh' air gu'n coimhid e mi do ghnà, cha n-ann 
a mhàin uaithe so, ach o gach uile dhroch 
sLlighe agus ghniomh, agus gu'n glèidh e teàr- 



192 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

uìnnte mi chum a rìoghachd nèamhaidh. Arrien. 
31 7* A nise mar a shaoithrich Sàtan a' cuir 
mi-chliìi as mo leth le tuailleas gu mo dheau- 
amh gràineil ann am measg mo luchd-dùthcha, 
chum is na'm bu chomasach e gu'm biodh nio 
shearmonachadh air a deanamh neo-èifeachd- 
ach, ris a sin bha air a chur prìosanachadh cian 
agus fadalach, chum is gu'n cuirt eagal orm leis 
gu sgur do mo shèirbheis do Chriosd, agus 
gu n cuirt an sluagh fo eagal mo chluinntinn a' 
searmonachadh, ni mu thimchioU an toir nii 
dhut anns an ath àite cunntas aithgearr. 



Cunntas Gearr mu ihimchioll Prìosanach- 
adh an Ughdair, 

318. AiR dhomh mo dhreuchd a dheanamh 
do Shoisgeil glòrmhor Chriosd rè ùine, agus a 
shearmonachadh mu thuaram cùig bliadhna, 
chaidh mo ghlacadh aig coinneamh aoraidh 
daoine matha air am dùthaich, (do'n robh nii 
dol a shearmonachadh air an latha sin, narn 
biodh iad air m'fhàgail, ach thug iad air falbh 
rai as am measg,) agus thugiad mi roimh làthair 
fir-ceartais, agus fhuair mi fear-urrais gu'u 
nochdainn mi-fèin aig an ath mhòd, ach a 
thaobh nach rachadh e an ràthan nach searmon- 
aichinn ni bu mhò do'n t-sluagh thugiadleo mi. 

319. Aig an ath mhòd an deigh sin bha mi air 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 193 

mo chasaid mar fhear-tionail agus mar fhear 
cumail suas cho'thionalan neo-dhligheach agus 
choinneamhan aoraidh diamhair, agus air sou 
nach rohh mi a' gèilleadh do dh'aoradh dùth- 
asach na h-eaglaise Sasunnaich, agus an dèigh 
cuid do chòmhradh a bhi agam an sin ris 
an luchd-ceartais, ghahh iad mo bhriathran 
treidhireach riu an àite aidmheil, (mar thuird iad 
fèin), agus dhìt iad mi gu fògar maireannach a 
chionn gu'n do dhiùlt mi gèilleadh. Air dhomh 
a bhi air mo liubhairt mar so do làimh 
maor a' phrìosain, chaidh mo thabhairt do'n 
phrìosan agus laidh mi ann an sin a nise dà 
bhhadhna dheug iomlan a feithearah ri f haicinn, 
ciod a dh'f huiligead Dia do na daoine so a 
dheanamh rium. 

320. Bhuanaich mi anns a' chor so le mòr 
thoil-inntinn tre ghràs, ach thachair mi ri iom- 
adh tionndadh agus gluasad air mo chridhe 
araon o'n Tighearna' agus o Sàtan, agus o mo 
thruailleachd fèin leo so gu lèir, (glòir do 
dh' losa Criosd,) fhuair mi mar an ceudna 
measg iomadh ni mòran dearbhaidh, teagaisg 
agus tuigse, ni nach ainmich mi gu lèir aig an 
àm so, ach a mhàin gu'n toir mi dhuibh sanas 
no dhà, facail a dh'f haodas a' mhuinntir dhiadh- 
aidh a mhosgladh suas gu Dia a bheannachadh, 
agus guidhe air mo shonsa, agus mar an ceudna 
misneach a ghabhail ged do tharladh dhaibh 
fèin a bhi 'san aon chor riiimsa, gun eagal a 



194 GliAS AM PAILTEAS, &C. 

ghabhail air son na dh'fhaodas daine dheananih 
orra. 

381. Cha robh agam riamh roimhe so ann am 
bheatha dorus cho farsuinn a dh'ionnsaidh facal 
Dè sa bh'agam a nise, na sgriobturan so anns 
nach faca mi ni sam bith roimhe sin, thugadfi 
orra anns an àit' agus anns an staid so deàlradli 
orm ; cha robh losa Criosd riamh mar an 
ceudna ni bu chinntiche, agus ni bu shoilleire 
'nam làthair na bha e nise ; ann an so chunnaic 
ao^us mhothaich mi e gu dearbha ; O ! na 
briathran so ; — " Cha do lean sinne faoin 
sgeulachdan gu h-innleachdach 'nuair a chuir 
sinn an cèill dhuibh cumhdachd agus teachd an 
Tighearn losa Criosd." (2 Pet. i. 16,) agus a 
rithist ; — " Dia a thog esan o'n na mairbh agus 
a thug glòir dha chum gun biodh bhur creid- 
eamh agus bhur muinghin ann an Dia." (1 Pet. 
i. 22.) Bha iad so 'nam briathran sona dhomhsa 
anns a' chòr phrìosanaichte so. 

323. Bha na trì na cheithir sgriobturan so 
mar an ceudna nam mòr bheothachadh dhomh 
anns a chòr ud ; — '' Na biodh bhur cridhe fo 
thrioblaid, tha sibh a' creidsinn ann an Dia 
creidibh annamsa mar an ceudna ; ann an taigli 
m'Atharsa tha iomadh àite còmhnaidh : mar a 
biodh e mar sin, dh'innsinn-sa dhuibh. Tha 
mi dol a dh'ullachadh àite dhuibh: agus ma 
thèid mi agus gu'n ullaich mi àite dhuibh thig 
mi rithist, agus gabhaidh mi sibh a'm' ionnsaidh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 195 

fèin ; chum far am beil mise gu ra bi sibhse mar 
an ceudna : agus is aitbne dhuibh c' àit am beil 
raidol, agus is aithne dhuibh an t-slighe." (Eoin 
xiv. 1 — 4.) '' Na nithe so labhair mi ribh, 
chum gu'm biodh sìth agaibh annamsa : anns 
an t-saoghal bithidh àmhghar agaibh ; ach 
biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise 
buaidh air an t-saoghal." (Eoin xvi. 38.) '^ Oir 
a ta sibh marbh, agus tha bhur beatha falaichte 
iiiaille ri Criosd ann an Dia, 'nuair a dh'fhoill- 
sichear Criosd, neach is e ar beatha-ne, an sin 
bithidh sibhse mar an ceudna air bhur foillseach- 
adh maiUe ris ann an gl ir." (Col. iii. 3, 4.) 
" Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus 
gucathairan Dèbheò,do'n [eursalemnèamhaidh, 
agus cuideachd do-àirearah do dh' ainglibh, Gu 
làn-cho-thional agus eaglais nan ceud-ghin, a ta 
sgrìobhte 'sna nèamhaibh, agus gu Dia breith- 
eamh nan uile, agus gu spioradaibh nam fìrean 
air an deanamh foirfe, agus gu losa eadar- 
mheadhonair a' cho- cheanghail nuaidh agus gu 
fuil a' chrathaidh a ta iabhairt ni is fearr na 
>^7 Abeil," (Eabh. 22—24.) 0! Sliabh sin 
Skioin^ an Irusalem nèamhaidh, a Chuideachd 
do àireamh do dhainglean^ agiis Dia breitheamh 
nan uile, agiis Spioradan namfìrean air an dean- 
amh foirfidh, agus losa^ bha iad sin gu lèir tait 
neach dhomhsa anns an àite ud ; chunnaic m^* 
ann an so agus tha mi dearbhte às, ni nacb 
urrainn mi aithris am feadh a bhios mi air an 
t-saoghal so : chunnaic mi fìrinn anns aa. 



l96 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

sgriobtur so : — *' D'am bell sibh a' toirt gràidh, 
ged' nach faca sibh e ; agus ged' nach eil sibh a 
nise ga fhaicinn air dhuibh a bhi creidsinn ann, 
tha sibh a' deanamh mòr-ghàirdeachas le aoibh- 
neas do-labhairt agus làn do ghlòir." 1 Ped. i. 8. 

323. Cha robh f hios agam riamh ciod e an 
ni Dia a sheasamh làimh rium aig gach tiunn- 
dadh, agus aig gach ionnsaidh thug Sàtan air 
moshàrachadh gusan tàinig mi do'n àite so ; oir 
mar a thaisbean uabhasan iad-fèin, b'ionnan a 
nochd deagh-dhòchas agus misneach iad-fèin 
'nan aghaidh, seadh an uair a chlisg mi mar 
gu'm b' eadh roimh m'fhaileas fèin gun chùis 
eagail sam bith eile bhi ann ; seadh a thaobh 
gun robh mòr thruas aig Dia rium, cha 
dh'fhuilig e dhomh a bhi air mo bhuaireadh, 
ach dheanadh e le aon sgriobtur no sgriobtur 
eile mo neartachadh 'an aghaidh nan uile; 
ionnas gu'n tubhairt mi gu minig nam biodh 
e 'na ni laghaii gu'n guidhinn airson trioblaid. 
ni bu mhò air sgàth na comhfhurtachd a 
thigeadh 'nan aghaidh, Ecles. vii. 14 ; 2 Cor. 
i. 5. 

324. Mu'n tàinig mi do'n phrìosan chunnaic 
mi n'a bha tighinn, agus bha an dà roimh- 
smuain so agam blàth air mo chridhe ; b'e 
'cheud aon diù, cia mar a rachainn an co- 
dhail a' bhàis n'am be sin mo chrannachar, air 
son na ceud smaointe bha'n sgriobtur so 'na 
mhòr sheòladh dhomh se sin r'a ràdh, guidheadh 
air Dia mo "neartachadh leis an uile neart a rèir 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 197 

achumhachdghlòrmlioir-san chum an uil fhoigh- 
idinn agus fhad-fhulangais maiUe ri gàirdeach- 
as/' (Col. i. Jl.) B'aineamh uair a rachainn 
a dh'ùrnaigh mu'n do chuireadh sa phrìosan mi 
gun na briathran no na h-iarrtasan taitneach 
so tighinn a steacli gu m'inntinn a' chomh- 
airleachadh dhomh na' m be agus gu'n rachainn 
gu bràth tre fhad-fhulangas, gu'm feumainn 
f ighidinn, gu sònraichte, na'm bu mhath leam 
fulang maiUe ri gàirdeachas. 

325. A thaobh an dara smaoin, bha na 
briathran so chum mòr fheum dhomh ; — ^' Ach 
bha againn binn ar bàis annainn fèin, chum 
nach biodh againn dòigh annainn fèin ach ann 
an Dia a dhùisgeas na màirbh." (2 Cor. i. 9.) 
Leis an sgriobtur so thugadh orm fhaicinn, nam 
be agus gu'm fuiHginn am feasta gu ceart, gu'm 
feumainn air tùs binn bàis a chuir air gach ni 
a bhunas da rìreadh do'n bheatha so, eadhon 
orm fèin, air mo mhnaoidh, air mo chlann, air 
mo shlàinte cuirpj agus air mo thoil-inntinn 
shaoghalta; agus na h-uile mheas marbh dhomh- 
fèin, agus mi-fèin a mheas marbh dhaibh-san. 

326. B'e'n dara smaoin a bhi beò air an Dia a 
tha neo-f haicsinneach, mar a thuirt Pòl ann an 
àit' eile ; is e an dòigh air iiach fannaichear, — ''a 
bhi 'g amharc, cha n-ann air nanithibh a tha r'an 
faicinn, ach air na nithibh nach eil r'am faicinn ; 
oir tha na nithe a chithear, aimsireal ; ach tha 
na nithe nach faicear sìorruidh." Agus mar so 
cho-reusonaich mi annam fèin ; ma tha mi 



198 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

'g ullachadh a mhain air son prìosain, an sìn 
thig an sgiùrsair gun fhios domh, agus, mar an 
ceudna am brancas. A rithist, mar a dean mi 
ach a mhain ullachadh air son so, an sin cha 
n-eil miuidheamaicht' airsonfògraidh, osbarr ma 
cho-dhùineas mi gur e fògradh as miosa, an sin 
ma thig bàs tha mi air mo ghlacadh gun f hios 
domh ; air chòr is gu'm beil mi faicinn gur e 
an dòigh is fearr gu dol tre f hulangas dòchas a 
chuir ann an Diad tre Chriosd, a thaobh an 
t-saoghal a ta ri teachd, agus a thaobh an 
t-saoghail so : '' an uaigh a mheas mar mo 
thaigh, agus mo leabaidh a dheanamh ann an 
dòrchadas, a ràdh ri truailleachd is tu m'athair, 
agus ris a' chuimh is tu mo mhàthair, agus mo 
phiùthar." 'S e sin ri ràdh, mi-fèin a dheanamh 
eòlach mu*n ni so. 

327. Ach a dh'aindeoin gach còmhnadh 
dhiu so, fhuair mi mi-fèin ann am dhuine air 
mo chuartachachadh le anmhainneachd ; bha 
deallachadh ri mo mhnaoidh agus ri mo chlann 
bhochd, dhomh gu minig anns an ionad so mar 
reubadh m'fheola bho mo chnàimhean, agus cha 
robh sin a mhain a chionn gu'n robh na tròcair- 
ean mòra so ro ionmhuinn leam, ach mar an 
ceudna chionn gu'n tug mi gu minig a chum mo 
chuimhne cho liugha cruaidh chas, truaighe, 
agus uireasbhuidh a bha coltach ri tighinn an 
caramh mo theaghlach bochd na'm be agus gu'm 
bithinn-sa air mo thoirt air falbh uapa ; gu sòn- 
raichte mo leanabh bochd dall a bha ni bu 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 199 

dlùithe do'm chridhe na càch gu lèir. O ! 
smaointeachadh air a' chruaidh-chas, a shaoil 
leam fo 'n robh mo leanabh bochd dall gu dol, 
bhristeadh e mo chridhe 'na bhloidhibh. 

328. An leinibh bhochd, arsa mise, ciod am 
bròn a tha choltas ort a bhi agad mar chrann- 
achar anns an t saoghal so ! feumaidh tu a bhi 
air do bhualadh, dèirc iarraidh, acras, fuachd, 
nochdachd, agus mìle truaighe f hulang, ged nach 
fuilig mis an dràsta do ghaoth an adhair sèid- 
eadh ort. Ach fòs air dhomh mo smaointean 
a ghairm air an ais, thubhairt mi, feumaidh mi 
bhiir n-earbsa gu lèir ri Dia, ged bhitheas a 
bhi g'ur f àgail sl dol tro m' fheòil. ! chunn- 
aic mi ann§ a' chor ud, gu'n robh mi mar dhuine 
a bha spionadh a nuas a thaighe air ceann a 
rahnà agus a chloinne, gidheadh, arsa mise, 
feumaidh mi dheanamh, agus a sin chùimhnich 
mi air an dà mhart-bhaine a bha gu àirc Dhè 
a ghiùlan gu dùthaich eile, agus a bha gu'n 
cuid laogh f hàgail air an cùl, 1 Sam. vi. 10. 

329. Ach b'e an ni a rinn còmhnadh leam 
fo'n bhuaireadh so, iomadaidh smaointeachadh, 
agus ainmichidh mi gu sònraichte trì dhiù ann 
a' so, b'e cheud smaoin smaointeachadh air an 
dà sgriobtur so, — " Fàg do dhìUeachdain, 
gleidhidh mise beò iad, agus cuireadh do 
bhanntraichean an dòchas anamsa,'* agus a rith- 
ist, ^' Thubhairt an Tighearna gu cinnteach 
èiridh gu math do t' iarmad ; gu cinnteach 
bheir mi air an nàmhaid a bhi bàigheil riut. 



200 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

ann an àm na h-airc* agus ann an àm a 
chruaidh-chàis." ler. xlix. 2; xv. 11. 

S30. Bha na smaointean so agam mar an 
ceudna, na'n earbainn na h-uile ri Dia, gu'n 
d'rinn mi ciimhnanta ris, e cùram a ghabhail de 
rao ghnothaichean, ach ma thrèig mi e 'na 
shligheachan tre eagal trioblaid a dh'fhaodadh 
tighinn orm fèin no air na bhuineadh dhomh, 
an sin cha deanainn ach a mhain m'aidmheil a 
bhreugachadh, ach a mheas mar an ceudna nach 
robh mo ghnothaichean cho tearainnte 'nam 
fàgainn iad aig casan Dè feadh a sheas mi dha 
agus air sgàth ainme, sa bhitheadh iad fo mo 
chùrara fèin, ged a b*ann le cìil a chuir ri ròid- 
ean Dè. Bha i so 'na sraaoin ghoirt agus mar 
spuirean anm ara chliathaich. Chuidich an 
sgriobtur so i mar an ceudna chum leantainn ni 
bu dlùithe riura, far ara beil Criosd ag ùrnaigh 
an aghaidh ludais, gu'n tugadh Dia air gu'n 
dìobradh a bhaireil e 'na sraaointean fèineil a 
rinn a bhrosnachadh a chura a mhaighistear a 
reic» Guidheara ort leugh gu fòil, an naoidh- 
earah Sàlra thar a' cheud gu crìch, &c. 

331. Bha sraaoin eil' agara raar an ceudna, 
agus be sin eagal roi' uabhas ifrinn, ni a bha mi 
einnteach a b' èigin dhaibh-san fhulang a 
thrèigeadh le eagal na croise aidmheil Chriosd, 
a bhriathran agus a lagh anra an làthair chlann 
nan daoine, sraaointich mi mar an ceudna, air a' 
ghìòir a dh'ullaich e dhaibh san a rinn 'na 
chreidearah, 'na ghràdh agus le foighidinn 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 201 

seasarah 'na ròidean 'nan làthair. Rinn na 
nithe so tha mi 'g ràdh còmhnadh leam 'nuair a 
rinn smaointean air an truaighe fo'n robh mi- 
fèin agus na bhuineadh dhòmh buailteach air 
sgàth m' aidmheil, laidhe gu goirt air m'inntinn. 
332. 'Nuair a smaointich mi da-rìreadh gu m 
faodadh gu'm bithinn air m'fhògradh air son 
m' aidmheil an sin chùimhnich mi air an 
sgriobtur so ; — " Chlachadh iad, shàbhadh às a 
chèil' iad^ bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs 
iad leis a' chlaidheamh, chaidh iad mu'n cuairt 
'nsim fògaraick^ ann an craicnibh chaorach agus 
ghobhar, ann an uireasbhuidh, ann an trioblaid 
ann an cràdh ; dream air nach b'airidh an 
saoghal," oir leis na h-uile ni a smaointich iad- 
san, bha iad ro olc gu còrahnaidh agus fantainn 
maille riu ; sraaointich mi mar an ceudna air 
na bhriathraibh so. — " Gu'm beil an Spiorad 
Naomh' a' deanamhfianais annsgach baile, gu'ni 
beil geimhHchean agus trioblaid a' feithearah orm." 
Shaoil rai gu deirahinn gu'n robh m'anam agus 
7ia hrialhran sin air uairibh a' co-reusonachadh 
rau thirachioli staid ghoirt rahuladach anfhuad- 
aich agus an fhògraidh, raar a bha fògaraich 
buailteach do dh'acras, do dh'fhuachd, do 
ghabhadh, do nochdachd, do nàirahdean, agus 
do mhìle truaighe, agus fa-dheòigh gu'm faodadh 
gu'm bàsaicheadh iad ann an dìge mar chaora 
bhochd aonaranaich. Ach ta mi 'toirt buidh- 
eachas do Dhia, gu ruige so cha robh mi air 
mo ghluasad leis na co-reusonachaidhean sin a 



202 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

i)'anmhainne, ach is ann a rinn iad a rogliainn 
air a sin mo chridhe ni b'fhearr a thaobh Dhè. 

333. Innsidh mi dhuibh gnothach b àdheach ; 
bha mi aon uair thar chàch uile ann an staid 
ro chianail agus iosal rè iomadh seachduin, 
aig an àm sin mar an ceudna cha robh mi ach 
ann am òg-phrìosanach agus gun eòlas agam 
air an lagh ; bha so agam 'na laidhe gu trom 
air m'inntinm, gu'm faodadh mo phrìosanachadh 
crìochnachadh aig a' chroich, air son na bha 
dh'f hios agamsa, a nis uime sin chuir Sàtan gu 
cruaidh rium chum mo chridhe mheatachadh 
leis na smaointean so a chuir do'm ionnsaidh, 
'^ ach ciod, ma thig thu da-rìreadh gu 
bàsachadh, ma bhios tu anns a' chòr so, se sin 
nach taitneach leat nithe Dhè, agus nach bi 
dearbhadh sam bith agad mu staid ni's fearr 
an deigh so ?" (oir gu dearbha aig an àm so 
bha uile nithe Dhè air am falach o m'anam.) 

334. Uime sin 'nuair a thòisich mi air tì^is air 
smaointeachadh air a so, bha e 'na mhòr thriob- 
laid dhomh ; oir sraaointich mi annam fèin, 
anns a' chÒr anns an robh mi nise nach robh 
mi uidheamaichte air son bàsachadh, ni mò a 
shaoil mi gu dearbha gu'm b'urrainn mi bàsach- 
adh nam biodh iad air mo ghairm g'a ionnsaidh ; 
osbarr smaointich mi annam fèin 'nan deanainn 
spàirn èigneach gu dh-eadh suas ann am fàradh 
na croichefòs gu'n deannainn le balla-chrith no le 
gnè eile do chomharradh laigsinn, aobhar a thoirt 
do'n eas-caraid masladh a thoirt do shHgh Dho 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 203 

ao^us da phobullair son an clagaireachd. Laidh so 
uime sin le raòr thrioblaid orm, oir air leam gu n 
robh nàir orm bàsachadh le aodann bhàn-neulach 
agus le glùinean critheanach air son cùis' mar so. 

335« Uime sin, ghuidh mi air Dia gu'n tug- 
adh e comh-fhurtachd dhomh agus neart chum 
deanamh agus fulang mar a dh iarradh esan orm 
a dheanamh : gidheadh cha tàinig comh-fhurt- 
achd ; ach bhuanaich gach ni am falach ; bha 
mi mar an ceudna aig an àm so cho dearbh 
làn do smaointean mu thimchioll a' bhàis, 
ionnas gur minìg a bha mi mar gu'm bithinn anns 
an f hàradh agus tobha na croiche mu'm mhuineal , 
ach a mhain bha so 'na rud-eigin misnich 
dhomh shaoil mi nise gu'm faodadh cothrom a bhi 
agam air mo bhriathran deireannach a labhairt 
ris a' mhòr-shluagh a bha mi'n dùil a thigeadh 
p'am' fhaicinn a bàsachadh, agus arsa mise, ma 
dh'fheumas a' chùis a bhi mar so, gu'n iomp- 
aich Diaaon anam le mo bhriathraibh deireann- 
ach-sa cha mheas mi mi-fèin air mo thilgeadh 
air falbh no caillte. 

236- Ach fathast, bha uile nithe Dhè air an 
cumail às mo làthair, agus lean am buaireadair 
mi leis a so ; — ^' Ach c' àit' an èigin dut dol 
'nuair a dh'eugas tu ? Ciod a dh'èireas dut ? 
Càit' am bi thu air t'fhaotainn anns an 
t-saoghal eile ? Ciod an dearbhadh a ta agad 
air nèamh, air glòir, agus air oighreachd 'nam 
measg-san a ta air an naomhachadli ?" Bha mi 
air mo luasgadh mar so rè iomadh seachduin. 



204 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

agus cha robh fhios agam ciod a dheanainn, 
fa-dheòigh thuit na smaointean so orm le cud- 
throm. — '' Gur ann air son facail agus slighe 
Dhè a bha mi anns a' chòr so," uime sin bha 
mi fo chumhnanta gun mi dhol fad leud ròineig* 
air m'ais uaithe. 

337- Smaointich mi mar an ceudna gu'm 
faodadh Dia a ròghnachadh co-dhiù abheireadh 
e comh-fhurtachddhomh an dràsta no aig uair 
a' bhàisj ach cha b'urrainn mis a ròghnachadh 
air son sin, co-dhiù a chumainn suas m' aid- 
mheil no nach cumadh, bha mise ceangailte, ach 
bha esan aig saorsainn a thoile fèin ; seadh bemo 
dhleasanas-sa fuireach ri fhacal-san co-dhiù a 
dh'amhairceadh e orm no thearnadh e mi aig a' 
chrìch; uime sin, arsa mise, a thaobh gu'm beil a' 
chiìis mar so tha mi air son buanachadh air m' 
aghaidh agus mo staid shìorruidhearbsari Criosd 
co-dhiù a bhitheas no nach bi comh-f hurtachd 
agam anns an t-saoghal so ; mar a tig Dia 
leumaidh mi bharr fàradh na croiche sùil- 
chòmhdaichte chum na sìorruidheachd co-dhiiì 
as dol fodha no snàmh dhonih, do nèamh no 
do dh'ifrinn, — A Tighearn losa ma ghlacastumi 
dean sin, ged nach glac, earbaidh mi riut air 
sgàth t'ainme fèin. 

338. Cha bu luaithe bha mi air mo cheangal 
leis an rùn-sheasach so na thuit na briathran 
so orm, '* An ann a nasgaidh a tha eagal Dè 
air lob ?" mar gu'n abradh am fear*casaid ; — 
''A Thighearna, cha n-eil lob 'na dhuine 
coimhlionta agus dìreach, tha e a' deanamh 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 1^05 

seirblieis dhut air son a hhuanachdfèin, nach do 
chuir thu gàradh niu'n cuairt air fèin, agus 
mu'n cuairt air a thaigh ? obair a làmh bheann- 
aich thu agus dh'f hàs a mhaoin mòr san tìr ; 
Ach cuir a nise mach do làmh agus bean ris 
gach ni a taaige agus às an eudann mallaichidh 
e thu.'* Ciod a nise ! arsa mise, an e so comh- 
arradh an duine thrèidhirich, dèidh a bhi aige 
air seirbheis a dheanamh do Dhia 'nuair a tha 
gach ni air a thoirt uaithe ? Am beil e 'na 
dhuine diadhaidh a nì seirbheis do Dhia a 
nasgaidh a roghainn air toirt thairis ? Gu ma 
beannaichte gu'n robh Dia, uime sin tha dòchas 
agam gu m beil cridhe treidhireach agam, oir tha 
mi cuir romham (mar bheirDianeartdhomhìgun 
m'aidmheil àicheadh am feast, ged nach biodh 
mi sam bith agam air son mo shaoithreach ; 
agus am feagh a bha mi mar so a' smaointeach' 
bha'n sgriobtur so air a chuir ann am làthair ; — 
" Reic thu do shluagh gu'n f hiach, agus cha 
do mheudaich thu do mhaoin le'n luach." Sàlm 
xliv. 12. 

839o Bha m' innlinìi làn comh-fhurtachd oir 
bha dùchas agam gu'n robh mo chridhc 
dìleas, cha bhithinn as eugmhais na deuchainn 
rio'n dearbhaidh so orm fèin air son mòrain, 
tha mi 'faotainn suaimhneis na h-uile h-uair a 
chuimhnicheas mi air, agus tha dòchas agam 
gu'm beannaich mi Dia gu bràth air son an 
teagaisg a fhuair mi uaithe, b'urrainn mi 
iomadaidh eile do dhèiligidhean Dhè do'm 



206 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

thaobh aithrìs. Ach so, '' as na cathaibh agus as 
na creachaibh choisrig mi tabhartais a chàradh 
taigh' an Tighearna." 1 Eachd. xxvi. 27. 



An Co'dhitnadh. 

1. Do na h-uile buaireadh a choinnich mi 
riamh ann am bheatha, is e teagamh achuirann 
am bith Dhè agus ann am fìrinn a Shoisgeul is 
measa dhiubh, agus is deacaire ri ghiiìlan, 
'Nuair a thig am buaireadh, so bheir e air falbh 
uam mo chris-leasraidh, agus gluaisidh e na 
bunaidean fodham. ! smaointich mi gu tric 
air na briathraibh so, '^ bidheadh bhur leasraidh 
air an crioslachadh le fìrinn/' agus air a so, — 
" Ma sgriosair na bunaidean, ciod a ni am 
fìrean .'*" Salm xi. 3. 

2. Air uairibh an dèigh dhomh peacadh a 
chuir an gniomh, dh'amhairc mi air son smachd- 
achadh goirt o làmhan Dè ; ach bVn dearbh 
ath ni a fhuair mi uaithe an àite sin foillseach- 
adh air a ghràs. Air uairibh, an uair a gheibhinn 
comh-fhurtachd, ghairminn amadan diom-fèin 
air son mi dhol sìos mar sud fo dhiobhail mis- 
nich,agus fo thrioblaid ; agus sin a rithist 'nuair a 
bhithinn air mo thilgeadh sìos, shaoilinn nach 
robh mi glic air son comh-fhurtachd mar sud a 
ghabhail do'm ionnsaidh ; le leithid sud do neart 
agus do chudthrom bha iad le chèile ormsa. 



GRAS AM PAILTEAS, &C. SOJ 

3. Bha n ni so a' cur mòr iongantais orm ; 
a dh'aindeoin cho math is da'n d'fhiosraich Dia 
m'anam le foillseachadh beannaichte dhe fèin, 
fòs fhuair mi rithist, gu'n robh uairean mar so 
do'm leanmhainn an dèigh sin, gu'n robh mi air 
mo lionadh ann am inntinn le dòrchadas cho 
mòr is nach b'urrainn mi uibhir a's aon uair a 
thuigsinn ciod an ni a b'e Dia no 'n comh- 
fhurtachd sin leis an robh mi air mo neartach- 
adh. 

4. Chunnaic mi air uairibh ann an aon 
sreath do'n Bhìoball n'a bu mhò na b'urrainn 
domh innseadh cia mar a dh'fhaodainn seasamh 
fodha : agus a rithist aig àm eile, bha'm Bìoball 
uile dhomh mar mhaide tioram, no roghainn 
air a sin, bha mo chridhe cho marbh agus cho 
tioram dha is nach b'urrainn mi an t-aiteal bu 
lugha fhaotainn uaithe ged' sheallainn thairis 
air gu lèir. 

5. Do na h-uile h-eagal, is iad na h-eagail 
ta air an deanamh do dh'fhuil Chriosd is fearr 
agus do na h-uile h-aoibhneas is e 'n t-aoibh- 
neas is mìsle a ta air a cho-mheasgadhadh le 
bròn os ceann Chriosd ; O ! is ciatach an ni 
sinn a bhi air ar glùinean le Criosd 'n-ar 
glacaibh ann an làthair Dhè. Tha dòchas 
agam gur aithne dhomh rud-eigin mu thimchioll 
nan nithe so. 

6. Tha mi faotainn gus an latha an diugh 
seachd gràinealachdan ann am chridhe. — (1.) 
Claonadh a dh'ionnsaidh as-creideimh. — (2.) 



2Q8 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

An gràdh agus an tròcair a ta Criosd a' foiU- 
seachadh a dhì-chuimhneachadh gu hohann. — 
(3.) Mi bhi leagail mo thaic air obraichinn an 
lagha. — (4.) Seacharan agus fuaralachd a 
thaobh ùrnaigh. — (5.) Ullamh gu monmhor a 
dheanamh a chionn nach eil barrachd agam, 
agus fòs ullamh gu na th' agarii a mhi-ghnàth- 
achadh. — (6.) Cha n-urrainn mi aon ni do na 
dh'àint Dia orm a dheanamh, gu'n mo thruaill- 
eachd a bhi ga sparradh fèin a steach ; — '' 'Nuair 
a b'àill leam math a dheanamh^ tha olc a làth- 
làthair maille rium." 

Nan nithe so tha mi do ghnà a' faicinn agus 
a' faireachadh, agus tha mi air mo phianadh 
agus air mo shàrachadh leò, gidheadh tha gliocas 
Dè ga'n òrduchadh a chum mo mhatha. — (1.) 
Tha iad a' toirt orm gràin a ghabhail diom-fèin. 
— (2.) Tha iad a' toirt orm gun earbsa chuir à 
mo chridhe. — (3.) Tha iad a' toirt dearbhachd 
dhomh air neo-fhoghainteachd gach fèin- 
fhireantachd. — (4.) Tha iad a' leigeadh ris 
domh am feum a ta agam air teicheadh gu losa 
— (5.) Tha iad ga mo theann-sparradh gu 
ùrnaigh a dheanamh ri Dia. — (6.) Tha iad a 
nochdadh dhomh am feum a ta agam air 
faire dheanamh agus a bhi stuaim. — (7.) Agus 
ga mo bhrosnachadh gu achanaich ri l)ia 
tre Chriosd a chum còmhnadh leam agus mo 
ghiùlan trid an t-saoghail so. 



GRAS AM PAILTEAS, CCC. 209 



Eachdì^aidh Beatha lain Bhmnian air a lean^ 
iainn air a haghaidh ; a tòiseachadh far an 
do sguir efèin d'i^ agus a cO'dhùnadh aig àm 
a bhdis agus adhlaicidh ; maille ri dearbh- 
chliit Qno cunntas] mu ihimchiolU ^c. 

A Leughadair, 

Thug ùghdar saoithreach agus dìchiollacli an 
]eabhair so dhut cheana, cunntas drùiteach mu 
dhèibhinn tùs agus meadhon lathaichean a 
(^huairt air thalamh ; agus a chionn gu'm beil 
rud-eigin fathast r'a aithris a ta airidh air aire 
agus spèis, a thachair aig deireadh a bheatha 
nach d'fhàg e-fèin 'na dhèigh sgrìobhte le cion 
ìiine, no le eagal gu'n cuireadh cud-eigin ro- 
thuaileiseach as a leth gu'n robh e ro dhèidheil 
air cUù bho dhaoine. Uime sin mar f hìor charaid 
agus seann fhear-eòlais do dh'Iain Buinian, a 
chum gu'm bi a dheagh chrìoch air a deanamh 
aithnichte cho math ri dhroch thòiseachadh, 
ghabh mi orm o 'm f hiosrachadh fèin agus o'n 
chunntas a b'fhearr agus a b' fhìrinniche a 
f huair mi bho chuid eile de a chàirdean, so a 
shnaimheadh ris an t-snàithean a bha gu ro 
luath air a bhriseadh, agus a shniomh a mach 
gu ruig a dhol a steach do shìorruidheachd. 

Dh'innis e-fèin dhuibh cheana, gach mi mu 
thimchioU a bhreith agus fhòghlum, droch 
cleachdadh agus truaiUeachd òige, na buairidh- 
ean ris an robh e cho tric a' gleachd, agus a' 

T 



210 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

comhstrigh ; an tròcair, an comh-fhurtachd, agus 
an teisriginn a f huair e, agus mar a ghabh e air 
fèin tòiseachadh air searmonachadh an t-Soisgeil, 
an sgaineal am mi-chliù, agus am prìosanach- 
adh a bha ga leanmhainn, agus an dol air 
aghart a rinn e a dh'aindeoin gach ni, (le 
còmhnadh gràis De,) cha n-eil teagamh a 
chum iomadh anam a theàrnadh. Uime sin, 
gabh na nithe so, mar a sgrìobh e-fèin gu 
h-eagarra sìos iad ann an briathraibh na fìrinn, 
agus mar sin rach air t'aghaidh chum na tha 
fathast ri aithris. 

An dèigh dha 'bhi air a shaoradh o phrìosan 
anns an robh e air a churaail tuilleadh as dà 
bhliadhna dheug air son neo aontachd [^do'n 
Eaglais Shasunnaich,~\ far an d'fhuair e ìiin' gu 
iomadh leabhar a sgrìobhadh a chum math an 
t-sluagh, &c. agus an t-Olla Barlo, Easbuig 
Lincoln, agus pearsachan-eaglais eile a dhùsgadh 
suas le dheagh fhoighidean gu truas a ghabhail 
ri fhulangas gun aobhar, sheas iad dha mar 
chàirdean dealaidh a chum a shaorsainn a' chos- 
nadh, oir theagamh gu'm bàsaicheadh e ann an 
sin le gleadhraich agus mi-ghnàthachadh an 
àite. 

Air dha a bhi mise, tha mi' g'ràdh, a rithist 
aig saorsa, agus a gheimhìeichean corporra a 
chrathadh dheth tre thròcair Dè, oir bha na 
geimhlichean a bha air anam air am briseadh 
roimhe sin, leis na gràsan pailte a hon a chridhe ; 
chaidh e dh'fhiosrachadh na muinntir sin a bha 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 211 

'nan comh-fhurtachd dha 'na thrioblaid a' toirt 
buidheachais daibh mar chriosdaidh air son au 
caoimhneis agus an seirc ; a' toirt misneach 
dhaibh tre eiseamplair fèin,nam be 'n crannachar 
aig àm sam bith tuiteam fo àmhghar no trioblaid, 
iad a dh'fhulang gu foighidneach air sgàth 
deagh chogais agus air ghaol Dè ann an 
losa Criosd a thaobh an anma ; agus le iomadh 
dian-earrail chàirdeil eile, a' cumail suas cuid 
aig an robh an inntinnean air tuiteam sìos le 
eagal a' chunnairt a bha maoidheadh air an 
gnothaichean saoghalta, ionnas gu'n d'fhuair 
am pobull sòlas iongantach o theagasg agus o 
chomhairlean. 

Cho tric 'sa gheibheadh e cothrom cho- 
chruinnicheadh se iad r'a chèile, (ged a bha 'n 
lagh anns an àm sin 'na neart an aghaidh 
choinneamhan cràbhaidh,) ann an ionadan 
iomchuidh, da'm beathaichadh le "' baine fior- 
ghlan an fhacair' a chum gu'n fàsadh iad suas 
ann an gràs leis. Dhaibh-san a bh' aig àm 
sam bith air an glacadh agus air an cuir am 
prìosan air son nan cuisean so, rinn se e 'na 
earrann eile dhe a ghnothach a sheirc a chuir 
am farsuinneachd agus dèirc a thrusadh do cho 
liugha dhiù sa bha'n uireasbhuidh. 

Ghabh e mòr chùram ann a bhi fiosrachadh 
muinntir thinn agus an neartacliadh an aghaidh 
cagarsnaich a' bhuaireadair a ta air uairibh gu 
ro mhinig, air chòr is gu'n robh aobhar ac' air 
Dia abheannachadh gu sìorruidh, air sonan ni siu 



212 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

achur'na chridhe aig a leìthid do dh'àm, a chum 
an teasraìginn o chumhachd an leòghain bheuc- 
aich leis bu mhiann an slugadh suas : ni mò a 
chaomhain e a shaothair a thaobh coiseachd, 
no siubhail, ged a b'ann a chum nan dùth- 
channan a b iomallaiche, far am fiosraicheadh, 
no far an smaointicheadh e sluagh a bhi gabhail 
còmhnaidh a bha feumach air a chobhair ; a 
thaobh nan cuairtean fiosrachaidh so a thug e 
'nam measg, uair no dhà sa bhliadhna, thug 
cuid-eigin ged a b'ann mar sgeig, " Easbuig 
Buinian," mar ainm air-, 'nuair a ghabh cuid eile 
fàirmead ris air son a bhi cho dian shaoithreach 
ann am fion-lios Chriosd ; gidheadh chuir e 
sìol an fhacail rè na h-ùine sin ann an cridh- 
eachan a cho thionail air uisgeachadh le gràs 
Dè, a' toirt pailteas toraidh ann an toirt a 
staigh dheisciobail gu Eaglais Chriosd. 

Chaith e cuibhrionn de ìiin' a' rèiteachadh 
aimhreitean, no deanamh rèite eadar muinntir a 
bha cur a mach air a chèile, ni leis an do chuir 
e stad air iomadh lochd, agus leis an do chùm 
e iomadh teaghlach o bhi air an lèir-chreach, no 
air an sgrios, agus ann an cùisean mar so bha e 
do ghnà a' saoithreachadh gus am faigheadh e 
meadhon gu sith a thoirt mu'n cuairt, agus a 
bhi na fhear-deanamh na sìthe^ neach do 'ra 
beil sonas air a gheaìltainn anns an Sgriob- 
tur naomha ; agus gu dearbha b'ann sl cur na 
dreuchda so an gniomh, faodar a ràdh, a bha e 
'nuair a dh'àireamh e suas a lathaichean, oir 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 213 

be gniomh dhiù sin, an obair nìa dheireadh a 
ghabh e os-làimh anns an t saoghal so, mar a 
chithear aig deireadh an leabhair so. 

Ri iinn riaghladh deireannach Righ Seumas, 
'nuair a fhuair am pobull do gach creideamh 
agus creud saorsa cogais, ['se sin a bhi 'g aid- 
mheil a chreidimh sin bu roghnaiche leo,] 
cho-chrunnaich lain Buinian ri chèile a cho- 
thional ann am Bsdford^ far an robh e mar bu 
tric a' chòmhnaidh, agus far an do chuir e 
seachad a chuid bu mhò de a bheatha, agus a 
thaobh nach robh àite goireasach ann ri 
fhaotainn air son co-thional sluaigh cho mòr 
sa bha ga leantainn-sa air sgàth a theagaisg, 
labhair e riu mu thimchioll taigh-coinneamh 
a thogail, agus thug gach neach seachad a chuid- 
eachadh fèin, a chum na crìche sin gu suilbhear, 
sunntach ; agus aig a' cheud uair a shearmonaicli 
e anns an taigh sin bha e air a Honadh cho 
dòmhail 's gu'm b'èigin do chuid fuireach a 
muigh ged a bha 'n taigh glè fharsuinn, na 
h-uile neach a bha do'n aon aidmheil ris 
fèin, a' strìgh air son compairteachadh dheth a 
theagasg, agus an deagh-ghean a thaisbeanadh 
dha le bhi làthair aig ceud fhosgladli an taighe ; 
agus anns an àite so ghabh e còmhnaidh ann 
am mòr shuaimhneas agus, shìth inntinn, ga 
dheanamh fèin teangeil, toilichte, leis a' bheagan 
sin a bhuilich Dia air, ga dhealachadh fèin o 
frach obair thalmhaidh chum i sin a bhuineadii 
da ghairm a dh'ionnsaidh na ministearachd a 



2] 4 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

leanmhainn, oir mar a thuirfc an Tighearna ri 
Maois ; — '' Is comasach dhasan a rinn am beul 
agus an cridhe, deas-chainnt agus gliocas a 
thoirt seachad ;'' gun f hòghlum ro anabarrach 
ionnsachadh *san àrd- thaigh-fòghluim. 

'Nuair a bhiodh e aig socair gun a bhi 
sgrìobhadh no teagasg rachadh e gu minig suas 
do Lunndainn, agus rachadh e air feadh cho- 
chruinnichidhean luchd-àicheadh eaglaisesuidh- 
ichte Shasuinn agusghnàthaicheadheathàlantan 
a bha gu ro-thaitneach le 'luchd-èisdeachd agus 
eadhon cuid a f huair mi-theist mu thimchioll 
a thaobh a bheag ionnsachaidh, bha iad dearbht' 
às a luach a thaobh eòlais air nithibh naomha, 
air faicinn daibh gu n robh e 'na dhuine ag an 
robh breithneachadh fallain a' labhairt gu soilleir 
agus gu cumhachdach, ionnas, is cuid a thàinig 
mar luchd-amhairc air son annais, a roghainn air 
a bhi air an teagasg agus air an ath-leasachadh, 
gu'n d'f halbh iad làn-riaraichte leis na chual' 
iad, a' gabhail iongantais mar bha nah-Iijdhaich 
ris na h-abstoil ; se sin ri ràdh " cia as a fhuair 
an duine so na nithe so." Mar so chaith e 
a bhliadhnachan deireannach a' leanmhainn 
eiseamplair a mhòr Thriath agus a Mhaighistear 
an t-Iosa sìor bheannaichte j chaidh e mu'n 
cuairt a' deanamh matha, ionnas nach 
b'urrainn, eadhon, mi-rùn fèin sal no bali- 
dubh fhaotainn air a dheagh-chliù. — Ach 
diùthaicheamaid ri piìngaibh sònraichte, agus 
àmannan aimsir, a chum meoghair na h-aiteam 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 215 

sin d'a'n eòl a shaothair agus fhulanghas ath- 
ìirnachadh, agus a chura taitneas na h-aiteara 
sin gu lèir a leughas an leabhar so. 

An deigh dha dearbhadh soilleir fhaotainn 
air staid aingidh a bheatha agus a ghiiìlain, 
agus a chaidh iompachadh o dhorchadas gu 
solus, chaidh abhaisteadh a chum a chothionail, 
ao;us bha e air a ghabhail a steach 'na bhall do'n 
eaglais sa' bhliadhna 1655, agus dh'fhàs e gu 
h-obann 'na fhear-aidmheil fìor eudmhor, ach 
aig ath-aiseadh Righ Tearlach a chum a* chrùin 
anns a' bhliadhna 1660, cnaidh a gtìlacadh air 
an dara latha deug do cheud mhìos a' Gheamh- 
raidh, air dha a bhi teagasg cuid do dheagh 
phobull a thainig an ceann a' chèille chum èisd- 
eachd an f hacail, agus chaidh a chumail a steach 
ann am Prìosan Bhedfordrè shè bUadhna, gus an 
robh achd saoraidh an t-sluaigh a dhealaich ris 
an eaglais shuidhichte air a thoirt mu'n cuairt ; 
f huair e a shaorsa le eadar-ghuidhe luchd-earbsa' 
agus cumhachd a ghabh mòr thruas ri fhulangas; 
ach aig ceann shè bliadhna an deigh sin, 
bha e air a ghlacadh a rithist anns a' bhiiadhna 
1666, agus bha e an sin air a chumail a steach 
fad shè bliadhna eile ; an sin ghabh fear-gleidh- 
idh a' phrìosain a leithid do thruas ri chruaidh 
fhulangas, air chòr is gu'n do bhuin e ris mar 
rinn fear-gleidhidh a' phrìosain Eiphitich ri 
loseph ; chuir e an t-uile chùrara agus an 
earbsa 'na lamhaibh. 'Nuair a chaidh a 
ghlacadh aig an àm so, bha e a' searmonachadh 



218 GRAS AM PAILTKAS, &€. 

air na briathraibh so : — ^' Ani beil thusa a' 
creidsinn ann am Mac Dhè ?" Agus mhair am 
phrìosanachadh so rè shè bliadhna. agus an uair 
a chaidh iad sin seachad, thuit àmhghar eile gu 
chuibhrionn, a bhi air a chumail ann am prìosari 
fad leth-bhliadhna eile an deigh sin. Rè naii 
caochla àmannan so a bha e air a chumail am 
prìosan sgrìobh e na leabhraichean so a leanas; 

" MU TniMCHIOLL URNAIGH TRE 'n SPIORAD ;" 

— >' aiseirigh na cathrach naomha;' — ''gras 

AM PAILTEAS;' agUS " CUAIRT AN EILTHIRICH j'' 

an ceud earrann. 

Air a' bhHadhna mu dheireadh do n dà 
bhhadhna dheug a bha e anns a' phrìosan 
chaochaii ministear co-thionail Bhedford agus 
chaidh esan a roghnachadh a chum cùram nari 
anmannan sin a ghabhail, air an dara latha 
deug do mhìos mheadhonach a Gheamraidh, sa' 
bhliadhna 1671- Feadh a bha e fo'n chùram so 
bu mhinig a bha connsachadh eadar e-fèin agus 
sgoileirean a thàinig a chuir 'na aghaiclh a' 
smaointeachadhgu'nrobh e 'nadhuine aineolach; 
agus ged nach do rinn e ach connsachadh 
dìreach, no rèidh, le sgriobtur air a thaobh, gun 
bhriathran dian-chiallach sam bith eile a ghnà- 
thachadh, gidheadh, chuir e 'na thòst fear a 
thòisich air diosbaireachd ris anns a' cho-thional 
lefheòraich, *'co dhiù a bha, no nach robh nafìor 
leabhraichead do na ceud Sgriobturaibh againn ;" 
agus fear eile a fhuair coire dha 'na shearmoin 
a' cur neo-sheircealachd às a leth, air son e ràdh; 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 217 

*' gu'm bu chruaidh an ni do'n chuid rahòr do'a 
t-sluagh a bhi air an teàrnadh :''■ — ag ràdh, gu'n 
tuirt e anns na briathraibh sin, a' chuid bu mhò 
do'n cho-thional ; ach chonnsaich e 'na aghaidh 
agus chuir e 'na thost e le sàmhla an talmhuinn 
chlachaich, agus le Sgriobturaibh eile o'n treas 
caibidil deug do Shoisgeil Mhata, ann an sear- 
moin ar Slànaighear as an luing. B'e sheòl 
dearbhaidh leantainn dlù ris na Sgriob- 
turaibh, agus an ni nach dh'fhuair e air a 
dheanamh cinnteach annta sin, cha'n f heuchadh 
e idir r'a chòmhdachadh, no beachd sam bith a 
thoirt-seachad mu thimchioll. 

-Ach gun a bhi toirt luaidh ni's faide air a 
leithid so, tha e 'na ni dearbhte gu'n d'rinn e uile 
ghnothaichean le riaghailt cho ceart, mar gu'm 
biodh e 'na chùram air thar gach ni eile nach 
tugadheaobhar oilbheum do neach sam bith, ach 
a roghainn air a sin gu'm b'annsa leis iomadh 
anacothrora fhulang na tòiseacbadh ri trod 
no ri càineadh, ach 's ann a bheireadh e 
achmhasan daibh-san a bba buailteach da 
leithid ; mar a bha e 'na choluadar a's amhail 
a ta e air a leigeil ris anns na leabhraichean sin 
a chuir a mach ann an làthair an t-saoghail. 

Chùm e suas 'na theaghlach cràbhadh lathail 
le teann ìimhlachd do dh' oilean na diadhachd, 
a thaobh ùrnaigh agus chomhairlean ; air dha 
a bhi coltach ri losua, mar thubhairt an duine 
caomh sin ; — Cia be air bith mar a ni muinntir 
eilc •' air mo shonsa agus air son mo thaighe, ni 



218 GRAS AMPAILTEAS, &C. 

sinne seirbheis do'n Tighearna," agus gu dearbha 
bha beannachd a leanmhainn a shaoithreach 
agus a dhìchill, ionnas gu'n robh a bhean mar 
a thubhairt an Sàlmadair, — " mar f hionan 
tarbhach ri taobhan a thaighe a chlann mar òg 
chroinn ola tirachioU a bhùird ; feuch mar so 
beannaichear an duine air am bì eagal an 
Tighearna." Agus ged nach robh a mhaoiri 
shaoghalta ro mhòr a thaobh na calldach a 
thàinig 'na charamh o chuir am prìosan, agus 
euslaintean cosgail^ &c. bha ni bu leòir ai<; 
chum a thoirt troimhe gu h-eireachdail agus gu 
measail, agus mar sin shealbhaich e an t-ionmhas 
sin, ni is e toileachas-inntinn ; oir mar a thuirt 
an duine gHce, — •' Is cìiirm a ghnà an cridhe 
àit/' (Gnà. XV. J5,) oir, far am beil toileachas- 
inntinn a chòmhnaidh tha eadhon an bothan 
bochd mar lù-chairt rìgh, agus bha 'n sonas so 
aige-san rè a bheatha, gun a bhi gabhail ro- 
chùrara do'n t-saoghal so, air dha fios a bhi 
aige gu'n robh e bhos an so mar fhear-cuairt 
agus mar choigreach, agus nach robh aige baile 
buan no maireannach air thalamh ; oir bha sail 
aige ri baile nach do thogadh le làmhaibh, sìorr- 
uidh anns na nèamhaibh is ro àirde. 

Ach fa dheireadh air dha a bhi air a chaith- 
eadh às le fulangas, seanaois, agus gnà theagasg, 
thàinig lathaichean a chaochlaidh am fagus ; 
agus rinn am bàs a chuireas prìosan an anma 
fa-sgaoil a chum a mheudachadh air son 



GRAS AMPAILTEAS, &C. 219 

aitreabli is ro ghlòrmhoire, stad a chuir air a 
shaothair ann an ionad na bàsmhorachd so air 
thalamh ; tha nèamh mar phrionnsaibh saogh- 
aha'nuair a ta cogadh a' niaoidheadh tòiseach- 
adh, do ghnà cho bàigheil is gu'n gairm e 
dhachaigh a thosgairean, mu'm bris an cogadh 
sin a mach. Agus eadhon be an gniomh mu 
dheireadh a rinn esan obair ghràidh agussheirce; 
oir thàrladh do dhuin-uasal bu choimh- 
earsnach do dhlain Buinian diùmadh athar a 
chosnadh agus bha'n t-òganach fo mhòr thriob- 
laid da chionn^ a thaobh gu' n cual' e gu'n robh 
athair a* doì a thoirt na h-oighreachd a bha 
dligheach dha do neach eile, air son mar thàinig 
eatorra ; uime sin shònraich an t-òganach lain 
Buinian mar an duine a b'iomchuidh a chura 
athar a rèiteachadh ris, agus ghabh lain Buinian, 
a bhatoileach gach math ab'urrainn edheanamh, 
sin os-làimh, agus mharcaich e suas gubaile do'm 
b'ainn Reading ann an Siorramachd- Bheirc far 
an robh athair an ògananich a' chòmhnaidh, agus 
ghnàthaich a leithid do dh'argamaidean drùidh- 
teach, agus do reusonachadh an aghaidh feirge 
agus lasain, agus air taobh cathranais agus 
rèite, ionnas gu'n robh an t-athair air a rèit- 
eachadh ris a' mhac le innidh agus tàirisneachd. 
Ach 'nuair a shocraich lain Buinian gach ni 
a b'fhearr air son rèite chuir air dì igh, phill e air 
ais do Lunnainn, agus air do dh'aimsir f hhuch le 
trom fhrasan a bhi aige fad a thuiris thàinig e 
gu thaigh-cairtealan anabarrach fliuch, fuar, agus 



2'JO GRAS AM PAILTEAS, &C. 

dh'fhàs e gu tinn le fiabhras trom fo'n d'fhuilig 
e le m' r bhunailteachd agus fhoighidinn, a' 
labhairt mar nach biodh e 'g iarraidh ni sam 
bith ach caochladh, agus a bhi maille ri Criosd 
a' meas bàis anns a' chor sin 'na bhuannachd, 
agus beatha 'na h-uallach ; agus air dha a bhi 
mothachadh neart bhall na beatha gathrèigsinn, 
shochraich e inntinn agus a ghnothaichean cho 
math sa cheadaicheadh giorrad ùime agus 
braisead a thinnis da sin a dheanamh; le foighid- 
inn sheasmhach agus chriosdail, agusthiomnainn 
e suas anam ann an làmhan Fhir-saoraidh 
ghràsmhoir a' buanachadh air aghaidh 'na 
eilthireachd o Bhaile-an-lèir-sgrios, a chum an 
Nuaidh-Irusalem ; bha anam do ghnà an sin, 
ri naomh smaointeachadh, a' plosgartaich agus 
ag analadh an dèidh air a' mhana fhalaichte, 
agus air uisge na beatha. Dheug e ann an 
taigh duine do'n goirte Maighstir Straddock 
ceannaich bha cumail bùth' aig comharradh na 
rèillt' air Cnoc-an-t-sneachd ann an sgìreachd 
Naoimh Sephulchres^ an Lunnainn, air an dara 
latha deug do cheud mhìos an Fhogair, sa' bhliadh- 
na 1668, an deigh tinnis dheich latha. aig aois 
thrì fichead bliadhna ; agus chaidh a thiodhlaic- 
eadh anns an rèilig ùir, fagus do thalamh nan 
gunnaichean mòra, far am beil e 'na chadal gu 
madainn na h-aisèirigh, a' feitheamh ri dùsgadh 
glòrmhor a chum neo-bhasmhorachd gun truaiU- 
eadh ; an aoibhneis agus an t-sonais, far nach 
cuir trioblaid no bròn càmpair air ni's raò, agus 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 221 

far am bi na h-uile deur air an siabadh air falbh, 
'nuair a bhitheas na f ìreanan air an aonadh ri 
chèile mar bhuill do Chriosd an ceannard, agus 
a rìghicheas iad maille ris mar rìghribh agus 
mar shagartaibh gu sìorruidh ! 



TEIST AGUS TUAIRISGEUL lAIN BHUINIAN. 

Shaoilte bho choltas a ghnùise, gu n robh e 
do nàdur gruamach neo-thairis, ach bha e 'na 
chòmhradh ciùin agus suairce, gun a bhi baailt- 
each do mhòran bruidhne no conaltraidh ara 
measg cuideachd ; mar a biodh fìor aobhar aig* 
air a shon, a' toirt fainear do ghnà gun uaill a 
dheanamh às fèin, no à phàirtean ach ag 
amharc iosal 'na shealladh fèin, ga leigeadh fèin 
fo bhreitheanas dhaoine eile, a'seachnadhbhreug 
agus mhionnan le gràìn ; a' cumail ri fhacal gu 
pungail cho fad' sa b'urrainn e, neo-dhioghaltach, 
dèidheil air rèite, agus air s\th ; agus a bhi ann an 
càirdeas ris na h-uile duine. Bha shùil geur, 
luaineach, aguse ro mhath gu daoine bhreithneach- 
adh,gl8 thuigseach agus ullamh 'na fhreagairt ; 
agus air uairibh'na dheagh f hear- cuideachd. — 
Bha e àrd 'na phearsa, ged nach robh e trom no 



223 GRAS AM PAILTEAS, &C. 

dòmhail, rud-eiglnruiteach'na ghnùis, 'sa shìiil- 
ean dealrach, le feusag f hada air a bheul-uachd- 
air^ mar bu nòs do na seanna Bhreatuinnich, bha 
fhalt ruadh, ach 'na lathaichean deireannach bha 
e air a cho-mheasgacliadh le ròineagan liatha ; 
a shròn air a deagh shuidheachadh, gun a bhi 
togte suas no cròm, a bheul rud-eigin mòr, 
a bhathais rud-eigin àrd, agus a thrusgan do 
ghnà neo-rìmheach, stuaim. Mar so thug sinn 
seachad tuaireisgeul neo-chlon-bhreitheach air 
leth-a-steach, agus leth-a-mach duine a bha gu 
mòr air ionndrann, agus air a chaoidh aig àm a 
bhàis, — duine a bhlais air fàilte, agus air 
gruaim aimsir ; nach robh air a shèideadh suas 
le saoibhreas, no air air a leagadh sìos le daoibh- 
reas, do ghnà a' gabhail an t-saoghail mar a 
thigeadh e gu taingeil, toilichte, 

Ann-san dheaìraich buadhan nan triùir fhìiì^aidn mnor, 
Ara bàrd, an seanachaidh, a's am fìrean còir, 
Nis laidheadh e gu ciùin 'san ùir 'na chluain, 
Gu Aisèirigh nan naomh, a dhùisgeas latba-main. 



GRAS AM PAILTEAS, &C. 223 



FATH' SGRIOBH ADH. 

'Na chuairt a so air thalamh rinn Dia a 
bheannachadh le ceithrear chloinne, agus bha 
aon diù da'm Vainm Màiri, dall, agus chaochail 
i bhadhnachan roimhe fèin, b'iad a chlann eile, 
Tòmas, loseph, agus Mòr ; mhair a bhean 
Ealasaid, beò gus am fac' i e a' toirt buaidh thar 
a shaothair agus a bhròn, agus a' fào^ail na 
beatha so gu duais a ghniomharran fhaotainn, 
ann am beath' is fearr, ach cha robli i fada beò 'na 
dhèigb; oir chaochail i anns a' bhliadhna 1692, 
i a chum a h-eilthireach dìleas a leantainn 
o'n t-saoghal so a chum an t-saoghail eile, far 
an robh e air triall roimhpe ; feadh a tha obair 
maireann anns am beil trì fichead leabhar a 
chum an leughadair a theagasg suas, agus cliù an 
ìighdair. 



A CHRIOCH. 



Bunèideann Clò-hhuailte le Niatl agus an Cuideachd. 



iì" 



?. 


d. 





3 








3 





1 


6 


1 





1 





1 


6 





4 





6 





4 


1 


6 


4 








6 



Gaelic Boolcs Sold by Maclachlan and Stevnrty 

Ilarp of Caledonia, Gaelìc Songs, 32mo, sewed^ 

llistory of Animals Named in the Bible, 

llistory of Prince Charles, fcap. 8vo, cloili^ 

Ditto ditto clieap edition^ seived, 
Jacobite Songs, with Portrait of Prìnce Charles, 
James' Anxious Enquirer, 12mo, 5e?rec/, ... ... 

Josepli, Life of, by Macfarhine, 18mo, clothj 

Joseph, Ijistory of, 18mo, sewed, 

Laoidliean Eadar-Tlieangaiclite o'n Blieurhi,12mo. cl. 
Lessons on the Shorter Catechism and the Floly 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 

M'Alpine's Gaehc Grammar, 12mo, cloth, 

M^Callum's llistory of the Church of Christ, 8vo, 

... The Catholic or Universal Church, 

Maccoll's Mountain Minstrel, Clarsach Nam Beann, 

18mo, clothj Is. 6d. The same, Enghsh, ... 2 6 
Macdonald's (Mac Mhaistir Ahstir) Gaehc Songs, 

(in the Press.) 
Macdonald's (Rev. Dr) Gaehc Poems, 18mo, cloihj 2 6 
Waters of Jordan, 18mo, sei(?ec/, ... 2 
M'Farlane's Manual of Devotion, 12mo, hound, 2 
M'Gregor's (Rev. Dr) Gaehc Poems, 18mo, cloih, 8 
M'Intyre's (Duncan Ban) Poems and Songs, with 

an Enghsh Translation of '' Coire Cheathaich" 

and'^Bcn Dorain,"18mo, 2 

M'Intyre (Rev. D.) on the Antiquity of the Gaelic 

Language (in Enghsh), 

Mackay's (Rob DonnJ Songs and Poems, Ì8mo, 
Mackenzie's (A.) History of Scotland, Eachdraidh 

na 11-Alba, 12mo, cloth., 

Mackenzie's Beauties of Gachc Poetry, rL 8vo. ... 

Gaelic Melodist, 32mo, 

Macleod, Rev. Dr., Sermon on the Life of the late, 

by Rev. John Darroch, 8vo, sewedj Is. foi 6 
M'Lauchlan's (Rev. Dr) CeUic Gleanìngs, or 

Notices of the Uistory and Literature of the 

Scottish Gael (in English), fcap, 8vo, cloih^ 2 6 
M^Naughton (Peter) on the Aiithenticity of the 

Poems of Ossian (in Enghsh), 8vo, 6 



1 


6 


2 


6 


3 


6 


2 








4 



64 South Bridgej Edinhurgh, 



s. 


d. 


2 





2 





6 





4 


6 


4 





2 








4 


8 








6 



Gaelic BooJcs Sold hy Maclachlan and Stewart^ 

Mactieiirs Neniae, and other Poems, clotli^ 
Macpherson's " Duanaire," a Nevv CoUection of 

Songs, &c., never before puhlisJied, 18mo, cL 
Menzies' Collection of Gaelic Songs, 8vo, clothj 
Mountain Songster, Collection of Original and 

Selected Gaelic Songs, sewed, 6d ; per dozen^ 

Munro's Gaelic Grammar, 18mo, hound, 

Gaehc Primer and Vocabulary, 12mo, ... 

Selection of Gaelic Songs, 32mo, 

Ossian's Poems, revised by Dr M'Lauchlan, cloth, 
Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, sewed, 
Philìpps' Seven Common Faults, translated by Rev. 

H. Maccoll, 12mo, 1 6 

Prayers and Admonitions, (series of six, large type,) 

in packets of 2 dozen, 5or/e(/, 6 

Psalm Book, (General Assembly's Version), large 

type, iSmo, bound, gilt edges, 2 6 

Do. do. 18mo, cloiJi, 10 

Do. Smith's or Ross's, large type, 18mo, bd. 2 

Do. Gaelic and English, on one page, ... 1 6 

Ross's (Wiliiam) Gaelic Songs, ISmo, cloth, ... 1 6 

Sinner's (The) Friend, 12mo, 5c^?t'eo?, 3 

Sixteen JShort Sermons, 12mo, se^reJ, 2 

Smith's (Dr) Sean Dana, vvith English Translation 

and Notes, by C. S. Jerram, 2 6 

Smitli's Gaelic Psahns and Paraphrases, 18mo, ... 1 

Bum of Saving Enowledge, 12mo, sewed 4 

Thomson's (Dr) SacramentalCatechism, 18mo, sewed^ 2 
The Seer : a Historical Tale of the Highlands of 

the 17th Century, 6 

Watts' Divine Songs, with Cuts, 

Whitfiehrs Sermons, ISmo, sewed^ 

WiUison's Sacramental Catechism, 12mo, sewed, 



New Testament for Schools, 12mo, hound^ ... 1 
Job to Ecclesiastes, (for the use of Schools), ... 2 
Proverbs of Solomon, do. do. .. 2 

BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS, 

AT VARIOUS PRICES. 



2 

1 

8 



64^0**^^ BridgCj Edinhurgh.